CEANN III.
AN AISEIRIGH.
(Air a leantuinm bho t-d., 394.)
“Na gabhaibh iongantas deth so; oir a ta ‘nuair a’ teachd, anns an cluinn iadsan uile a ta ‘sna h-uaghibh a ghuth-san: Agus théid iad a mach, iadsan a rinn maith, chum aiseirigh na beatha, agus iadsan a rinn ole, chum aiseirigh an damnaidh.”—EORN v. 28, 29.
‘San dara àite, Bithidh iad ‘nan cuirp ghlormhòr! chan e ‘mhàin sgiamhach, maiseach, agus air dèadh chumadh, ach bithidh iad lân glòir agus dealraidh! Chan fhendar an aghaidh as maisiche, na ‘n corp as deise cumadh a ta nis anns an t-saoghal, a choimeas ri corp an naoimh as ìsle aig an aiseirigh; oir, “An sin dealraichidh na fireana mar a’ ghrian,” Mata xiii.. 43. Ma bha glòir dhealraich air aghaidh Mhaois, ‘nuair thainig e nuas o ‘n t-sliabh; agus ma bha aghaidh Stephain mar aghaidh aingil, ‘nuair a sheas e an làthair na comhairle; cia mò gu mór a bhios aghaidhean nan naomh maiseach agus glòrmhor, làn de mhórachd aoibhneach thaitneach, ‘nuair a chuireas iad gach uile thruaillidheachd dhiubh, agus a dhealraicheas iad mar a’ ghrian? Ach thugaibh fainear, nach ‘eil maisealachd so nan naomh air an aghaidhean a mhàin, ach tha i ‘ga sgaolleadh féin air feadh an cuirp uile; oir tha ‘n corp uile air a thogail ann an glòir, agus bithidh e air a chumadh cosmhuiil ri corp glòrmhor an Tighearna agus an t-Slànughir; an ti ‘na chruth-atharrachadh, chan e ‘mhàin gu ‘n do dhealraich aghaidh mar a’ ghrian, ach bha mar an ceudna eudach geal mar sholus, Mata, xvii. 2. Ciod air bith uireasbhuidhean no mi-sgeimh a bha air cuirp nan naomh, ‘nuair a bha iad air an cur ‘san uaigh, air an toirt orra le nithibh a thachair dhoibh ‘s a’ bheatha so, no a dh’ éiridh iad as an uaigh saor dhiubh sin uile. Ach ged mhaireadh comharran an Tighearn Iosa, na h-aillean no luirg nan lotan a fhuair euid de na naoimh air a shonsan am feadh a bha iad air thalamh, air an cuirp, an déidh na h-aiseirigh; cosmhuiil ris mar mhair lorg nan tairngean ann an corp an Tighearn Iosa; an déidh aiseirigh-san mhendaicheadh so an glòir, an àite a maise lùghdachadh. Ach ciod ‘sam bith mar bhios sin, gu cinnteach cha bhi shilean Leah amhuiinn, ‘s cha bhi Mephiboset bacach ‘na chasaibh. Oir mar a leaghas an t-òr-cheard an seann soitheach ammhunn, agus a thilgeas e thairis ann an soitheach-cumadh nuadh e, ‘ga thoirt a mach le maise nuadh; mar sin bithidh an corp diblidh, a luidh a’ sgaolleadh as a chéile anns an uaigh, a’ teachd a mach aig an aiseirigh ann am maise iomlan, agus ann an cumadh sgiarmhach.
‘San treas àite, Bithidh iad ‘nan cuirp neartmhor agus làidir. Feudar gu ceart a mheas gu bheil na daoine as laidire air thalamh, air dhoibh a bhi gearr-shaoghchalach agus bàsmhor, lag agus ammhunn; a chionn gu bheil an neart, ciod sam bith cho mór as a ta e, gu h-ealamh air a chaitheamh air faibh agus air a chlaoidh. Tha mòran de na naoimh a nis aig am bheil cuirp na’s annmuinne na muintir eile; ach bithidh a’ mhuiintir lag ‘nam measg (gu coimeas ri Sech. xii. 8.) anns an là sin mar Dhaibhidh, agus tigh Dhaibhidh mar Dhia. Tha diadhair àraidh ag ràdh, gu ‘m bi aon na’s làidire aig an aiseirigh na ceud, seadh, na tha mìlte a nis: Gu cinn teach is mór, is anbhar mór, is éigin do neart nan corp ghloir mhór a bhi, do bhraighe gu ‘n giùlain iad trom-chud-throm glòire a ta na’s ro anabharrach agus sior-mhaireannach! Chan ‘eil an corp bàsmhor idir freagarrach d’ a leithid sin do staid. Am bheil aoibhneas os ceann tomhais a’ toirt bás neach, cho maith ri doighios os ceann tomhais; agus an urrain dà giùlan ri cuðthrom glòire; an urrain dà mairsinn ann an coimh-cheangal ri anam a ta air a lionadh le mór-aoibhneas nèimh? Gu cinn teach chan urrain. Thuiteadh an corp bàsmhor sios fuidh’n uallaich sin, agus bheireadh a leithid sin de làn air an t-sotheach chreadha briseadh ‘na’ mhioraibh. Dh’ innis an Sgriobtair gu soillseir dhuinn, nach fheud, “feòil agus fuil (sin ri ràdh, ‘nan staid ammuinn; ‘s a’ bheatha so ged b’ fheòil agus fuil famhar i) rioghachd Dhé a shealbhachadh,” I. Cor. xv. 50. Cia làidir is éigin do na sùilean corporra a bhi, a bhitheas, gu comhfhurt-achd shiorruidh an anama, ag amharc air glòir dhealrach agus greadhnachas an nuaidh Ierusalem, agus a bhios a’ geur-amharc air àrd-ghlòir agus dealradh an duine Criosd, an t-Uan, ‘s e is solus do ‘n eathair sin, aig am bheil a luchd-àiteachaidh a’ dealradh mar a’ ghraim! Tha Tighearna nèimh a nis, ann an tròcair, a’ cumail air a h-ais aghaidh a chaithreach, agus a’ sgaoltesdhe neòil orra, chum nach biodh daoine bàsmhor air an eur gu h-amhluadh le soillse na glòire, a ta dealradh a mach uaipe, Iob xxvi. 9. Ach an sin bithidh an sgàile air atharrachadh, agus iadsan air an dèanamh comasach air amharc orra, chum an aoibhneis do-labhairt. Cia làidir is éigin d’ an cuirp-san a bhi, nach sguir a là no dh’ oidheche, ach d’ an obair gun sguir, gu bràth anns an teampull nèamhaidh, a bhi seinn agus a’ dèanamh iomraidh air moladh Dhé, gun sgios, nì a ta ‘na laigse d’ am bheil an corp anmhunn buailteach, ach a ta neo-fhreagarrach do ‘n chorp ghòrmhor!
‘San àite mu dheireadh, Bithidh iad ‘nan cuirp spioradail. Chan e gu ‘m bi iad air an atharrachadh gu spioradaibh, ach bithidh iad spioradail a thaobh am buaidhean agus an gnèithean spioradail. Bithidh an corp fuidh làn nachdranachd an anama, bithidh e ùmhal dhà, agus fuidh a chumachd; agus uime sin cha bhi e tuilleadh ‘na dheireadh d’ a bheòthalachd ‘s cha bhi mianna a’ chuirp na’s mò ‘nan ribeadh dhà. Cha bhi feum air a chumail fuidhe, no bhi air a tharruing gu seirbhís Dhé. Tha ‘n t-anam anns a’ bheatha so, cho mór fuidh chumbachd a’ chuirp, a ‘s gu bheil e ann an cumtas Sgriobtair, air a mheas feòlmar: Ach an sin bithidh an corp spioradail, gu h-ealamh a’ seirbhiseachadh an anama ann an gnòthuch nèimh; agus anns an t-seirbhís sin a mhàin, mar nach biodh tuilleadh dàimh aige ris an talamh no th’ aig spiorad ris. Cha bhi feum na’s faide air na nìthe sin a ta nis a’ cumail suas na beatha, eadhon, lòn agus éididh, agus an leithide sin: Cha bhi ocras orra tuilleadh, no tart na’s mò, Taisb. vii. 16. “Oir anns an aiseirigh cha phòs iad, ni mò bheirear am pòsadh iad, ach a ta iad mar na h-aingil a ta air nèamh.” An sin bithidh na naoimh laidir gun bhiadh no deoch, blàth gun eudach, gu bràth ann an slàinte iomlan gun chungaidh leigheis, agus a ghnàth ealamh agus beòthail, ged nach coidil iad gu bràth, ach a’ dèanamh seirbhís dhà a dh’ oidheche agus a là ‘na theampull. Taisb. vii. 15. Cha bhi feum ac’ air aon de na nithibh sin na’s mò na th’ aig spioradaibh. Bithidh iad luath agus beòthail mar spioradaibh, agus do chàil flor-ghlan. Bithidh an corp a tha nis dumhail agus trom, an sin ro-bheòthail. Cha bhi ni dubhach ri fhaotainn an sin a ni an eridhe trom, agus na spioraid tùirseach agus tromintinneach. Far am bi a’ chairbh, is ann an sin a bhios na naoimh, mar iomadh iolairean, air an cruinneachadh r’a chéile. Cha téid mi na’s doimhne sa’ ghnothuch so, nochdaidh an là e.
A thaobh gnèithean cuirp nan aingidh aig an aiseirigh, tha mi faicinn nach ‘eil an Sgriobtur a’ labhaint ach beagan umpa. Ciod air bith air am bi feum aca, chan fhaigh iad boinne de uisge a dh’ fhuarachadh an teangaidh, Luc. xvi. 24, 25. Ciod ‘sam bith a dh’ fheudar a ràdh mu ‘n laigse, is nè cinn teacht gu’m bi iad gu bràth air an cumail beò, chum gu bi iad gu sìorruidh a’ bàsachadh: Giùlainidh iad suas, ciod air bith cho neo-thoileach, fuidh eallach de fheirg Dhé, agus cha chaith iad as fuidhpe; “Bithidh deatach am péine-san ag éirigh suas gu saoghal nan saoghal, agus chan ‘eil fois ‘sam bith a là no dh’ oidhche aca-san.” Gu cinn teacht cha bhi comhpairt ‘sam bith de ghloir agus do mhaise nan naomh aca. Bàsaichidh an gloir uile maille riu, agus chan éirich iad gu bràth tuilleadh. Tha Daniel ag innseadh dhuiinn gu ‘n dùisg iad gu nàire agus masladh bith-bhuan, carib. xii. 2. Tha nàire leantuinm a’ pheacaidh, mar a leanas a sgàile an corp; ach tha na h-aingidh anns an t-saoghal so ag siubhal ‘san doreha, agus gu tric ann an riochd eile: gidheadh ‘nuair a thig am Breitheamh ann an teine lasaraach, aig an là dheireannach, bheirear gus an solus iad; Bheirear an sgàile brèige an sin diùbh, agus taisbeinear nàire an lomnochduidh gu soilleir doibh féin agus do mhuinntir eile, agus lionaidh i an aghaidhean le masladh. Bithidh an nàire tuilleadh is dìomhain air son rughadh gruaidh; ach cruinnichidh an uile aghaidhean dubheadas aig an là sin ‘nuair a theid iad a mach as an uaighbh, mar mhuinntir fo bhinn bàis a mach as am priosain, gu bhi air an cur gu dith; oir is i an aiseirigh-san aiseirigh an damnaidh. Taisbeanar ann an sin a’ mhuinntir as maisiche, a ta nis a’ dèanamh uaill ‘nam maise cuirp, gum suim aca do mhi-mhaise an anama, le aghaidhean oillteil, agus le cruth-bàis uamhasach; Bithidh an seallaidhean eagallach, agus bithidh iad ‘nan seallaidhean uamhasach, a’ teachd a mach as an uaighbh cosmuil ri spioradaibh ifrionnail a mach as an t-slochd! Eiridh iad mar an ceudna gu masladh bith-bhuan! Bithidh iad an sin ‘nan creutairean anabharr suarach, air an lionadh le tarcuis o Dhia, mar shoithichean eas-urraim, ciod air bith na h-oibre urramach ris an robh iad air an cleachd-amh ‘sam t-saoghal so, agus bithidh iad mar an ceudna air an lionadh le tarcuis o dhaoinibh. Bithidh iad anabarr tàireil ann an sùlilbh nan naomh, eadhon na naoimh sin, a thug urram dhoibh an so, aon chuid air son an àrd-inbhe, tiocfaidh Dhé annta, no a chionn gu ‘n robh iad de ‘n cheart nàdur dhaoinne riu féin. Ach an sin bithidh an eirp mar chomhlon de chlosaichean gràineil, a theid a mach agus air an amhaire iad le gràin: “Seadh bithidh iad ‘nan gràineileachd do na h-uile feòil,” Isa. lxvi. 24. Is e am focal an so ris an abrar gràineileachd, an aon ni ris an abrar ‘sa’ bhonnteasgaisg eile masladh; agus tha Isaiah agus Daniel ag amharc ris an nè cheudna, eadhon, gràineileachd nan aingidh air an eiseirigh. Bithidh iad fuathach ann an sùlilbh aoin a cheile: Cha robh na truaighean neo-ghlan riamh cho gràineil an sin! Bithidh na companaich ghràdhaich ‘sa’ pheacadh, an sin ‘nan gràin gach aon r’a chompanach; agus cha mhò bhios a mheas air na daoinne mór aingidh le ‘n droch iochdaraibh, le ‘n seirbhiseach, le ‘n tràillibh, na tha air inneir na sràide.
Ri leantuin.