THA e air a dhearbhadh gur e focal Dhé a tha anns na Sgriobtuirean leis a bhuaidh a tha aca air spioradan dhaoine, anns a chumbachd a tha iad a cleachdadh air a chogais ann a bhi toirt dearbh-shoilleireachd agus ag uamhasachadh. ‘Se th’ anns a chogais ach daingneach nach urrainn innealan ‘sam bith a crathadh, ach iadsan a tha air an togail na h-aghlaidh le Dia; cha toir cumhachd ‘sam bith oirre geilleadh ach an cumhachd sin a bheir air nèamh agus talamh geilleadh. Feumaidh esan a bheir armachd bho’n duine làidir a bhi na’s treise na e; esan a bheir buaidh air a chogais na’s mò na i, agus mar sin is e Dia amhàin a ni sin. Nis am focal a bheir crathadh air a chumbachd so anns a’ anam, a tha diultadh cromadh do neach ach do Dhia, feumaidh gus ann bho Dhia a tha e; agus có chuireas teagamh ann gu ‘m bheil am focal a’ cleachdadh a leithid sin de chumbachd thairis air a chogais. Nach eil sinn ga fhaicinn gach là a smachdachadh nam peacach is uaimhrich, eadhon ann a bhi toirt orra a bhi glaodhaich agus a enoidh fodh a dhiteadh, mar leanabh foidh ‘n t-slaith? Seadh, nach eil e ga ‘m marbhadh gu tur, air eor agus gu bheil iad a tuiteam sios gun spiorad annta le aon tàirneach de’ n lagh air a leigeil as orra le Dia? Tha Pol ag ràdh, “Dh ‘ath-bheòthaich am peacadh, agus thuair mise bàs.” Esan a bha na bheachd fhèin cho uidheamaicht na staid spioradaid ‘s a bha Iob na staid aimsireil, ‘n uair a bha threudan agus a bhuar, a mhie agus a nigheanan, a shlàinte agus a shaoibhreas, gun bheantainn ris le làimh Dhé; ach ‘n uair a thàinig an lagh gu bhi eur peacadh as a leth, ruisg e chogais cho ruisgte ‘sa bha Iob a rithisd na staid aimsireil. Tha sùilean an duine a nis air am fosgladh gu bhi faicinn ciod e cho ruisgte agus cho falamh de naombachd agus a tha e; tha ‘n croiceann maiseach de chaithe-beatha an Phairisich, a bha e roimhe so cho mór ann an gaol air, mar gu ‘m b’ Absalom eil’ e, gun smal gun mheang, a nis na bheachd na duaichnidheach ghràineil, agus e fhèin na
chreutair sgreataidh a thaobh na plàigh agus na neasgaidean a tha e faicinn air fhéin. Seadh, bha leithid de chumbachd aig an fhoical thairis air agus gu’n do chuir se e os ceann an t-sluchd gun ghrunn, ann an an-earsa ann fhéin agus na fhircantaichd. Am bheil creutair ‘sam bith aig am bheil gairdean coltach ris an fhoical? No an urrainn leabhar air bith a chaidh a sgriobhadh le tuigse duine, toirt air a chridhe crithneachd ann a bhi g’a leughadh mar a bheir an leabhar so? Chuir e eadlion Felies, air a chaithear-breitheanais, air chrith, ‘n uair a shearmonaich priosanach bochd am focal so dhà. Có ach Dia a bheireadh air na h-uile-bhéisdean dhaoine sin, a shaltair air fuil Chriosd, agus a rinn fanoid air a theangasg, agus a mheas a luchd-aideachaidh nan amadain, tighinn air chrith nan smuaintean, ‘n uair a thuair iad bioradh diomhair ann an searmon Pheadair, agus a ghlaodh iad anns a cho-chruinneachadh fhollaisach, “Fheara agus a bhràithre, eiod a ni sinn?” Nach eil so a giùlain sealladh cho soilleir air an Diadhachd ‘sa bha e ‘n uair a sgoilt Maois a chreag leis an t-slaît bhig a bha na làimh?
Ach their sibh, ma tha leithid de chumbachd gu bhi crathadh na cogais anns an fhoical, cionnas a tha e, gu bheil peacaich mhór a suidhe cho siothchail, agus a cadal cho soerach fodha? Leughaidh iad e aig an dachaidh, agus eisdidh iad ris air a shearmonachadh gu cumhaichdach anns an fhollais, gidheadh tha iad cho fad bho bhi ga fhaireachadh nan cogaisean agus gu bheil iad a fantainn neo-mhothachail agus baoghalta; seadh magaidh iad aid an fhear-theagaig, agus crathaidh iad dhiubh na bagraidhean ‘n uair a bhitheas an searmon seachad. An tòiseach, freagraidh mi, tha iomadh peacach aig nach eil beatha cho oibneach idir agus a dh’ fhaodas i bhi na’r suilbh-ne. Faodaidh leabhar a bhi glé mhaiseach bho ‘n leth a muigh, agus gidheadh naidheachdan dullich a bhi sgriobhta ann. Cha ‘n innis peacaich dhuiinn a h-uile cronachadh diomhair a bheir an cogaisean dhoibh bho ‘n fhoical. Na ‘n tugadh tu breith air Herod a reir subhachas a chuirn shaoileadh tu nach robh noibhneas air bith a dhith air, ach aig àm eil gheibh sinn tannasg Eoin ag ineachd na chogais.
Agus mar sin gheibh sinn am focal a taghaich iomadh neach, a shaoileas sinn nach eil a gabhail nì ‘sam bith gu eridhe; ann am meadhon an gaire tha an eridhe dulich; chì sibh an dealanach na ‘n gnuis ach cha chluinn sibh farum an tâirneanaich nan cogais. ‘San dara h-ait’ is leòir e gu bheil am focal a fagail a leithid sin de làrach air cogais aon air bith (ged nach dèanadh e air na h-uile e) gu bhi dearbhadh gur ann bho Dhia a tha e; tha aon fhiainuis de’ n ghnè so a labhairt na’s soilleir na iomadh fianuis na aghaidh. Cha’n e inneal chorparra, ach spioradail, a tha anns an fhocal, agus tha t ‘g obair, cha’n ann le èifeachd air bith ann féin, ach le cumhachd Spiorad Dhé a dheachd an toiseach e, agus an cumhachd sin air a chur a mach leis an Spiorad a reir a dheadh ghean féin, air leithid de dhòigh agus gu’n cuir e aon pheacach air chrith, agus fagaidd e aon eile (theagamh anns an aon àite suidh) cho beag air a ghlusad ris an nì air a bheil a thaic. Mar dhithis anns a’ mhuillean, mar sin aig searmon, tha aon air a ghabhail agus aon eil’ air fhagail, aon air ioraslachadh agus aon air a chruadhachadh: cha’n ann bho laigse anns an fhocal, ach cho saor ‘s a tha Dia ann a bhi ga thoirt seachad: théid a theachdairreachd a dh’ ionnsaidh na bheil e air a chur. Tha ‘m focal a lot na cogais a reir a chumhachd a tha ‘dol leis. Dh’ imich an triur dhaoine anns an téine agus cha robh iad air an dàthadh; chaitheadh cuid eile ‘n uair a thainig iad dluth dhà. An abair sinn, cha robh ‘n teine ud teth a chionn gu’n robh aon air a losgadh agus nach robh an aon eile? Tha cuid agus cha’n eil fu faileadh an fhocail dhe ‘n cogaisean ged tha lasair nam bagraidhean mu ‘n clusan; tha cuid eile air théine leis na h-uamhasan aige. ‘San treas àit’. Tha cion-mothachaidh cuid a nochdadh ceart bhreitheanas Dhé air son am peacaidhean an aghaidh strìthean an fhocail, oir tha ‘n cogaisean marbh, air do mhallachd Dhé laidh orra. Bha e na fhoillseachadh cho mór air cumhachd Chriosd ‘n uair a shearg e ‘n crann-fìg le dhà no trì de dh’ fhocail agus ged bheireadh e air fàs ‘n uair a bha e seargta. Tha cumhachd Dhé cho mór ann a bhi cruadhachadh eridhe Pharaoh agus a tha e ann an leaghadh eridhe Iosiah.—
Eadar-theangaichte le I. M.