CEANN III.
AN AISEIRIGH.
(Air a leanuimn bho t.-d., 433.)
“Na gabhaibh iongantas deth so; oir a ta ‘nuair a’ teachd, anns an chuinn iadsan uile a ta ‘sna h-uaighibh a ghuth-san: Agus théid iad a mach, iadsan a rinn maith, chum aiseirigh na beatha, agus iadsan a rinn ole, chum aiseirigh an damnaidh.”—EOIN v. 28, 29.
Feum I. Air son comhfurtachd do phobull Dhé. Tha teagasg na h-aiseirigh ‘na thobar sòlais agus aoibhneis dhuibhse. Smuainichibh air, O chreidiche, ‘nuair a ta sibh ann an tigh a bhròin, air son call bhur luchd-dàimh no bhur càirdean diadhaidh, “Nach deàn sibh bròn, eadhon mar dhaoine eile aig nach ‘eil dòchas;” oir coinnichidh sibh a ris, I.Tes. iv. 13, 14. Chan ‘eil iad ach air luidh sìos a ghabhail fois ‘nan leabaichibh ear ùine bheag, Isa. lvii. 2. ach ann am maduinn na h-aiseirigh dùisgidh iad a ris, agus thig iad a mach as an uaighibh. Cha robh soith-each na h-urrain ach suarach, bha mòran de choimeasga de droch mhiotailtean; bha e ro lag, ro dhorcha, agus ro shuarach, air son an tighe as àirde, ciod air bith dealradh a bh’ aige ‘san tigh a’s isle. Bha e sgoilte, bha e truaillidh; agus uime sin b’ fheudar dha bhi air a leaghadh sìos, chum as gu bitheadh e air a ghlanadh agus air a chumadh na’s glòrmhoire. Feith ach ùine bheag, agus chì thu e teachd a mach as an àmhlann thalmhaidh, ionnan ris na reulta ann an dealradh; ni h-eadh, mar a’ glurian ‘nuair theid i mach ‘na neart. An do chuir sibh sìos bhur leanaba maoth anns an uaigh? Chì sibh a ris iad. Tha bhur Dia ‘ga ghairm féin Dia bhur siochd; a ta, a réir mìneachaidh ar Slànuighear, a’ déenamh cinnteach aiseirigh ghòrmhoir a’ chuirp. Uime sin, thugadh an coinmcheangal ris an do ghabh sibh, air bhur son féin, agus air son bhur leanabaidh a ta nis anns an duslach comhfurtachd d’ ur eridheachaibh, anns an dòchas aoibhneach gu’m bi iad tre éifeachd a’ choimheangail sin, air an togail suas ann an glòir; agus air dhoibh gun bhi na’s mò ‘nan naoidheanaibh gèarr-shaoghalaich, ach air an tabhairt gu tomhas àrd agus iomlan, mar a tha iomadh a’ saoilsinn. Na bithibh fuidh mhi-
mhisnich a thaobh laigse agus tinneas cuirp; tha là a’ teachd anns am bi thu slàn gu h-iomlan: Aig an aiseirigh, cha bhi Timoteus na’s mò buailteach d’ a annhuinneachd mhnic; bithidh a chorpa bha lag agus tinn, eadhon ‘na òige, air a thogail ann an eumhachd: bithidh Læsarus slàn agus fallain, air d’ a chorpa a bhi air a thogail neo-thruailidh. Agus ged dh’ fheudas, theagamh nach leig annhuinneachd do chuirp dhuit dol aon stàide a choinneachadh an Tighearn ann an òrduighean follais-each; gidheadh tha ‘n là a’ teachd, anns nach bi do chorpa na’s mò ‘na eallaich dhuit, ach coinnichidh tu an Tighearn anns an athar, I. Tes. iv. 17. Bithidh na naoimh a’ teachd as na h-uaighibh mar a bha na h-Israelieh, ‘nuair thàinig iad a mach as an Eiphit. “Nan treubhaibh uile cha robh aon neach lag,” Salm cv. 37. Am bheil corp neo-sgiamhach no mi-chunta agad? Tha glòir ‘san taobh a stigh, a chuireas an sin na h-uile nì ceart ‘san taobh a mach, a réir uil’ iarrtuis do eridhe; éiridh e ‘na chorpa glòrmhor, maiseach, àluinn, agus air a dheadh-chumadh. Feudaidh a mhi-mhaise no a mi-chumachd dol leis do ‘n uaigh, ach cha tig iad air an ais leis. O gu ‘m biodh orra-san a ta nis co-dhéigheil air a bhi maiseach agus àluinn, ni bu lugha do chabhaig gu sin a dhèanamh le’n innleachdaibh amaideach agus peacach; ach gu ‘m feitheadh iad, agus gu ‘n smuainicheadh iad air an deilbh nèamhaidh, a bhi dèanamh a’ chuirp maiseach, le dichioll a dhèanamh a nis air fàs uile glòrmhor o’n taobh a stigh, le gràsan Spioraid Dhé: Dhèanadh so fadheoidh iad ‘nam maise iongantach agus buan-mhaireannach. ‘S éigin duit gun teagamh, O chreidich, gleachd ris a’ bhàs, agus gheibh thusa an ceud leagadh; ach éiridh tu a ris, agus thig thu dheth le buaidh mu dheireadh. ‘S éigin duit dol sios do ‘n uaigh, ach ged is i do dhachaidh fhada i, ehan i do dhachaidh shìorruidh i. Cha chluinn thu guth do chàirdean an sin; ach cluinnidh tu guth Chriosd an sin. Feudaidh tu bhi air do ghùlan an sin le bròn, ach thig thu nios aisde le h-aobhneas. Fàgaidh do chairdean gun amharus an sin thu, ach ehan fhàg do Dhia thu. An nì thubhairt Dia ri Iacob mu dhol sios do ‘n Eiphit, tha e ‘g ràdh riutsa, mu h’ dhol sios do ‘n uaigh, “Na biodh eagal ort dol sios—Théid mise maillle ruit—agus bheir mi gu eimntrach a nios thu a ris,” Gen. xlv. 3. 4.
O an sólas bunaiteach! O na dòchais ghloirmhoir! “Uime sin, thugaibh comfhurtachd d’ a chéile leis na briathraibh so,” I. Tes. iv. 18.
Feum II. Uamhas do na h-uile dhaoine neo-iompaichte. Sibhse a ta fathast ‘nur staid nàduir, amhaireibh air a’ chuid so de ‘n staid shiorruidh; agus smuainichibh eiod a’ chuibhlrionn a bhios agaibhse ann, mur bi sibh ann an tràth air bhur toirt gu staid a’ ghrais! Smuainich, O pheacaich, air an là sin ‘nuair a shéideas an trompaid! aig a guthsa, bithidh eroinn-dhruididh an t-sluic air am briscadh as a chéile, leumaidh dorsan na h-uaghe fosgailte, tilgidh na doimhneachdan sgriosach suas am mairbh, tilgidh an talamh a mach a chuidsa, agus leigidh bàs, ‘sna h-uile àite, ann am mór ioghnadh, air falbh a phriosanaich, agus bithidh t’ anam truagh agus do chorp-sa air an ath-cheangal, gu bhí air an toirt gu caithir-breitheanais Dhé: An sin, ged bhith-eadh mile saoghaíl agad fo t’uchdranaich, bheireadh tu gu toileach air falbh uile iad, nam faigheadh tu cead luidhe sàmlach ann ad naigh, leis a’ cheud earrann de ‘n fhois sin, leis an do luidh thu air nairibh aig an tigh, air là an Tighearna; no, mur feud sin a bhí air fhaotainn, gu’m biodh tu aeh ad fhear-amhaire air gnìomharaibh an là sin, mar a bha thu aig euid de amannan soleimnte agus aig fèisdean saobhir an t-soisgeil: no, mur fendar sin a chosnad, gu ‘n tuiteadh beinn no carrag ort, agus gu ‘n còmhdaicheadh iad thu o aghaidh an Uain! Ah! cionnus a tha daoine mar so fo dhruidheachd, mar so a’ chueich air falbh aimsir luachmhor na beatha, eò beag cùram mu bhàs, as mar gu ‘m biodh iad cosmhuil ris na brùidean a théid a dhìth! Bithidh euid ag iunseadh e’ àit’ an éiginn d’ an eurp a bhí air an eur, ‘nuair nach do ghabh iad fathast gu cùramach gu eridhe có dhiubh is i an naigh an leaba, far an dùisg iad le h-aobhneas aig maduinn na h-aiseirigh: no ‘n i am priosan i, as am bhi iad air an toirt a mach a dh’ fhaotainn am binne uamhasaich! Cuimh-nichibh gur e nis àm eur an t-sìl; agus mar a chuireas sibh, gur ann mar sin a bhuaiceas sibh. Tòisichidh àm eur sìl Dhé aig bàs, agus aig an aiseirigh eiridh eurp nan aingidh a bha air an cùr làn de pheacaidh, a ta luidhe sìos maile riu ‘san duslaich, (Iob xx. 11.) suas a ris, peacach, truailidh agus gràineil! Bhur
cuirp, a ta nis ‘nan inneil peacaidh, cuiridh an Tighearn air leth air son an teine aig a’ bhàs, agus bheir e mach iad air son an teine aig an aiscirigh. Bithidh an corp, nach ‘eil a nis air a chleachdadh ann an seirbhis Dhé, ach a ta air a mhi-ghnàthachadh le neo-ghloine agus maenus, an sin air a thoirt a mach ‘na uile ghràineileachd, gu bràth tuilleadh chum còmhnuidh a ghabhail le spioradaibh neò-ghlan! Bithidh eorp a’ mhisgeir an sin a’ tuisleachadh a chionn gu ‘m bi fion feirge Dhé, air a thaomadh a mach dha, agus air a dhòrtadh ann gun choimeasgadh! Bithidh iadsan a ta nis g’an toileachadh féin ann an ruiteireachd, a’ dol thuig agus uaithe air dhòigh eile; an uair an àit’ an òrain agus an ciuil, a ealuinneas iad fuaim na trompaid deireannaich! Tha mòran a’ saruchadh an cuirp air son buan-nachd shaoghalta, a bhios neo-thoileach an saruchadh air son maith an anama; le saoithreachadh, gu neo-reusanach, ni iad neo-iomchuidh air son seirbhis Dhé iad; agus ‘nuair a tha ‘n saothair thairis, measaidh iad gur leithsguel maith air son an dleasnais a sheachnad, gu bheil iad cheana sgìth le gnothuieche eile: ach tha ‘n là a’ teachd, ‘nuair a ‘s éigin doibh tuilleadh saothair a ghiùlan! Théid iadsan iomadh mìle air son druim agus brù, nach teid leth an rathaid air son maith an anama neo-bhàsmhor: Bithidh iadsan tinn agus neo-chomasach air là an Tighearn, a bhios gu fior mhaith feadh a chuid eile de ‘n t-seachduin: ach ‘nuair a shéideas an trompaid sin, gheibh na mairbh an cosan, agus cha bhì a h-aon air chall ‘s a’ choimhthional mhór sin!
Ri leantuin.