Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1939 » April 1939 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

CEANN III.

AN AISEIRIGH.

(Air a leantuinn bho. t.-d., 474.)

‘Na gabhaibh iongantas deth so; oir a ta ‘nuair a’ teachd, anns an cluinn iadsan uile a ta ‘sna h-uighibh a ghuth-san: Agus théid iad a mach, iadsan a rinn maith, chum aiseirigh na beatha, agus iadsan a rinn olc, chum aiseirigh an damnaidh.’—EOIN v. 28, 29.

‘Nuair a dhealraicheas cuirp nan naomh mar a’ ghrian is eagallach a bhios aghaidhean an luchd geur-leannhuinn! ‘S eagallach a bhios an staid-san, a rinn aon uair na naoimh a ghlasadh suas ann am priosan salach, a naraich, a loisg gu luaithe iad, a chroch iad, agus a chuir suas an einn agus an lamhan ann an àitibh follaiseach, a chur eagail air muimtir eile o shlighe na ffreantachd, air son an dh’ fhuiling iad. ‘S iomadh agaidh a ta maiseach a nis, a ghlacas duibheadas an sin! cha bhi iad na ‘s mò air am moladh agus air an gràdhachadh air son na maise sin, aig am bheil enuimh aig a freumh, a bheir orra crìochnachadh ann an grainéileachd agus michruth. Ah! ciod i a’ mhaise sin, fuidh am bheil ‘na luidhe eridhe oillteil, gràineil, agus gun ghràs? Chan ‘eil ann ach dath suarach, comhdachadh tana; a dh’ fhàgas an corp na’s gràineil, fa chomhair an teine dhian-lasaraich sin, anns am bi am Breithearnh air ‘fhoillseachadh o nèamh, a’ dèanamh dioghaltais orrasan aig nach ‘eil eòlas aid Dia, agus nach ‘eil ùmhal do ‘n t-soisgeul, 2 Tes. i. 7, 8. Bithidh iad air an rùsgadh d’ an sgeimh uile, agus cha bhi luideag ac’ a chomhdach an lomnochduidh; ach bithibh an closaichean ‘nan gràineileachd do gach uile fheòil, agus foghnaidh e gu bhi nochdadh a mach maise agus glòir nan naomh, agus gu’ dèanamh na’s soilleire.

Is e nis an t-àm gu sibh féin a dhèanamh cinnteach á cuibh-rionn ann an aiseirigh nam firean: Na’m bu mhaith leibh sin a dhèanamh, ceanglaibh ri Iosa Criosd le creidimh, ag éirigh gu spioradail o pheacadh, agus a’ glòrachadh Dhé le bhur cuirp. Is esan “an aiseirigh agus a’ bheatha,” Eoin. xi. 25. Ma bhios bhur cuirp ‘nam buill do Chriosd, ‘nan teampuill do’ spiorad naomh, éiridh iad gu cinnteach ann an glòir. Faighibh do ‘n airce so a nis, agus thig sibh a mach le h-aoibhneas do ‘n t-saoghal nuadh. Eiribh o bhur peacagh; tilgibh air falbh na h-eudaich-mairbh sin; a’ eur dhibh bhur seann ana-mianna. Cionnus is uarrainn aon smuaineachadh, gu ‘m feud iadsan a ta mairsinn marbh am feadh a ta iad beò, teachd a mach, aig an là dheireannach, gu aiseirigh na beatha? Ach is e sin sochair na muinntir sin uile, a rinn air tìs an anama agus an cuirp a choisrigeadh do’n Tighearna le creidimh, a ta ‘ga ghlorachadh le ‘n cuirp, cho maith as le ‘n anamaibh a ta beò dhà, agus air a shon, seadh, agus a’ fulang air a shon mar an ceudna, ‘nuair a ta e ‘gan gairm gu sin a dhèanamh.

AM BREITHEANAS DEIREANNACH.

MATA xxxv. 31—34, 41, 46.

AIR do na mairbh a bhi air an togail, agus air dhoibh-san a gheibhear beò ag teachd a’ Bhreitheamh a bhi air an atharrachadh, an sin thig am breitheanas deireannach, a ta gu soilleir agus gu eudthromach air a chur sios anns an earrainn so de ‘n Sgriobtur: O’n toir sinn fa’inear na nithe fa leth a leanas. (1.) Teachd a’ Bhreitheimh: “An uair a thig Mac an Duine ‘na ghloir.” ‘Se ‘m Breitheamh Iosa Criosd, Mac an Duine; esan leis am bi na mairbh air an togail, le neart cumhachdach, mar Dhia. A deirear mar an ceudna an Righ ris, (rann 34) air do bhreitheanas an t-saoghal a bhi ‘na ghniomh a bhuneas do oifig rioghail an Eadar-mheadhonair. Thig e ann an glòir glòrmhor ‘na phearsa féin, agus coimheadachd ghloirmhor aige, eadhon “na h-aingil naomha uile maille ris,” a fhrithealadh dhà aig an àm shòlaimte so. (2) Am Breitheamh a’ suidhe air caithir a’ bhreith; is Righ e, agus uime sin, is righ-chaithir i, righ-chaithir ghloirmhor; suidhidh e air caithir-rìoghail a ghloire, rann 31. (3.) Taisbeanadh nan slòigh. ‘S iad sin na h-uile chinnich; na h-uile agus gach aon, beag agus mór, ciod ‘sam bith cinneach, d’ am bheil iad a bha, a ta, no blitheas air aghaidh na talmhainn; bithidh iad uile air an cruinneachadh ‘na làthair, air an eur ‘nan seasamh an làthair caithir a bhreitheanas. (4.) An roinn a nithear orra: sgaraidh e na caoraich thaghta o na gabhraibh malluichte: a’ eur gach buidhe air leth leò féin, mar bhuaichill a ta ‘g ionaltadh a chaorach agus a ghabhar le chéile feadh an là uile, ‘gan sgarachduinn ‘san oidche, rann 31. Cuiridh e na naoimh air a làimh dheis, mar an t-àite as ro urramaiche; na h-aingidh air an làimh chli, rann 33. Gidheadh air dòigh as gu ‘m bi iad uile ‘na làthair, rann 32. Tha a réir coslais sùil aige so ris a’ chleachdadh a bha anns na cuirtibh Iudhach, anns an do shuidh aon aig làimh dheis a’ Bhreitheimh, a sgrìobh binn an t-saoraich; aon eile aig an làimh chli, a sgrìobh binn an dtididh. (5) Binne gach cuideachd fa leth, agus sin a réir an gnìomhara; air do na fìreanaich a bhi air an saoradh, agus na h-aingidh air an diteadh, rann 34, 41. ‘San àite mu dheireadh, Cur an gnìomh gach binn, auns na h-aingidh fhuadachadh air falbh do ifrinn, agus ann an giùlan nan naomh gu nèamh, rann 49.

1. Chum an fhirinn mhór so ‘a dhaingneachadh gu ‘m bi breitheanas deireannach ann.

Air tús, Tha e soilleir o theistean nan Sgriobtuir. Dh’ innseadh do ‘n t-saoghal anns na h-uile linn uime. Theagaig Enoch, roimh’n dìle e, ‘na fhàidheadaireachd air aithris, Iude, 14, 15. “Feuch tha ‘n Tighearn a’ teachd le dheich mìltibh naomha, a dheanamh breitheanais air na h-uile.” Tha Daniel ‘ga chur an céill, Caib. vii. 9, 10. “Dh’ amhaire mi gus an robh na righ-chaithrichean air an suidheachadh, agus shuidh Aosda nan làith-ean, aig an robh a thrusgan geal mar shneachda, agus folt a chinn mar olainn ghlán! Bha chaithir-rioghail mar lasair theine, agus a rothan mar theine loisgeach! Bhruichd sruth teinnteach, agus thàinig e mach o làthair! Bha mìle de mhiltibh a’ frìthealachadh dhà, agus sheas deich mìle uair deich mìle ‘na flianuis! Shuidhicheadh am breitheanas, agus dh’ fhosgladh na leabhraichean!” Tha ‘n t-Abstol glé shoilleir, Gnìomh. xv. 31. “Shuidhich e là anns an toir e breth air an t-saoghal am fircantachd, tre ‘n duine sin a dh’ òrduich e.” Faic Mat. xvi. 27; 2 Cor. v. 10; 2 Tes. i. 7—10; Taisb. xx. 11—15. Chan e mhàin gu ‘n d’thubhairt Dia e, ach mhionnaich se e, Rom. xiv. 10, 11. “Seasaidh sinn gu leir am fannuis caithir-breitheanais Chriosd. Oir a ta e sgrìobhta, Mar is beò mise, deir an Tighearn, lùbaidh gach glùn domhsa, agus aidichidh gach teanga do Dhia.” Mar so that firinn Dhé air mhodh sòlaimte ceangailte air a shon.

‘San dara àite, Tha ceart-riaghladh agus maithreas Dhé, ùrd-Uachdaran an t-saoghal, gu h-iomheuidh ag agar so, a mheud ‘s gu bheil iad ag iarraidh gu ‘m biodh e gu “maith leis an fùirean, agus gu h-ole leis an aingidh.”

Gidheadh, tha sinn à’ faicinn a nis gu trie aingidheadh air a h-àrdachadh, am feadh a ta firinn agus ceartas a’ tuiteam anns na sràidibh; diadhachd fuidh fhoirneart, am feadh a ta mi-naomhachd agus ain-diadhachd a’ buadhachadh. Tha so cho ro-chumanta, as gur éigin do na h-uile neach a ghabhas da rìreadh ri slighe na naomhachd sealtuinn ri calldach gach ni a ta aige, as urrainn an saoghal a thoirt uaithe. Luc. xiv. 26. “Ma thig neach air bith am ionnsuidh-sa, agus nach fuathaich e ‘athair, agus a mhàthair, agus a bhean phòsda, agus a chlann, agus a bhràithrean, agus a pheathraichean, seadh, agus a bheatha mar an ceudna, chan ‘eil e’n comas dà bhi ‘na dheiscibol domhsa.” Ach tha e neo-fhreagarach ri ceartas agus maithreas Dé, gu ‘m mairheadh gnothuiche dhaoine a ghnàth ‘san staid so ams am bheil iad, o aon ghinealach gu ginealach eile; ach gu’m biodh na h-uile aon air a dhìoladh a réir oibre: Agus a chionn nach ‘eil sin air a dhèanamh anns a’ bheatha so, is éigin gu ‘m bi breitheanas ri teachd; “Do bhrìgh gur ceart an nì do Dhia, àmhghar lòcadh dhoibhsan a ta cur àmhghair oirbh; agus dhuibhse a tà fo àmhghar, fois maraon ruinne, ‘nuair a dh’ fhoillsichear an Tgihearn Iosa o nèamh,” 2 Tes. i. 6. 7. Bithidh là ‘san téid na bùird a thionndadh, agus gairmear na h-aingidh gu cunntas air son am peacanna uile, agus fuilgidh iad an ceart pheanas air an son, agus is iad na naoimh a shoirbhieas: Oir, mar a ta ‘n t-Abstol a’ reusanachadh mu aiseirigh shona nan naomh, “Ma’s ann ‘sa’ bheatha so a mhàin a tha dòchas againn ann an Criosd, is sinn as truaighe de na h-uile dhaoinibh,” 1 Cor. xv. 19. Is fior gu bheil Dia air uairibh a’ eur peanais an gnìomh air na h-aingidh anns a’ bheatha so, chum gu ‘m biodh fios aig daoine gu bheil “Dia ann a tha toirt breth air an talamh;” ach tha fathast móran aingidheachd gun dioladh, agus folaichte, gu bhi ‘na gheall air a’ bhreitheanas ri teachd. Mur biodh a h-aon de na h-aingidh a’ fulang peanais anns a’ bheatha so, bhiodh daoine ullamh gu smuaineachadh nach ‘eil cùntas ann an déigh so: Uime sin, ann an glocas Dhé, tha cuid a’ faotainn peanais a nis, agus tha cuid nach ‘eil. Tha ‘n Tighearn air uairibh a’ bualadh pheacach ann an dearbh gnìomh a’ pheacaidh, chum a nochdadh do ‘n t-saoghal gu bheil e ‘na fhiannuis air an uile aingidheachd, agus gu’n gairm e gu cunntas iad air a shon. Tha e air uairibh a’ eur dàil fhada, mu ‘m buail e; chum gu ‘n nochdadh e do ‘n t-saoghal, nach ‘eil e a’ dichuimhneachadh droch ghniomhara dhaoine, ged nach ‘eil e air ball a’ dèanamh peanais orra. Thuilleadh air so uile, tha peacanna mòrain beò ‘nan déigh; agus tha ‘n tobar salach a dh’ fhosgail iad, a’ ruith fada an déigh dhoibh a bhi marbh agus air falbh: Mar an cor Ieroboaim, ceud righ nan deich treubhan; aig an robh a pheacadh a’ ruith air aghaidh fad na h-aimsir gu erioch na rioghachd thruaigh sin, 2 Righ xvii. 22, 23. “Dh’ imich clann Israeil ann an uile pheacaibh Ieroboaim a rinn e: cha do dhealaich iad riù: Gus an d’ atharraich an Tighearn Israel as a shealladh.”

‘San treas àite, Tha aiseirigh Chriosd ‘na dhearbhadh cinn-teach, gu ‘m bi là breitheanas ann.

Tha Paul a’ gnàthachadh an reusoin so a thoirt mothachaidh do mhuiintir na h-Aithne: Deir e, “Thug e dearbhadh do na h-uile dhaoinibh, le esan a thogail suas o na marbhaidh,” Gnìomh. xvii. 31. Tha ‘m Breitheamh cheana air ainmeachadh, tha òrdugh an righ air a sgrìobhadh agus air a sheulachadh, seadh, agus air a leughadh am fiamnis nan uile dhaoine, ‘na éirigh a ris o na marbhaibh. Le so thug Dia cinnte air, (no thairg e creidimh mar tha ‘m focal a’ ciallachadh.) Nochd e, le Criosd a thogail o na marbhaibh a theisteas mar Bhreitheamh an t-saoghail. An uair, ann an làithibh ‘rioslachaidh, a bha e air a thoirt an làthair caithir breitheanais, air a chur fuidh bhinn, air a chasaid, air a dhiteadh le daoine; dh’innis e gu soilleir mu ‘n bhreitheanas so, agus gu ‘m b’e féin am Breitheamh, Mat. xxvi. 64. “Na dhéigh chì sibh Mac an duine ‘na shuidhe air deas, làimh cumhachd Dhé, agus a’ teachd air neulaibh nèimh!” Agus a nis gu ‘n robh e air a thogail o na mairbhaibh, ged bha e air a dhiteadh mar fhear toibheum air son a’ cheart aobhar so féin; nach dearbhadh cinnteach so o nèamh air an fhìrinn a chuir e an céill? Os bàrr, b’i so aon de chriocheaibh mór bàis agus aiseirigh Chriosd: “Oir is ann chum so a fhuair Criosd bàs, agus a dh’ éirich, e, agus a tha e beò a ris, chum gu ‘m biodh e ‘na Tighearn (is e sin, an Tighearn am Breitheamh, mar tha coilleir o ‘n cho-theagasc) air na beòthaibh agus air na marbhaibh,” Rom. xiv. 7.

Rì leantrùinn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice