LE UILLEAM GURNALL.
THA cumhachd aig an fhocal gu toirt comh-fhurtachd agus a togail suas spiorad muladaich. ‘S e chogais priosan Dhé ann an uchd an duine, bho nach fhaigh neach air bith saor, ach le barrantas an neach a thug seachad an t-ordugh priosanaichaidh. Gu ‘n teagamh is prionnsa fann esan aig nach eil priosan gu bhi cur luchd droch-bheirt ann, ach priosan a dh’ fhosglas neach eile. Chan ann mar sin a tha’n t-ait anns am bheil Dia cur peacaich ann an slabhraidhean. Tha Sòlamh ag ràdh, “Có is urrainn spiorad briste a ghiùlan?” Seadh, agus có is urrainn a leigheas?—Na ‘m b’e obair creutair e ‘s cinnteach gu ‘n deanadh na diabhail e cho luath ri creutair air bith; ach tha sinne a faicinn nach d’ fhuair iad rathad gus an làtha ‘n diugh, gu bhi crathadh dhiubh nan geimhlean anns am bheil Dia ‘gan gleidheadh; ach tha iad nan laidh a beucail fodh phian do-labhairt fearg Dhé: agus iadsan nach urrainn an leòintean fhuasgladh a leigheas cha bhi annta na droch lighichean an eu-comas: “C ‘ar son ma ta a tha thu a fiosrachadh dhiom-sa,” a deir an diabhal ri Saul, “agus gu’n do dhealaich an Tighearna riut, agus gu bheil e nis air fàs ‘n a nàmhaid duit?” (I. Samuel, xxvii. 16).
Tha àmhghair cogais leòinte ag òirigh bho mhothachadh searbh air fearg Dhé air son peacaidh: nis cha-n urrainn neach air bith so atharrachadh ach esan is urrainn innse gu neo-thuiteamaich do ‘n anam mu thròcair Dhé; agus tha so na laidh cho domhain ann an cridhe Dhé, agus gur e Dia a mhàin, dha ‘n aithne a smuaintean fhéin, is urrainn a bhi na theachdaire gu bhi giulan an sgeul so; agus uime sin, cha-n urrainn am focal a tha dèanamh so teachd bho neach ach bh’ uaith-san; agus tha e na fhùirim cho neo-theagmhach, gu bheil e, cha-n e’ mhàin a dèanamh so, ach mar an ceudna, a lionadh an anam le aoibhneas air dol thar labhairt agus làn de ghlòir, agus nach fheum sinn a dhol suas gu nèamh air son tuilleadh dearbhaidh; an Spiorad sin a dheachd am focal an tòiseach, sheulaich se e air cridheachabh àireamh
nach gabh àireamh de chreidmhich. Seadh, tha h-uile neach dhe na naoimh ag aideachadh gur ann a tobraichean so na slàinte a tha an comh-fhurtachd agus an sìth air a tharruing. Tha ‘n Salmadair ag ràdh, “Ann an lionmhoireachd mo smuaintean an taoibh a stigh dhiom, thug do chomh-fhurtachd-sa sòlas do m’ anam.” Chan e ‘mhàin gu’n robh e’g innse dhuinn co bh’ uath bha aoibhneas aig féin, ach gu’n robh sin aig cuid eil bho’n aon tobar; “Bha amadain, air son an eusaontais agus air son an cutachda, fo àmhghar.” Agus ciod ni fuasgladh orra? An dean na nithibh is annasaich a ghabhas faotainn lasachadh air am pian? Cha dean, oir “de gach biadh ghabh an anam gràin, agus thàinig iad dlùth do gheatachaibh bàis;” Ciod a ni fuasgladh orra? Cha dean ach iad a dhol gu urnuigh agus gu deòir; “An sin ghlaodh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdaibh shaor e iad.” Agus ciod e ‘n iuchair leis a bheil Dia a fosgladh dorus a phriosain- “Chuir e fhocal naomh, agus shlànuich e iad.” Ma their sibh gu bheil so a ciallachadh trioblaid bho’n leth a muigh, ‘s cinnteach gu feum sibh aideachadh gu bheil e nì ‘s mòtha a ciallachadh trioblaid bho ‘n leth a stigh. Ciod ach focal bho bheul Dhé a leighiseas spiorad muladach, ‘n uair a tha ‘n corp a seargadh agus a fannachadh gus a labhair Dia focal ga shlànachadh?
Tha nithean mór agus cumhachdach air a labhairt umad, agus air a dhèanamh leat, O Fhoacl Naoimh! Tha thu dol os ceann aoibhneas an t-saoghail, agus a toirt air an anam a bhlais air do chomh-fhurtachdan laidir, droch-bhlàs fhaotainn air sòlasan na feòla; Cho glan agus cho cumhachdach tha solus an aoibhneis sin a tha thu lasadh ann am broilleach nan naomh, agus gu bheil e bàthadh, le a bhathean, a h-uile aoibhneas feolmhor, mar a ni a’ ghrian air an teine air an teinntean. Tha thu toirt buaidh air uamhas a bhàis air chor agus nach eil eagal roimhe, agus a claoidh a’ phianntan air chor agus nach bi iad air a faireachadh. Tha thu saltairt air scorpianabh agus air nathraichibh, agus chan urrainn iad lot na leòn a dhèanamh orrasan a chreideas annad. Is aithne dha na diabhail thu agus teichidh iad romhad, agus fàgaidh iad na cogaisean sin a bha cho fad fodh ‘n cumhachd agus fodh ‘n ain-tighearnas, agad-sa gu
bhi dol a stigh annta le do chomh-fhurtachdan milis. Bàthaidh tu lasraichean ifrinn fhéin, agus bheir thu air an anam, a bha air a thilgeadh ceangailt ann an eu-dòchas, ann an àmhainn theinntich fearg Dhé, a bhi gluasad gu comh-fhurtail. Tha thu toirt nèamh a nuas gu talamh, agus a toirt sealladh do anam a chreidmhich air an Ierusalem nèamhaidh mar gu’m biodh e’ g imeachd air a sràidibh beannaichte; seadh, tha thu toirt dhà an lòn air a bheil na naoimh a tha air an glòrachadh, a beathachadh, ach ann an tomhas na’s làine, air chor agus gu’m bi e di-chuimhneachadh gu bheil e ann a’ chollain, eadhon ‘n uair a tha pianntan agus amhghar air. Dh’ fhairich na naoimh so na’s motha na’s urrainn an teanga chur an cèill; air chor agus gu faod sinn a ràdh ris-san aig am bheil teagamh cia as a thàinig na Sgriobturan, mar a thubhairt an duine dh’ fhosgail Criosd a shuilean ris na Phairisich, Eoin, ix. 30, “An so tha nì iongantach, nach eil fhios agaibh cia as da, agus gu’n d’ fhosgail e mo shuilean.” Mar sin ann an so, is nì iongantach seadh, amaideach, a ràdh, nach eil fhios againn cia as a tha na Sgriobturan, ‘n uair a ni iad so uile. Bho thòiseach an t-saoghail cha chualas gu ‘n atharraicheadh focal creutair beanntan do eu-dòchas, agus gu ‘n lionadh e anamhaibh pheacach bhochd le leithid de dh’ aoibhneas agus de shith ga b’ oil le ifrinn agus as-creidimh a chrèutair fhéin, fodh chudthrom an robh e air adhlaeadh agus air a shèulachadh, mar fodh leachd-chinn throm.