AM BREITHEANAS DEIREANNACH.
(Air a leantainn bho leabhar, xliii, t-d., 506.)
‘San àite mu dheireadh, Tha na h-uile duine a’ giùlan mu ‘n cuairt leis fianuis do ‘n fhirinn so ‘na uchd féin, Rom. ii. 15. “Muintir a ta nochdadh obair an lagha sgrìobhta nan cridheach-aibh, air bhi d’ an coguis a’ dèanamh fianuis leò, agus an smuaintean eatorra féin ‘gan agairt, no a’ gabhail an leithsgèil.”
Tha cathair breitheanais air a cur suas an taobh a stigh de na h-uile duine, far an ni a choguis am fear-casaid, an fhianuis, agus am breitheamh, a’ ceangal thairis a’ pheacaich gu breitheanas Dhé. Tha so a’ lìonadh nan creutairean truagh le h-uamhunn, agus ‘gan sàthadh ‘san taobh a stigh, ‘nuair a tha iad a’ cur peacanna garbh an gnìomh! mar so a’ toirt gairm dhoibh freagairt air a shon, an làthair Breitheimh nam beò agus nam marbh. Agus so tha i dèanamh, eadhon an uair a ta ‘n cionta uaigneach, agus folaichte o shùilean an t-saoghail. Ruig-idh i orra sin, air nach urrainn do lagh dhaoine ruigheadh, do bhrìgh an cumhachd agus an ceilg. ‘Nuair a theicheas daoine o bhreitheanas an comh-chreutairean, gidheadh rachadh iad far an àill leò, cumaidh a’ choguis mar mhaor an àrd-Breitheimh, a ghnàth greim dhiubh ‘gan gleidheadh ‘na cuibhrichibh gu breitheanas an là mhóir! Agus có dhiubh a théid iad as o dhìoghaltas o dhaoine, no a thuiteas iad le làimh a’ cheartais fhollaisich, ‘nuair a mhothaicheas iad am bàs a’ tarruing dlùth, claonidh iad o’n taobh a stigh mu ‘n cunntas dheireannach so, air dhoibh a bhi air an éigneachadh gu éisdeachd rithe, anns na mionaidibh as eudthromaiche d’ am beatha. Ma bhios cuid ann, anns nach faighear nì dheth so, chan ‘eil againn uaithe sin na’s mò a dh’ aobhar a bhi co-dhùnadh, a chionn nach ‘eil cuid de dhaoine ag osnaich, air an aobhar sin nach ‘eil pian aca: no nach ‘eil anns a’ bhàs ach spòrs, a chionn gu robh cuid ann, nach do chuir tuilleadh suim air. Feudar aghaidh mhaith a chur air droch choguis; agus mar as lugha tha dòchas ann an cor dhaoine, tha iad ‘ga meas gur tèaruinnte dhoibh gun ath-smuaineachadh a dhèanamh air an staid agus an cor. Ach gheibh na h-uile neach a rannsùicheas e féin gu d’ùrachdach, an fhianuis ann féin mu ‘n bhreitheanas ri teachd. Cha robh eadhon na Cinnich gun am barail ac’ uime, ged bha i sin air a coimeasgdadh le dealbhaibh d’ am beachd féin. Uaith so, ged rinn cuid de mhuinntir na h-Aithne ‘nuair a chual iad mu aiseirigh nam marbh, fanoid, Gnìomh. xvii. 32. gidheadh chan ‘eil iongnadh gu’n d’ rinn iad fanoid ‘nuair a chual iad mu’n bhreitheanas dheireannach, rann 31.
II. Air tòiseachd, Bheir Dia breth air an t-saoghal le h-Iosa Crìosd. Bheir e breth air an t-saoghal ann am fireantachd, tre ‘n duine sin a dh’ òrduich e, Gnìomh. xvii. 31. Tha ‘n Salmadair ag innseadh dhuinn, gur e, “Dia féin as Breitheamh ann,” Salm l. 6. ‘Si ‘n Trionaid naomh, an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad naomh, is Breitheamh ann a thaobh ùghdarrais dhligheach, uachdaranachd, agus cumhachd; ach is e am Mac anns an fheòil as Breitheamh, a thaobh cur an gnìomh, agus cleachdadh àraidh a’ chumhachd sin: Bithidh am breitheanas air a chur an gnìomh leis-san, mar an t-Eadar-mheadhonair rìoghail: oir tha cumhachd breitheanais o ‘n Athair air earbsa ris mar a Sheirbhiseach, a “Rìgh, a chuir e air a shliabh naomh Sion.” Salm ii. 6. agus d’ an d’ “thug e gach uile bhrèitheanais,” Eoin v. 22. Is e so carrann de àrdaeachd an Eadar-mheadhonair, air a thoirt dà a chionn gu ‘n d’ irioslaich se e féin gu toileach, Philip. ii. 8—10. “Dh’ irioslaich se e féin, agus bha e ùmhal do bhàs, eadhon bàs a’ chroinn-cheusaidh. Air an aobhar sin dh’ àrdaich Dia e gu ro àrd mar an ceudna, agus thug e dhà ainm os ceann gach uile ainme (‘se sin, cumhachd agus ùghdarras thar gach uile) chum aig (no ann an) ainm Iosa; (chan e an t-ainm Iosa, chan e sin an t-ainm os ceann gach ainm, air dha sin a bhi coitchionn do mhuinntir, eile, mar Iustus, Col. iv. 11. agus Iosuah, Eabh, iv. 8.) gun lùbadh gach glùn.” Nì a ta air a mhìneachadh leis an Abstol féin, mu “sheasamh am fianuis cathair-bhreitheanais Chrìosd,” Rom. xiv. 11. Mar sin is esan air an tugadh breth agus a chaidh a dhiteadh le daoine, a bhios ‘na Bhrèitheamh air daoinibh agus ainglibh.
‘San dara àite, Iosa Crìosd, am Breitheamh, a’ teachd a nuas o nèamh do ‘n adhar, 1 Thesc. iv. 16, 17, thig e “air neulaibh nèimh, ann an seasgairreachd dhomhain! Oighean amaideach ‘nan cadal, le cumhachd agus glòir ro mhóir! Mat. xxiv. 30. Bithidh a ann an seasgairreachd dhomhain! Oighean amaideach ‘nan cadal, agus a’ mhuinntir ghlic ri tàmh-neul. Bithidh mórán sòigh agus geòcaireachd anns an t-saoghal aig an àm sin; beag measarrachd agus faire; pailteas de dhruid-ghnothuiche, ach gainne mhór de chreidimh agus de naomhachd: “Mar a bha e ann an làithibh Noe, mar sin mar an ceudna bithidh e ann an làithibh Mhic an duine; Bha iad ag itheadh agus ag òl, a’ pòsadh agus air an toirt am pòsadh gus an là an deachaidh Noe a steach do ‘n àirc: agus thàinig an dìle, agus sgrìos i iad uile; Amhail fòs mar a thachair ann an làithibh Lot: bha iad ag itheadh agus ag òl a’ ceannach agus a’ reic, a’ planntachadh agus a’ togail aitreabh:— Is ann mar sin a bhitheas anns an là am foillsichear Mac an duine! Luc. xvii. 26—30. Glacaidh teachd a’ Bhrèitheimh gun fhios dhoibh, cuid aig féillibh, a’ ceannach agus a’ reic; cuid eile ag a’ bhòrd, ag itheadh agus ag òl, agus a’ dèanamh subhaich; cuid a’ bith-dhèanamh le ‘m planntachadh nuadh; cuid a’ togail aitreabh nuadh; ni h-eadh, Bithidh là pòsadh cuid ‘na là breitheanais dhoibh féin agus do ‘n t-saoghal! Ach tha ‘m Breitheamh a’ teachd! Tha na féillean air am milleadh; tilgidh an ceannaiche air falbh na cheannuich e; tilgidh am fear-reic sìos ‘airgiod; éiridh iad o’n bhòrd, agus tha ‘n subhachas a’ dol as ann an tiota. Ged bhios a’ chraobh air a suidheachadh anns an talamh, cha-n fheud an gàradair stad chur na talmhainn mu timchioll; tilgidh an luchd-oibre air falbh an acfhainn, ‘nuair tha ‘n tigh leth-dheanta agus cha bhi suim aig a shealbhadair dhith na’s mò; ‘s éigin do fhear na bainnse do ‘n mhnaoi agus do na h-òighean, cuilm na bainnse fhàgail, agus taisbeanadh an làthair cathair a’ bhreitheanais! oir, “Feuch, tha e teachd le neulaibh; agus chi gach sùil e!” Taish. i. 7. “Thig e ro ghlòrmhòr! oir thig e ann an glòir ‘Athair, maille ris na h-ainglean naomha!” Marc. viii. 38. ‘Nuair a thàinig e anns an fheòil, a bhàsachadh air son pheacaich, chuir e thaobh trusgain a ghlòire, agus rinneadh dìmeas air agus cùl a chur ris le daoinibh; ach ‘nuair a thig e ris a thoirt breth air an t-saoghal, bithidh a ghlòire agus a mhòrachd cho mòr, as gu ‘n tilgear sgàil shiorruidh thar gach glòir thalmhaidh, agus lìonaidh a naimhde le h-eagal agus
uamhunn! Cha robh riamh aig prionnsa no aig righ ‘san t-saoghal, a leithid de chomunn ‘sa bhitheas an co-chuideachd a’ Bhreitheimh so! Thig na h-aingle naomha uile maille ris, chum ‘urrainn agus a sheirbhis! An sin bithidh esan, a bha air a threòrachadh gus a’ chrann-cheusaidh le cuideachd de saighdearaibh, air a choimheadach gu glòrmhor gu àite breitheanais, (chan ann le cuideachd de’n t-sluagh nèamhaidh ach) le sluagh nan aingle uile! Aingle naomha uile! deir an teagasg.
(Ri leantainn.)