Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1939 » August 1939 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

AM BREITHEANAS DEIREANNACH.

(Air a leantuininn t-d., 112.)

Feuchar’ daoiné, Air tús, air an oibríbh; oir “bheir Dia gach obair chum breitheanais, maillé ris gach ni diomhair, ma ‘s maith, no ma ‘s ole e,” Ecles. xii. 14. Feuchaidh am Breitheamh caithe-beatha gach neach, agus cuiridh e ghníomhara a rinn e anns a’ chorp, leis na li-uile nithibh a bha ‘nan co-chuideachd, ann an solus fior. An sin bithidh iomadh gniomhara bha air an cliùdhaichadh agus air am moladh’ le daoinibh, mar ghníomharam maith agus cothromach, air an nochdadh gu ‘n robh iad ole agus gràineil ann an sealladh Dhé; agus iomadh oibre a ta nis air an diteadh leis an t-saoghal, bithidh iad an sin air an aideachadh agus air an cliùdhaichadh leis a’ Bhreitheamh mhór, mar ghníomhara maith agus ceart. Bheirear nithe diomhair gu solus; agus bithidh na nithe a bha folaichte o shealladh an t-saoghail, air an dèanamh follaiseach. Bithidh ann an sin an aingidheach, a ghléidh a h-aite folaich, a dh’ aindeoin uile rannsachaidh dhaoine, air a dhèanamh follaiseach a chum glòir Dhé, agus nàire pheacach neo-aithreachail a dh’ fholach i. Tha ‘n saoghal a nis a’ taisbeanadh glé ghràineil, ann an sùilibh na muinntir a ta air an cleachdamh ri diadhachd; ach an sin taisbeanar e mìle uair ni ‘s gràineile, ‘nuair a bhitheas na nithe sin a ta air an dèanamh le daoinne ann an uaigneas, air teachd gu bhi air am foillseachadh! Bithidh na h-uile gnomh maith ann an sin air a chuimhneachadh; agus cha bhi an diadhachd fholachte agus na deadh oibre, a bha gu ro-dhichiollach air an cloth leis na naoimh o shùilibh dhaoine, na’s mò ‘nan luidhe am folach: Oir, ged nach ‘eil an Tighearn a’ ceadachadh do dhaoibh a bhi dèanamh follaiseach am maithes féin; gidheadh ni e féin ann an àm iomchuidh e. ‘San dara àite, Bheirear breth air am briathraibh, Mat. xii. 37. “Oir, is ann a t’ fhoclaibh a shaorar thu, agus is ann á t’ fhoclaibh a dhitear thu.” Chan ‘eil aon fhoical a chaidh a labhairt air son Dlè, agus air son aobhair anns an t-saoghal, o ghaol da féin a bhitheas air a dhì-chuimhneachach: Tha iad uile air an cumail air chuimhne, agus bithidh iad air an taisbeanadh mar dhearbhaidhean air creidimh, agus air còir ann an Crìosd, Mal. iii. 16, 17. “An sin labhair iadsan air robh eagal an Tighearn, gach aon gu tric ri chéile, agus dh’ éisd an Tighearna agus chual e, agus bha leabhar cuimhne air a sgrìobhadh ‘na làthair. Bithidh iad leamsa, deir Tighearna nan sluagh anns an là sin anns an dèan mi suas mo sheudan.” Agus an teanga, a labhair gun srian, aidichidh i an sin do Dhia; agus mothaichidh am fear-labhairt gu ‘n robh i air a leantuin, agus gu’ robh na h-uile focal a thuit o biliibh minaomha air an cur sios: “Bheir daoinne cunntas ann an là a’ bhreitheanais air son gach focal dhòmhain a labhras iad,” Mat. xii. 36. Agus ma bheir iad cunntas air son gach focal dhòmhain, is e sin, focal nach do labhradh gu feum maith, nach robh aon chuid chum glòir Dhé, maith neach féin, no maith a choimhearsnaich; cia mò gu mor a bhios briathra aingidh dhaoine, am mionna peacach, am mallachadh, am breugan, an cainnt shalaich, agus am focal sherbh, air an aithris a ris air an là sin? Tuitidh teanga mhòran orra féin, agus sgrìosaidh siad iad. ‘San treas àite, Bheirear smuaintean dhaoine chum breitheanais: Ni am Breitheamh soilleir rùin nan eridheachan, 2 Cor. iv. 5. Théid smuaintean as saor o bhreitheanas duine, ach cha téid iad as o bhreitheanas an Dia a rannsuiceas an eridhe, d’ an aithne smuainte dhaoine, gun chòmhnadh o chomharaich chum am faicinn. Bithidh na crìocha diomhair o an do shruth gnìomhara dhaoine air an tabhairt gu soillse an sin; agus na peacanna nach d’ thàinig riamh na b’ fhaide na ‘n eridhe an sin air an dèanamh follaiseach. O ciod an taisbean a ni nàdur truailidh an duine, ‘nuair a bhìtheas a thaobh a stigh air a thionndadh a mach, agus uile neòghloin a chridhe air an rùsgadh! Bithidh iomadh naigh ghealaichte, de neòghloine agus de ana-miannaibh feòlmhor, am mort agus an naimhdeas a ta nis air an cleith ann an eridheachan dhaoine, mar ann an seòmar na h-iomhaigheachd, air an tabhairt an sin gu solus; agus cha bhi maith ‘sam bith a bha ann an eridhe aon neach na’s faide ‘na luidhe an cleith. Ma bha e ‘nan eridheachaibh tigh a thogail do ‘n Tighearna, chunnidh iad, gu ‘n d’ rinn iad gu maith gu’n robh e ‘nan eridhe.

Bithidh an deuchainn so firinneach agus gun leth-bhreth ceart agus mìn, soilleir agus dearbhta. Is e am Breitheamh am Breitheamh firinneach agus ni e ceartas ris na h-uile neach. Tha meidh chothromach aige airson ghniomhara maith agus ole, agus air son chridheachan tréibhdhireach agus mealltach. Bithidh còmhdaich duilleach fige na cealgairceachd an sin air a séideadh a thaobh, agus taisbeanaidh lomnochduidh a’ chealgair; mar an uair a thàinig an Tighearna a thoirt breth air Adhamh agus Eubha, ann am fionnaireachd (no, mar a tha ‘m focal a’ ciallachadh, ann an gaoith) an là, Gen. iii. 8. “Dearbhaidh an teine (a dhearbhas nithe gu ro gheur) obair gach aoin, ciod is gnè dhi,” I. Cor. iii. 13. Tha breitheanas duine gu tric iomcheisteach troimh chéile; an so bithidh a’ chuis gu léir soilleir agus dearbhta, mar gu’m biodh e air a sgrìobhadh le gath-gréine. Bithidh e soilleir do ‘n Bhreitheamh, do nach feud cuis ‘sam bith a bhi dorcha; do na euideachdan a bhios air am fàgail ris, Iude, 15. Agus chì na slòigh, air an dà thaobh, gu bheil am Breitheamh “glan an uair a bheir e breth:” oir, an sin ” cuiridh na nèamhan an céill a cheartas,” ann an éisdeachd an t-saoghail uile! agus mar sin bithidh e air aithneachadh leis gach uile, Salm 1. 6.

Is ann air na h-aobhar sin a ta e, gu bheil an deuchainn so air a cumail a mach anns na Sgriobtuir fuidh bheachd fosglaidh leabhraichean; agus a deirear mu dhaoine gu toirear “breth orra as na nithibh sin a bha sgríobhta ’sna leabhraichean,” Taisb. xx. 12. Chan ’eil feum aig Breitheamh an t-saoghail, d’ an aithne gu firinneach na h-uile nithe gu ’n biodh leabhraichean air an cur ’na làthair air eagal mearachd ann am puine ’sam bith de lagh no de ghniomh; ach tha ’m focal a’ nochdadh gu ’m bi a dhèanadasan, mar ni bhios ro-dheas, soilleir, ceart, agus air a dheadh stéidheachadh, anns gach ceum dheth. A nis, tha ceithir leabhraichean a bhios air am fosgladh air an là sin.

Air tús, Leabhar cuimhneachan, no nil’ fhiosrachd Dhé, Mal. iii. 19.

’Se so cuimhne bheachdaidh a chumail air staid gach duine, air smuintibh, briathraibh agus gnìomharaibh, maith agus ole: Tha e mar gu b’ ann, ’na leabhar, anns am bheil an Tighearna a’ cur sìos gach nì a théid thairis ann an eridheachaibh, ann am bilibh, agus ann an caithe-beatha dhaoine; agus tha e a’ lionadh suas na h-uile là de bheatha an duine. Anns an leabhar so tha air a chur sìos peacanna dhaoine, agus an oibre maith, uaigneach agus follaiseach leis gach nì bha ’nan comh-chuideachd. Ann an so tha cuimhne air a cumail air an uile schochairean, tròcairean, aimsireil agus spioradail, a bha uaireigin, air an cur ’nan làimh, gach bacadh, gach comhairle, agus gach achmhasan, a bh’ air an tabhairt le luchd-teagaig, le coimhearsnach, le trioblaidibh, agus le coguisibh dhaoine féin; gach nì ’na òrdugh féin. Bithidh an leabhar so ’na chùis chasaid a mhàin, an aghaidh nan aingidh; ach bithidh feum eile ann, a thaobh nan naomh, eadhon mar chuimhneachon air am maith. Is e bhi ’ga fhosgladh, am Breitheamh a bhi toirt gu solus na nithe a ta sgríobhta ann; a bhi leughadh, mar gu b’ ann a’ chùis-chasaid agus an cuimhneachan fa leth, ’nan eisdeachd.

’San dara àite, Théid leabhar na coguis fhosgladh, agus bithidh e mar mhile fànuis a dhearbbadh a’ ghniomh, Rom. ii. 15.

“A ta nochdadh obair an lagha sgriobhta “nan cridheachaibh, air bhi d’ an coguis a dhèanamh fianuis leò.” Tha choguis ‘na fear-cunntais a’ dol leis na h-uile duine ciod air bith àit’ an téid e, a’ gabhail cuuntais d’a ghniomharaibh a rinn e anns a’ chorp, agus mar gu b’ ann, ‘gan eur sìos ann an leabhar; ni air dha bhi air fhosgladh, gheibhear comh-fhreagarach ris an leabhar eile, cho fad ‘sa tha e dèanamh iomradh air staid agus cor neach féin. Tha mòran air a sgriobhadh ann, nach fheudar a leughadh ‘san àm so; air do sgriobhadh na coguis a bhi ann an iomadh cor, cosmhuil ris a sin a ta air a sgriobhadh le sùgh mheasan, cha leughar e gus an cuirear mu choinneamh an teine e; ach ann an sin leughaidh daoiné gu soilleir agus gu deas e: Ni an teine a dhearbhas obair gach duine, leabhar na coguis so-leughadh anns na h-uile puine. Ged tha ‘n leabhar air a sheulachadh a nis, (air d ‘n choguis a bhi dall, balbh, agus bodhar,) bithidh na seulachan ann an sin air am briseadh, agus fosgailear an leabhar. Cha bhi na’s mó coguis lag no aineolach ‘nam meag-san a ta air an làimh dheis, no iadsan a ta air an làimh chlì. Cha bhi coguis thosdach, no idir coguis loisgte meag na cuideachd an-diadhaidh; ach bithith an coguis ro gheur-shuileach, agus ro bheothail, anns an là sin. Chan abair neach an sin maith ri ole, no ole ri maith. Cha bhi aig aineolas mu ciod a ta ‘na pheacadh, agus mu na nithibh a ta ‘nam peacadh, àite ‘nam meag: agus bithidh reusonachadh earth-ach dhaoiné, ann an leithsgel an ana-mianna, ann an sin gu bràth air an eur gu h-amhluadh le’n coguisean féin. Cha bhi cead aig neach luidh, (ma dh’ fheudas mi sin a ràdh,) fo chomhdach mìn a’ mheallaidh; ach bithidh iad uile air an leigeadh ris le ‘n coguisibh féin. Co ac’ is àill, no nach àill leò, amhaireidh iad air an leabhar so, leughaidh agus bithidh iad air an nàraechadh, agus seasaidh iad tosdach, air dhoibh fios a bhi aca nach ‘eil ni air a chur as an leth gu mearachdach; a chionn gur leabhar so a bha a ghnàth air an siubhàil féin. Mar so bheir am Breitheamh air na h-uile duine e féin ‘fhaicinn ann an sgàthan a’ choguis, a ni obair aithgearr.

Ri leantuin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice