Leis an Urramach Tòmas Watson.
(1) Ma tha gràdh againn do Dhia bithidh ar miann na dhéigh.
“Tha miann ar n-anama air d’ aim.” Esan aig am bheil gràdh do Dhia, tha tart air as déigh co-chomunn ris. “Tha tart air m ‘anam chum Dhé, chum an Dé bheò.” Is tòigh le daoine aig am bheil gràdh da chéile a bhi tric an comunn a chéile, agus esan aig am bheil gràdh do Dhia tha e miannachadh a bhi tric lathair; is tòigh leis orduighean Dhé: is iad an sgàthan far am bheil glòir Dhé a dealradh; na orduighean tha sinn ga choinneachadh ‘san air am bheil gràdh aig ar n-anamaibh; tha againn an sin fàbhuir Dhé agus roimh-bhlas air nèamh. Chan eil gràdh aca-san do Dhia aig nach eil miann as déigh orduighean-san.
(2) ‘S e’ n dara comharradh, nach urrainn esan aig am bheil gràdh do Dhia sòlas fhaotainn ann an nì ‘sam bith as eugmhais-san.
Thoir do ‘n chealagair, a tha ‘g ràdh gu’r tòigh leis Dia, arbhar agus fion agus bithidh e toilichte as eugmhais Dhé; ach cha n’ urrainn anam a tha air lasadh le gràdh do Dhia a bhi mar sin. Bithidh a’ mhùintir a tha ann an gràdh do chéile a fannachadh mur a faigh iad sealladh air euspair an gràidh, agus ni an neach aig am bheil gràs as eugmhais slàinte, ach chan urrainn dèanamh as eugmhais Dhé, an neach is e slàinte a slàinte a ghnuis. Na ‘n abràdh Dia ris an anam aig bheil gràdh dha, “Gabh fois, snàmh an sòlas, gabh do shàth de aoibhneas an t-saoghail, ach cha mheal thu mo lathaireachd,” cha sasaicheadh so e. Seadh, ged theireadh Dia, “Bheir mi suas gu nèamh thu ach druididh mi mi-fhèin ‘uat, agus chan fhaic thu mo ghnuis,” cha sàsaicheadh e ‘n t-anam. ‘S e ifrinn a th’ ann as eugmhais Dhé. Tha feallsanaich ag ràdh nach urrainn òr a bhi ann as eugmhais buaidh na gréine; gu eimteach chan urrainn aoibhneas a bhi ann as eugmhais lathaireachd mhilis agus buaidh Dhé.
(3) ‘S e ‘n treas comharradh gu bheil fuath aige-san a tha gràdhachadh Dhé do ‘n nì sin a tha eur dealachadh eadar e agus Dia, agus ‘s e sin am peacadh.
Aobhraichidh am peacadh gu’ m folaich Dia a ghnuis; tha e mar neach buaireasach a chuireas eadar chûrdean; uime sin tha aobhar fuath a Chriosduidh air a chur na aghaidh. “Is fuathach leam gach slighe bhreugach.” Chan urrainn nithean a tha ‘n aghaidh a chéile a bhi air an dèanamh réidh; chan urrainn gràdh a bhi do shlàinte gu’ n a bhi fuathachadh puinnsean; mar sin chan urrainn sinn a bhi gràdhachadh Dhé gu ‘n a bhi fuathachadh peacaiddh a tha milleadh ‘ur co-chomunn ri Dia.
(4) ‘S e ‘n ceathramh comharradh, co-fhaireachadh.
Tha eairdeau aig am bheil gràdh da chéile a bròn thairis air na h-uile a thig an rathad gach aon fa leth aca. Ma tha fior ghràdh againn na ‘ur eridbeachan do Dhia chan urrainn sinn gu ‘n a bhi bròn thairis air na nithean sin a tha eur doilgheas air-san; gabhaidh sinn gu eridhe na nithean a tha toirt eas-urrainn dhasan; mar a tha sògh, misg, dimeas air Dia agus air diadhachd. “Ruith sruathan dheur sios o m’ shuilbh, a chionn nach do choimhid iad do lagh.” Bithidh cuid a dèanamh gàire ann a bhi labhairt air peacaiddhean feadhan eile, ach ‘s cinnteach nach eil gràdh aca do Dhia a nì sin a chuireas doilgheas air an Spiorad! Am bheil gràdh aige-san dha athair a ni gàire ri chluinntinn air a mhasluchadh?
(5) ‘S e ‘n eòigeamh comharradh, gu bheil esan a tha gràdhachadh. Dhé a saothrachadh gu bhi ga dhèanamh gradhach do mhuintir eile.
Chan e ‘mhain gur toigh leis Dia ach labhraidh e air a chliuthan a chum gu’n tàlaidh e muintir eile gu bhi ga ghràdhachadh. Tha ‘n eaglais a moladh Chriosd agus a eur an eéill a luach, a chum a bhi co-eigneachadh cuid eile gu bhi ga ghràdhachadh. “Tha a cheann mar an t-òr as gloine.” Chan urrainn fior ghràdh do Dhia a bhi balbh, bithidh e deas-bhriatharach ann an eur an eéill a chliu. Chan eil comharradh na’s fearr air a bhi gràdhachadh Dhé, na bhi ga dhèanamh taitneach, gu bhi tarruing dhaoize as a dhéigh.
(6) ‘S e ‘n t-seathamh comharradh gu ‘m bi a’ neach a tha gràdhachadh Dhé a gul gu search ‘n uair a tha e air eall.
Bha Muire a’ gul agus ag ràdh, “Thug iad leò an Tighearn.” Tha aon a’ glaothaich, tha mo shlàinte air falbh!” aon eile, “Mo mhaoin air falbh!” aeh tha ‘n neach tha gràdhachadh Dhé a’ glaothaich, “Tha mo Dhia air falbh! chan urrainn dhomh bhi mealltainn an tì tha mi gràdhachadh.” Ciod a ni h-uile comhfurtachd saoghailta ‘n uair tha Dia air eall? Tha e mar chuirm aig adhlacadh, pailteas bididh ach goinne sòlais. “Ri bròin dh’ imich mi as eugnais na gréine.” Ma bha bròn Rachel mór air son call a cloinne, co ‘s urrainn aithris bròn a Chriosduidh air son call làithearaechd mhilis Dhe? Tha ‘n t-anam sin a dòrtadh a mach tuitlean do dheòir, agus mar gu ‘m bitheadh e’ g ràdh ri Dia, “Thighearn tha thusa air nèamh ag eisdeachd ri òran ceòlmhor, buadhach nan aingéal, ach mise ann an gleann nan deur a’ gul do brigh gu bheil thu air eall. O cuin’ am ionnsuidh a thig thu agus a dh’ ath-bheòthachieas tu mi le solus do ghnuis! Oir mar a tig thu am ionnsuidh a Thighearn leig dhomhsa teachd a t-ionnsuidh-sa far am bi do dheadh-ghean agam agus nach dèan mi gearain gu siorruidh.
(7) ‘S e ‘n t-seachdamh comharradh gu bheil esan a tha gràdhachadh Dhé toileach fulang air a shon.
Tha e eur ainn ri aitheanta Dhé; tha e stroichdadh dha thoil. Ma tha Dia ‘g iarraidh air am peacadh a chlaoich; a naimhdean a ghràdhaichadh, a bhi air a cheusadh do ‘n t-saoghal, tha e toirt umhlaichd. ‘S ni diamhain do dhuine a bhi ‘g radh gu bheil e gràdhachadh Dhé, agus e dèanamh dìmeas air aitheantan. Ma tha Dia ‘g aithne dha fulang air shon, tha e stroichd-ta “Fuilingidh gràdh na h-uile nithean.” Thug gràdh air Criosd fulang air ar son-ne, agus bheir gràdh oirnne fulang air son Chriosd. Tha e fior nach eil a h-uile Criosduidh na mhartarach, ach tha spiorad na martarach ann, le togradh inntinn a bhi gu fulang, ma ghairmeas Dia e gu sin. Their gu leòir gu bheil gràdh aca do Dhia, ach cha’n fluiling iad call nì sam bith air a shon. Na ‘n dhuibh, ach chan urrainn mi fulang air ‘ur son, agus mo bheatha leigidh sios air ‘ur son, bhitheadh amhrus againn mu a ghràdh, ach naich fhaod amhrus a bhi aige-san mu r gràdh-ne, ‘n uair nach fuiling sinn ni air bith air a sgàth.