AM BREITHEANAS DEIREANNACH.
(Air a leantuinn t-d., 155.)
‘Sam treas aite, Fosgailear leabhar an lagha. ‘Se an leabhar an t-úghdarras agus an riaghailt, leis an aithnichear eiod a ta ceart, agus eiod a ta mearachdach; is mar an ceudna eiod a’ bhinn da réir sin a bheirear orrasan a ta fuidhe. A thaobh fosglaidh an leabhair so, ‘sa’ chuid deth ‘sam bheil an lagh air a chur sios, a ta nochdadh eiod e peacadh, agus eiod e dleasnas; tha e teachd a steach le fosgladh leabhar na cognuis. Oir tha cognuis air a eur suas le àrd Fhear-tabhairt an lagha, ann an uehd na h-uile duine, gu bhi ‘na fear-teagaig diomhair, a cho-chur an lagha dha; agus na buachaille diomhair, a cho-chur an lagha cheudna ris: agus, aig an là sin, bithidh i làn chomasach air son a dreuchd; air ehor as gu’ n leugh a’ chognis as neo-mhothachaille a nis, an sin do ‘n duine, searmoine ro shoilleir ach ro uamhasach air an lagh! Ach is e an ni a ta gu ro-áraidh air a chomharr-achadh a mach le fosgladh na cuid sin do’n leabhar so, an ni sin a chomharrachieas duais oibre dhaoine. Nis, tha ‘n lagh a’ gealltuinn beatha, air son ùmhlachd ionlan: ach ean fhaghear aon, air an làimh dhcis no chì, a ghabhas sin orra féin, aon uair is gu bheil leabhar na cognuis air fosgladh. Tha e bagradh bàis air son eas-ùmhlachd; agus bheir e gu h-éifeachdaich e air na h-uile a ta fuidh uachdaranachd. Agus tha chuid so de leabhar an lagha, a ta ‘g òrduchadh duais an oibre do dhaoine, a mhàin air fosgladh a nochdadh eiod a’ chuibhroinn as éigin a bhi aig na h-an-diadhaidh; agus a chum ann an sin gu ‘m feud iad a’ bhinn a leughadh mu ‘n toirear a mach i. Ach ean ‘eil e air fosgladh air son binn nan naomh; oir ean fheudadh binn shaoraichd a’ pheacaich, a bhi gu bràth air a tharruing a mach as an leabhar sin. Tha ‘n lagh a’ gealltuinn beatha, ean ann mar a tha e ‘na riaghailt do ghnìomhara, ach mar choimheangal; agus air an aobhar sin, cha b’ urrainn duine neochiontaich beatha agradh air son umhlachd, gus am biodh an lagh a ris air a chur mar a nochdadh roimhe. Ach air do na naoimh, a bhi anns a’ bheatha so, air an toirt fuidh nuadh choimcheangal, eadhon coimcheangal nan gràs, bha iad marbh do ‘n lagh, mar choimcheangal oibre, agus bha ‘n lagh sin marbh dhoibhsan. Air an aoobhar sin, mar nach bi eagal bàis aca uaithe, a chionn nach ‘eil iad fuidh ‘n lagh, ach fuidh ghràs, Rom. vi. 14. Ach, air son am binne, fosgailear leabhar eile; mu’n labhair sinn ‘san àite as faisge.
Rì leantuin.