Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1939 » October 1939 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte AM BREITHEANAS DEIREANNACH. (Air a leantuinn t-d., 192.)

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte AM BREITHEANAS DEIREANNACH. (Air a leantuinn t-d., 192.)

Mar so tha leabhar an lagha air fhosgladh air son na binne a ta ‘n aghaidh na muinntir sin uile a ta air an làimh chli: Agus le sin chì iad gu soilleir ceartas a’ bhreitheanais ‘nan aghaidh, agus mar tha ‘m Breitheamh a’ dol air aghaidh ann a reir lagha. Gidheadh bithidh ann t-eadar-dhealachadh so ann, eadhon, gu ‘n téid breth a thoirt orra-san aig nach robh ach lagh an nàduir, agus nach robh fuidh fhoillseachadh àraidh ‘sam bith, leis an lagh nàduir sin a bh’ aca ‘nan cridheachaibh: Lagh a tha tais-beanadh, “Gu ‘m bheil iadsan a ni an leithide sin do nithibh” (mar a sheasas iad air an leigeadh ris) “toillteanach air bàs.” Rom. i. 32. Ach bheirear breth orra-san, aig an robh an lagh sgriobhta, chum an d’ thainig focal Dhé, mar a chaidh fhuaim a mach san eaglais fhaicsinnich, leis an lagh sgriobhta sin. Mar sin a deir an t-Abstol, Rom. ii. 12. “Oir a mheud ‘sa pheacaich gun an lagh (sgriobhta,) sgriosar iad gun an lagh (sgriobhta;) agus a mheud ‘sa pheacaich fuidh ‘n lagh, (is e sin, fuidh ‘n lagh sgriobhta,) ditear iad leis an lagh,” (sgriobhta.)

‘San àite mu dheireadh, “Fosgaillear leabhar eile, eadhon leabhar na beatha,” Taisb. xx. 12. Anns an leabhar so, tha ainmean nan daoine taghta uile sgriobhta, mar a thubhairt Criost r’ a dheiscioibluibh, Luc. x. 20. “Tha bhur n-ainmean sgriobhta anns na nèamhaibh.” Tha air a chur sios anns an leabhar so rùn gràsmhor agus neo-chaochlaideach Dhé, anns na daoine taghta thabhairt chum na beatha maireannaich; agus a chum sin a dhèanamh, gu ‘m bi iad air an saoradh le fuil a Mhic, air an gairm gu h-eifeachdach, air an uchdmhacachadh, air am fireanachadh, air an naomhachadh, agus air an togail suas leis aig an là dheireannach as eugmhais peacaidh. Tha ‘n leabhar so a nis ann an làimh Eadar-mheadhonair, “mar leabhar reachd na rìoghachd,” agus air dhoibh an obair a choimhlionadh a thug an t-Athair dhoibh ri dhèanamh, bheir e, air an là mhór sin a lathair an leabhar, agus fosgailidh se e, agus nochdaidh e a’ mhuinntir a ta air an ainmeachadh ann, “neo-lochdach an lathair a ghloire.” Jude 24. “gun smal, gun phreasadh, no nì air bith d’ an leithidibh sin,” Eph. v. 27. Cha bhi aon diubh uile, a ta air an ainmeachadh ‘san leabhar, air chall. Gheibheir uidhnichte iad a réir òrduigh an leabhair, air an saoradh, air an ghairm, air am fireanachadh, air an naomhachadh, air an togail suas gun smal; ciod tuilleadh a bhios ri dhèanamh, ach a réir an leabhair cheudna, gu ‘n sealbhaich iad a’ chrìoch mhór, eadhon beatha mhaireannach. Faodar so a thional o ‘n ghealladh luachmhor sin, Taisb. iii. 5.

“An tì a bheir buaidh, sgeadaichear e ann an eudach geal, (air dha bhi air a thogail ann an glòir,) agus cha dubh mi mach ‘ainm á leabhar na beatha. Ach aidichidh mi ‘ainm-san, (bithidh e, mar gu b’ ann, air a leughadh a mach am measg a chuid eile do dhaoine taghta Dhé,) am fianuis m’ Athar, agus am fianuis ‘aingle-san.” Is e so a nis stéidh saoraidh nan naomh, stéidh na binne bheannaichte a gheibh iad. Air do leabhar na beatha bhi air fhosgladh, bithidh e aithnichte do gach uile, co a ta air an taghadh, agus co nach ‘eil. An fhad so mu dheuchainn nan cuideachdan.

‘San ochdamh àite, Ann an sin cuiridh am Breitheamh an céill a’ bhinne bheannaichte sin air an naoimh. “Thigibh, a dhaoine beannaichte m’ Athar-sa sealbhaichibh mar oighreachd an rioghaichd a ta air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaite an domhain!” Mat. xxv. 34. Tha e ro chosmhuil, gu ‘n toir an duine Criosd am mach a’ bhinne le guth àrd; a chluinneas chan e mhàin na naoimh uile, ach a cluinneas agus a thuigeas na h-aingidh uile mar an ceudna. Có d’ an urrain a smuaineachadh an t-aoibhneas do-labhairt leis an cluinn a’ mhuinntir bheannaichte na briathra sin! Có d’ an urrain beachd a ghabhail air an lánachd do ‘n aoibhneas sin a bhios air a dhòrtadh a steach ‘nan cridheachaibh, leis na briathraibh sin a’ ruigheachd an cluasan? Agus có d’ an urrain a smuaineachadh cia mór do ifriun a bhriseas a steach gu cridheachan na cuideachd an-diadhaidh, le briathraibh sin nèimh? is nì cinnteach gu ‘m bi a’ bhinne so air a cur a mach, roimh bhinn an dìtidh. Mat. xxv. 34. “An sin a deir an Righ riusan air a dheis, Thigibh a dhaoine beannaichte m’ Athar-sa, rann 41. An sin a deir e mar an ceudna riusan air an làimh chli. Imichibh uam, a shluagh malluichte.” Cha bhi feum air an òrdugh so, chum gu cluinn na naoimh, as eughmhais eagail no ioghnaidh, a’ bhinn eile air na droch dhaoine; cha bhi iadsan a ta air an togail chum glòir, air an glacadh suas a choinneachadh an Tighearna ‘san athar gun smal, agus aig an robh an anama, (a thaobh an aireimh is mò dhuibh,) cho fada ann an nèamh roimhe, comasaich air a leithid sin do eagal a bhi orra: ach le so bithidh iad gu riaghailteach air an toirt a stigh, a shuidhe ann am breitheanas, mar cho-luech-suidhich maillé ri (Criosd an aghaidh nan an-diadhach; aig am bi am pian air a h-antromachadh le sin. Bithidh e ‘na ifrinn dhoibh a bhi air an cumail á h-ifrinn, gus am faic iad dorsa nèimh air am fosgladh a ghabhail nan naomh a steach, a bha aon uair a chòmh-nuidh ‘san aon saoghal riu féin; agus theagamh anns a’ cheart duthaich, sgireachd, no bhaile, agus a shuidh fo ‘n cheart mhinisteir riu féin. Mar so chì iad nèamh fad as, a dhèanamh an ifrinn aca-san na ‘s tèithe. cosmhuil ris a mhór-fhear neochreideach sin, 2 Righ vii. 19, 20. chì iad pailteas le ‘n suilibh, ach chan ith iad deth. Bithidh na h-uile focal de ‘n bhinne bheannaichte mar shaghead nimheil air a sàthadh ‘nan cridheachaibh, am feadh a tha iad a’ faicinn na chaill iad, agus uath sin chì iad ciod a tha feitheamh orra.

Théid a’ bhinn so thoirt air na naoimh a reir an gniomhara, Taisb. xx. 12. ach chan ann aon chuid air son an gniomhara, no air son an creidimh; mar gu ‘m biodh beatha mhaireannach air a cosnadh leò. Tilgidh a’ bhinne féin air cul am beachd neothuigseach so. Bha ‘n rioghachd gus am bheil iad air an gairm air a deasachadh air an son o leagadh bunaite an domhain; cha robh i air a fágail gu bhi air a cosnadh leò-san nach robh ach o ‘n dé. Tha iad gu sealbhaichadh mar mhic, ach chan ‘eil iad gu cosnadh dhoibh féin, mar a ni seirbhisich air an tuarasdal a gheibh iad air son an oibre. Bha iad air an saoradh le fuil Chriosd, agus air an sgeadachadh le ‘thireantachd-san gum smal, nì is e ceart aobhar na binne. Bha iad mar an ceudna air an deasachadh air son nèimh, le naomhachadh a Spioraid; agus is ann uath sin a ta e a réir an gniomhara. Air chor as gu faic an saoghal an- diadhaidh a nis gu bheil Breitheamh nam beò agus nam marbh a’ dèanamh maith dhoibhsan a ta maith. Uime sin tha na briathre so air an cur ris a’ bhinne, Oir bha mi ocrach, agus thug sibh dhomh biadh, rann 35, 36. Nì nach ‘eil a’ comharrachadh na steidh, ach an dearbhaichd air an còir air nèamh; mar gu’n abradh breitheamh, gu bheil e saoradh duine a bh’ air agradh air son fiacha, a chionn gu ‘n do mhionnaich na fianuisean gu ‘n robh e air iocadh cheana. Mar sin a deir an t-Abstol, I Cor. x. 5. “Ach le moran diubh cha robh Dia toilichte: oir sgriosadh ‘san fhàsach iad.” Cha b’ e an sgrios anns an fhàsach an stéidh air son corruich Dhé riu, ach bha e ‘na dhearbhadh air. Agus mar so tha ar Tighearn a’ teagasg dhuinn an coimhneangal iomchuidh a ta eadar glòir agus deadh ghniomhara, eadhon, gniomhara maith a réir an t-soisgeil; gniomhara aig am bheil ceangal ri Iosa Criosd, agus a ta air an dèanamh tre chreidimh ann-san, agus gràidh dha, as eugmhais nach bi meas orra san là sin. Agus bheirear breth air na naoimh a reir an leithide do gniomhara, agus gu ‘m bi tomhas na glòir ‘nam meag a reir nan gniomhara sin. Oir is firinn shiorruidh “An tì a chuireas gu gann, buainidh e gu gann,” 2 Cor. ix. 6.

Mar so bithidh aig gniomhara nan naomh duais ghloirmhor; chan i duais air son an oibre; duais gràis, chan ann mar fiach-aibh: an nì a lìonas iad le h-iongantas ri saoibhreas saor-ghràis, agus ris an Tighearna ‘ga irioslachadh féin gu aire thabhairt d’ an oibre bochd neo-airidh. ‘Se sin as ciall a reir coslais do ‘n nì a ta air ainmeachadh a fhreagair iad, ag ràdh, a Tighearna, “c’ uin’ a chunnaic sinn ocrach thu,” rann 37, 38, 39. Agus nach ceart a dh’ fheudas iad ioghnadh a bhi orra iad féin fhaicinn air an cur ‘nan suidhe aig suipeir-bainnse an Uain, a thaobh dìneir no suipeir, beagan bìdh no deoch (a leithid ‘sa bha aca) a thug iad air son Chriosd, do aon d’a bhuill ocrach no phàiteach? O am fogharadh pailt a ta leantuin air an t-siol do dheadh gniomhara a chuireadh! Aimhnichean do shòlasan a’ sruthadh a mach, is maith a dh’ fheudtadh o chupan do uisge fuar a bh’ air a thabhairt do dheiscibol ann an ainm deiscibol! Aiteachan còmhnuidh siorruidh glòirmhor ag èiridh a mach o chaidreamh oidhche a thabhairt do naomh, a bha ‘na choigreach! Trusgain shiorruidh de ghloir air an tabhairt ann am malairt air son còta nuadh, no, is maith a dh’ fheudtadh, sean chota, air a thabhairt do naomh àraidh éigin, aig nach robh eudach a dh’ fheumadh e. ‘Dol a shealltuinn air naomh tinn, air iocadh, le teachd Chriosd féin, ann an glòir ‘Athar, le uile ainglibh naomha! Dol a dh’ amharc air priosanach bochd, air son aobhair Chriosd, air iocadh le Breitheamh nan uile, a’ teachd a thoirt air falbh an fhir-amhaire leis gu luchairt nèimh, gu bhi ann an sin maille ris féin gu saoghal nan saoghal! Bithidh na nithe sin ‘nan aobhar iongantais shiorruidh, agus bu chòir dhoibh gach neach a bhrosnuachadh chum cur gu pailt a nis, am feadh a mhaireas àm cur sìol dheadh oibre. Ach is e seula Chriosd air deadh oibre a chuireas luach annta, ann an suilibh Dhé ghrasmhoir; a ta air a chiallachadh le freagairt ar Tighearna, rann 40. “A mheud ‘s gu ‘n d’ rinn sibh e do h-aon de na bràithribh as lugha agamsa, rinn sibh dhomhsa e.”

Ri leantuinn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice