(Air a leantuin bho t-d., 232.)
‘San naothadh àite, Nis air do na naoimh am binne féin fhaotainn, “bheir iad breth air an t-saoghal,” I Cor. vi. 2.
Cha robh so air a choimhlionadh ‘nuair a rinneadh an impireachd (Romanach) ‘na (impireachd) Chriosdaidh, agus a bha Criosd-uidhean air an deanamh ‘nan nachdarain. Cha robh tha’n Salmadair ag innseadh dhuinn, “Tha’n t-urram so aig a naoimh uile,” Salm exlix. 9. Agus tha ‘n t-Abstol anns a’ chaibideil a dh’ainnicheadh, ag ràdh, “Agus ma bheirear breth air an t-saoghal leibhse, an e nach fu sibh bhi ‘nur breitheamh air na euisibh as lugha?” rann 3. “Nach ‘eil fhios agaibh gu ‘n toir sinne breth air ainglibh?” Air dhoibh a bhi air an gairm tha iad a teachd a dh’ fhaotainn an rioghachd, ann an sealladh dhaoine agus aingle; tha iad a’ dol mar gu b’ ann a ‘n chaithir bhreitheanais gus an righ-chaithir, “Do ‘n ti a bhuadhaicheas bheir mi eomas suidhe maille riumsa air mo righ-chaithir,” Taisb. iii. 21. Chan e ‘mhàin gu ‘n toir iad breth air an t-saoghal ann an Criosd an ceann, a thaobh co-chomuinn ris, le ‘n gniomhar-aibh air an coimeas ri gniomhara nan an-diadhach, no mar theisteas ‘nan aghaidh; ach mar cho-luchd-suidhe ann am breitheanas le h-Iosa Criosd am Breitheamh, a’ toirt an guth ‘nan aghaidh, ag aontachadh le ‘bhreitheanas-san mar nì ceart, agus ag ràdh Amen ris a’ bhreitheanas a bheirear a mach an aghaidh nan an-diadhach: mar a deirear mu na naoimh, air breitheanas na striopaich móir, Taisb. xix. 1, 2. “Aleluia, oir is flor agus is eothromach a bhreitheanais.” Mar so, bithidh uachdranachd aig na ffreanaibh os an ceann, ann am maduinn na h-aiseirigh, Salm xlix. 14. An sin, agus chan ann gu sin, a bhitheas sin air a làn choimhlionadh, a dh’ fheudas sibh a leughadh, Salm xlix. 6-9. “Biodh àrd chliù Dhé ‘nam beul, agus claidheamh dà fhaobhair ‘nan làimh, a chum dioghaltais a dhèanamh air na cinnich, smachdachadh goirt air na slòigh—that ‘n t-urram so aig a naoimh uile.” ‘O nach iongantach an tionndadh air gnothuichibh a thaisbeanar an so! Nach iongantach an sealladh, a bhi faicinn luchd-eaglais aingidh, agus luchd-riaghlaidh rioghaechdan, ‘nan seasamh mar chiontaich an lâthair nan naomh, a dhít iad aon uair mar luchd-aicheadh, creidimh, mar cheannaireich agus mar luedh-brathaidh! A bhi faicinn dhaoine saoibhir agus cumh-achdach, ‘nan seasamh le aghaidh neulaich an lâthair na muinntir sin air an d’ rinn iad foirneart! A bhi faicinn an fhir-fhanoid ‘na sheasamh a’ criothnachadh na lâthair na muinntir sin air an d’ rinn e fanoid; an duine saoghalta glic an lâthair na muinntir sin a mheas e mar amadain! Ann an sin bithidh aghaidh nan naomh air an d’ rinneadh di-meas, ‘nan aghaidhean uamhasach do na h-aingidh! agus bithidh iadsan a bha aon uair ‘nan orain do na misgeirean, ann an sin ‘nan uamhas dhoibh! Is éigin do na h-uile mearachd a bhi air an eur ceart mu dheireadh, agus na h-uile aon air a chur ‘na àite féin.
‘San deicheamh àite, Cuiridh am Breitheamh an céill binn an dítidh air an t-sluagh an diadhaidh uile!
“An sin a deir e mar an ceudna riusan air an làimh chlì, Imichibh uam, a shluagh malluichte, a dh’ionnsuidh an teine shìorruidh a dh’ulluicheadh do ‘n diabhul agus d’ a ainglibh!” ran 41. Breitheanas eagallach! agus sin o ‘n cheart bheul o ‘n d’ thàinig a mach binn an t-saoraidh roimhe. Bha e ‘na mheudachadh do thruaighe nan Iudhach, ‘nuair a sgriosadh am baile, gun robh iad air an sgrios le neach a bha air a mheas ‘na aon-ghraidh an t-saoghail. O ciod an antromachadh a bhitheas e do thruaighe nan aingidh, gu ‘n euir Esan an céill a’ bhinne so mar an ceudna! A bhi chuinntinn a’ mhallaichd o shliabh Shioin, is éigin da sin bhi ro-uamhasach. A bhi air an diteadh Leis-san, a thàinig a thearnadh pheacach, is éigin da sin à bhi ‘na dhiteadh dubailte! Ach mur so bithidh e. Beueaidh Uan Dhé mar leòmhan ‘nan aghaidh! Cuiridh e iad as a’ chomunn agus tilgidh e mach iad a ‘lâthair gu saoghal nan saoghal, malluichte! Bheir e breth orra gu teine shìorruidh, agus gu comunn nan diabhul gu saoghal nan saoghal! Agus bithidh a’ bhinn so mar an ceudna, tha sinn a’ smuaineachadh, air a eur an céill le guth àrd, leis an duine Criosd: agus their na naoimh uile, “Aleluia! is fior agus is cothromach a bhreitheanais.” Cha robh neach cho iochdmhor ris na naoimh ‘nuair bha iad air thalamh, feadh aimsir foighidin Dhé; ach a nis tha crìoch air an aimsir sin, tha ‘n iochd air na h-an-diadhaidh air a shlugadh suas ann an aoibhneas, an glòir an Eadar-mheadhonair, agus ‘na chur ceart bhreitheanas an gniomh, leis am bheil a naimhde air an dèanamh ‘nan stòl a choise. Ge do ghuil am firean air uairibh ann an ionadaibh diomhair air son an uabhair, agus a chionn nach éisdeadh iad; gidheadh an sin, “Ni e aoibhneas an uair a chì e an dioghaltas: nighidh e a chosan ann am fuil an duine aingidh!” Salm lviii. 10. Cha bhi iochd an sin air a nochdadh dhoibh le ‘n dàimhíbh as dlùithe; molaidh a’ bhean dhiadhaidh ceartas a’ Bhreitheimh, ann an diteadh a fir an-diadhaidh; their an duine diadhaidh Amen r’ a diteadh-so a luidh ‘na uchd; their na pàrantan diadhaidh Aleluia, ag eur na binn an céill an aghaidh an leinibh an-diadhaidh; agus molaidh an leanabh diadhaidh, o chridhe, diteadh a pharanta aingidh, an t-athair a ghìn e, agus a mhathair a ghiulain e! Tha bhinn ceart; thugadh breth orra a reir an gniomhara, Taisb. xx. 12.
Cha d’ rinneadh dochair dhoibh: “Oir bha mi ocrach (a deir an Tighearna) agus cha d’ thug sibh dhomh biadh; bha mi tart-mhor, agus cha d’ thug sibh dhomh dedèch: Bha mi a’ m’ choigreach, agus cha d’ thug sibh aoidheadh dhomh: lomnochd, agus cha d’ thàinig sibh g’ am amharc.” Mat. xxv. 42, 43 Tha iad sin chan e mhàin ‘nan dearbhaidhean air an staid an-diadhaidh agus mhalluichte, ach ‘nan ceart chinn-aobhair agus stéidh an dìtidh: Oir ged nach ‘eil gniomhara maith a’ toilltinn slàinte, gidheadh tha droch ghnìomhara a’ toilltinn damnaidh. Chan ‘eil ach peacanna do dh’ aon ghnè a mhàin, eadhon, peacanna dearmaid, air an ainmeachadh an so; chan e gur iad sin a mhàin a bhios air an leigeadh ris, oir tha fosgladh ann leabhraichean a’ dèanamh gach ni follaiseach; ach do bhrigh gu bheil iad sin gu leòr, ged nach bitheadh tuilleadh ann, a dhannadh pheacadh nach d’ fhuair maitheanas. Agus ma bhitheas daoine air an diteadh air son peacaidh dearmaid, is mò gu mór air son peacaidh deanadais. Tha dearmad air gniomhara seire agus tròcair gu h-àraidh air an ainmeachadh, a chum béal nan aingidh a dhruideadh; oir is ro-cheart, gu faigheadh esan breitheanas gun tròcair, nach d’ rinn tròcair, Seum. ii. 13. Tha ainmeachadh air dearmad a dhèanamh air ghniomhara seire agus tròcair, a thaobh buill bhochd Chriosd a’ nochdadh, gur e breitheanas air a’ mhuiintir sin a chuala Criosd anns an t-soisgeul, a ta gu h-àraidh air a chiallachadh anns an earrann so de’n Sgriobtur; agus gur e dìmeas air Criosd a bhois ‘na aobhar mór air sgrios na muintir sin a ta ‘g éisdeachd an t-soisgeil: Ach tha naimhdeas eridheachan nan aingidh ‘na aghaidh féin, air a thaisbeanadh leis an aoidheachd a ta iad a nis a’ toirt d’a bhuill.
Is ann an dìomhain a deir iad, “C’uin’ a chunnaic sinne thu ocrach, no tartmhor? Oir tha’n Tighearn a’ meas, agus meas-aidh e, neo-chaoimhneas an t-saoghail d’a sluagh, ‘na neo-chaoimhneas an t-saoghail d’a sluagh, ‘na neo-chaoimhneas d’a féin: “A mheud ‘s nach d’ rinn sibh e do’n neach as lugha dhuibh so, cha d’ rinn sibh dhomhsa e,” rann 45. O am biadh agus an deòch a bha gu truagh air an caomhnadh, ‘nuair a bha ball de Chriosd aig an robh féum air! O an dìchuimhn’ thruagh, nach robh an naomh choigreach air a thoirt a stigh! B’ fhearr dhoibh, gu’n d’ fhàg iad an seòmar, agus an leaba féin, na gu’m biodh àite-tàimh a dhi airs an. O an t-eudaich malluichte, feudaidh an t-aingidh a rìdh a bha ‘m thigh glaiste suas a’ m’ chiste, no an crochadh ann am ionad-tasgaidh, agus nach robh air a thoirt a mach a dh’ eudaichadh a leithid sin de neach! O nach ann a ruig mi mi féin, mu’n do leig mi air falbh esan gu’n eudaich! Gnothuch malluichte, a chum mi o dhòl a dh’ fhaicinn a leithid so de naomh tinn! O mach ann a shuidh mi dh’ fhaire maillle ris oidhechan iomlan! An duine truagh a bha mi ann! e’ arson a shuidh mi socraich ann am thigh, ‘nuair bha esan ann am priosan, agus nach deachaidh mi g’a fhaicinn? Ach a nis tha na bùird air an tionndadh; ithidh seirbhisich Chriosd, ach bithidh mise ocrach: òlaidh a sheirbhisich-san, ach bithidh mise tartmhor; tha iadsan a’ dèanamh gairdeachais, ach tha mise air mo narachadh, Isa. lxv. 13. Tha iadsan air an toirt a stigh, ach tha mise air mo thilgeadh a mach, agus air iarraidh orm imeachd air falbh:
Tha iadsan air an sgeudachadh le trusgain glòire, ach tha mise lomnochd, agus tha iad a’ faicinn mo nàire, Taisb. xvi. 15. Tha iadsan a nis air an togail suas gu h-àrd, os ceann trioblaid agus péin; agus is éigin domhsa nis luidhe sìos ann an doilghios, Isa. l. 11. A nis théid iadsan gu luchairt nèimh; ach is éigin domhsa dol gu priosan ifrinn!
Ri leantuin.