THA Órdughean Dhé naomh anns na dòighean fa leth a leanas.
(1) Tha iad a deanamh sgeul gu h-uile agus gu sònraicht mu Dhia agus mu nithibh naomh.
‘N uair a tha sinn a frithealadh air aoradh Dhé tha sinn air mhodh sònraicht an lathair Dhé. ‘N uair a tha daoine a feitheamh air Órdughean Dhé tha e air a radh mu ‘n timehoill gu bheil iad a tighinn an lathair Dhé. Ier. vii. 10. “An tig sibh an sin, agus an seas sibh ann am lathair-sa, ‘s an tigh so a tha air a ghairm air m’ ainm.” Salm, c. 2. “Thigibh na fhianuis le luath-ghàire.”
Ann an Órdughean Dhé, tha co-chomunn aig daoine ri Dia, an dà chuid, ann a bhi eur an aghaidh air, mar ann an ùrnaigh agus ann a bhi seinn a chliu, no ann a bhi gabhail bh’ uaithe, a feitheamh gu sólaimte air, air son maith spioradail, mar ann an eisdeachd an fhocail; no ann a bhi eur ar n-aghaidh air agus ann a bhi gabhail bh’ uaithe anns na sáeramaidean. Tha iad air an suidheachadh a dh’ aon ghnothach chum gu ‘m bitheadh co-chomunn aig daoine ri Dia annta. Tha sinn na ‘r enuimhean an duslaich, bochd, aineolach, dall, agus ean fhacaidh Dia freagarach gu’m bitheadh ar doigh co-chomunn ris air fhagail dhuinn fein, ach thug e dhuinn Órduíghean, mar dhóighean agus meadhonan gu bhi cumail co-chomunn ris.
Ann na h-Órduíghean so tha nithibh naomh agus neamhaidh air am foillseachadh agus air an samhlachadh. Ann an sear-monachadh an fhocail tha teagasgan naomh, agus toil Dhé air am foillseachadh: anns na sáeramaidean tha Iosa Criost agus a thiodhlacan air an samhlachadh; ann an ùrnaigh agus moladh, agus ann a frithealadh air an fhocal agus air na sáeramaidean tha air creidibh, gràdh, agus ùmhlachd air an samhlachadh.
(2) Tha erioch Órduíghean Dhé naomh.
‘S e chrioch araidd a bhi glòrachadh Dhé. Tha iad air an suidheachadh gu bhi ga ‘r treorachadh ann an cleachdaidhean naomh a chreidibh agus a ghràidh, eagal diadhaidh agus urram, ùmhlachd, taignealachd, aoibhneas naomh agus bròn, tograidhean, rùntean agus dòchas an naomh. Tha fior aoradh air a dheanamh suas dhe na cleachdaidhean naomh agus spioradail sin; agus mar a tha na h-Órduíghean neamhaidh so nan Órduíghean aoraidh, that iad nan euideachadh dhuinn, gu bhi ga ‘r treorachadh gu leithid so de dh’ aoradh.
(3) Tha ùghdarras Neamh air an cùl.
Chan e mhain gu bheil iad a labhairt mu chuspair naomh agus diadhaidh, agus air an dealbh gu bhi ga ‘r treorachadh agus ga ‘r euideachadh ann an cleachdaidhean naomh agus diadhaidh, ach tha Ughdar naomh agus neamhaidh aca. Shuidhich an Dia neo-chriochnaich mòr agus naomh iad, an Triuir shiorruidh ann an Aon. Bha làmh aig gach aon phearsa anns an Trianaid ann a bhi ga ‘n suidheachadh. Shuidhich Dia an t-Athair iad, agus sin, le a Mhac. Shuidhich am Mac e fein iad agus sin mar a thuair e bho’n Athair: Eoin, xii. 49 “Oir cha do labhair mi uam fein; ach an t-Athair a chuir uath mi, thug e aithne dhomh, ciod a theirinn, agus ciod a labhrainn.” Agus dh’ fhoillsich agus dhaingnich an t-Athair agus am Mac iad na b’ iomlaine leis an Spiorad, agus tha iad air an eur ann an sgríobhadh fodh dheachdadh an Spioraid Naomha.
Tha iad naomh do bhrigh gu’n do naomhaich, na gu’n do choisrig Dia iad. Tha iad a deanamh sgeul mu nithibh naomh; agus dh’ òrdaich Dia iad, chum annta gu’m bitheadh sinne fiosrach mu nithibh naomha. Tha iad air son feum naomh; agus is e Dia, le ùghdarras sonraicht fein, a dh’ òrdaich iad air son an fheum naomh sin; ni a tha ga’n deanamh ni’s luachmhor na bhitheadh iad mur a bitheadh sin.
(4) Tha iad air am frithealadh ann an ainm Dhé.
Mar sin tha e air aithne dhuiinn na h-uile ni a ni sinn, ann am focal no gniomh, a dheanamh ann an ainm Chriosd, ni a tha gu h-àraidh gu bhi air a thuigsinn n’ar frithealadh air òrduighean. Tha òrduighean air am frithealadh ann an ainm Dhé. ‘N uair a tha ‘m focal air a shearmonachadh le teachdairean air an eur a mach, tha iad a labhairt ann an ainm Dhe, mar theachdairean Chriosd, mar cho-luchd oibre le Chriosd. II Cor. v. 20. “Uime sin is teachdairean sinn air son Chriosd;” Caib. vi. 1. “Tha sinn mar cho-oibrichean leis-san.” ‘N uair a tha fior theachdair a searmonachadh, tha e labhairt mar bhriathrabh Dhé, agus tha e ri eisdeachd ris mar neach a tha labhairt air-son Chriosd.
Mar sin, ‘n uair a tha ministeir a frithealadh nan sàcramaidean tha e samlaichadh Chriosd; tha e baisteadh na ainm, agus ann an Suipeir an Tighearn tha e seasamh na àit. Ann am frithealadh smachd eaglais, tha e ga dheanamh, mar a tha ‘n t-abstol a eur an cèil, ann am pearsa Chriosd. Air an laimh eile, tha ‘n co-thional, na ‘n tighinn am fagus do Dhia, na òrduighean, ann an ùrnaigh agus am moladh, ga dheanamh ann an ainm Chriosd, an t-Eadar-mheadhonair, mar an neach is e am Fear-ionaid, agus an neach a tha iad a teachd a dh’ ionnsuidh Dhé trid.—Eadar-theangaichte le I.M.