“S mise ‘tha gu tinn, ged nach fhaod mi aithris;
Thuit mi ann an gaol an Righ as maisiche.
“S mise ‘tha gu tinn,” etc.
Bha mi làithean àraidh, ‘s mi ‘n dùil gu ‘n d’ thug mi gràdh dha,
‘S gu robh mo chupan làn dheth, ‘s gu ‘m biodh e ‘ghnàth ‘cur thairis.
“S mise ‘tha gu tinn,” etc.
Lìon A ghràdh mo bhuadhan le sonas is le suaimhneas;
‘S ann thubhaint mi féin an uair sin, gu ‘m bithinn suas le caithreim.
“S mise ‘tha gu tinn,” etc.
Dh’ thas mi tinn le gràdh dha, chan iarrainn sguir de ‘phògadh,
‘S nach tigeadh boinne trà’idh, air an lànaehd ‘bha ‘nam anam.
“S mise ‘tha gu tinn,” etc.
Ach is beag bha mise ‘n dùil gu robh corp a’ bhàis cho dlùth dhomh,
‘S ann bha e fo na clùdan ann an seòmair cuil ‘ga fholach.
“S mise ‘tha gu tinn,” etc.
‘S ann ‘chuir e Féin thèaruint’ do m’ ionnsuidh leis na bréugan,
Ag ràdh gu ‘n robh mi tèaruint’, ged leiginn dhiom bhi caithris.
“‘S mise ‘tha gu tinn,” etc.
‘S ann shéid e gaoth o thuath orm, a lion le ceò mo bhuadhan,
‘S gu’n dh’fhas mi réisd cho fuachdaidh ‘s gu ‘m bithinn truagh gun fhasgadh.
“‘S mise ‘tha gu tinn,” etc.
‘N sin thàinig orm an seann duine gu bacadh ‘chur air m’ ùrnuigh,
Is chuir e blas an t-sùidh air na h-uile sùgh a bh’ agam.
“‘S mise ‘tha gu tinn,” etc.
‘S ann bha mise an tràth sin mar long gun stiùir gun ràmh innte;
I eoltach ri mo bhàthadh ‘s gu ‘n rachadh i bhàn fo m’ chosaibh.
“‘S mise ‘tha gu tinn,” etc.
Cha robh grian no réultan ri ‘m faicinn anns na spéuraibh,
Ach dorchadas dubh-aigein ‘s na tuinn gu léir ‘dol tharum.
“‘S mise ‘tha gu tinn,” etc.
Bu bhochd a cor an uair sin, Euròclidon ‘na uamhas;
‘Nuair bha i ‘teichheadh uaithe, gu ‘n do bhuail i air na ereagan.
“‘S mise ‘tha gu tinn,” etc.
Bha i ‘an cunnart bàthaidh, ach bha cuid gu maith air snàmh dhiubh,
‘S cuid eile chaidh air clàraibh gu tèaruint’ gus a’ chladaich.
“‘S mise ‘tha gu tinn,” etc.
‘S ann bha an t-Abstol Pòl ‘tional bhioran gu ‘bhla’chadh,
‘S ‘n uair chaidh a’ bhéisd ‘na làmh ‘s ann a thàth e i ‘s an lasair.
“‘S mise ‘tha gu tinn,” etc.
Chaidh fuachd a stigh ‘n am ehnàmhaibh, ‘sireadh connadh chum mo bhla’chadh,
‘S ean fhaighinn air an tràigh dhiubh na chuireadh blàthas air m’ anam.
“‘S mise ‘tha gu tinn,” etc.
Bha mi nis ‘n am thruaghan, gun neach a ghabhadh truas dhiom,
Na Phíllistich air m’ uachdar, ‘s mo dhruim gu cruaidh ri talamh.
“‘S mise ‘tha gu tinn,” etc.
Dh’ fhéuch mi ‘n sin ri éirigh, gun fhios ciod e a dheanainn,
‘S gu b’e mo ghòraich féin ‘thug gach éiginn orm a thachair.
“‘S mise ‘tha gu tinn,” etc.
Ach ‘s ann tha nis mo dhòchas ‘na fhocal chum mo sheòladh,
O ‘n ‘s e E féin a thoisich ‘s ann as doch’ gu ‘n tig E fhathast.
“‘S mise ‘tha gu tinn,” etc.
‘S ann tha mo bhunait theàrnaidh aig A dheas laimh anns na h-ardaibh,
Bithidh m’ anam air a theàrnadh, ‘s bithidh Satan air a chreach dheth.
“‘S mise ‘tha gu tinn,” etc.
SEORAS MACCOINNICH,
Achlaidhnis, Eadrachaolais.