Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1939 » December 1939 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

AM BREITHEANAS DEIREANNACH.

(Air a leantuininn bho t-d., 275.)

Ach ma tha ar Tighearna mar so a’ dèanamh dioghaltais air a bhi déarmad còmhnadh a dhèanamh d’a shluagh, fo ‘n leithibh sin do thrioblaidibh; ciod ris am feud iadsan a bhi sealltuinn a bha ‘nan einn-aobhair agus ‘nam meadhonaibh de na trioblaidibh sin? Ma bhios iadsan nach do bheathaich iad ‘nuair bha iad ocrach, air am beathachadh le feirg; ciod a thig riusan a chreach agus a spuill iad, agus a thug an aran féin air falbh uatha? Ciod an cupan làn de fheirg a bhios ‘na chuibhrionn dhoibh-san a bha cho fada o bhiadh no deoch a thoirt dhoibh, ‘nuair bha iad ocrach agus tartmhòr, as gu’n do mheas iad mar chionta do mhuinntir eile aoidheadh a thoirt dhoibh agus a chuir iad féin air mhisg le ‘m fuil! Is éiginn dhoibhsan còmhnuidh a ghabhail le diabhluidh gu saoghal nan saoghal, nach d’ thug aoidheadh do mhuinntir an Tighearna, ‘nuair bha iad ‘nan coigrich; an sin ciod an t-ionad tàimh a bhitheas acasan a dh’ fhuadaich a mach as an tighean féin iad, a mach á fearann an dûthchais, agus a rinn coigrich dhiubh? Bithidh daoine air an diteadh air son nach do sgeudaich iad iadsan ‘nuair bha iad lomnochd: An sin, cia trom a ‘s éiginn do bhinn na muinntir sin a bhi, a ruisg iad, agus a thug orra imeachd gun eiddidh? Gu cinnteach, ma bhios peanas cho cruaidh air a dhèanamh air son gun dol ‘gam faicinn ann an tinneas, no ann am prìosan; cha téid iadsan as o bhreitheanas trom, a thilg am prìosan iad, agus a chuir gu leithid do chruaidh-chas iad, a bhris an slàinte, a thug tinneas orra, agus a ghearr as an làithibh ann am prìosan no mach á prìosan.

A chum dreach maith a chur air an leithidibh sin de dhroch cleachdan, gabhaidh daoin’ orra, gu bheil urram aca do Chriosd agus do’n diadhachd, an uair a tha iad mar so a’ buntainn r’a bhuill, a tha siubhal ‘na cheumaibh, agus a’ bleidheadh ‘fhirinn. Tha iad an so air an taisbeanadh ag ràdh, “C’ uin’ a chunnaic sinne thu ocrach, no tartmhor, no d’ choigreach, no lomnochd, no euslan, na am prìosan, agus nach do fhritheil sinn dhuit?” rann 44. Mar gu’n abradh iad, Dhìult sinn gu’n amharus, ar n-aran, ar deoch, ar tighean, ar n-eudach, agus ar frithealadh, ach cha b’ ann do Chriosd; ach do sheorsa dhaoine, air an robh droch cliu, daoine chuir an saoghal bun os ceann, (Gniomh. xvii. 26.) a chuir buaireadh air Israel, I Righ xvii. 17. seòrsa de dhaoine ainhreiteach, teith nan ionachain; aig am bheil laghanna air leth, seach gach sluagh; mi-riaghailteach, agus ceannairceach, cha do choimhid iad laghannan nan righ; agus uime sin tha iad ‘nan daoine ro-chunnartach; cha b’ ann air son leas an righ am fulang, Est. iii. 8. Ach ge do chuireas daoine eusaontas as leth nan daoine diadhaidh, agus ge do bheir iad droch ainn dhoibh, a chum gu ‘m buin iad riu mar chiontaich; cha dèan na leithsgilean sin feum ‘sam bith dhoibh ‘san là mhór, an làthair a’ Bhreitheamh chothromaich, no am fianuis an coguis féin na’s mò; ach chithear ‘nam mothachadh féin gu ‘m b’ e aobhar an naimhdeis an aghaidh nan naomh, an naimhdeas an aghaidh Chriosd féin. ‘Se so as ciall do ‘n fhreagairt a ta mhuinntir dhìte a’ tabhairt, rann 44. agus do ‘n fhreagairt a th’ air a thoirt dhì, rann 45. “A mheud ‘s nach d’ rinn sibh e do ‘n neach as lugha dhiubh so, cha d’ rinn sibh dhomhsa e.”

‘San àite mu dheireadh, Air do ‘n bhinn a bhi air a toirt a mach air gach scòrsa, théid an sin a cur an gnìomh, rann 46. “Agus imichidh iadsan chum peanais shìorruidh; ach na fireana chum na beatha maireannaich.” Chan fhaigh a’ bhuidheann dhamainte dail ‘sam bith; ach théid iad d’ an àite féin gun mhoille; fuadaichear air falbh iad o ‘n chaithir breitheanais chum ifrinn! Agus théid na naoimh gu luchair an Righ, (Salm xlv. 15.) eadhon, chum nèimh, ionad-còmhnuidh na muinntir bheannaichte. Ach cumaidh ar Tighearna Chriosd agus a cuideachd ghlòrmhor a bhios maille ris (an Rìgh) air an là sin, agus chì iad eùil an uile naimhde; oir théid a’ mhuinntir dhamainte air falbh an toiseach.

Ann an là so an Tighearn, an là mór, bithidh an comh-losgadh coitchionn; leis an imich thairis na nèamha faicsinneach sin, an talamh, agus an fhairge. Chan e gu ‘m bi iad air an cur as, no gu ‘n cuirear gu neo-ni iad, chan e sin obair an teine; ach bithidh iad air an cur as a cheile, agus air an glanadh leis an teine sin, o uile thruaillidheachd a’ pheacaidh, na o ‘n mhallaichd, a bha orra; agus bithidh iad an sin air an ath-nuadhachadh, agus air an dèanamh na ‘s glòrmhoire agus na ‘s seasmhaiche. Mu ‘n chomh-losgadh so, tha ‘n t-Abstol Peadar a’ labhairt, II Pead. iii. 10. “Ach thig là an Tighearn mar ghadaiche ‘san oidhche; anns an téid na nèamha thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùile le dian theas; agus bithidh an talamh mar an ceudna agus na h-oibre a ta ann, air an losgadh suas.” Faic mar an ceudna rann 7, 12. Agus mu ath-nuadhachadh an t-saoghail tha e ag ràdh, “Gidheadh tha dùil againne ri nèamhaibh nuadh agus talamh nuadh, a’ reir a gheallaidh, anns an còmhnich fireantachd,” rann 13.

Tha e freagarrach do na Sgriobtur, agus do nàdur an nì féin, a bhi meas gu lean an comh-losgadh so an déigh a’ bhreitheanais choitchionn; air do ‘n bhinn dol thairis air gach euideachd fa leth roimh sin. Agus tha mi ‘ga mheas mar nì coslach, gu’n tàthair e ‘nuair a théid a’ bhinn a chur an gnìomh air a’ bhuidhinn dhamaínte; chum as gu ‘n imich iad air falbh, a reir am binne, agus gu ‘n téid na nèamha agus an talamh air falbh, le chéile a dh’ aon uair, aig an achmhasan uamhasach sin o’n righ-chaithir, a’ fuadachadh air falbh na muinntir dhamaínte a mach as an t-saoghal, anns an teine so, chum an teine shìorruidh a ta air ulluchadh do ‘n diabhul agus d’ a ainglibh. Eadhon mar anns an dìle, ris am bheil an t-Abstol Peadar a’ coimeas a chomh-losgaidh, no losgadh an t-saoghail, (II Phead. iii. 6, 7.) sgriosadh an saoghal féin, agus na h-aingidh a bha ann le chéile; air do ‘n cheart uisge a sgrios an talamh, an luchd àiteachaidh a sguabadh air falbh. Oir chan ‘eil e coslach, gu ‘n seas na h-aingidh idir air an talamh nuadh, anns an còmhnuich fireantachd, (II Pead. iii. 13.) agus air son an talamh so, teichidh e air falbh; nì a ta ciallachadh obair glé aithghearr: Agus teichidh e a’ ghnùis-san, a shuidheas air an righ-chaithir, Taisb. xx. 11. “Agus chunnaic mi righ-chaithir mhór gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach a theich nèamh agus talamh o ghnùis!” Tha cur an gnìomh na binne so air na h-aingidh, air a h-ainmeachadh mar so: “Muinntir air an dèanar peanas le sgrios sìorruidh o làthair (no, o aghaidh,) an Tighearna!” II Tes. i. 9. Tha ‘m focal ‘sa’ cheud chainnt a’ ciallachadh an aon nì ‘san dà earrainn; air do na nithibh sin, a bhi air an coimeas r’a chéile, tha iad a’ taisbeanadh a bhi eumail a mach gu ‘m bi na creutairean sin a mhi-ghnàth-aicheadh leis na h-aingidh, air dhoibh a bhi air am fàgail gu seasamh mar fhianuisean ‘nan aghaidh ‘sa’ bhreitheanas, air an tabhirt an déigh a’ bhinn a dhol thairis orrasan a mhi-ghnàth-aich iad, gu teicheadh air falbh maile riusan o ghnùis a’ Bhreitheimh. Is fior, gu bheil teicheadh air falbh an talaimh agus nèimh, air aithris roimh’n bhreitheanas, (Taisb. xx. 11.) ach cha dearbh sin gu ‘n téid e roimh’n bhreitheanas, na’s mò na dearbhas am breitheanas (rann 12.) roimh’n aiseirigh (rann 13.) gu bheil am breitheanas air thòiseach air. Thuilleadh air so, tha e ion-chomharrachte, anns a’ bhinn a chur an gnìomh (Taisb. xx. 14, 15.) nach e ‘mhàin gu bheil iadsan a chuireadh air cùl air an tilgeadh ‘san loch theine, ach gu bheil am bàs agus ifrinn air an tilgeadh ann mar an ceudna! Tha uile thoradh a’ pheacaidh, agus a’ mhallachd air an gluasad a mach as an t-saoghal, (air a cheart aobhar air son am bi an comh-losgadh,) agus tha iad air an druideadh ann an ionad na muinntir a dhiteadh! Thuilleadh air so uile, tha e soilleir gu ‘m bi crìoch an t-saoghail leis a’ chomh-losgadh; agus tha ‘n t-Abstol ag innseadh dhùinn, “Gu’n tig a’ chrioich dheireannach, ‘nuair a bheir e suas a rìoghachd do Dhia, eadhon an t-Athair; ‘ nuair a chuireas e as do gach uile uachdranachd, agus gach uile ùghdaras, agus cumhachd. Oir is éiginn gu ‘n rìoghaich e, gus an cuir e ‘naimhde uile fo ‘chosaibh,” I Cor. xv. 24, 25. An ni mu dheireadh dhùibh sin, mar is éiginn da bhi air a dheanamh roimh’n eirich dheireannaich, mar sin tha r’a mheas nach ‘eil e air dhèanamh ach leis a’ bhinn a chur an gnìomh, a chaidh a thoirt a mach ann an là a’ breitheanais, an aghaidh nan aingidh.

Ri leantainn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice