AM BREITHEANAS DEIREANNACH.
(Air a leantuin bho t.-d., 312.)
A nis, ma bha losgadh Shodoim agus Ghomorah, a ta air an eur suas mar bhall-sampuill (Iude 7.) cho uamhasach; cia uamhasach a bhios an là sin, ‘nuair a bhitheas an saoghal uile aig aon uair ‘na lasraichibh! Cionnus a dh’ amhairceas truaghain shaoghalta, ‘nuair a bhios an saoghal ionmhuinn-sa uile ri theine! An sin théid na daingnichean làidir agus na lùchairt àrda, le ‘n àirneis riomhach uile, suas anns an aon lasair ris na bothannaibh as isle! Có an eridhe is urrain a làn-thuigsinn uamhas an là sin do na h-aingidh, ‘nuair a bhitheas aitreach nèimh agus na talmhainn aig aon uair air an leaghdh leis an teine sin! ‘nuair a bhitheas a’ chuideachd through sin air am fuadachadh o chathir a’ bhreitheanais chum an t-slùic, le teine an taobh a stigh dhiùbh, agus teine an taobh a mach dhiùbh; agus teine as an déigh, agus air gach laimh dhiùbh; agus teine rompa, a’ feitheamh orra ‘san loch; agus an lean an teine so iad, a réir eosais!
A thaobh àite fa leth a’ bhreitheanais, ged cuid ‘g ar seòladh gu gleann Iehosaphait air a shon, gidheadh ar Tighearn, aig an robh dearbh aithne air, air dhà cheist bhi air a cur ris le dheiscio-bluibh, C’ àit’, a Thighearn? dh’ innis e dhoibh, “Ge b’ e àit am bi ‘n corp, an sin cruinnichear na h-iolairean.” Luc. xvii. 37. An déigh an fhreagraidh sin, is nì tuilleadh as mór do dhaoinibh a’ cheist ùrachadh. A thaobh an àm ‘sam bi e, is ann an dìomhain a ta daoine a’ rannsachadh air son an nì a rùnaich an Tighearn a chumail dìomhair, Gniomh. i. 7. “Cha bhuin e dhuibhse fios nan aimsir no nan àm fhaotainn, a chuir an t-Athair ‘na chumhachd féin.” Tha ‘n t-abstol Pòl, an déigh dha nochadh gu soilleir mu dhara teachd Chriosd, I Tes. iv. 16, 17, ag ràdh, “Ach mu thimchioll nan aimsir agus nan àm chan ‘eil feum agaibhse, a bhràithre, mise a sgrìobhadh d’ ur n-ionnsuidh: Oir a ta sàr fios agaibh féin gu ‘n tig là an Tighearna mar ghaduiche ‘san oidche,” caib. v. 1, 2. Gidheadh, rinn cuid ann an iomadh linn, glé dhàna ann a bhi labhairt mu ‘n àm; agus bha bliadhnacha fa leth a ta nis seachad, air an ainmeachadh do ‘n t-saoghal, air son aimsir na crìche deireannaich, le daoine a bha dol a steach do nithe folaichte Dhé: Chuir aimsir an céill do ‘n t-saoghal cho bras agus cho amaideach ‘sa bha iad; agus tha e coslaich nach bi iadsan na ‘s ceairte ‘nam barail, aig am bheil an aimsir shuidhichte fathast ri teachd. Bitheamaid toilichte gu bheil e teachd. Chum Dia an là falaichte uafinn, a chum gu’m bi sinn gach là ullamh air a shon, Mat. xxv. 13. “Dèanaibh faire air an aobhar sin, do bhrìgh nach aithne dhuibh an là no an uair, air an tig Mac an duine.” Agus euimhnicheamaid, gu ‘n suidhich là deireannach ar beatha, ar staid air là deireannach an t-saoghal; agus mar a gheibh sinn bàs, mar sin bheirear breth oirnn.
I. Co-dhùnaidh mi nis an teagasg so, le cuid de fheum a dhèanamh de na chaidh a ràdh.
Feum I. A chum comhfhurtachd do na naoimh uile.
Ann an so tha pailteas de chomfhurtachd do na h-uils a ta ann an staid gràis. Ciod air bith mar tha bhr trioblaidean anns an t-saoghal, ni an là so suas bhr calldach uile: “Ge do luidh sibh am measg phota, bithidh sibh mar sgiathaibh columain air an comhdachadh le h-airgiod, agus iteagan le h-òr buidhe,” Salm lxviii. 13. Ged mhaslaicheas an saoghal sibh, ged bheir e breth agus a dhìteas e sibh; fuasglaidh am Breitheamh air an là sin sibh, agus bheir e mach bhr fireantachd mar an solus. Chithear an sin gu ‘m b’ iad amadain an t-saoghal na daoine glice a bha ann a mhàin. Ged tha ‘n crann-ceusaidh trom, is mith a dh’ fheudas sibh a ghiùlan, ann an dòchas ri erùn na fireantachd, a bheir am Breitheamh cothromach an sin dhuibh. Ma tha ‘n saoghal a’ dèanamh dìmeas oirbh agus a’ buntainn ribh le ‘mhór tharcuis, na biodh suim agaibh dheth; tha ‘n là a’ teachd anns an suidh sibh maille ri Criosd air a righ-caithir. Na bithidh fo mhi-mhisnich, do thaobh buairidhean lionmhor; ach cuiribh an aghaidh an diabhuil, ann an earbsa ri buaidh iomlan; oir bheir sibh breth air a’ bhuaireadair mu dheireadh. Ged tha gleachd agaibh a nis ri corp a’ pheacaidh agus a’ bhàis, gùidheadh gheibh sibh bhr n-uile naimhde fuidh bhr cosaibh mu dheireadh, agus bithidh sibh air bhr nochadh gun choire am fianuis làthaireachd a ghloire. Na tugadh uamhas an là sin mi-mhisneach dhuibh, ‘nuair a a smuainicheas sibh air; bithidh iadsan a rinn dìmeas air a’ Bhreitheamh, agus a ta buanachadh ‘nan nàimhdibh dhàsan, agus do shlighe na naomhachd, a’ eromadh agus a’ crochadh sios an cinn, ‘nuair a smuainicheas iad air a theachd: Ach togaibhse suas bhr cinn le h-aoibhmeas, oir is e an là deireannach ar là ‘s fearr. Is e am Breitheamh bhr Ceann agus bhr Fear-pòsda, bhr Fear-saoraidh, agus bhr Fear-tagraidh. Is éiginn duibh taisbeanadh an làthair eathir a’ bhreitheanais, ach “cha tig sibh chum ùntidh,” Eoin, v. 24. Cha bhi a theachd-san ‘nur n-aghaidh, ach air bhr son. Thàinig e anns an fheòil, a thòirt air falbh gach grabadh air a phòsadh spioradail, le a bhàs; thàinig e anns an t-soisgeul d’ ur n-ionnsuidhse, gu ‘r pòsadh ris féin; thig e, air an là dheireannach, a dhèanamh follaiseach a’ phòsaidh, agus a thabhairt na mmà pòsda dhachaidh gu tigh ‘Athar. Seadh, thig a Thighearn Iosa.
Feum II. A chum uamhas do na h-uile ana-creideach, feudaidh so fóghnadh gu ginealach socrach neo-chùramach a dhùsgadh, saoghal ‘na luidhe an aingidheachd, mar nach biodh iad gu bràth gu bhi air an gairm chum cunntais air a shon; agus a’ deanamh tàir air an Eadar-mheadhonair, mar nach biodh e ri breth a thoirt orra.
Ah! cia teare iad aig am bheil mothachadh beò mu ‘n bhreitheanas ri teachd! tha chuid as mò de dhaoine beò mar nach biodh anns na th’ air air a ràdh o ‘n fhoical uime, ach sgeula faoin. Tha caithe-beatha mi-naomha mhòrain, ag innseadh gu bheil smuaintean uime fada o an eridheachaibh, agus da rìreadh a’ dèanamh fanoid air an làthair an t-saoghal, ag ràdh, “C’ àit’ am bheil gealladh a theachd?” Tha cealgaireachd muintir eile, a tha dalladh suilean an t-saoghail le aidmheil dhealrach, air dhoibh a bhi ann an coslas caoraich Chriosd, am feadh a ta iad da rìreadh ‘nam gabhair an diabhuil, ‘na dhearbh-adh gu bheil sgarachdainn mhór nan caoraich o na gabhraibh glé bheag air a ghabhail gu eridhe. Cionnus a ta móran ‘gan toileach-adh féin ann an aingidheachd dhiomhair as an gabhadh iad nàire an làthair fhanuisean? Gu’n a bhi toirt fainear, gu ‘m bi an smuaiinte agus an gnlomharan is dìomhaire, air an là sin, air am foillseachadh, an làthair a’ choimthionail mhóir! Cia dian a ta eridheacha dhaoine air an socrachadh air an t-saoghal, mar bu b’ e an àite-còmhnuidh sidrruidh e! Tha na h-àrd-fhèille naomha, agus na h-òrduighean follaiseach, far am bheil am Breitheamh air gnothuch sìth ris na ciontaich, air an eur suarach: Snàmhaidh eridheachan dhaoine mar itean ann an uisgibh an ionaid naoimh, a théid fodha mar chlachan gus an iochdar, ann an eùramaibh na beatha so; bithidh iad glé churamach ann an uithibh suarach an t-saoghail so, agus neo-chùramach ann an nithibh as luachmhoire agus as eudthromaiche an t-saoghail eile! Ach, O! smuainieibh air an là a ta tarruing dlùth, anns an tig Chriosd chum breitheanais! Bheirear gairm do ‘n t-soaghal le fuaim na trompaid deireannaich, teachd an làthair na caithir-bhreitheanais! Suidhidh am Breitheamh air a righ-caithir, agus cuirear na h-uile chinnich ‘nan seasamh ‘na làthair! Nithear an t-eadar-dhealachadh eadar na naoimh agus na h-aingidh! Fosgailear na leabhraichean, agus bheirear breth air na mairbh a mach asda! Bithidh aon bhuidheann air an òrduchadh gu beatha mhaireann-ach, agus a’ bhuidheann eile gu teine shìorruidh, a reir an oibre. Bu shealladh ro-iongantach e, na’m b’ urrainn dhuit thu féin fhilleadh suas ann an neul éiginn dorcha, no thu féin fholach ann an sgolta creige àird, o am faiceadh tu righrean aingidh, prionsaechan, breitheamhna, agus daoine móra na talmhainn, ag éirigh a mach as an uaighibh marmoir, agus air an toirt an làthair na caithreach, a fhréagairt air son an uile ainnert, an ana-ceartais, am foirneart, agus am mi-naomhachd, gun chom-harra air inbhe, ach na tha ‘n aingidheachd a’ cur orra! Ministeirean an-diadhaidh, mi-naomha, agus neo-fhìrinneach air an ruagadh le madlaichdan an t-sluaigh chailte o an uaighibh gu caithir a’ bhreitheanais, agus air an agradh le fuil anama do nach d’ thug iad rabhadh ffrinneach! Daoine cumhachdach a’ seasamh a’ criothnachadh an làthair a’ Bhreitheimh, neo-chomas-ach air ruigsinn air an dànadas, bu ghnàth leò chleachdamh, gu esan, mhealladh le ‘n cuilbheartaibh, no iad féin a dhion le ‘n neart! Mnathan sòghar air an tilgeadh a mach as an uaighibh, mar ghengaibh gràineil, air an tarruing chum na caithir bhreitheanais a fhréagairt air son an caithe-beatha mi-naomha! A’ mhùintir aineolach gu h-ealamh air an teagasg, anns an lagh, air an cosd; agus a’ mhùintir fhòghluinte air an nochdadh, an làthair an t-soaghail, ‘nan amadain, agus ‘nan luchd-saothrach dìomhain! Tha fear-àicheadh Dhé air a leigeadh ris, an cealgair air a rùsgadh, agus am fear mi-naomha mu dheireadh, air a thoirt gu smuaineachadh da-rìreadh mu staid shìorruidh! Mortadh uaigneach, adhaltranais, gadachd, mealtaireachd, agus oibre eile an dorchadais, a rinn fanoid air gach uile rannsachadh dhaoine, air an nochdadh, agus air an dèanamh follaiseach an làthair an t-saoghail, leis gach nì bha ‘nan co-chuideachd! Chan ‘eil iochd air a nochdadh do na bochdaibh! Tha sligean cothromaiche an t-saoghail air an tìomndadh; diadhachd fo fhoirneart agus fo thàir air a eur suas, agus sin-diadhachd a bha soirbheachadh air a toirt sios fadheoidh. Na h-uile nach ‘eil air am faotainn ann an Criosd, air an toirt a làthair, air an leigeadh ris, agus air an diteadh gun spéis do phearsaibh, agus air am fuadachadh o’n chaithir-bhreitheanais a chum an t-sluic; am feadh a ta iadsan a ta air am faotainn ann-san aig an là sin, air dhoibh a bhi air an saoradh an làthair an t-saoghail, a’ dol maille ris chum nèimh! Nì h-eadh, ach chan fheud thusa dol as mar sin; is éiginn duitse thu féin, nach ‘eil ann an Criosd, do chuid a bhi agad anns a’ chuis bhrònaich agus eagalaich so!
A pheacaich, is e an dearbh Thighearna Criosd sin, air am bheil thu nis a’ dèanamh dìmeas a ta thu lot tre chliathaich a theachdairean, agus roimh am bheil thu ròghnachadh t’ anamiana, a bhios ‘na Bhrèitheamh ort! Agus bithidh Slànuighear a chuireadh air cùl ‘na Bhrèitheamh cruaidh! O ciod an sliabh, ciod a’ chreag a gheibh tha a thuiteam ort, gu d’ fholach o’ aghaidh-san a ta ‘na shuidhe air an righ-chaithir! Tha nis carnig agad an taobh a stigh dhiot, eridhe adamaint, air chor as gu bheil thu meas saighdean an fhocail mar chonnlaich, agus gu bheil thu dèanamh gàire ri crathadh na sleagha: Ach spoiltidh a’ charraig sin aig sealladh do ‘n Bhrèitheamh; brisidh an eridhe cruaidh ann an sin, agus ni thu gul agus caoidh, ‘nuair nach bi feum ann an gul no caoidh! Tuitidh euibhricean a’ bhàis air falbh, sgeithidh an uaigh a mach thu, cruinn-leumaidh na sléibhteann uait, agus dùltaidh na creagan do bhleith gu mìn-luaitheadh! Cionnus a dh’ fhuillingeas na sùilean malluichte sin sealladh de ‘n Bhrèitheamh! Feuch tha e teachd! C’ àit’ am bheil an luchd-mionna-mi-naomha, a reub a lota; an truaghan saoghalta, nis air a threigsinn le Dhia; an cealgair modhail, a phòg agus a bhrath e; fear tarcuis an t-soisgeil, a chuir air falbh e ‘na theachdairean ag osnaich, a mhi-naomhaich ‘òrduighean, agus a shaltair fo chois air fhuil luachmhor? O mhortair, is e an Duine a mharbhadh do Bhrèitheamh! Is e sin esan a rinn thu mar sin a mhasluachadh. Feuch tha Uan Dhé air an d’ rinneadh tair, a’ taisbeanadh mar leomhan a’ t’ aghaidh! Cionnus a dh’ fhuilingeas do chridhe saighdean a ghnùis theinntich! Bithidh an éridhe eloiche sin, a ta nis a’ cumail a mach ‘na aghaidh, an sin air a sgoltadh suas; cruinnichidh an aghaidh sin a ta dibltadh ruidheadh a nis dorchadas an sin; sàthaidh saighdean na feirge, far nach urrainn do shaighdean a’ mhothachaidh a nis ruigheadh. Ciod a fhreagras tu dha, ‘nuair a dh’ èireas e suas, agus a chuir-eas e as do leth do neo-chreidimh agus do neo-aithreachas? An abair thu nach d’ fhuair thu rabhadh, Bheir coguis an taobh a stigh a’ bhreug dhuit; bheir na h-osnaich uaigneach agus sgrios na muinntir a thug rabhadh dhuit, fianuis a t-aghaidh. Na’n innseadh leanabh no amadan dhuit, gu ‘n robh do thigh ri theine, ruitheadh tu air ball gu chur as; ach ann an gnothuichibh na siorruidheachd, lionaidh daoine air tìs an eridheachan le eas-aonta an aghaidh nan teachdairean, agus an sinn tilgidh iad an teachdaireachd air an eul: Ach cha dèan na leithsgeil fhaoin agus amaideach so stà, ann an là an Tighearna. Cionnus a chluinneas na elusa malluichte sin a tha nis bodhar do ghairm an t-soisgeil, a tha toirt cuiridh do pheacaich teachd gu Criosd, a’ bhinn eagalach sin, “Imichidh uam a shluagh malluichte, dh’ ionnsuidh an teine shiorruidh, a dh’ulluicheadh do ‘n diabhul agus d’ a ainglibh”? Cha bhi fear-éisdeachd codalaich an sin, cha bhi eridhe duine dol an sin air seacharan; bithidh an eridheachan agus an sùilean an sin suidhichte air an truaighe, nì nach creid iad a nis! O gu ‘m b’ aithne dhuinn ann ar là so féin, na nithe a bhuneas d’ ar sìth.
‘San àite mu dheireadh, Bithibh air bhur n-earalachadh an fhìrinn mhór so chreidsinn; agus creidibh i, air a leithid de dhòigh as gu’n ulluich sibh air son breitheanais ann an àm. Cuiribh suas cathir-bhreitheanais ‘nur n-uchd féin, agus gairmibh sibh féin gu tre gu cumtas an sin. Dèanaibh am Brèitheamh ‘na charaid duibh ann an àm, le dlùthachadh ris ann an tairgse an t-soisgeul; agus dèanaibh gach uile dhìchioll, gu ‘m bi sibh air bhur faotainn ann an Criosd aig an là sin. Tilgibh dhibh oibre an dorchadais agus bithibh beò mar a’ creidsinn gu bheil sibh, anns gach uile ám, agus anns gach uile àite, fo shùil bhuir Breitheimh, a bheir gach obair chum breitheanais, maille ris gach ni diomhair. Bithibh tarbhach an deadh oibre; air dhuibh fios a bhi agaibh, gur ann mar a chuireas sibh, a bhuaíneas sibh. Dian-leanaibh diadhaichd a thaobh Dhé, firinnteachd agus deadhghean a thaobh dhaoine. Taisgibh suas pailteas de oibre deire agus tròcair dhoibhsan a ta ‘n trioblaid, gu h-àraidh dhoibhsan a tha de theaghlach a’ chreidimh, chum gu’m bi iad air an toirt a lâthair air an là sin mar dhearbhaidhean gu’m buin sibh do Chriosd. Na druidibh suas bhuir tiom-chridhe thròcaire, a nis, an aghaidh nam feumach; air eagal nach faigh sibhse, an sin, tròcair. Thugaibh an aire, ann bhuir n-uile oibre, gu ‘m bi sibh aon-fhillte agus treibhdhireach; ag amharc ri glòir bhuir Tighearn annta uile, teisteas air bhuir gràdh dha, agus air ùmhlachd d’a àithne. Fàgaibh do na cealgairibh, aig am bheil an duais a bhi a’ cur an cur an cèill na h-uile duine dhiùbh, a mhaithneas féin, agus a bhi séideadh trompaid, ‘nuair a ni iad an deircean. Is spiorad suarach agus agus neo-chriosdaidh e, aig nach urrainn tlaichd a ghabhail ann an gnìomh maith, mur bi e air an nochdadh do shealladh muintir eile: Tha e gu h-uile mi-chiatach ann an neach, a ta creidsinn gu ‘n gairm an trompaid dheireannach ri chéile an saoghal uile, an lâthair an cuir am Breitheamh an cèill gnìomhara bha da rireadh maith, ciod air bith cho uaigneach ‘sa rinneadh iad. Bithibh beò ann an earbsa chreideach ri teachd an Tighearna. Biodh bhuir leasraidh a ghnàth erioslaichte, agus bhuir lòchraim laiste; mar sin ‘nuair a thig esan, co dhiùbh aig là deireannach bhuir beatha, no aig là deireannach an t-saoghal, gu ‘m bi sibh oemasach air a ràdh le h-aibhneas, Feuch, is e so ar Dia-ne; dh’fheith sinn ris! Isa. xxv. 5.
Ri leantuin.