LE SEUMAS RENUIC.
THA’N cheud chaibdeil ann an Leabhar an Taisbeanaidh na dhearbadh air a so, oir an sin tha e air a ràdh gu bheil Criost ag imeachd ann am meadhonnan seachd coinleirean, a ciallachadh nan seachd eaglaisean; agus anns an dà fhiiceadaibh Salm, tha e air a ràdh gu bheil e gabhail tlaichd-ne bhi dèanamh seirbhis dhà. Tha tlaichd aig ann a bhi faicinn chreutairean bochd ag iarraidh ga ionnsuidh agus a eur an earbsa ann. O’s e sealladh taitneach th’ anns a chreidmheach. Tha e ga ‘n samhlachadh ris an lili am measg nithean eil; oir tha’n eaglais do ‘Chriosd mar an lili am measg droighean. O chreidmhich, nach bi sibh air ‘ur dèanamh na ‘r luchd co-phairt da nàdur diadhaidh-san, agus bithidh sibh coltach ris, agus tlaichdmhor dha, agus ni e gàirdeachas mór annaibh, agus imichidh e na ‘r measg: cha leig mi leas so a dhearrbhadh na’s fhaide, agus leudaichadh air bith a ni mi air’s ann an rathad a bhi comharrachadh a mach an fheum a ghabhas dèanamh dheth.
(1) Ann an rathad co-éigneachadh.
O dhaoine, gabhaidh beachd air a ghràdh a tha aig Criosd do chreidmhich. Tha e air a ràdh nach cum nèamh nan nèamh e, gidheadh gu bheil e na chòmhnuidh maillle ris-san a tha iorasal agus leòinte na spiorad. O an t-iongantas gu’n gabh e còmhnuidh, maillle ri duslach thruailidh. O mar sin, paisgibh sibh fhèin suas ann a’ mór iognadh ri aghaidh a mhór irisleachd-san.
(2) Ann an rathad comhairleachadh.
O mar sin gabhaibh iognadh de shuidheachadh sona nan creidmheach; gabhaidh iad còmhnuidh ann an tigh tlaichd-mhor an aoibhnis gu siorruidh. Co, uime sin, nach fhàgadh na h-uile ni a chum a bhi maillle ris-san? O dhaoine, fàgaibh bhur n-iodholan agus dèanamh roghainn de ròs Sharoin, agus dheth-san is e lili nan gleann.
(3) Ann an rathad fianuis.
O dhaoine, an ann maillle ri creidmhich a ghabhas Criosd còmhnuidh? O, uime sin, thigibh agus duinibh ris-san, chan e mhàin a ghabhas còmhnuidh maillle ribh, ach a ni na h-uile nithibh air ‘ur son, agus annaibh. O thigibh ga ionnsuidh. Ach O tha mòran agaibh na ‘r ginealaich brùideil, nach bi ain ‘ur gluasad le ‘r cor truagh agus caillte fèin ged a tha esan air a thairgse dhuibh. Ach ann an so, na ainm, tha sinn ga ‘r cuireadh gu tighinn agus dùnadh ri Criosd, agus gabhaidh e còmhnuidh maillle ribh agus bithidh na h-uile nithibh agaibh; ach ma dhiùltas sibh, tha sinn ga fhagail aig bhur doras mar flianuis na ‘r n-aghaidh. O dhaoine, an ann so tha sinn a eur an aghaidh gu bheil coir air bith agaibh, aon chuid, ann an creidimh an dearbh-bheachd na ann an creidimh leanmhainn, mar a tig sibh agus an dùin sibh ris mar a tha e air a thairgse anns an t-soisgeul: ach, O thigibh, agus dùinibh ris, agus an sin faodaidh sibh coir agairt air creidimh leanmhainn agus creidimh dearbh-bheachd a tha ri tighinn bh’ uaithe fèin. O thigibh, thigibh.
(4) Ann an rathad teasgaig.
O iarraibh a bhi na ‘r luchd co-phairt da fhireantachd agus da choslas, agus mar a tha esan naomh, iarraibh a bhi naomha coltach ris. O dealaicheadh an fhurnais anns an robh sibh agus anns am bheil sibh an uine fhada so, sibh bhó ‘ur n-uile shalchar. Nis bithibh ag ùrnuigh nach e mhàin gu’m foillsicheadh e dhuibh an salchar a tha annaibh, ach gu’n dealaicheadh e sibh bho ‘n t-salchar sin, agus gu’m bitheadh e air a thoirt dhuibh a bhi dèanamh aoibhneas a nis, agus ma dheireadh a bhi seinn orain bhuaidh. Agus maillle ri deagh chaithe-beatha agus gluasad, saothraichibh gu greim ceart a bhi agaibh air an aobhar na’r eridheachabh, agus an sin cha bhi e air a cheadachadh dhuibh aontachadh le naimhdibh anns an nì is lugha; agus ga b’e dh’ iarras naimhdibh, agus iadsan a dh’ aontaicheas leo, mar ehomharadh air g’éilleadh na aontachadh bh’ uaibh-se, diùltaibh iad an sin, ge b’e cho beag agus ga’m bi e; oir tha’n t-àm air teachd anns am féum sibh fulang. O mar sin, dèanamh dìchioll air fulang gu glan, oir ciallaichidh sin sith coguis dhuibh aig erioch an latha.—Eadar-theangaichte le I.M.