(Air a leantwinn bho t.-d., 356.)
Air dhomh labhairt o ‘n chuibhrionn so de ‘n Sgriobtur, d’ am bheil am bonn-teagaig ‘na earrainn, mu ‘n bhreitheanas dheirean-nach; agus air dhomh a nis gu labhairt mu shonas siorruidh nan naomh, agus mu thruaighe shiorruidh nan aingidh, o na binnibh fa leth a chuirear an céill orra ‘san là mhór; gabhaidh mi iad ‘san òrdugh ‘sam bheil iad air an cur sios mu ‘r coinneamh; a chionn mar, tha bhinne air tús air a toirt a mach air na fireanaich, mar sin gu ‘m bheil i air a cur an gnìomh air tús, ged tha e cosmhuil gu ‘m bi a’ bhinn eile air a làn chur an gnìomh mu ‘m bi so air a chriochnachadh.
Tha briathra an teagaig a’ gabhail a steach na binn aoibhneich féin, le roimh-ràdh ann an rathad eachdruidh uimpe, a ta tabhairt eunntais air a’ Bhreitheamh a’ cur na binn an céill; an Righ, Iosa Criosd: a’ chuideachd air am bheil i air a tabhairt, iadsan air a dheis; agus an t-àm a bhitheas i, ann an sin, cho luath ‘sa tha ‘n deuchainn thairis. Umpa sin labhair mi eheana: Is i bhinne féin a ta sinn a nis ri thoirt fainear, Thigibh a dhaoine beannaichte m’athar-sa, seasaibh air bhur n-ais, O sibhse ghabhra mì-naomha! Air falbh leis gach anam neo-iompaichte nach ‘eil air an aonadh ri Iosa Criosd; chan ‘eil so air bhur sonsa! Thigibh, O naoimh, a ta air bhur toirt a mach as bhur staid nàduir gu staid gràis! Feuch so staid na glòire a tha feitheamh oirbh! Ann an so tha glòir air a cur sios dhuinn ann am briathraibh agus an litrichibh; sgàthan, anns am feud sibh bhur sonas siorruidh fhaicinn; dealbh, no iomhaigh, do thigh Athar Chriosd, anns am bheil iomhaigh àite-còmhnuidh.
Tha bhinn ghìormhor so a’ giùlan dà ni (1.) An sonas iomlan ‘sam bheil na naoimh gu bhì air an cur an seilbh, eadhon an rioghachd (2.) An toirt a steach aoibhneach d’a h-ionnsuidh: “Thigibh, a dhaoine beannaichte m’ Athar-sa, sealbhaichibh.” Air tús, Is e an sonas iomlan, an rioghachd. Is i rioghachd, àirde sonais shaoghalta; ean ‘eil ni air thalamh as mò na rioghachd; Uime sin, tha ‘n eudthrom diomhair de ghloir ann an nèamh air a chumail a mach dhuiinn fuidh’n bheachd so. Ach cha rioghachd choitchionn i, is i an rioghachd i; rioghachd nèimh, a’ dol os ceann na h-uile rioghachd ‘san t-saoghail, an glòir, an urraim, an tairbhe agus an toillintinn, ann an tomhas neo-chriochnaich, na tha iadsan a’ dol os ceann staid ialal deireich ann an luideagaibh agus air an otrach. ‘San dara àite, Tha dol a steach aoibhneach aig na naoimh d’ an rioghachd so, Thigibhse sealbhaichibh an rioghachd. Ann an sealladh aingle, dhaoine, agus dheamhna, tha iad air an eur an seilbh rioghail, agus gu follaiseach air an gabhail a steach an làthair an t-saoghail uile le h-Iosa Criosd, an Tì a ‘s e Oighre nan uile nithe, aig am bheil gach uile chumhaichd, air nèamh agus air thalamh. Tha ‘n còir air an rioghachd, gu sòleimnte air aithneachadh agus air aidmheil! Tha iad air an gabhail a stighe innte, mar oighreachan cinnteach na rioghachd, gu sealbhaichadh le oighreachd no crann-chur, mar tha ‘m focal gu ceart a’ ciallachadh; a chionn, o shean, gu robh oighreachdan air an comharrachadh a mach le crannchur, mar bha Canaan do Israel, mar cheud-ghin Dhé, mar a ghairmear dhiùbh, Ecsod. iv. 22. Agus a chionn gur i an rioghachd so, rioghachd an Athar, tha iad uime sin gu follaiseach air an aideachadh ‘nan dol a steach innte, a bhi ‘nam muinntir bheannaichte Athar Chriosd; beannachadh a bha air a thoirt dhoibh fada roimh ‘n bhinn so, ach a ta nis gu follaiseach air aidmheil agus air a dhaingneachadh dhoibh leis an Eadar-mheadhonair ann an ainm ‘Athar. Is fiù a thoirt fainear, nach ‘eil e ag ràdh, sibhse ta beannaichte leis an Athair; ach, sibhse dhaoine beannaichte m’ Athar-sa: a’ nochdadh dhuiinn, gu bheil na h-uile beannachd a ta air a thabhairt dhuiinn, a’ teachd o ‘n Athair, tobar a’ bheannachd, mar is e Dia agus Athair ar Tighearn Iosa Criosd, tre am bheil sinn air ar beannachadh, Eph. i. 3. Agus fadheoidh, tha iad air an gabhail a steach do ‘n rioghachd so, mar sin a bha air “ullachadh dhoibh o leagadh bunaite an domhain,” ann an rùn siorruidh Dhé, mu ‘n robh iadsan no aon diùbhsan, ann; ehum gu faiceadh an saoghal gur i beatha mhaireannach saor thiodhlac Dhé.
Fiosraichidh mi dà ni ann an so: (1.) Nádur an rioghachd so. (2.) Dol a steach nan naomh innte. Agus an sin ni mi cleachdamh iomehuidh do ‘n iomlan.
Air tús, A thaobh nàduir rioghachd nèimh, tha ar n-eòlas uimpe ro neo-iomlan; oir, “Chan fhaca sùil, agus cha chuala cluas, agus cha d’ thàinig ann an cridhe duine, na nithe a dh’ ulluich Dia dhoibhsan aig am bheil gràdh dha,” 1 Cor. ii. 9. Eadhon, mar a ta pàranta le coimeasan aithnichte a’ teasgasg an cloinne, mu nithe, air dhòigh eile nach urrainn dhoibh a thugisinn gu ceart: Mar sin, thoilich e ar Dia gràsmhor-ne, ann an smuaineachadh air ar n-anmhuinneachd, sonas nèamhaidh a nochdadh dhuinn, an samhlaean air an toirt o nithibh talmhaidh, e ta glòrmhor an sùilbh dhaoine; a chionn gu biodh sealladh faicsinneach de ‘n ghloir nèamhaidh, as eugmhais coimeasan talmhaidh, ro shoilleir air son ar sùile anmhunn, agus cha dèanamaid ach sinn féin a chall annta. Air an aobhar sin, a nis, chan urrainn aon labhairt ach mar leanaban mu na nithibh sin, a nochdas an dà gu soilleir.
Tha staid na glòire air a taisbeanadh fo bheachd roghachd; air do rioghachd am measg dhaoine, bhi an ni sin anns am bheil an àireamh as mò de nithibh maithne na talmhainn a’ coinneachadh. A nis sealbhaichidh na h-uile naomh, mar righ, rioghachd. Bithidh uile iochdarain Chriosd ‘nam righrean, gach aon le chrùn air a cheann: Chan e gu’n rùisg an Righ mòr e féin d’ a rioghalachd, ach ni e ‘chlann uile ‘nan luchd comhpairt d’ a rioghachd.
I.
Bheirear do na naoimh cumhachd agus ùghdaras rioghail. Cha toir ar Tighearna ainmean falamh do chuspairean a ghràidh, ni e ‘nan righribh da-rìreadh iad. Bithidh uachdranachd nan naomh ‘na uachdranachd fada os ceann an righ as mò bha riamh air ann talamh! Bithidh iad ‘nan làn-uachdarain air peacadh, aig an robb air uairibh uachdranachd orra.
Bithidh làn-riaghladh aca os ceann an spioraid féin, riaghladh iomlan os ceann an aigne agus an iarrituis, a ta nis a’ cur na h-urrad de dhragh orra: bithidh freumh buaireasach nan aigne truailidh air am fògradh gu bràth a mach as an rioghachd sin, agus cha bhi comas aca gu bràth tuille an grabadh as lugha chur orra. Bithidh cumhadhd aca os ceann nan cinneach na h-aniadhaich de na h-uile chinneach “agus riaghlaidh siad iad le slait iarunn,” Taisb. ii. 26, 27. Bithidh uile shaoghal nan aingidh air am briseadh rompa: Bithidh Satan air a bhruthadh fo ‘n casaibh, Rom. xvii. 20. Cha bhi e gu bràth comasach air buaireadh a chur orra na ‘s mò; ach bheirear breth leò airs an, agus ‘nan sealladh, bithidh e air thilgeadh, leis a’ chuideachd an-diadhaidh, gus an loch theine agus phronnuise! Mar sin riaghlaidh iad os ceann an luchd-sàruchaidh. Air dhoibh an deadh chath a chur, agus a’ bhuaidh fhaotainn, ni Criosd dhoibh mar a rinn Iosua d’a cheannardaibh, a’ toirt orra teachd am fagus, agus an cosan a chu air muinealaibh righrean, Ios. x. 24.
II.
Bithidh na brataichean rìoghail aca. Air son righ-chaithir, bheir Criosd dhoibh suidhe maille ris-san air a righ-chaithir-san, Taisb. iii. 21. Bithidh iad air an togail gus an urram agus an inbhe as àirde air am bheil iad comasach; agus, ‘na mhealtuinn, bithidh sith bhuan shiorruidh aca, an déigh na h-uile h-ioman a bh’ aca ‘san t-saoghal, ‘nan slighe chum na righ-chaithreadh. Air son crùin, gheibh iad crùn ‘na glòire, nach searg as, 1 Phead. v. 4. Chan e crùn fo bhàthaibh, mar a fhuair iochdaran air uairibh, air dhoibh a bhi ‘nan luchd-buaidh; searg-aidh an crùn sin gu h-ealamh, ach cha searg an crùn-san gu bràth. Cha chrùn oir e, leithid ‘sa tha righre talmhaidh a’ caitheadh; tha eadhon crùn òir gu tric air a shalachadh, agus air a’ chuid as fèarr, chan urrainn e iadsan a ta ‘ga chaitheadh a dhèanamh sona. Ach ‘se bhios ann crùn glòire. Crùn glòire, is e crùn na beatha e, (Taisb. ii. 10.) a’ bheatha sin do nach aithne crìoch; crùn nach urrainn bàs gu bràth a thoirt bharr an cinn. Is éiginn da bhi ‘na chrùn maireannach, oir is crùn fireantachd e, 2 Tim. iv. 8. Bhà e air a cheannach dhoibh le fireantachd Chriosd, a ta air a meas doibh; tha iad air an dèanamh iomchuidh air a shon le fireantachd ‘san taobh a stigh; tha fireantachd no fìrinn Dhé, ‘ga dhèanamh cinnteach dhoibh. Bithidh slat rìoghail aca, slat iarruinn, (Taisb. ii. 27.) uamhasach do ‘n t-saoghail aingidh uile!
Agus claidheamh mar an ceudna, “Claidheamh dà fhaobhair ‘nan làimh, a chum dioghaltas a dhèanamh air na cinnich, smachdachadh goirt air na slòigh,” Salm. exlix. 6, 7. Gheibh iad déise rioghail. Tha na culaidhean rioghail anns an rioghachd so ‘nan culaidhibh geala, Taisb. iii. 4. “Imichidh iad maille riumsa ann an culaidhibh geala.” Agus tha na culaidhean sin, air dòigh ro-àraidh, a’ comharrachadh mach staid glòir do-bhreathnaichte nan naomh ann an nèamh!
Thoileich e an Tighearna gu tric staid nan naomh ann an glòir a nochdadh dhuinne, fo bheachd iad a bhi air an sgeudachadh ann an eudaichibh geala. Tha e air a ghealltuinn do ‘n ti bheir buaidh, gu ‘m bi e “air a sgeudachadh ann an eudach geal,” Taisb. iii. 5. Tha na seanaire timchioll na righ-chaitreach air an sgeudachadh ann an culaidhibh geala, caib. iv. Tha ‘n sluagh a tha ‘n làthair na righ-chaitreach “air an sgeudachadh le trusganaibh geala,” caib. vii. 9. “sgeudaichte le trusganaibh geala,” rann 13. “air an dèanamh geal ann am fuil an dà theisteas mu dheireadh a thugadh, beachd air staid nan naomh air thalamh, ach tha na coimeasan air an tabhairt o staid na h-eaglais’ air nèamh. Cuirear gach éididh, (ni ris an abrar éididh, air dhoibh a bhi ‘nan comharran air peacadh, agus air nàire,) a thaobh leis na naoimh, ‘nuair a thig iad chum an staid glòire. Ach ma bheir sinn fainear ciod na h-amanna ‘san robh trusgain gheala air an gnàthachadh gheibh sinn mòran de nèamh annta.
Air tìs, ‘Nuair thug na Romanaich saorsa d’ an tràillibh, thug iad dhoibh éididh gheal, mar chomharra air an saorsa. Mar sin gheibh na naoimh air an là sin, an culaidhean geala; oir is e là saorsa glòrmhor cloinne Dhé e, (Rom. viii. 21.) là saorsa an cuirp, rann. 23. Chan fhaic iad gu bràth tuille tigh na daorsa, ‘s cha luidh iad tuille am measg phota. Ma choimeasas sinn staid nan naomh air thalamh ri staid nan aingidh, is staid shaorsa gun amharus i; ach is staid thràilleil an staid eile; ach ann an coimeas r’ an staid air nèamh, chan ‘eil innte ach seirbhis chruaidh. Tha naomh air thalamh gun amharus ‘na phrionnsa, ‘na oighre air crùn: ach feudaidh so a bhi sgrìobhta air, “Tha mi a’m sheirbhiseach;” oir, “chan ‘eil eadar-dhealachadh ‘sam bith eadar e agus seirbhiseach, ged is e Tighearn nan uile,” Gal. iv. 1. Ciod iad osnaich duine naomh, an obair shuarach agus ional anns am bheil e ‘n sàs air uairibh, an t-eudach dubh agus luideagach ‘sam bheil e ag imeachd, ach comharran na seirbhis chruaidh so? Ach o ‘n là ‘san tig na naomh gu ‘n crùn, gheibh iad an saorsa iomlan, agus cha seirbhiseach iad na ‘s mò. Bithidh iad air an làn-shaoradh o pheacaidh, an ni sin do na h-uile, as miosa araon ann féin, agus ‘nam fiosrach-san mar an ceudna: Cia mór uime sin a ‘s éiginn do ‘n t-saorsa sin a bhii, ‘nuair na h-Eiphtich, a chunnaic iad an diugh, nach faic iad a chaoich tuilleadh? Bithidh iad air an saoradh o gach uile bhuaireadh na’s mò leis féin, no le sheirbhiseach. Bheirear làn-fhreagrath an sin do ‘n iarrtus sin, a dh’ ainmich iad cho tric. “Na leigh ann am buaireadh sinn.” Cha tig nathair sheideach tuilleadh do ‘n Phàras shuas; chan fheud ribe no bacadh bhi air an cur an sin, a ghlaeadh cosan nan naomh: Feudaidh iad imeachd ann an sin gun eagal, oir chan urrain doibh a bhi ann an cunnart: Chan ‘eil slochd leomhan, no beannta nan leopard ann an tir a’ gheallaidh. Ni h-eadh euirear iad an taobh thall de chomas peacachadh, oir bithidh iad air an daingneachadh ann am maith-eas. Bithidh e ‘na làn-shaorsa d’ an toil, a bhi gu bràth neo-chaochlaideach gu maith a dhèanamh. Agus bithidh iad air an saoradh o uile thoradh a’ pheacaidh: “Cha bhi bàs ann na ‘s mò, no bròn, no éighich; agus cha bhi pian ann na ‘s mò?” Taisb. xxi. 4. Cho an rìoghachd a ta cosmhuil rithe so? Tha ‘m bàs a nis a’ dèanamh a rathaid do chuirte, cho furasd as do bhothan: Lionaidh bròn cridhe an neach a ta caitheadh crùin air a cheann: Chan ‘eil eulaidh rìoghail ‘nan dion an aghaidh pian, agus glaothaich a thaobh pein: Ach anns an rìoghachd so cha bhi àite aig truaighe. Bithidh gach uile mhaslaidh air an glanadh air falbh; agus cha tuit deur tuilleadh o ‘n sùilibh. Cha ghearain iad na ‘s mò bhi air an tréigsinn: chan fholach an Tighearna gu bràth ‘aghaidh uapa, ach air do Ghrein na fireantachd, a bhi dealradh orra ‘na soillse meadhon là, sgaolidh i air falbh gach neul agus bheir i dhoibh là sidrruidh, gun an coimeas-ga as lugha de dhorchadas. Sguabaidd tuil na feirge, an deigh toirm tairneanaich uamhasaich o’n rìgh-chaithir, air falbh na h-aingidh o lâthair caithir a’ bhreitheanais, gus an loch theine; ach tha iadsan, ‘san àit’ as feàrr, air an toirt cosmhuil ri Noah do ‘n àire, agus a mach á rathad dochair.
Rì leanntuinn.