RIOGHACHD NEIMH.
(Air a leantrúinn bho t.-d., 33.)
‘San dara àite, Bha éididh gheal ‘na chomharra air gloine. Uime sin tha bean an Uain air a sgeudachadh le lion-eudach grinn, glan agus dealrach, Taisb. xix. 8. Agus iadsan a sheas an làthair na righ-chaithreach, nigh iad an trusgain, agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain, caib. vii. 14. Cuiridh na naoimh an sin orra trusgain de ghloine iomlan, agus dealraichidh iad ann an naomhachd gun smal, cosmhuil ris a’ ghrein ‘na neart, gun an neul is lugha chumail air falbh a soluis. Bithidh neo-chiontachd iomlan an sin air a h-aiseag, agus gach uile choslas peacaidd air fluadachadh fad air falbh o ‘rioghachd-san. Tha cionta a’ pheacaidd, agus a chumhachd riaghlaidh, air an tabhairt air falbh a nis anns na naoimh; ged tha fathast peacadh a’ gabhail comh-nuidh annta, Rom. vii. 20; ach an sin cha bhi e na’s mò annta; bithidh an nàdur truaillidh gu tur air a thoirt air falbh, am freumh searbh sin air spionadh a nios, agus cha bhi lorg dheth air fhàgail ‘nan anamaibh: Bithidh an nàdur gu h-iomlan glan agus as eugmhais peacaidd. Cha bhi dorchadas ‘nan inntinn; ach bithidh tuigse gach naoimh, ‘nuair a thig e ‘ga rioghachd, mar mheall de sholus glan agus neo-choimeasgta. Cha bhi am fuath as lugha de mhaith, no an claonadh as lugha gu h-ole ‘nan toil; ach bithidh iad air an toirt gu comhaonadh iomlan ri toil Dhé, air am beannachadh le gloine aingle, agus air an daingneachadh ann. Cha bhi an aigne buailteach do ‘n airmheit no do ‘n mhi-riaghailt as lugha; cha chosd e trioblaid ‘sam bith dhoibh an cumail ceart; gheibh iad a leithid de shuidheachadh fior-ghloine as nach urrainn doibh gu bràth a chall; bithidh iad air an glan-adh o an salachar talmhaidh, air dhòigh as nach bi blas aca na’s mò air nì ‘sam bith ach nèamh. Na’m biodh e comasach gu’m biodh iad a ris air an eur am meadhon chuspairean ribeach an droch shaoghail, shiùbhladh iad ‘nam measg gun an salacher as lugha, mar a dhealras a’ ghrian air an otrach gun a’ salachadh, agus mar a ghleidh na h-ingle an gloine ann am meadhon Shodoim. Bithidh an gràsan an sin air an dèanamh iomlan, agus gach uile neo-iomlaineachd a ta nis a’ leantunn riu, air a thabh-airt air falbh: Cha bhi tuille aobhar gearain air son amhuinn-eachd gràis; cha ghearrain neach ‘san rioghachd sin air droch eridhe, no air nàdur truaillidh. “Chan ‘eil e soilleir fathast eiod a bhiteas sinn, ach—’nuair a dh’ fhoillsichear esan, bithidh sinn cosmhuil ris,” Eoin. iii. 2.
‘Sam treas àite, Am measg nan Iudach bha iadsan a dh’ iarr dreuchd sagairt, air dhoibh a bhi air an dearbhadh agus air am faotainn de shloechd nan sagart, agus gun ghaoid, air an sgeud-achadh ann an geal, agus air an sgrìobhadh am measg nan sagart. Tha so a réir eoslais air a chiallachadh, Taisb. iii. 5. “An tì a bheir buaidh, sgeudaichear e ann an eudach geal; agus cha dubh mi mach ‘ainm á leabhar na beatha.” Mar sin cha bhi na naoimh ‘nan righribh a mhàin, ach ‘nan sagartaibh mar an ceudna: oir tha iad ‘nan sagartachd rioghail, 1 Phead. ii. 9. Bithidh iad ‘nan sagartaibh air an righ-chaithrichean: Tha iad air am faotainn gu laghail de shloechd Ard-Shagairt an aidmheil, air an gineamh-uinn leis le a Spiorad, de shiol neo-thruailidh an fhocail, agus gun smal: Mar sin air do ‘n dearbhadh a bhi thairis, tha iad air an gabhail a steach mar shagarta ‘san teampull shuas chum gu ‘n gabh iad còmhnuidh ann an tigh an Tighearna gu bràth. Chan ‘eil nì as urramaiche na sagartachd; agus tha iad arao’n a’ comhl-achadh a chéile ann an staid ghlorrmoir nan naomh. Bithidh làn choimhthional nan ceud-ghin (Eabh. xii. 23.) d’ am buin an t-sagartachd agus a’ chuibhrionn dhùbailte, a’ taisbeanadh ‘nan eulaidhibh geala glòire, ‘nan euideachd urramaich agus ghlorrmoir! Nochdaidh an là sin gur iadsan a’ mhuiintir a roghnaich an Tighearna mach á uile threubha na talmhainn, gu bhi dlùth dha, agus gu dol d’ a theampull, eadhon gu ionad naomha. Bithidh an t-sagartachd a thoisicheadh air thalamh, air a toirt gu h-iomlaineachd, am feadh a bhios iad a’ taigse iobairt molaidh do Dhia agus do ‘n Uan gu saoghal nan saoghal! Cha d’ fhuair iad an cuibhriomn air thalamh, leis a’ chuid eile de na treubhaidh, ach b’ e an Tighearna féin an cuibhriomn, agus bithidh e ‘na chuibhriomn dhùbailte dhoibh fad linne na siorruidheachd.
‘Sa’ cheathramh àite, Bu chleachdta leò eudach geal a chaith-eadh ann an àm buaidh; ris am bheil sùil mar an ceudna aig, Taisb. iii. 5. “An tì bheir buaidh, sgeudaichear e ann an eudach geal.” Agus ciod e nèamh ach buaidh shiorruidh! Chan fhaigh a h-aon an sin ach iad-san a chuireas an cath agus a bhuaidhach-eas mar an ceudna. Ged bha Canaan air a toirt do na h-Israelich mar oighreachd, b’ éiginn dhoibh a buadhachadh mu ‘m b’ urrainn doibh a sealbhachadh. Tha na naoimh anns an t-saoghal so ann am blàr catha; gu tric ann an éididh dhearg, air an tumadh ann am fuil: ach tha ‘n là tarruing dlùth, anns an seas iad an làthair na righ-chaithreadh, agus an làthair an Uain, sgeudaichte le culaidhibh geala, agus pailm aca ‘nan làmhaibh, (Taisb. vii. 9.) air dhoibh làn-bhuaidh fhaotainn thar an naimhde uile. Bha a’ phailm air a gnàthachadh mar chomhara buaidh, do bhrigh a’ chraobh sin, leis a chudthrom mhór a th’orra, nach ‘eil i a’ lubadh, ach a’ fàs suas: Agus bha na chaobhan pailme mar obair gheàrrta air dorsaibh an ionaid as ro-naoimh, (1 Righ. vii. 32.) a bha ‘nan samhlaidh àraidh air nèamh; oir is e nèamh an t-ionad anns am bheil na naoimh air a gabhaibh a steach mar luchd buaidh.
Fèuch aoibhneas agus sìth nan naomh ‘nan culaidhibh geala! Tha na h-aoibhneas a ta ‘g éirigh o shealladh air cunnartaibh a chaidh seachad, agus air saoibhreas agus urram a gheibhear aig dorus bàis, a’ beanntuinn gù ro-làidir ri eridhe neach; agus bithidh so ‘na earrann ann an sonas slorruidh nan naomh, nì aig nach bitheadh àite anns an nèamh a gheibheadh Adhamh neochiontaich agus a shlìochd, ged sheasadh iad. Gu cimteach cha dì-chuimhneachd na naoimh air an glòrachadh an aoidheachd a fluair iad anns an t-saoghal: Bithidh e chum glòir Dhé a chuimhneachadh, agus mar an ceudna air son an aoibhneas-san a mheudachadh. Rinn righ Shicili, air bhi dha ‘na mhae creadhadair, gu glie, anns gu’m b’e a thoil gu ‘n rachadh frithealadh dha aig a bhòrd le soithichean creadha; nì do nach b’ urradh gun tuilleadh milseachd a chur ‘na bhiadh, air nach biodh blas aig aon a bha air a bhreith ‘na oighre de ‘n ehrùn. An urrainn biadh a bhi uair ‘sam bith cho blasda do neach a’s do ‘n duine ocrach? No am feud a leithid a mheas a bhi aig neach air pailteas, ‘sa bhios aige-san a bha fuidh éiginnean cruaidh? Mar is mò na deuchainean tre ‘n deachaidh na naoimh, ‘nan slighe gu nèamh, bithidh an t-àite na’s milse ‘nuair a thig iad d’ a ionnsuidh. Bithidh na h-uile buille buadhach ann a’ chath spioradail ‘na sheudan ann an crùn na glòire. Togaidh gach buaidh a gheibh iad air a pheacadh air Satan agus air an t-saoghal am buaidh-chaithreadh aoibhneas na’s àirde! Ni euimhneachadh air a chrann-cheusaidh an crùn milis; agus cuiridh cuimhne air an turus tre ‘n fhàsach, tuilleadh dath sgiamhach air machraichean na glòire, am feadh a bhios iad ag imeachd rompa, a’ cuimhneachadh air an là ‘nuair a dh’ imich iad a’ caoidh as eugmhais na gréine.
Agus a nis air dhoibh taisbeanadh gu buadhach ann an eulaidhibh geala, is comharr a e gu ‘n d’ fhuair iad sìth onorach: a leithid de shìth as nach urrainn d’ an naimhdibh a milleadh na ‘s mò. Mar sin bithidh na h-uile nì a bha gu sònruichte freagarraich d’ an staid chòmhraig air an eur a thaobh: Cuirear an claidheamh seachad, agus glacaich iad dhoibh féin peann fir-sgriobhaidh dheis, a chumail cuimhne air cliù an Tì tre ‘n d’ thug iad buaidh. Bithidh òrdughean follaiseach, searmonachadh, agus sacrameinte, gu h-onorach air an eur a thaobh: Chan ‘eil teampull an sin, Taisb. xx. 22. Bha uair ann, ‘san robh iad sin milis dhoibh; ach air do ‘n luchd-turuis uile faotainn dhachaidh, tha na tighean-òsda, a chomharrachd air son aoidheachd a thoirt dhoibh air an t-slighe air an druideadh suas; cuirear na coinnean as, ‘nuair a dh’ éireas a ghrian; agus bithidh am pàillinn, a bh’ air a ghnàthachadh ‘san fhàsach, air fhilleadh suas, ‘nuair a thig teampull na glòire ‘na àite. Bithidh mòran de dhleasnais nan naomh an sin air an eur a thaobh; mar a bheir neach a bhata as a làimh, ‘nuair a thig e gu crìoch a thuruis. Bithidh ùrnuigh an sin air a tionndadh gu moladh; agus do bhrigh nach ‘eil peacadh an sin ri aideachadh, nach ‘eil uireasbhuidhean r’ an dèanamh suas, bithidh aidmheil agus athchuinge air an slugadh suas ann am moladh sìorruidh! Cha bhi bròn ann an nèamh, ehuir iad ann an deòir, tha àm buanadh an aoibhneis air teachd, “agus tiormaichidh Dia gach deur o ‘n sùilbh!” Taisb. xxi. 4. Cha bhi feum air ceusadh peacadh ann an sin; agus an sin tha crìoch air féin-cheasnachadh. Chan fheum iad faire dhèanamh na ‘s mò; chaidh an cunnart thairis. Bha aig foighidin a h-obair dhiongmhalta, agus chan ‘eil feum orra an sin. Tha creidimh air a tionndadh gu sealladh, agus tha dòchas air a shlugadh suas ann an cuan iomlan sòlais mhothachail. Tha na ceannairceich uile air an ceannsachadh, tha na naoimh gu sàmhach air an eur ‘nan suidhe air an rìgh-chaithir; agus mar sin na deuchainn a bha feumail an àm a’ chatha spioradail air an sgaoileadh, agus tha iad a’ toirt am buaidh air a h-aghaidh le mór-shith!
‘San àite mu dheireadh, Bha trusgain gheala air an caitheadh, air làithibh féisde, mar chomharr a oibhneis. Agus mar sin bithidh na naoimh air an sgeudachadh ann an éididh gheal; oir gleidhidh iad sàbaid shiorruidh do ‘n Tighearna, Eabh. iv. 9. “Dh’ fhàgadh fois (no ghleidheadh sàbaid) fa chomhair sluaigh Dé.” ‘Se an t-sàbaid, ann am meas nan naomh, ban-righ nan làithean; agus bithidh aca sàbaideachd gun chrioich ann an rioghachd nèimh: Mar sin bithidh an trusgain de ghnàth geal. Bithidh fois shiorruidh aca, le h-aobhneas gu ‘n bhacadh; oir chan ionad fois nèamh, far am feud daoiné codal fad siorruidheachd; anns an àite sin cha sguir iad a là no dh’ oidche), ach is i an obair am fois agus an gnàth chaithe-aimsir, agus chan ‘eil aig saothair agus sgios àite an sin. Tha iad ‘san ionad sin a’ gabhail fòis ann an Dia, an Tì a ‘s e làn-ionad suaimhneis an anama. Ann an sin gheibh iad iomlanachd no làn-toileachadh an uile iarrituis; air dhoibh Dia a làn-toileachadh an uile iarrituis; air dhoibh Dia a làn-mhealtuinn, agus comh-chomunn gun sguir bhi aca ris. Gus an tig an t-anam gus an làn-ionad suaimhneis so, bithidh e do ghnàth gu ‘n fhois; ach air dha ruigheachd an so, tha e gabhail fois; oir is esan an àrd-chrioich, agus chan urrainn do ‘n anam dol na ‘s faide. Chan urrainn da tuilleadh a thuigsinn, no iarraidh; oir tha aige ann-san na tha freagarrach d’ a iarrituis neo-chriochnaichte. ‘Si so erioch shona uile shaothair nan naomh; tha ‘n saothair agus am bròn a’ eriochnachadh ann am fois aoibhneach. Air do na Caldeanaich an là nàdurra a thomhas, chuir iad an là air thòiseach, agus an oidche air dheireadh: ach chunnt na h-Iudaich an oidche an toiseach, agus an là fois agus toilintinn, ach tha iad a’ eriochnachadh le oidche de shaothair agus de bhròn siorruidh: ach aig sluagh Dhé, tha ‘n oidche dhoreha air tìs, agus an déigh sin tha ‘n là de fhois shiorruidh. Nì d’ an d’ thug Abraham aire, anns a’ chosamhlaichd de ‘n duine shaobhbir ann an ifrinn, Luc. xvi. 25. A Mhic cuimhich gu ‘n d’ fhuair thusa de nithe maithe re àm dhuit bhi beò, agus Lasarus droch nithe; ach a nis a ta esan a’ faotainn sòlais, agus a ta thusa air do phianadh.”
(Ri lean tuinn.)