Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1941 » April 1941 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

VIII. Ged nach ‘eil teampull (lámh-dhèanta) ann an sin, no seirbhiseachadh Dhé, ann an gnàthachadh òrduighean, mar air thalamh; gidheadh, a thaobh na rioghachd so, “Is e’n Tighearna Dia uile-chumhachdach agus an t-Uan a ‘s teampull di,” Taisb. xxi. 22. Mar a b’ e an teampull glòir Chanaain, mar sin bithidh an teampull nèamhaidh ‘na ghloir do nèamh. Bithidh na naoimh air an toirt a stigh an sin mar “shagartaichd rioghail, a ghabhail còmhnuidh ann an tigh an Tighearna gu saoghal nan saoghal;” oir ni Iosa Criosd an sin na h-uile naomh, “Na phost ann an teampull Dhé; agus cha téid e na ‘s mò a mach as,” (Taisb. iii. 12.) mar a chaidh na sagartan agus na Lebhithich, ‘nan òrdugh a mach as an teampull lámh-dhèanta. Aig na naoimh bithidh an sin neul na glòire, lâthaireachd Dhé, maillle ri co-chomunn dlùth gun bhristeadh ri Dia: ann an sin bithidh Iosa Criosd aca mar an fhior àire, ‘sam bi an lagh teinnteach air fholach gu bràth o’n suilibh; agus “caithir na tròcair,” o nach seirm a mach ach sith shiorruidh agus deadh-ghean d’ an taobh: na cheruban, cuideachd nan aingéal naomha, a cheanglas riu ann an ioghnadh siorruidh mu dhìomhaireachd Chriosd; “an coinnleir òir, le sheachd lòchrain,” “Oir shoillsich glòir Dhé i, agus is e an t-Uan a ‘s solus di,” Taisb. xxi. 23. “Altair na tùise, ann an eadar-ghuidhe Chriosd a ta beo gu siorruidh gu eadar-ghuidhe dhèanamh air an son,” (Eabh. vii 25.) gu siorruidh a’ nochdadh toillteanas a bhàis agus ‘fhulangais, agus gu h-éifeachdach toileach, gu bràth, gu ‘m bi iadsan a thug an t-Athair dha, maillle ris; agus bithidh aca bòrd an arain thaisbeanta, anns a’ ghnàth-fhéisid a bhios aca le chéile, ann am mealtuinn Dhé. Tha so ‘gam threòrachadh gu thoirt fa’near gu h-àraidh.
IX. An comunn a ta ‘san rioghachd so. Ciod am feum a bhiodh ann an cumhachd, ann an ùghdarras; agus ann am brataichean rioghail, anns na h-ionnhasan as saoibhir, agus gach uile shochair eile dá rioghachd, as eugmhais comunn sòlasach? Bha cuid de chrùnaibh rioghail aig nach robh ach beatha shuarach, a dhìth sin; cha robh an lùchairtean doibh ach mar phriosain agus an comharran urrainn mar shlabhraidhean air priosanaich; am feadh, air dhoibh a bhi air am fuathachadh leis gach uile nach robh a h-aon aca anns an earbadh iad, no leis am faigheadh iad comunn sòlasach. Ach tha chuid mhór de shonas nan nèamh, a’ co-sheasamh anns a’ chomunn bheannaichte bhois aig na naoimh an sin: Chum so a shoilleireachadh, thugaibh fainear na nithe teare so.

Air tus, Gha bheag a chuid de shonas nèimh, an comunn a bhios aig a’ muinntir naomh ‘nam meag féin. Tha meas mór air co-chomunn nan naomh air thalamh, aig a’ muinntir sin uile a ta ‘g astrachadh tre ‘n t-saoghal gu Sion; agus chan urrainn do chompanaich ann am peacadh gu bràth a leithidh de thoilintinn agus de thlaichd a bhi aca an aon a chéile, as a ta air uairibh aig sluagh an Tighearna ann an ùrnuigh a chéile, agus ann an labhairt mu na nithibh sin air am bheil an saoghal ‘na choigreach. Ann an so chan ‘eil na naoimh ach ‘nan àireamh beag ann an cuideachd: agus tha cuid diubh air an suidheachadh, air dòigh as gu bheil ‘nam beachd féin iad mar gu biodh iad a chòmhnuidh air leth, gun chomas aca teachd a dh’ ionnsuidh na muinntir ris an earbadh iad an intinn, ann an gnothuch an staid spioradail: tha iad ag osnaich agus ag ràdh, “Mo thruaighe mise! oir dh’ fhàs mi mar luchd tional a’ mheas shamhraidh. Chan eil aon bhagaide r’ a itheadh—bhàsaich an t-ionraca as an fhearann,” Mic. vii. 1,2. Ach ann an lân-choimhthional nan ceud-ghin ann an nèamh, cha bhi h-aon de na naoimh uile bha riamh, no blitheas air an talamh, air chall. Bithidh an t-iomlan diubh le chéile an aon àite, sealbhaichidh iad uile an aon rioghachd, agus suidhidh iad uile le chéile aig suipeir-bainnse an Uain.

Ann an so chan ‘eil na naoimh as feàrr a dh’ easbhuidh an neo-iomlaineachd pheacach a ta dèanamh an comuinn na ‘s lugha ann an comhfhurtachd; ach an sin bithidh iad iomlan, “gun smal gun phreasadh, no ni air bith d’ an leithidibh sin,” Eph. v. 29. Agus tha gach neo-iomlaineachd nàdurra, cho maith agus peacach, an sin air dol seachad; “dealraidh iad mar shoilleireachd nan speur,” Dan. xii. 3.

Ann an sin chi sinn Adhamh agus Eubha ‘san Phàras nèamhaidh, ag itheadh gu saor de chraoibh na beatha; Abraham, Isaac, agus Jacob, agus na prìomh-aithrichean naomh uile, gun a bhi tuille a’ dol mu ‘n cuairt o thir gu tir, ach a’ teachd gu ‘m fois shìorruidh; na faidhean uile a’ sàsuchadh an seallaidh air glòir an Tì sin, air an d’ rinn iad fàidheadaireachd; dà righ-chaithir dheug; na fianuisean naomha uile’nan trusganaibh fada geala, le ‘n crùin air an cinn; na righrean diadhadh air an àrdachadh gu rioghachd nach fheudar a ghlusad; agus iadsan a thionndaidh mòran gu fireantachd, a’ dealradh mar heulta gu saoghal nan saoghal! A sin chì sinn ar càirde diadhadh, ar luch-dàimh agus-còlais, mar phuist ann an teampull Dhé, gu ‘n dol tuilleadh a mach uainn. Agus tha e ro-choslach, gu ‘n aithnich na naoimh aon a chéile ann an nèamh; air a chuid as lugha gun aithnich iad an càirde, an dàimhe agus iadsan air an robh iad còlach air thalamh, agus iadsan a bha ro ainmeil ‘san eaglais: Gidheadh, bithidh an t-eòlas sin air a ghlanadh o gach smuainte agus aigne talmhaidh. Tha so cosmhuil ri bhi air thilleadh anns an iomlaineachd shonaig gus am bheil na naoimh air an àrdachadh ann an sin. Ma bha fios aig Adhamh có agus ciod a bha Euibha aig a cheud sealladh a thuair e dhi ‘nuair a thug an Tighearn Dia d’ a ionnsuidh i, (Gen. ii. 23.) C’ arson a chuirte an teagamh, nach aithnicheadh fir agus mnai, pàrantan agus clann aon a chéile ann an glòir? Ma bhios na Tesalonianich, a bha air an iompachadh le ministrealachd Phòil, “nan crùn aoibhneis da am fianuis ar Tighearna Iosai Crioseid aig a theachd.” (I. Tes. ii. 19.) cia uime nach feud aon a smuaineachadh, gu ‘n aithnich ministeirean am pobull, agus am pobull am ministeirean ann an nèamh! Agus ma dh’ aithnich na deiscibuil air beinn a’ chruth-atharrachaidh, Maois agus Elias, nach fhaca iad riámh roimhe, (Mat. xvi. 3.) tha aobhar againn a smuain-eachadh, gu ‘n aithnich sinne mar an ceudna iadsan, agus an leithide eile, ‘nuair a thig sinn gu nèamh. Bithidh comhechomunn nan naomh ro dhlùth an sin: “Suidhidh iad maille ri Abraham, agus Isaac, agus Jacob, ann an rioghachd nèimh,” Mat. viii. 11. Bha Lasarus air a ghiùlan leis na h-ainglìbh gu uchd Abraham, (Luc. xvi. 23.) a ta nochdadh comunn dlùth agus saor ann. Agus ge do sguireas eadar-dhealachadh theangaidh, (I Cor. xiii. 8.) chan ‘eil teagamh agam, nach bi na naoimh a’ glòrachadh Dhé ‘nan cuirp an sin, cho maith as ‘nan spioraid, a’ labhairt a mach a mholadh le guth àrd. (A thaobh na teangaidh, tuig-idh sinn i. ‘nuair a thig sinn an sin.) ‘Nuair a bha Pòl air a ghlaichadh suas gus an treas nèamh, ionad-còmhnuidh na muinntir bheannaichte, chual e an sin “briathra do-labhairt, nach feud duine a labhairt,” 2 Cor. xii. 4. Bha Maois agus Elias air an t-sliabh maille ri Criosd, a’ còmhradh ris, Mat. xvii. 3. agus a’ labhairt m’ a bhàs, a bha esan gu choimhlionadh ann an Ierusalem, Lus. ix. 31.

‘San dara àite, Bithidh aig na naoimh comunn nan aingéal naomh uile an sin. Bithidh cuideachd do-àireamh de ainglìbh ‘nan companaich aca ‘nan staid ghloirmhoir. Bu shona na buachaillean, a chuala laoidh an t-sluaigh nèamhaidh ‘nuair a bha Criosd air a breith: ach bithidh iadsan tri chuairte na’s sona, a thogas an guth leò-san, ann an comh-cheòl na muinntir naomh agus nan aingle ann an nèamh, ‘nuair a bhios e air a ghloirachadh annta-san uile a bhios m’ a thimchioll ann an sin! An sin bithidh sinn air ar toirt gu eòlas air na spioradaibh beannaichte nach do pheacaich riámh: Cia soilleir a dhealruicheas na reulta maidne sin anns an ionad naomh! Bha iad ‘nan spioradaibh frithealaidh do oighreachan na slàinte, ghràdhaich siad iad air son an Tighearn’ agus am Maighstir; champuich iad m’ an timchioll, gu ‘n teasairgin o chunnart: Cia aoibhneach a dh’ fhailticheas siad iad gu ‘n àiteachan-còmhnuidh siorrudh, agus a ni iad aoibhneas ann a bhi ‘gam faicinn mu dheireadh a’ teachd gu ‘n rìoghachd, mar a ni am fear-teagaisg ann na soirbheachadh na muinntir òg sin a ta fo theagag! Cha bhi eagal air na naoimh rompa, mar bu ghnàth leò a bhi aon uair; cuiridh iad an sin dhiubh bàsmhorachd, agus anmhuinneachd na feòla, agus bithidh iad féin mar ainglibh Dhé, comasach air comh-chomunn agus comhluadar a chumail ris a’ mhuinntir dhealraich sin! Agus air dhoibh araon a bhi air an toirt fuidh aon cheann, an Tighearna Iosa Criosd; dlùth-cheanglaidh iad r’ a chéile ann am moladh Dhé, agus an Uain, ag ràdh le guth àrd, is airidh an t-Uan a chaidh a mharbhadh! Taisb. v. 12. Có dhiùbh a ghabhas na h-aingle chuca, mar tha cuid a’ smuaineachadh coslas cuirp, chum gu biodh iad air am faicinn le sùilibh corporra nan naomh, agus a bhi ann am comas na ‘s dlùithe air comhluadar a chumail riu chan ‘eil fhios agam; ach mar nach ‘eil iad gun rathad air comhluadar ‘nam measg féin, tha aobhar againn a smuaineachadh, nach bi comhluadar eadar iad féin agus na naoimh gu bràth air a dhruideadh suas.

(Ri leantuininn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice