(Air a leantuin bho t-d 18.)
‘San dara àite, Bithidh aig na naoimh ann an nèamh lán-mhealtainn Dhé agus an Uain. Is e so an ni a shàsuicheas gu h-iomlan an creutair reusonta, agus is e so fois shiorruidh nan naomh. Ni so suas an uile uireasbhuidhean, agus lionaidh e iarrtuis an anama, a ta ‘n déigh na h-uile ni a fluair iad an so, do ghnàth ag éigheachd le mór-thrioblaid, “tabhair, tabhair, caileigin do ro-churam”; a chionn ged tha iad a’ mealtuin Dhé, gidheadh nach ‘eil iad ‘ga mealtuin gu h-iomlan. A thaobh slighe agus gnè na mealtuin so tha ar Tighearn ag innseadh duinn, Eoin xvii. 3. “Is i so a’ bheatha mhaireannach, eolas a bhi aca ortsa an t-aon Dia fior, agus air Iosa Criost a chuir thu uait.” A nis tha dà rathad, air an aithnichear cuspair taitneach gu ro iomlan agus gu ro-thaitneach; tha aon diubh tre shealladh, agus an aon eile tre-fhaireachdain: Sàsuiichidh sealladh an tuigse, agus sàsuiichidh faireachdain an toil: A rèir sin, feudaidh neach a ràdh, gu meal na naoimh Dia agus an t-Uan ann an nèamh, (1.) Le eòlas tuigse. (2.) Le eòlas faireachdain. Tha iad araoan iomlan, tha mi ciallachadh, a thaobh comas a’ chreutair. Oir, air dhoigh ‘sam bith eile, cha’n ‘eil e’n comas do chreutair eòlas iomlan a ghabhail air Bith neo-chriochnaichte. Tha na naoimh a bhos a’ mealtuinn Dhé, anns an eòlas a th’ aca uime le iomradh, o fhocal naomh, a ta iad a’ creidsinn: tha iad ‘ga fhaicinn gu dorcha ann an gloine nan òrduighean; a ta, mar gu b’ ann, a’ taisbeanadh dealbh no sgàile an Fhir-nuaidh-phòsda, am feadh a ta e as an làthair: Tha aca mar an ceudna cuid a dh’ eòlas faireachdain uime; tha iad a’ blasad gu bheil Dia maith, agus gu bheil an Tighearna gràs-mhor. Ach cha’n fheum na naoimh shuas, deadh iomradh air an Righ, chi iad e féin; uime sin sguiridh creidimh: Chi iad ‘aghaidh féin; uime sin cha bhi òrduighean ann na ‘s mò; cha bhi feum na ‘s mo air sgàthan. Olaidh iad, agus òlaidh iad gu pailte, dheth sin d’ an do bhlais iad; agus mar sin sguiridh dòchas, oir tha iad aig na eriochaibh a’s fhaide mach d’ an iarrituis.
- Ann an nèamh, mealaidh na naoimh Dia agus an t-Uan, tre shealladh, agus sin air dhòigh ro-iomlan: 1 Cor., xiii 12. “Oir tha sinn a’ faicinn ‘san àm so gu dorcha tre ghloine, ach an sin chì sinn aghaidh ri h-aghaidh.” Anns an àm so cha’n ‘eil ar sealladh ach mèadhonach, mar tre ghloine, anns nach ‘eil sinn a’ faicinn nan nithe féin, ach dealbhan nan nithe: ach ann an sin gheibh sinn beachd soilleir air Dia agus air an Uan. Ann an so, cha’n ‘eil ar n-eòlas ach dorcha: Ann an sin bithidh e soilleir, gun an coimeasga a’s lugha de dhorchas. Tha ‘n Tighearna ‘san àm so a’ labhairt ri naoimh, tre eilithair nan òrduighean: Ach an sin bithidh iad anns an t-seòmar làthair eachd maille ris. Tha sgàile ‘san àm so air an aghaidh ghlormhór d’ar taobh-ne: Ach ‘nuair a thig sinn chum an tighe a’s àirde bithidh an sgàile sin, tre ‘m bheil cuid de ghathan maiseach a nis a’ dealrachadh, air an tabhairt air falbh; agus an sin bithidh le maisealachd ghlormhór agus iomlaineachd, nach facas anns an le sùilibh bàsmhor, air am faicinn gu soilleir, oir chì sinn aghaidh Taish. xxii. 4. Tha’ m focal air a thoirt o’n urram a chuireadh air cuid ann an cùirtibh righrean, gu bhi ‘nan luchd-feithidh, Ier. lii. 25. mu “sheachd fir dhiubhsan a bha dlùth do phearsa an righ.” O glòir do-labhairt! cumaidh an Righ mór a chùirt air nèamh, agus bithidh na naoimh uile ‘nan cùirteirean aige, a ghnàth dlùth do phearsa an Righ, a’ faicinn ‘aghaidh! “Bithidh righ-chaithir Dhé agus an Uain innte; agus ni a sheirbhisich seirbhis dha, agus chì iad ‘aghaidh.”
(1.) Chi iad Iosa Criosd le ‘n sùilibh corporra, a chionn nach cuir e gu bràth a thaobh nàdur an duine. Chì iad a ghnàth an corp glòrmhor beannaichte sin, a ta gu pearsanta comh-cheangailte ris an nàdur dhiadhaidh agus a ta air àrdachadh fad os ceann uachdranaichd agus cumhachda, agus na h-uile ainn a dh’ainmichear. Ann an sin chì sinn le ‘r sùilibh, an ceart chorp sin a bha air a bhreith le Muire ann am Betlehem agus a cheusadh an an Ierusalem eadar dà ghaduiche; an ceann beannaichte sin a bha air a chrùnadh le droighionn; an aghaidh air an do thilgeadh smugaid; na làmhan agus na cosan, a bha air an tarruingeachadh ris a’ chrann-cheusaidh, uile a’ dealrachadh a mach le glòir do-bhreanuichte! Tarruingidh glòir an duine Criosd, sùilean nan naomh uile, agus bithidh e gu bràth air a dheanamh iongantach annta-san uile a ta creidsinn! 2 Tes. i. 10. Ge do bhiodh gach aon reul a ta ‘sna speuraibh, a’ dealradh mar a ghrian, ann an àirde mheadhon là, agus ge do bhitheadh solus na gréine cho mòr air a mheudachadh, as gun rachadh e cho fada thairis air na reultaibh anns an t-solus sin, ‘sa tha e nis, dh’ fheudadh beagan de shamhlaidh lag a bhi ann an sin, air glòir an duine Criosd, ann an coimeas ri glòir nan naomh. Oir, ge do dhealruicheas na naoimh a mach mar a’ ghrian, gidheadh, cha’n iadsan ach an t-Uan, a bhitheas ‘na sholus do ‘n chaithir. Thuit na daoine glice sios agus rinn iad aoradh dha, ‘nuair a chunnaic iad e ‘na leanabh òg, le Muire, a mbàthair anns an tigh: Ach, O! ciod an sealladh taitneach thar tomhas a btheas e, a bhi ‘ga fhaicinn sa ‘na rioghachd, air a righ-chaithir, aig deis-làimh an Athar! “Rinneadh am Focal ‘na fheòil.” Eoin i. 14. agus dealruichidh glóir Dhé tre ‘n fleóil sin, agus sruthaidh aoibhneis nan neamh a mach uaithe, do na naoimh, a chì agus a mhealas Dia, ann an Criosd. Oir, do bhrigh nach bi an t-aonadh a ta eadar Criosd, agus na naoimh, a chaoideh air a sgaioileadh, ach gu mair iad ‘nam buill dha gu bràth; agus nach urrainn na buill am beatha tharruing ach o ‘n Ceann, do bhrigh nach ‘eil an ni sin nach ‘eil an crochadh ris a’ cheann air son beatha, ‘na bhall: Uime sin, mairidh Iosa Criosd ‘na bhann ceangail sìorruidh eadar Dia agus na naoimh; o ‘n sruth am beatha mhaireannach, Eoin xvii. 2,3. “Thug thu cumhachd dha air gach feòil, chum na h-uile a thug thu dha, gu ‘n tugadh esan dhoibh a’ bheatha mhaireannach. Agus is i so a’ bheatha mhaireannach, eòlas a bhi aca ortsa an t-aon Dia fior,” rann 22, 23. “Agus thug mise dhoibhsan a’ ghloir a thug thusa dhomhsa, chum gu ‘m bi iad ‘nan aon, mar a ta sinne ‘nar n-aon. Mise annta-san, agus thusa annamsa chum gu ‘n deànar coimhlionto iad ann an aon.” Uime sin, tha mealtuinn làthaireachd Dhé ann an nèamh, ri bhi air a thuigsinn, ann an cur a thaobh an fhocaill agus na sàcramainte, agus an leithide sin do mheadhonna faicsinneach, leis am bheil sinn a’ mealtuinn Dhé ‘san t-saoghal: ach cha’n ann, mar gu’n tilgeadh na naoimh an sin diubh an taice air an Ceann air son beatha; cha’n ann, “Beathaichidh an t-Uan a tha am meadhon na righ-chaithreach iad, agus treòraichidh e iad gu tobraichibh de uisge na beatha.”
A nis ‘nuair a chì sinn esan, a bhàsaich air ar son, chum gu bitheamaid beò gu sìorruidh, esan air an d’ thug a ghràdh gu’n choimeas snàmh tre fhainge ruaidh feirge Dhé, a dheanamh slighe ‘na meadhon dhunne, tre ‘n rachamaid teàruinte gu tìr Chanaain; an sin chì sinn ciod an neach glòrmhor a bh’ annsan a dh’ fhuiling so uile air ar son ne! ciod an aoidheachd a bh’ aige san tigh àrd! ciod na h-alleluidhean aingil nach b’ urrainn a bhacadh o éisdeachd ri osnaibh an t-sluaigh chaillte air thalamh, agus o theachd a nuas chum an còmhnaidh! agus ciod a’ ghloir a chuir e thaobh air ar son ne! “An sin bithidh sinn na ‘s comasaiche maille ris na naoimh uile, air a thuigsinn ciod e leud agus fad, agus doimhne, agus àirde, agus air gràdh Chriosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eòlas!” Eph. iii. 17, 19. ‘nuair a chuimhnicheas na naoimh, gur iad uisgeacha na feirge gus an robh esan air a thumadh, na tobraichean slâinte o ‘n tarruing iadsan an uile aoibhneas; gu ‘n d’ fluair iad cupan na slâinte, an àite cupan na feirge a thug an t-Athair dha ri òl, roimh an do chriothnaich nàdur neo-chiontaich an duine; cia mar a leumas an eridheacha an taobh a stigh dhiubh, a lasas iad le gràdh aingle, cosmhuil ri éibhlibh aiteil, agus buailidh bogha nan nèamh le ‘n òranaibh slâinte! Chaidh na h-Iudhaich, ann an cuimhneachadh féisd nam pàilliunna, (an fhèisd a b’ aoibhniche a bh’ aca, agus a mhair seachd laithean,) aon uair ‘san là mu ‘n cuairt do ‘n altair, ‘a seinn hosanna, le ‘n geuga miortail, pailme agus seilich, ‘nan làimh, (a cheud dithis dhiubh sin ‘nan comharran air buaidh; an ni mu dheireadh air geamnuidheadh,) aig an àm cheudna a’ lùbadh am meanglain a dh’ ionnsuidh na h-altair: ‘Nuair a bhios na naoimh air an taisbeanadh an làthair Chriosd mar òigh gheamnuidh, agus an uair a gheibh iad mar luchd-buaidh am pailme ‘nan làmhaibh; cia aoibhneach a chuarticheadh iad an altair gu saoghal nan saoghal, agus a sheinneas iad an hosannah, no an aleluiah, mu thimchioll, a’ lùbadh am pailme rithe, ag aideachadh gu bheil iad fo fhiachaibh air son gach ni do ‘n Uain a chaidh a mharbhadh, agus a shaor iad le ‘fhuil! Agus ri so tha còrdadh an ni chunnaic Eoin, Taisb. vii. 9, 10 “Sluagh mòr—’nan seasamh an làthair na righ-chaithreach, agus an làthair an Uain, air an sgeadachadh le trusganaibh fada geala, agus pailm aca ‘nan làmhaibh: Agus ghlaodh iad le guth àrd, ag ràdh, Slâinte d’ ar Dia-ne, a ta ‘na shuidhe air an righ-chaithir, agus do ‘n Uain!”
(Ri leantuin)