(Air a leantuinn bho t-d 48.)
(2). Chi iad Dia, Mat. v. 8. Bithidh iad sona ann am faicinn an Athar, a’ Mhic agus an Spioraid naoimh, (cha’n ann le ‘n sùilibh corporra, a chionn d’ a thaobh sin gu bheil Dia neo-fhaicisneach, 1 Tim. i. 17 ach) le sùilibh an tuigse; air dhoibh a bhi air am beannachodh leis an eòlas a’s iomlaine, a’s farsuinne, agus a’s soilleire mu Dhia agus mu nithibh Dhé, air am bheil an creutair comasach: A deirear ri so an taisbeanadh sona, agus is e iomlaineachd na tuigse, ni a’s e an ceum a’sfarsuinne dheth. Cha’n ‘eil ach beachd dorchá air glòir Dhé aig daoiné bàsmhor air thalamh; sealladh mar gu b’ ann d’ a chùlaobh, Ecsod. xxxiii. 23. Ach ann an sin chi iad ‘aghaidh. Taisb. xxii. 4. Chi iad e ann an lànachd a ghloire, agus chi iad e gu suidhichte an sin; ged nach robh aca ann an so ach sealladh sùibhlach dheth, Ecsod. xxiv. 6. Tha eadardhealachadh mòr eadar sealladh do righ ‘na eudach-qidheche, a’ dol gu h-ealamh seachad oirnn; agus beachd-suidhichte, aithiseach dheth, ‘na shuidhe air a righ-chaithir ‘na chulaidh-rioghail, a chrùn air a cheann, agus a shlat rioghail ‘na laimh: Bithidh a leithid sin de dhealachadh eadar am foillseachadh a’s mò air Dia a bh’ aig duine naomh riamh air thalamh, agus an taisbeanadh air a ghloir a chithear ann an nèamh! Ann an sin bithidh na naoimh gu siorruidh, gun ghrabadh a’ sàsuchadh an sùilean air agus bithidh iad a ghnàth a’ beachdachadh air iomlaineachd ghloirmhor! Agus, mar a bhitheas an sùilean corporra air an neartachadh agus air an deanamh iomchuidh, gu beachdachadh air an duine Criosd; mar a ta iolairean ag amharc air a’ ghréin, gun a bhi air am dalladh leatha; mar sin bithidh aig an inntinnbh-san a leithid a dh’ àrdachadh as a ni iomchuidh iad gu Dia fhaicinn ‘na ghloir! Bithidh an comasan air an cur am farsuinneachd a réin an tomhais anns an toilich e esan e féin a dhomh-pàirteachadh riu, chum an sonais iomlan.
Air do’n t-sealladh bheannaichte so do Dhia, bhi cho àrd os ceann ar comasan ‘san àm so, is éigin gu’m bheil sinn gu mòr ‘son dorchá uime! Ach tha e cosmhuil ri bhi ni-eigin eile no seallanna glòir a chì sinn le ‘r sùilibh corporra, ‘sna naoimh agus anns an Duine Criosd, no dealradh no soille ‘sam bith eile o’n Diadachd; oir chan urrainn do ni cruthaichte bhi ‘na àrd-mhaith agus ‘na shonas dhuinn, ‘s cha mhò a làn-shàsaicheas iad ar n-anama: Agus tha e soilleir, gu bheil na nithe sin ann an tomhas àraidh eadar-dhealaichte o Dhia féin. Uime sin tha mi smuaineachadh, gu faic anama nan naomh Dia féin! Mar sin tha na Sgriobtuir a’ teagsag dhuinn, gu’m “faic sinn aghaidh ri h-aghaidh, agus gu’n aithnichear eadhon mar a ta aithne oirnn,” 1 Cor. xiii. 12. Agus gu’m “faic sinn e mar a ta e,” 1 Eoin iii. 2. Gidheadh, chan urrainn do na naoimh a chaoidh beachd iomlan a bhi aca air Dia; chan urrainn doibh an ni sin, a ta neo-chrochnaich thuigsinn. Feudaidh iad beantuin ris an t-sliabh ach chan urrainn doibh a chuirteachach ‘nan gairdeinibh, chan urrainn doibh le aon sealladh d’an sùil, fhaicinn ciod a ta fàs air na h-uile taobh; ach bithidh iomlaineachd na diadhachd ‘na raon gun chroich, anns an imich a’ mhuintir ghloirichte gu siorruidh, a’ faicinn an tuilleadh de Dhia; a chionn nach urrainn doibh gu bràth ruigheachd gu croich an ni sin a ta neo-chroichnach. Feudaidh iad an soithichean a thabhairt chum a’ chuaín so na h-uile mionaid, agus an lionadh le uisgeachaibh nuadh. Nach bu taitneach an sealladh, a bhi faicinn gach buaidh agus gnè gràdhach a ta’n so agus an sin air an sgaoileadh am measg nan creutairean, air an cruinneachadh ri chéile ann an aon! Ach bhitheadh eadhon a leithid so do shealladh, iosal ann an tomhas neo-chroichnachd ann an coimeas ris an t-sealladh bheannaichte so a bhitheas aig na naoimh ann an nèamh! Oir chì iad Dia, anns an taisbeanar gu soilleir na h-iomlaineachdan sin uile; le iomlaineachdan neo-chroichnaichte eile, do nach ‘eil an lorg as lugha r’a fhaicinn ‘sa’ chreutair. Annsan chì iad gach nì a ta taitneach, agus cha bhi ni ann ach sin a ta taitneach.
An sin bithidh iad làn-chinnteach, a thaobh gràidh Dhé dhoibh, a ta iad a nis cho ullamh air a chur an teagamh air na h-uile tionndadh. Cha bhi iad na ‘s mò air an cur gu dhearbhadh dhoibh féin, le comharaibh, le taisbeanaibh, agus le teisteis: Bithidh eòlas foillsichte aca uime. Amhaircidh iad (leis an urram as mò bithidh e air labhairt), ann an chidhe Dhé, agus chì iad an sin an gràdh a bh’ aige dhoibh o shiorruidh-eachd, agus gràdh, agus an deadh-ghean a bhios aige dhoibh gu siorruidheadh! Bithidh aig a’ mhuintir ghloirichte tuigse ro shoilleir agus chinnteach mu timchioll firinnean Dhé; oir, ‘na sholus-san chi sinne solus, Salm xxxvi. 9. Bithidh solus na glòire ‘na mhineachadh iomlan air a’ Bhiobul agus fuasglaidh e gach ceist chruaidh agus shneimheach ‘san diadhachd. Chan ‘eil aoibhneas air thalamh, comh-ionann ris an eòlas sin a ta ‘g éirigh a fhoillseachadh na firinn; chan ‘eil foillseachadh air firinn cosmhuil ri foillseachadh firinn nan Sgriobtuir, air a dheanamh le Spiorad Dhé do ‘n anam: “Tha aiteas orm ri t’fhocal-sa,” deir an Salmadair, “mar neach a fhuair creach mhor,” Salm exix. 162. Gidheadh is foillseachadh neo-iomlan a th’ againn dheth am feadh ‘sa ta sinn an so: Cia làn thar tomhas an sin a bhitheas e, bhi faicinn fosgladh an ionmhas uile a ta folaichte ‘san raon sin! Bithidh iad mar an ceudna air an toirt gu tuigsinn uile oibre Dhé. Bithidh maise oibre a’ chruthachaidh agus an fhreadail an sin air an cur ann an sealladh ceart. Bithidh eòlas nàdrra air a thoirt gu h-iomlaineachd le solus an glòire. Bithidh dealbh fhidhe an fhreadail, a thaobh na h-eaglais, agus gach uile dhaoine, an sin air a gearrachd a mach, agus air a cur mu choinneamh sùilean nan naomh; agus chithear i ‘na coimeasga maiseach, air chor as gu ‘n abair iad le cheile, air dhoibh beachdachd orra, “Rinn e gach uile ni gu maith.” Ach, air dhòigh àraidh, bithidh obair na saorsa ‘na iongantas siorruidh do na naoimh, agus bithidh iad a’ gabhail iongantais agus a’ moladh na h-innleachd ghlörmhoir gu saoghal nan saoghal. An sin gheibh iad làn bheachd air cho freagarraich ‘sa tha ‘n t-innleachd so do bhuaithan na diadhachd; agus do chor pheacacha; agus leughaidh iad gu soilleir an coimcheangal a rinneadh eadar an t-Athair agus am Mac, o uile shiorruidheachd, a thaobh an sláinte! Bithidh iad gu bráth a’ gabhail ioghnaidh, agus a’ moladh agus a’ gabhail iongantais do dhiomhaireachd a’ ghliocais agus a’ ghraídh, a’ mhaitheis agus na naomhachd, an trócair agus an ceartas, a ta taisbeanadh ‘san innleachd ghlörmhor! Bithidh an anama gu siorruidh sàsaichte le sealladh do Dhia féin; agus mu ‘n taghadh leis an Athair, an saoradh leis a’ Mhac, agus com-chur na saorsa riu leis an Spiorad Naomh!
(Ri leantuin).