(Air a leantuin bho leab. xlv., t-d 266.)
- Mealaidh na naoimh, ann an nèamh, Dia ann an Criosd le eòlas fair-eachdair; nì a ta tachairt, ‘nuair a ta ‘n cuspair féin air a thabhairt agus air shealbhachadh. ‘Se so comh-pàirteachadh a mhaitheis diadhaidh ann an làn-tomhas; nì a’s e làn-iomlaineachd na toil, agus a’ chrioch a’s fhaide mach dheth: “Treòraichidh an t-Uan iad gu tobraichibh de uisge na beatha,” Taisb. vii. 17. Cha nì ‘sam bith iad sin ach Dia féin, tobar uisge na beatha, a nì gu h-iomlan, gu saor e féin a chomh-pàirteachadh riù. Dòrtaidh e mach d’ a mhaitheas gu siorruidh ‘nan anamaibh; agus an sìr bithidh mothachadh beòthail aca, ‘sa’ chuid a’s faide steach d’ an anama, air a’ maitheas sin uile mu ‘n eula iad, agus a chreid iad a bhi annsan; agus mu na tha iad a’ faicinn annsan le solus na glòire. Bithidh so ‘na mhìneachadh siorruidh ‘nam faireachdain air an fhoceal sin, nach urrainn daoine agus aingle a leòir fhuasgladh, eadhon, “Bithidh Dia féin ‘na Dhia dhoibh,” comhpairtichidh Dia e féin riù gu h-iomlan: Cha bhi iad nì’s mò air an eur a bhlasda do shruthain maitheis Dhé ann an òrduighean, mar bu ghnàth leò; ach òlaidh iad aig ceann an tobair. Cha bhi iad nì’s mò air am beathachadh le blasda agus boinneachan, ach bithidh iad air an lionadh le uile lànachd Dhé. Agus is i so uidheachd gach uile naoimh: Oir, annan nithibh cruthaichte, ged tha na tha air a thoirt do aon neach, air a chumail o neach eile; gidheadh, is urrainn do mhaitheas neo-chrioch-nach e féin a làn chomhpaireachadh ris gach uile, agus na h-uile a lionadh. Théid iadsan a ta nan oighreachan air Dia, an oighreachd mhor, annan sin a steach gu làn-sheilbh an oighreachdan; agus fosgaillidh
an Tighearna uile ionmhasan a mhaitheis dhoibh, chum gu ‘m bi an sonas lán. Cha bhi iad air an cumail goirid annan tomhas ‘sam bith, ach meal-laidh iad cho fada ‘sa dh’ fheudas an comasan farsuinn ruigheachd. Mar nach urrainn soitheach cumhann an cuan a ghabhail steach, mar sin cha mhò is urrainn do chreutair crìochnaichte maith neo-croichnaichte a ghabhail a steach; ach cha bhi tomhas air a chur ris an t-sonas, ach sin a ta ‘g éirigh o chomas a’ chreutair: Air chor, as ged bhitheas ceuma de ghloir, gidheadh bithidh iad uile air an lionadh, agus bithidh aca urrad ‘s is urrainn doibh a chumail: ge d’ bhios cuid na ‘s comasaiche air tuilleadh a chumail no mhuiintir eile, cha bhi uireasbhuidh air aon diubh, bithidh gach uile lán-shàsichte, agus lán-bheannaichte ann an lán-mhealtuinn maitheas Dhé, a réir an comasan air an cur am farsuinneachd: Mar a tha buideil de mheudachd fa leth air an lionadh, cuid a chumas na ‘s mò, cuid na ‘s lugha; gidheadh bithidh ac’ uile na ‘s urrainn doibh a chumail. Bithidh aig na naoimh gach uile nì, ann an Dia, air son an iarrtuis uile shàsuchd! Cha’n ‘eil nì cruthaichte a’s urrainn ar n-iarrtuis uile shàsuchadh: feudaidh éididh ar cumail blàth, ach cha’n urrainn i ar beathachadh; tha ‘n solus taitneach, ach cha’n urrainn da ar n-àrach: Ach ann an Dia, gheibh sinn ar n-uile iarrtuis, agus cha’n iarr sinn nì an taobh a mach dheth-san. Bithidh iad ‘nam muinntir shona, nach iarr nì ach sin a ta gu firinneach luachmhor; agus leis a sin aig am bi gach nì a dh’ iarras iad! Bithidh Dia ‘na uile anns gach uile do naoimh: Bithidh e ‘na bheatha ‘na shláinte, ‘na shaobhreas, ‘na urram, ‘na shìth, agus ‘na uile nì maith dhoibh: Comhpairtichidh se e féin gu saor riu; cha bhi dorus teachd am fagus da gu bràth air a dhruideadh a ris car aon mhionaid: Feudaidh iad ‘nuair as àill leo, gabhail de mheasan craoibh na beatha, oir gheibh iad i air gach taobh de ‘n abhainn, Taisb. xxii. 2. Cha bhi sgàile eadar Dia agus iadsan, gu bhi air a tarruing a thaobh; ach seasaidh a lánachd gu bràth fosgailte dhoibh. Cha bhi dorus gu bualadh aige ann an nèamh, cha’n iarrar mu ‘m faighear; fulaingidh an Tighearna d’ a shluagh comunn gun bhacadh bhi aca ris ann an sin.
(Rí leantwinn).