Air a leantuinn bho leabh. xvii., t.-d. 223.
Tha iad a nis ann an cuid, air an dèanamh ‘nan “luchd comhpàirt de ‘n nàdur dhiadhaidh;” ach ann an sin bithidh comhpàirt iomlan aca dheth; is e sin ri ràdh, compairtichidh Dia riù iomhaigh fèin, bheir e air a dol annta, agus tairngidh e iomhaigh a bhuaidean fèin uile orra, cho mhaitheas uile, cha’n e’mhain “dol seachad ‘nan lathair,” ach bheir e air fad ‘sa tha ‘n creutair comasach air sin a ghabhail; uaithe sin sruthaidh eolas iomlan ris, ‘sna h-uile nì annta no mu ‘n cuairt doibh, nì a ni iomlan sonas a’ chreutair. Agus tha e coltach gur e so an nì bh’ aig an t-Salmadair ‘na bheachd, Salm xvi. 11. “Sàsuichear mi, ‘nuair a dhùisgeas mi le d’ chosamhlachd;” le iomlaineachd iomhaigh Dhé a’ leantuinn air an taisbeanadh shona. Agus mar sin a deir Eoin, I. Eoin iii. 2. “Bithidh sinn cosmhuil ris; oir chi sinn e mar a ta e!” Uaith so, bithidh ceangal dlùth agus iomhuinn eadar Dia agus na naoimh: Bithidh Dia annta-san, agus iadsan ann an Dia, ann an rathad aonaidh iomlan agus ro ghòrthor, oir an sin gabhaidh iad còmhnuidh ann an gràdh air a dhèanamh iomlan! “Is gràdh Dia! Agus an tì a ta fantuinn ann an gràdh, tha e ‘na chòmhnuidh ann an Dia, agus Dia annsan,” I. Eoin iv. 16. Cionnus a cheanglas na naoimh ri Dia, agus esan riusan, ‘nuair nach faic e aon nì annta ach ‘iomhaigh fèin; ‘nuair a thig an gràdh g’ a iomlaineachd, gun nàdur air fhàgail annta ach an nàdur diadhaidh, agus
gach uile neo-iomlaineachd air a shlugadh suas anns a’ chruth-atharrachadh ghlòrmhor sin, gu coslas Dhé! Air d’ an gràdh do Dhia bhi air a ghlanadh o shalachar féin-ghráidh, bithidh e fíor-ghlan, air chor as nach bi gràdh aca do ni ‘sam bith ach Dia, agus ann an Dia! Cha bhi an gràdh na ‘s mò fann agus lag, ach lasaidh e mar éibhle aiteil. Bithidh e ‘na sholus as eugmhais dorchadais, ‘na theine lasarach, gun deatach! Mar tha ‘n eibhle bheò, an trath théid a bhrigh fhluch uile mach aisde, gu léir ‘na teine, mar sin bithidh na naoimh gu léir ‘nan gràdh, ‘nuair a thig iad gu Dia a làn-mhealtuinn ann an nèamh, le eòlas tuigse agus faireachdain uime, le sealladh agus comhpàirteachadh iomlan a mhaitheas dhiadhaidh.
San àite mu dheireadh, O ‘n làthaireachd agus o ‘n t-sonas ghlòrmhor so, éiridh aoibhneas do-labhairt, leis am bi na naoimh air an lionadh: “Tha mòr-shubhachas aig do dheas-laimh gu siorruidh,” Salm xvi. 11. Tha na naoimh air uairibh a’ mealtuinn Dhé anns an t-saoghal, an uair, air bhi d’ an sùilibh air an cumail, air chor ‘s nach urrainn doibh a thoirt fa’near, cha’n ‘eil comhfhurtachd an làn-mhealtuinn aca; ach ann an sin, air do na h-uile mearchadh a bhi air an toirt air falbh, cha’n e mhàin gu meal iad Dia, ach fanaidh iad anns an làn-mhealtuinn, le h-aoibhneas agus tlaichd do-labhairt! Ginnidh iarrituis nithe an t-saoghal pian agus crochnaichidh an sealbhachadh gu tric ann an gràin diubh: Ach ge do bhitheas na naoimh gu bràth ga iarruidh tuille agus tuille de Dhia, cha bhi an iarrituis air an coimeasgadh leis an ro-churam a’s lugha a chionn gu ‘m bi lànachd na Diadhaidheachd a ghnàth fosgailte-dhoibh; uime sin cha bhi iad ocrach na ‘s mò; cha bhi an an-fhios a’s lugha, ‘nan iarrituis shiorruidh an déigh a’ mhanna fhollaithe: ‘S cha mhò ghineas gnàth mhealtuinn gràin annta; cha smuainich iad gu bràth gu bheil tuilleadh ‘sa chòir aca. Air an aobhar sin tha e air a rádh, “Cha mhò a thuiteas a’ ghrian orra no teas air bith,” Taisb. vii. 16. Bithidh mealtuinn Dhé, agus an Uain a ghnàth ùr agus nuadh dhoibh, feadh linnibh na siorruidheachd; oir dlaidh iad de thobraichean uisge na beatha, far am bheil uisgeachan nuadh a ghnàth ag éirigh suas ann am paitteas, rann 17. Ithidh iad de chraobh na beatha, a ta, a thaobh iomlanachd, a’ giùlan dà ghnè dheug thoraidh, agus iad sin a ghnàth nuadh agus ùr, oir tha i toirt a toraidh uaipè gach uile mhios, Taisb. xxii. 2. Bithidh an aoibhneas fíor-ghlan agus gun choimeasgadh, as eugmhais deasgainnean bròin, cha bhi iad eutrom no goirid, ach suidhichte agus siorruidh, gun sguir: Imichidh iad a staech do aoibhneas, Mat. xxv. 21. “Imich a staech do aoibhneas do Thighearna,” Tha ‘m focal càil-eigin neo-ghnàthaichte, agus a’ toirt an chuimhne an fhocail sin a labhair ar Slànuighear ‘nuair a bha e a’ fulang, Marc. xiv. 34. Tha m’ anam ro bhrònaich, eadhon gu bàs! Bha ‘anam air a chuaireachadh le doilgheasaibh, mar a thugear am focal a ta air a ghnàthachadh an sin; chaidh tuitean do dhoilgheasan mu ‘n cuairt air, ‘ga chuaireachadh air gach laimh! ciod air bith taobh a thionndaidh e a shùilean bha doilgheas roimhe; ghrad-leum e air dh’ aon uair o nèamh, o thalamh, agus o ifrinn! Mar so chaidh e steach gu doilgheas; agus uime sin a deir e, “Tha mi air teachd gu doimhneachdaibh nan uisge, agus tha ‘sruth a’ dol tharum,” Salm lxix. 2. A nis, c’ arson so uile, ach a chum gu’n rachadh a mhuinntir féin a steach gu h-aoibhneas? Tha aoibhneas air uairibh a’ teachd oirnn a nis, an trà tha na ‘s leòir ri dhèanamh a leigeadh a steach, am feadh a ta sinn air ar cuair-
teachadh le doilgheasan: Ach ann an sin, cha’n e mhàin gu ‘n tig aoibhneas a steach annainn, ach théid sinne steach innte, agus snàmhaidh sinn gu bràth ann an cuan de aoibhneas; far nach faic sinn ni ‘sam bith ach aoibhneas, ciod air bith taobh a thionndaidheas sinn ar sùilean. Sàsuidhidh làthaireachd agus làn-mhealtuinn Dhé agus an Uain sinn le h-aoibhneas gu siorruidh: agus bheir glòir ar n-anama agus ar cuirp, a ta ‘g éirigh uath sin, toil-inntinn shiorruidh dhuinn! Spiorad an airsneil, ciod air bith cho dlùth ‘sa tha e leantuinn ri aon de na naomh san àm so, tuitidh e ann an sin diubh: Bithidh am bròn air a thionndadh gu òrain aoibhneis, agus crìochnaichidh am buideile deòir ann an aibhnichibh sòlas. Is sona dhoibhsan a ta nis a’ cur sìl le deuraibh a dh’fhàsas suas le gairdeachas, ann an neamh, agus a chromas an cinn an sin le cudthrom de ghlòir orra. An fhad so mu ‘n chomunn ann an rìoghachd so nan naomh.
Ri leantuinn.