Air a leantuinn bho t.-d.-14.
X. ‘San àite mu dheireadh, Mairidh an rìoghachd gu saoghal nan saoghal.
Mar a ta gach ni a ta innte siorruidh, mar sin bithidh aig na naoimh còir chinnteach agus làn dearbh-bheachd air siorruidheachd an ni sin. Is ni ro-iomchuidh so ann an sonas iomlan; oir chan ‘eil an neo-chinnteachd as lugha, mu bhuanachadh maith ‘sam bith do neach, gun chàileigin a dh’ eagal, cùram, agus pian; agus uime sin tha e gu h-uile neo-fhreagarach ri sonas iomlan: Ach chan ‘eil eagal gu bràth, ‘na aobhar eagail, mu challdachd ‘sam bith, aig a’ mhuintir ghldraichte; bithidh iad “gu siorruidh maille ris an Tighearna,” I. Tes. iv. 17. Ruigidh iad air làn dearbh-bheachd, nach bi ni ‘sam bith comasach air an sgaradh o ghràdh Dhé, no o làn-mhealtuinn, gu siorruidh. Tha ‘n oighreachd a ta “air a coimhead ‘sna neamhaibh neo-thruailidh,” chan ‘eil siol truailidheachd aice innte féin, gu deanamh buailteach do sheargadh, ach mairidh i gu siorruidh: Tha ‘i neo-shalach; chan urrainn do ni o’n taobh mach a maise a mhilleadh, agus chan ‘eil innte féin ni a bheir oilbheum dhoibhsan a ta ‘ga mealtuinn; agus uime sin cha chaith i air falbh, ach mairidh i gu siorruidh ‘na soillse féin, agus ‘na priomh-mhaise, I. Phead. i. 4. An fhad so mu nàdur rioghachd neimh.
‘San dàra àite, Théid sinn a nis air ar n-aghaidh a labhairt mu ghabhail a steach nan naomh d’ an rioghachd so; far an labhair mi gu h-athghearr air dà ni: (1) Am modh air an gabhar a steach iad, leis a’ ghairm a bheirear dhoibh o ‘n Bhreitheamh, teachd gu ‘n rioghachd. (2.) An inbhe ‘sam bheil iad air an gabhail a steach agus air an treòrachadh d’ a h-ionnsuidh.
I. An gabhail a steach, Tha ‘m bonn-teagaig a’ nochdadh gur ann le guth o’n righ chaithir; an Righ a’ gairm orra o ‘n righ-chaithir, am fianuis aingle agus dhaoin, teachd gu ‘n rioghachd.
Chan ‘eil ann an thigibh agus imichibh, ach focail ghoirid; ach bithidh iad de ghnè a bheir aobhar smuaineachaidh do ‘n chinne-daoine uile, tre linnibh na siorruidheachd; a chionn gu bheil sonas siorruidh an crochadh air an aon, agus truaighe shiorruidh air an aon eile! ‘S an àm so tha ar Tighearn a’ cuireadh nam peacach as miosa, a ta ‘g éisdeachd an t-soisgeil, teachd; ach cha tig a’ chuid mhòr d’ a ionnsuidh. Tha cuid thearc, ris an do bhean an Spiorad r’ an cridheachibh, a’ gabhail ris a’ ghairm, agus tha ‘n anama an taobh a stigh dhiubh ag ràdh, “Feuch, tha sinn a’ teachd a d’ ionnsuidh!” Tha iad ‘gan toirt féin do ‘n Tighearna, d’ a chuing, agus cha tilg iad dhiubh i, cha tilg, ann an teas tréigsinn an t-saoghail agus an ana-mianna air a shonsan. tha iad a’ giùlan an là, ‘nuair tha chùdthrom, as maith a dh’fheudta, a’ toirt faluis fola as an cuirp. Feuch na h-amadain; deir an saoghal feòlmhor, c’ àit am bheil iad a’ dol? Ach fuirich beagan, O shaoghail aimidich! O ‘n cheart bheul, o ‘n d’ fhuair iad a’ ghairm a ta iad a nis a’ leantuinn, thig gairm eile, a ni suas air son an iomlain, “Thigibhse, a ta beannaichte le m’ Athair-sa, sealbhaichibh an rioghachd!”
Gheibh na naoimh millseachd do-labhairt anns a’ ghairm so, thigibh. (1.) Leis a’ ghairm so tha Iosa Criosd a’ nochdadh iarrituis air an comunn anns an tigh as àirde, chum gu ‘m bi iad gu siorruidh maille ris an sin. Mar so fosgaillidh e’ chridhe dhoibh, mar a rinn e air uairbh r’ a Athair d’ an taobh, ag ràdh, “Athair, is àill leam,—gu ‘m bi iad maille rium, far am bheil mi,” Eoin xvii. 24. A nis tha saothair anama seasamh an lathair na righ-chaithreach; chan e mhàin na h-anama, ach na cuirp a shaor e: Agus is éigin doibh teachd, oir is éigin da bhi làn-toilichte. (2) Le so tha iad air an àrd-ghairm gu suipeir-bainnse an Uain. Bha iad air an cuireadh gus a’ bhòrd as isle, le guth nan seirbhiseach, agus le oibreacadh diomhair an spioraid an taobh a stigh dhiubh; agus thainig iad, agus chomhpairtich iad de fheisd na comhpairt ri Dia anns an tigh as isle: Ach bheir Iosa Criosd, ‘na phearsa féin, cuireadh dhoibh, am fianuis an t-saoghail uile, gus a’ bhòird as Airde. (3.) Leis a’ ghairm so, gabhaidh e steach iad gu ionada-còmhnuidh glòrmhoir. Tha iuchraichean neimh an crochadh air erios ar n-Eadar-mheadhonair rioghal: Tha “gach uile chumhaichd ann an neamh” air a thabbhairt dha, Mat. xxviii. 18. Agus chan fhaigh a h-aon a stigh an sin, ach iadsan ris an gabh esan. ‘Nuair a bha iad a chòmhnuidh air thalam leis a’ chuid eile de ‘nt-saoghail, dh’ fhosgail e dorsa siorruidh an eridheachan, chaidh e stigh aanta e féin, agus dhruid e ris iad, air chor is nach b’ urrainn do pheacadh lol a stigh a ris, a riaghladh an sin mar a rinn e roimhe: Agus a nis fosgailidh e dorsa nèimh dhoibh, bheir e stigh a cholomain do ‘n aire, agus druididh e stigh an sin iad, air chor as nach faigh lagh, bàs no ifrinn, a mach gu bràth a ris iad. Bha’ na naoimh ‘sa’ bheatha so a ghnàth a’ saoithreachadh gu dol a stigh do ‘n fhois sin; ach bha Sàtan a’ ghnàth ‘gan spionadh air an ais, an truaillidheachd a ghnàth ‘gan cumail sios, air chor is gu ‘n robh iad air uairibh air am fàgail gu crochadh air aon fhuiltèin geallaidh, ma dh’ fheadas mi chainn sin a chur air, cha b’ ann gu ‘n eagal gu ‘n tuiteadh iad san loch theine: ach a nis bheir Criosd am focal gu ‘n gabhail a stigh; tha iad air an tabhairt a stigh, agus air an cur an taobh thall de gach cunnart. ‘San àite mu dheireadh, Mar so labhraidh e riu, mar an Ti a ta ‘g an gabhail a stigh do ‘n rioghachd, do sheòmar lâthaireachd an Righ mhòir, agus gus an righ-chaithir! ‘Se Iosa Criosd Fear-rùin mòr neimh, leis am bheil na naoimh air an toirt gu lâthaireachd ghràsmhor Dhé; agus d’ am buin a mhàin an tabhairt gu lâthaireachd glòrmhor Dhé ann an nèamh. Gu cinnteach bhitheadh nèamh ‘na ionad coigreich dhoibhsan, mur biodh Iosa an sin! Ach gabhaidh am Mac a bhraithrean a stigh do rioghachd Athar: thèid.iad a stigh maille ris chum a’ phòsaidh, Mat. xxviii. 10.
Ri leantuin.