Air a leantuinn bho t.-d.-14.
II. Thugamaid fa’near an inbhe ‘sam bheil iad air an toirt a steach leis.
Air tús, Bheir e stigh iad, mar muinntir bheannaichte Athar; ‘s ann mar sin a tha ghairm o ‘n righ-chaithir a’ ruith, “Thigibhse muinntir bheannaichte m-Athar-sa.”—Is e tigh Athar Criosd, gus an bheil iad gu teachd; uifne sin tha e ‘gan eur an cuimhne, gu bheil iad bheannaichte le Athair; ionmhuinn leis an Athair, cho maith as leis féin. Is e so a ta déanamh nèimh ‘n dhachaidh dhoibh; eadhon, gur e tigh Athar Criosd e, far am feud sinn a bhi einteach á failte dhoibh a bhi pòsda ris a’ Mhac, agus air dhoibh a bhi air an roghnachadh le Athair airson na chithe sin féin. Bheir e stigh iad airson ‘Athar, sho maith is air a shon féin: ‘S iad muinntir bheannaichte ‘Athar iad; an Tì, mar is e tobar na Diadhachd, is e mar an ceudna tobar gach uile bheannachd a ta air an combpairteachadh ri cloinn nan daoine. ‘S iad sin iadsan d’ an do rùnaich Dia maith a dhéanamh a shiorruidheachd. Bha iad air am beannachadh ann an rùn siorruidh Dhé, air dhoibh a bhi air an taghadh gu beatha mhaireannaich: Aig fosgladh leabhar na beatha, fhuaradh an ainme-san sgriobhta ann. Air chor, as nach ‘eil ‘nan tabhairt do ‘n rioghachd, ach a bhi ‘gan tabhairt gus a sin a rùnaich an t-Athair, o uile shiorruidheachd, air an son. air dhoibh a bhi air an teàrnadh leis a’ Mhac, “tha iad air an teàrnadh a réir a rùin” (‘se sin, rùn ‘Athar) II. Tim. i. 9. Is iad sin iadsan ris an do labhair an t-Athair gu maith. Labhair e gu maith riu ‘na fhocal; d’ an éigin a nis a lán-choimhliionadh fhaotainn. Bha gheal-ladh aca air an rioghachd; bha iad beò agus bhàsaich iad ann an creidimh uimpe: agus a nis tha iad air teachd a dh’ fhaotainn an ni chaidh a ghealltuinn. Dhoibhsan rinn e gu maith. Goirear do thiodhlac gu tric ‘san Sgriobtur beannachd. Agus tha beannachd Dhé a ghnàth fior, cosmhuil ri beannachd Isaac tre ‘n d’ fhuair Iacob oighreachd. Bha iad uile, tre ghràs, air am fireanachadh, air an naomhachadh, agus air an near-tachadh gu buan-mhàireachdain gus a’ chrioch: A nis tha iad air an togail suas ann an glòir; agus air dhoibh a bhi air an dearbhadh, sea-
saidh iad anns a’ bhreitheanas. Ciod tuilleadh a ta ri dheanamh, ach gun crùm Dia obair a ghràis féin anntà, ‘nan rioghachd a thoirt dhoibh, ann e féin a làn-mhealtuinn gu siorruidh? Fadheòidh, Is iad iadsan a choisrig Dia; a ta mar an ceudna ‘na bheachd Sgriobtuir air beannachadh, I. Cor. x. 16. Chuir Dia air leth dha féin iad, gu bhi ‘nan righribh agus ‘nan sagartaibh dhaffi agus tha ‘n t-Eadar-mheadhonair ‘gan treòrachadh a steach mar sin d’ an rioghachd agus d’ an sagartachd.
‘San dara àite, Gabhaidh Criosd a steach iad, mar “oighreachan na rioghachd,” gu a sealbhachadh. “Thigibhse dhaoine beannaithe, seal-bhaichibh an rioghachd.” Is iad clann Dhé iad le ath-ghineamhuin agus uechdmhacachd: “Agus ma ‘s clann, is oighreachan: oighreachan air Dia, agus comh-oighreachan maile ri Criosd,” Rom. viii. 17. A nis tha coimh-thional nan ceud-ghin an làthair na righ-chaithreach: tha ‘n òige air dol thairis, agus tha ‘n t-àm a chomharraicheadh leis an Athair air son iad a dh’ fhaotainn na h-oighreachd air teachd. Choisinn an t-Eadar-mhead-honair an oighreachd dhoibh le ‘fhuil féin: Bha ‘n còirichean agus an sgriobhaidhean air an tarruing a mach fada roimh sin, agus air an cur sios ‘sa’ Bhiobul; seadh, bha còir aca air an oighreachd ann am pearsa Iosa Criosd, mar am fear-ionaid, ‘nuair chaidh e do neamh, “far an deach-aidh an Roimh-ruith-fhear a steach air ar son-ne,” Eabh. vi. 20. Chan ‘eil ni ri dhèanamh, aich gu ‘n téid iad a ghabhail seibh ann: ni ar dha bha air tòiseachadh aig bàs, nithear coimhlionta e aig an là dheireannach; ‘nuair a théid na naoimh, ‘nan cuirp cho maith as ‘nan anamaibh, a steach d’ an rioghachd.
‘San àite mu dheireadh, Gabhar a steach iad innte, mar a’ muinntir “air son an robh-i air a h-ullachadh, o leagadh ‘bunaite an domhain.” Bha ‘n rioghachd air a h-ullachadh air an son ann an rùn siorruidh Dhé, mu ‘n robh aca-san, no aig a h-aon diubh, bith, ni a ta nochdadh gum bu tiodhlac saor-ghràis dhoibhsan i. B’ e rùn Dhe a shiorruidheadh, gu ‘m biolh a leithid de rioghachd air son nan daoine taghta; agus gu ‘m bitheadh na h-uile grabadh a chuireadh bacadh orra air a thoirt as an rathad; agus le sin uile, leis an rùn shiorruidh cheudna, bha àite na h-àile aon diubh leis an òrdugh shiorruidh cheudna air a shuidheachadh agus air a chur air leth, gu bhi air a choimhead: dha, chum air do gach aon de ‘n chloinn teachd dhachaidh mu dheireadh gu tigh ‘Athar, gu faigheadh e àite féin a’ feitheamh air agus ullamh air a shon; mar aig bòrd Shauil, a a bha àite Dhaibhidh falamh, ‘nuair nach robh, e féin ann gu suidhe air, I. Sam, xx. 25. Agus a nis air bhi do ‘n àm shuidhichte air teachd, tha iad air an toirt a steach a ghabhail an àitean fa leth ann an glòir, a bha air an cur seachad agus air an gleidheadh air an son, gus an tigeadh iad d’ an ionnsuidh.
Feum. Criocnaichidh mi na labhair mi air a bhonn-teagaig so le focal cleachdaimh. (1.) Do gach uile a ta ‘g aideachadh còir a bhi aca air an rioghachd so. (2.) Dhoibhsan aig am bheil gu cinnteach còir oirre. (3.) Dhoibhsan aig nach ‘eil còir oirre.
Rì leantuinn.