Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1943 » August 1943 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Air a leantuinn bho t.d.-58.

Air tús, A chionn gu bheil e soilleir, nach ‘eil gabhail a steach choi-measgta do rioghachd neimh, agus nach ‘eil neach a’ faotainn a stigh innte, ach iadsan aig am bheil an còir air a dearbhaidh gu follaiseach leis a’ Bhréitheamh mhòr, agus, an deigh an dearbhaidh, a bhi air a faotainn maith agus cinnteach; tha e feumail gu ‘m feuchadh agus gu ‘n ceasnui-cheamaid uile sin féin gu ‘n leth-bhreth a réir lagha na rioghachd, a ta air a chur sios anns an Sgriobtuir naomha, ma ‘s urradh dhuiinn ar còir a dhèanamh cinnteach do’n rioghachd so. Tha na dòchais mu nèamh, a ta aig a’ chuid as mò de dhaoine, air an togail air a leithid de bhunait ghainmheich, nach seas gu bràth ris an deuchainn; air dhoibh a bhi gun stèidh ‘sam bith anns an fhoical, ach na tha ‘nam barail mhealltaich féin: Fàgaidh an leithide sin de dhòchais iadsan aig am bheil iad air am mealladh gu tuagh mu dheireadh. Uime sin chan e mhàin gur e ar dleasdanas, ach mar an ceudna ar buannachd, an gnothuch a chur gu deuchainn cheart ann an àm: Ma gheibh sinn a mach, nach ‘eil còir chinnteach againn air nèamh, tha sinn fathast air an rathad; agus an ni nach ‘eil againn, feudaidh sinn fhaotainn; Ach ma gheibh sinn a mach, gu bheil còir againn orra, bithidh an sin againn comhfhurtachd air beachd sona de shiorruidheachd; an ni as mò dh’ fheudas neach a bhi aige san t-saoghal. Ma dh’ fheòraicheas sibh cionnus a gheibh sibh a mach ma tha no nach ‘eil còir agaibh air nèamh. Frcagram, ‘s fheudar dhuibh fios a bhi agaibh air sin, leis an staid ‘sam bheil sibh a nis: Ma tha sibh fathast ‘nur staid nàduir, tha sibh ‘nur cloinn feirge, agus chan ann ‘nur cloinn na rioghachd so; oir tha ‘n staid sin, dhoibhsan a ta beò agus a’ bàsachadh innte, a’ crochnachadh ann an truaigh shiorruidh! Ma tha sibh air bhur toirt gu staid a’ ghràis, tha còir cheart agaibh air staid na glòire! oir crochnachaidh gràs gu cinnteach ann an glòir mu dheireadh. Tha ‘n rioghachd so na h-oighreachd, air nach ‘eil còir aig neach ‘sam bith, ach clann Dhé: A nis, tha sinn ‘nar cloinn do Dhia, tre bhur n-ath-ghineamhuin agus aonadh ri Criost a Mhac; agus ma ‘s clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus comh-oighreachan maille ri Criost, Rom. viii. 17. Is iad sin ‘na punca mòr, air am bheil dearbhaidhean neach air son staid na glòire an crochadh. Agus uime sin fàdaidh mi sibh gus na chaidh a ràdh mu staid nan gràs, air son bhur dèanamh soilleir a thaobh bhur còir air glòir.

Ma tha sibh ‘nur n-oighreachan air glòir, “tha rioghachd Dhé an taobh a stigh dhibh,” tre bhur n-ath-ghineamhuin agus aonadh ri Criosd. (1.) Tha caithir aig rioghachd neimh ad chridhe, ma tha còir agad air an rioghachd sin: Tha Criosd annad, agus tha Dia annad; agus air dhuit esan a roghnachadh mar do chuibhrionn, ghabh t-anam fois shiorruidh annsan, agus chan fhaigh e fois chaomh ach annsan; mar an colum, gus an d’ thàinig i do ‘n airc. D’ a ionnsuidh-san tha ‘n t-anam a ghnàth ag aonadh, do bhrigh an nàduir nuaidh, an nàduir dhiadhaidh d’ am bheil oighreachan na glòire ‘nan luchd comh-pàirt, Salm lxxiii. 25. “Cò th’ agam anns na neamhaibh ach thusa? agus an coimeas riut chan ‘eil neach air thalamh air am bheil mo dheigh.” (2.) Tha reachda neimh ann an chridhe, ma tha thu t’oighre air nèamh, Eabh. viii. 10. “Cuiridh mi mo reachda ‘nan inntinn, agus sgrìobhaidh mi iad air an chridheachaibh.” Tha t’inntinn, air a soilseachadh ann an eòlas air reachda na rioghachd, le spiorad an Tighearna, fear-teagaisg uile oighreachan na glòire: Oir, có air bith air am bi easbhuidh teagaisg, is cinnteach nach bi oighre cruinn d’ a easbhuidh; “Tha e sgrìobhta ‘sna fàidhibh, Agus bithidh iad uile air an teagasg o Dhia,” Eoin vi. 45. Uime sin, ged dh’ fheudas Athair agus màthair am fàgail gu moch, no ged nach bi cùram orra mu ‘m fòghlum Crìosdaidh, agus ged bhitheas iad air an cur luath gu h-obair air son an arain làitheil; gidheadh cha bhi iad a dhith teagaisg. Tha do chridhe air atharrachadh, agus tha thu giùlan iomhaigh Dhé a ta comh-sheasamh ann am “fireantachd agus fior-naomhachd, Eph. iv. 24. Tha t’anam ann an réite ri uile lagh Dhé, agus a’ cogadh ris gach uile pheacadh aithnichte. Is diomhain dhoibhsan nach ‘eil naomh ‘nan chridhe agus ‘nan caithe-beatha, bhi gabhail orra bhi dol do ‘n rioghachd naomh; “As eugmhais naomhachd, chan fhaic neach air bith an Tighearn,” Eabh. xii. 14. Ma tha nèamh ‘na fois, is ann air son luchd-saothrachd spioradail ‘s chanann air son lunnadairean. Ma ‘s buaidh shiorruidh i, chan ‘eil iadsan air an rathad d’ a h-ionnsuidh, a ta seachnadh a’ chath spioradail, agus air nach ‘eil eùram sam bith an truaillidheachd a cheann-sachadh, cur an aghaidh buairidh, agus gu ‘n rathad a ghearradh tre comh-chògadh ris an diabhul, ris an t-saoghal, agus ris an fheòil. (3.) ‘Se ‘n t-ionmhas ann an nèamh an t’àrd ni ann ad mheas agus ann ad iarrtais; oir is e t’ionmhas e: “Ge b’e àit am bheil bhur n-ionmhas, is ann an sin a bhios bhur cridhe mar an ceudna,” Mat. vi. 21. Mur iad na nithe a chithear, ach na nithe nach faicear, a ta do chridhe anns a’ chùram agus anns an iomagain as mò gu fhaotainn; ma tha thu ri ceannachd o nèamh, agus gu bheil t’àrd ghnothuch an sin; is comhara e gu bheil t’ionmhas ‘an sin, oir tha do chridhe an sin. Ach ma tha thu dhiùbhsan, air am bheil iongantas e’ arson a bhiodh na h-urrad obair mu thimchioll neimh agus beatha maicenaich, mar gu’n deanamh ni bu lugha an gnothuch; tha choslas ortsa nach ‘eil gnòthuch idir agad ris. Tha daoine feòlmhor a’ cur an tuilleadh meas orra féin air son an ionmhasan a ta air thalamh; tha na nithe nach ‘eil air am faicinn, air an cothromachadh sios leis na nithe a chithear; agus cha call calldach ‘sam bith cho trom orrasan ri calldach saoghalta: Ach tha oighreachan cruinn na glòire ‘gam meas féin na’s mò air an ionmhas air nèamh, agus cha chuir iad an seilbh thalmhaidh anns a’ mhéidh a chothromachadh an rioghachd; ‘s cha téid call an dara aon cho dlùth d’ an chridheachan, ‘sa théid smuaineachadh air calldach an aon eile. Far am faighear ceud thoraidhean sin neimh, leanaidh gu cinnteach ‘nan léigh eudthrom siorruidh de ghloir; am feadh a ta easbhuidh nan comharan ‘na dhearbhadh soilleir, a réir an fhocail, air oighre feirge.

‘San dara áite, Giùlaineadh oighreachan ma rioghachd iad féin freagarach d’ an cliú agus árd-inbhe. Caithibh bhur beatha mar iadsan aig am bheil creidimh agus dòchas na rioghachd ghloirmhor so: Bitheadh “bhur caithe-beatha air neamh,” Phil. iii. 20. Bitheadh blas bhur n-anama anns an comh-chomunn ri Dia am feadh a ta sibh air thalamh, a chionn gu bheil sibh ag amharc air son bhur sonais ann an comh-chomunn ris air neamh. Biodh blasad nan neamh air bhur comhradh agus air bhur gníomhara: agus, ann bhur gné chaithe-beatha, bithibh cosmhuil ris an dûthaich gus am bheil sibh ag imeachd; chum gu feudar a rádh umaibhse, mar mu bhràithribh Ghideoin. Breith. viii. 18. Gach aon cosmhuil ri cloinn righ. Biodh dimeas naomh agaibh air an t-saoghail, agus air nithibh an t-saoghail. Ged tha muinntir eile, aig am bheil an nithe talmhaidh a’ suidheachadh an cridheachan orra, mar na nithe as fearr; gidheadh buinidh bhur cosan a chur orra, a chionn gu bheil bhur nithe as feàrr shuas. Chan ‘eil ‘san t-saoghail so ach an dûthaich, tre am bheil bhur slighe gu fearann Imanuel: Uime sin, imichibh troimh mar luchd-turuis agus coigrich; agus na rachaibh a steach ‘na chûramaibh ‘s na dhriphibh, ann an rathad a bhacadh bhur n-astar. Chan fhiù do neach a ta air a bhrèith gu lùchaitr, a chridhe shuidheachadh air bothan, gu còmhnuidh ghabbail ann; agus do neach a ta ruith air son duais òir, dol as a rathad, a chruinneachadh clachan anns an t-ruthain: Ach is mò gu h-òr nach fhiù e do oighre, rioghachd neimh, a bhi air fholach am measg airneis an t-saoghail so, ‘nuair bu chòir dha bhi dol air aghaidh a dh’fhaotainn a chrùin. Tha ‘n duais a ta air a cur mu ‘r comhair, ag agradh bhur n-end ro-mhor, bhur saothair agus dìchioll: agus is maith a thig e dhoibhsan a ta ris a’ chrùin a shealbhachadh, misneach naomha, rùn seasmach, agus treubhantas-intinn a bhi aca. Chan urradh dhuibh tighinn gus a’ chrùin, gun bhur rathad a chogadh d’ a ionnsuidh, tre dheuchainnean o ‘n taobh a mach, agus o ‘n taobh a steach! Ach is leòir an rioghachd a ta roimhich gu ‘n cothromachadh uile, ge do bhiodh sibh air bhur gairm gu seasamh eadhon gu fuil. Roghnaichibh crann-ceusaidh Chriosd roimh chrùin an t-saoghail; agus uireasbhuidhean, ann an slighe dleasnais, roimh fhois agus saoibhreas ann an slighe pheacaoidh: “Roghnaichibh àmhghar fhulang maille ri sluagh Dhé, roimh shòlas a’ pheacaoidh a mhealtuinn rè seal,” Eabh. xi. 25. Ann an tigh-òsda cumanta, theagamh gu ‘m faigh coigrich uidheachd na ‘s fearr na chlann; ach is ann an so, tha ‘n t-eadar-dhealachadh, nach ‘eil aig a’ chloinn ni ri dhioladh air son na fhuair iad; ach gheibh na coigrich an cumtas, agus is éigin doibh làn-dioladh a dhèanamh air son na fhuair iad. Na’n smuainicheadh sinn air an ath-dhioladh a th’ aig na h-aingidh ri dhèanamh air son uile shuilbhireachd an fhreadail chumanta a ta iad a’ faotainn anns an t-saoghail, cha ghearanamaid air son nan nithe maithe th’ aca an so; agus cha ghabbamaid gu h-olc gu bheil Dia a’ gleidheadh ar nithe as fearr dhuinne gus a’ cheann mu dheireadh. Ni nèamh suas uile challdach nan naomh, agus bithidh gach uile dheòir air an tiormachadh o ‘n sùilibh ann an sin.

(Ri leantuin).

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice