Air a leantuinn bho t.-d.-75.
Is fù dhuiinn a thoirt fa’near gu bheil a leithid a chaochladh seòrsa beachd ‘sna Sgriobtuir mu shonas neimh, is a dh’ fheudas freagairt do uile chor trioblaideach nan naomh. Am bheil iad fuidh fhòirneart? Tha ‘n là teachd ‘sam bi an uachdranachd aca. Am bheil an clù air a leagadh ‘san duslach? Togaidh righ-chaithir gu suidhe orra, crùn air an ceann, agus slat-rioghail ‘nan làimh suas a ris iad. Am bheil iad air an cur gu bochdainn? Tha nèamh ‘na h-ionnmas. Ma bhios iar air an tìgneaichadh gu ‘n ionada-còmhnuidh fhàgail; gidheadh tha tigh ‘Athar Chriosd ullamh air an son. Am bheil iad air am fuadachadh do ‘n fhàsach? ,Tha baile air ullachadh air an son. Am bheil iad air am fògradh o ‘n tìr dhùthchais? Sealbhaichidh iad dùthaich as feàrr. Ma tha ad a’ call òrduighean foll-aiseach; ‘Se an Tighearna Dia uile-chumhachdach agus an t-Uan as team-pull ‘san ionad d’ am bheil iad a’ dol; teampull, nach urrainn do neach ‘sambith a dhorsa a dhùnadh. Ma tha ‘m beatha làn de shearbhalachd; tha nèamh ‘na Phàras toil-intinn. Ma tha iad ag osnaich fuidh fhuigheal daorsa spioralail; tha saorsa ghloirmhor a’ feitheamh orra. Am bheil an trusgain shalach a’ cur nàir orra? Tha ‘n là teachd, ‘sam bi an trusgain geal fiorghlan, agus gun smal. Tha ‘n cath an aghaidh feòla agus fola, uachdranachd agus cumhachda, gun amharus goirt: ach tha buaidh ghloirmhor a’ feitheamh orra. Ma tha spàirn agus saothair a’ Chriosduidh mòr, tha fois shiorruidh air a shon ann an nèamh. Am bheil iad air am meas neo-airidh air comunn dhaoine anns an t-saoghal? Bithidh iad air an gabhail a steach do chomunn naoimh ann an nèamh. Am bheil iad a’ gearan air bacaidhean tric ‘nan comhehomunn ri Dia? Cha téid iad gu bràth tuilleadh a mach, ach chi iad ‘aghaidh gu saoghal nan saoghal. Ma tha iad an dorchadas ann an so, tha solus siorruidh an sin. Ma tha aid a’ gleachdu ris a’ bhàs, gheibh iad an sin beatha shiorruidh. Agus a chum an t-ionlan a dhèanamh suas ann an aon fhocal, “Sealbhaichidh an ti a bheir buaidh na h-uile nithe mar oighre,” Taisb. xxi. 7. Bithidh sith agus pailteas aige, buannachd agus toil-intinn; na h-uile ni tait-neach, làn tlachd d’a iarrtuis as faigsinne! Togadh luchd-dòchais neimh, uime sin, suas an cinn le h-aobhneas, crioslaicheadh iad suas an leasraidh, agus ruithidh iad air chor as gu ‘m faigh iad saltairt air na h-uile ni a dh’ fheudas bacadh a chur orra ‘nan slighe chum na rioghachd. Na measadh iad dleasnas ‘sam bith tuilleadh is cruaidh, no crois ‘sam bith tuilleadh is trom, no saothair sam bith tuilleadh is mòr, chum is gu faigh iad crùn na glòire.
‘San àite mu dheireadh, Biodh iadsan aig nach ‘eil còir ‘sam bith air rioghachd neimh, air am brosnuchadh gu h-iarruidh le ‘n uile dhichioll. ‘S e nis an t-àm, ‘sam feud clann na feirge bhi air an deanamh ‘nan oighreachan air a fosgladh, chan e an t-àm e gu suidhe socrach agus diomhain. Togaibh suas bhur inntinnean chum na glòire bhitheas air a foillseachadh, agus na bithibh a ghnàth a’ luidhe sios air an talamh thruailidh so. Ciod am feum a ni bhur n-uile shuaimhneis saoghailta dhuibh, ‘nuair nach ‘eil agaibh stéidh chinnteach ri dòchas neimh, an déigh do ‘n bheatha so dol thairis? Chan ‘eil ‘sna saoibhreis agus ‘sna h-onoirean, ‘sna buannachda agus ‘sna toil-inntinne sin, a ‘s eigin a bhi air an adhlacadh maille ruinn, agus do nach urrainn dol leinn gu saoghal eile, ach cuibhrionn thruagh, agus a dh’ fhàgas daoine gun chomhfur-tachd mu dheireadh. Ah! cia uime a ta daoine co déigheil, “re àm dhoibh a bhi beò air an nithe maithe fhaotainn?” Cia uime nach feàrr leò bhi fuidh chùram gu ‘n còir a dheanamh cinnteach air rioghachd neimh, nach biodh gu bràth air a toirt uatha, ach a bheireadh dhoibh cuibhrionn a dheanadh sona iad feadh linnibh na siorruidheachd! Ma tha thu ag iarraidh urram; ann an sin feudaidh tu an t-urram as àirde fhaotainn, agus a mhaireas ‘nuair a bhitheas urraman an t-saoghail air an leagail anns an ùir. Ma’s beartas a tha thu ag iarruidh; bheir nèamh ionmhas dhuit; agus ann an sin tha subhachas gu siorruidh. Oh! na bithibh ‘nur luchd-tarcuis air an fhearann thaitneach, agus na measaibh sibh féin neo-airidh air beatha mhaireannaich; ach pòsaibh an t-oighre agus bithidh nèamh agaibh mar bhur n-oighreachd. Dlùth-ghabhaibh ri Criosd, mar tha e air a thairgse dhuibh ‘san t-soisgeul, agus sealbhaichidh sibh na h-uile nithe. Imichibh ann an slighe na naomhachd, agus treòraichidh i chum na rioghachd sibh. Cogaibh an aghaidh a’ pheacaidh agus Shàtain, agus gheibh sibh an crùn. Tréigibh an saoghal, agus bithidh dorsa neimh fosgailte gu ‘r gabhail a steach.
Ri leantuinn.