Mata xxv. 41.
An sin a deir e mar an ceudna riusan air an laimh chli, “Imichibh uam a shluagh mall uichte, dh’ ionnsuidh an teine shiorruidh, a dh’ ulluicheadh do ‘n niabhul agus d’ a ainglibh.”
MUR bitheadh ionad-còmhnuidh shiorruidh eile ann ach nèamh, chuirinn crioch an so air mo theagasg mu said shiorruidh an duine: ach do bhrigh anns an t-saoghail eile gu bheil priosan air son nan aingidh, cho maith as lùchaist air son nan naomh, ‘s eigin duinn mar an ceudna feòrachadh mu staid na truaighe shiorruidh sin: Ni a dh’ fheudas a’ chuid as miosa de dhaoine èisdeachd gu maith, gun ghlaodhaich, “An d’ thàinig thu g’ ar pianadh roimh an àm?” a chionn’ gu bheil fathast cothrom air teicheadh o ‘n fheirg ri teachd; agus thig gach ni dh’ fheudar a ràdh ma thimchioll, goirid air na mhothaicheas a’ muinntir a théid a dhamnad: oir, “Cò d’ an aithne neart feirge Dhé?”
B’ean ni mu dheireadh a rinn ar Tighearna mu ‘n d’fhag e an saoghail: “Thog e suas a lànhan agus bheannaich e” a dheiscioibuil, Luc. xxiv. 50, 51. Ach is e an ni mu dheireadh a ni e, mu ‘m fàg e an righ-chaitheir, a naimhde a mhallachadh agus a dhiteadh; mar a tha sinn ag ionnsachadh o’n bhonn-teagaig, anns am bheil a’ bhinne uamhasach air acur sios, ‘sam bheil truaighe shiorruidh nan aingidh air fhilleadh suas! Anns am feudar tri nithe a thoirt fa’near: Air tuis, Cluì na muinntir dhite, Sibhse ta malluichte. Tha ‘m Breitheamh a’ faotajnn mallachd an lagha orra, mar chiontaich, agus cuiridh e air falbh iad, o’ làthair, do ifrinn; ann an sin gu bhi air a làn chur an gnìomh orra. ‘San dara àite, Am peanas gus am bheil am breitheanas théid a thoirt orra g’an cur; agus gus an robh iad a ghnàth air an ceangal thairis, do bhrigh a’ mhallachd. Agus tha ‘m peanas so dà fhilte; peanais càltaich, ann an sgarachdainn o Dhia agus Chriosd, “Imichibh uam!” Agus peanas mothachaidh; ann am piantaibh ro gheur agus ro mhòr, “Imichibh uam do theine!”
San treas àite, Nithe tha tromachadh am piannta.
(1.) Tha iad ullamh air an son; cha ‘n fheud iad dùil a bhi aca ri mionaid saorsa. Tha ‘n teine air ulluchadh, agus ullamh gu greim a ghlaichadh dhiubh san a ta air an tilgeadh ann! (2.) Bithidh comunn dhiabhul aca ‘nam pianntaibh, air dhoibh a bhi air an druideadh suas maillle riu ann an ifrinn! ‘S éigin doibh imeachd do’n cheart teine a dh’ ullaicheadh air son Bheelsebub, prionnsa nan diabhul, agus ‘aingle; eadhon, na droch aingle eile a thuit maillle ris, agus a dh’ fhàs ‘nan diabhul. Tha e air a ràdh gu bheil e air ulluchadh air an son; a chionn gu ‘n do pheacaich iad, agus gu’n roibh iad air an diteadh gu dol do ifrinn, mu ‘n do pheacaich an duine. Tha so a’ labhaint tuilleadh uamhais ris a’ muinntir dhite, do bhrigh gur éiginn doibh dol gus na ceart phianntaibh, agus do’n àite pian cheudna ris an diabhuil agus r’ a ainglibh! Dh’ éisd iad r’a bhuaireidhean, agus is éiginn doibh comlpàirteachadh ‘na phianntaibh; b’ àill leò ‘oibre a dhèanamh, agus is éibinn doibh a thuarasdal fhaotainn, ni a ‘s e bàs. Anns a’ bheatha so, cheangail siad iad féin ri diabhuil, ann an naimbdeas an aghaidh Dhé agus Chriosd, agus slighe na naomhachd: agus anns an t-soighal eile, is éiginn doibh còmhnuidh ghabhail maille riu! Mar so bithidh na gabhair uile air an druideadh suas le chéile; oir tha ‘n t-ainm sin cumanta do dhiabhuilibh agus do dhroch dhaoine, san Sgriobtuir, Lebh. xvii. 7. far am bheil am focal diabhuil a’ ciallachadh gu ceart muinntir mholach, no gabhair; an an eruth nan creutairean sin, bha tlaichd mor aig na diabhuil taisbeanadh d’ an luchd-aoraidh. (3.) ‘Se tromachadh anu dheireadh am pian, gu ‘m mair i gu siorruidh; is éiginn doibh imeachd gu teine siorruidh! ‘Se so a chuireas a’ chloch-mhulluach air an truaighe, eadhon, nach bi crìoch gu biàth oirre!
An déidh dhomh dhéarbhadh gu soilleir gu ‘m bi aiseirigh cuirp, agus breitheanas follaiseach ann, cha’n ‘eil mi smuaineachadh gu bheil e feumail firinn peanas ri teachd a dhearbhadh. Tha cheart choguis a ta ann an daoine mu bhreitheanas ri teachd, a’ tabhairt fianuis mar an ceudna mu fhirinn peanas ri teachd. (Agus ni sinn soilleir mar théid sinn air an n-aghaidh ‘san t-searmon so, nach e neonicachd, no bhi ‘gan cur gu staid n-aghaidh ‘san t-searmon so, nach e neo-nieachd, no bhi ‘gan cur gu staid an neo-ni peanas na muinntir dhite). Ann an labhaint mu ‘n teagasg uamhasach so, feòraichidh mi na ceithir nithe a leanas: (1.) Am mallachd fuidh am bi a’ muinntir dhite air an druideadh suas. (2.) An truaighe fuidh an mhallaichd sin. (3.) An comh-chomunn ri diabhuilibh ‘san staid thruaigh so. (4.) Sior-ruidheachd an iomlain.
(Ei leantwinn).