Leis an Urr. AONGHAS McMH AOLAIN, a bha ann an Arain, agus a
chaochail’sa’ bhliadhna 1843.
Feuch Uan Dé, a ta toirt air falbh peacaidh an t-saoghail—EOIN i. 29.
ANN am fáidhdeireachd an fháidh Esaias, bha e air a roimh-inneadh
mu Eoin, gu biodh e ‘na Roimh-ruithfhear aig Croisd, ‘na theachdair
dol roimh a ghníis, a dh’ ullaichadh a shlighe; agus tha e soilleir, gu robh
tríall Eoin air thalamh co-fhreagarrach ris an fháidhbeireachd a rinn Esias mu thimhchioll. Bha ministreileachd Eòin de nàdur geur agus dùsgaidh, a bha treòrachadh a luchd-éisdeachd gu mothachadh air an cionta ‘s air an truaighe mar pheacach, agus air an fheum a bha aca air Criosd mar Shlànughear. Bha Eòin toileach e féin isleachadh, chum ‘s gu biodh Criosd air àrdachadh, agus intinn an tsluaigh a tharruing o gach stèidh mhearachdach, a dh’ ionnsuidh an “aon bhunait a shuidhich Dia ann an Sion.” ‘S ann chum na criche so a ghairm e air an t-slugh a dh’ ionnsuidh Chriosd, mar Uan Dé. Ann an labhairt o na briathraibh so, bheir mi fainear:
I. Cuid de na h-aobharan, air sgàth a bheil Criosd air a ghairm “Uan Dé.”
II. An dòigh anns a bheil e toirt air falbh peacaidh an t-saoghail.
III. An dòigh anns a bheil e iomchuidh do pheacach a bhi sealltuinn ris an Uan so.
I. Cuid de na h-aobharan.** 2. Anns a’ cheud àite, tha e air a ghairm “Uan Dé,” do bhrigh gu robh e air ullachadh, agus air àrach le Dia, air dògh nach robh aon uan eile a bha riabh air thalamh. Bha an Tighearn Iosa Criosd, cha’n e mhàin, maille ris an Athair o bhithbhuantachd, ach ‘na Uan a bha ro-mheasal, ro-mhùirneach aig Dia—”a Mhae gràdhdach.” Ach bha an t-Uan so air òrdachadh ‘s air ullachadh gu bhi ‘na iobairt réite, agus air iobradh, air costas Iebobhah an t-Athair. 2. Bha Criosd air a choimeas ri uan, air sgàth co flor-ghlan, agus naomba, ‘s a bha e ‘na ghuth, ‘sna ghniomh, ‘na chridhe, ‘sna chaithe-beatha. Ged a bha e a’ gabhail comhnuidh am measg pheacach, ag itheadh agus ag òl maille ri peacach, agus air a chuirteachadh le truaillidheachd an t-saoghail so o là gu là, gidheadh ann am buillsgean na truaillidheachd so, bhuanach e naomba ‘na ghuth, ‘sna ghniomh; choimhead se e féin gun smal o’n t-saighal. 3. Bha Criosd air a choimeas ri uan, air sgàth a chiùmeas, a mhacantachd, agus fhoighidin fo gach masladh is àmhghar a dh’ fhuiling e. Ach ciod mar a ghiùlain an Tighearn Iosa Criosd a féin fo gach masladh agus àmhghar a dh’ fhuiling e o a nàimhdéan! 4. Bha Criosd air a choimeas ri uan, do bhrigh gu robh e air a roimh-chiàllachadh, agus air a shamhlachadh leis na h-uain a bha air an toirt suas mar iobairtean fo’n lagh. Bha an t-uain càisg ‘na shamhladh ro-fhreagarrach air Uan Dé, a thug e féin mar iobairt airson a phobuill, agus a rinn cuirm dhaibh de “nithibh blasda, agus làn de smior,” air an iobairt a thug e suas; agus a tha cur an cèill, gu bheil a’ bheatha mhaireannach aig gach neach a dh’ itheas de’n chuirm so.
II. An dòigh anns a bheil e toirt air falbh.** 1. Tha gach seòrsa dhaoinn, eadar Iudhaich agus Chinnich, air an deanamh a luchd-compairt de thòradh na h-iobairt a’ chug Criosd suas air a’ chrann-cheusaidh. Is e Criosd Slànughear coitichonn an t-saoghail, agus mar shlànughear tha e leòir fhoghainteach a leasachadh gach uireasbhuidh, agus a leigheas gach truaighe a thug am peacadh air a chinne-daonna; agus tha gach seòrsa dhaoine, tha Iudhaich agus Chinnich, saor agus daor, fàilteach gu teachd d’a ionnsuidh, agus gu bhi gabhail de uisge na beatha gu saor. 2. Bha peacaidhean pobuill thaghta Dhé gu h-ionlan air am meas do Chriosd mar an urras, agus air an leagail air le Dia an t-Athair, chum ‘s gu’n d’ thugadh e air falbh iad. Agus rinn e sin, mar rinn am boe-gaibhre a chaidh as le lochdan chloinn Israeil gu lèir air a cheann, an giúlan air falbh do’n fhàsach, gu ionad neoàitichte, far nach cuelas guth no sgeul am feasd tuilleadh mu’n timchioll—mar sin thug Criosd air falbh peacaidhean a phobuill gu tìr na dichuinhne, gu ionad anns nach cuimhneach iad ni’s mò. 3. Thug Criosd peacaidhean a phobuill air falbh, le peanas toilteanach a’ pheacaidh fhulang ‘na chorp, agus ‘na anam féin, air a’ chran-cheusaidh. Thug Dia air falbh peacaidh an t-saoghail, le buille thòm an smachdchaidh a thoill e, a leagail air aon ghìn Mhic féin. Is ann tre’n dioladh a thug Criosd do cheartas Dhé, le fhulangasaibh agus le bhàs, a thug e air falbh peacaidh an t-saoghail. 4. Tha peacaidhean deiscibuil Criosd air an toirt air falbh an uair a tha iad air am maitheadh dhaibh agus air an dubhadh a mach à leabhar cuimhne Dhé. Tha còir dhligheach aig gach fior iompachan air buanachd na saorsa a cheannaich Criosd air a shon. Tha Criosd fhathest a’ toirt air falbh peacaidh an t-saoghail, a’ giúlan air aghaidh obair na saorsa o linn gu linn, anns an eaglais. Tha e saoradh a phobuill o’m peacaidhean, an uair a tha iad an ionnlaid, air am fireanachadh, air an naomhachadh, agus air n toirt gu sealbh air beatha mhaireannach. Ach is ann tre’n Spioraid Naomh a tha e a’ giúlan air aghaidh na cuid so de obair na saorsa.