Leis an Urr. Dr. AIRD a bha ann an Craoich, agus a chaochail ‘sa’
bhliadhna 1898.
Tha abhainn anu, agus ni a sruthan caithir Dhé ait.—SALM xlvi. 4′
I. Eaglais coimh-cheangail Iehobhah air a samhlachadh ri caithir, no baile.
II. Amannan anns a bheil a’ chaithir, no an eaglais air a sàrachadh, agus ann an teinn.
III. An t-ullachadh rinn ‘am Tighearna airson na h-eaglaise ann an deuchainn—dh’ ullaich E abhainn, agus ni a sruthan caithir Dhé ait. A réir an òrdugh so thugaibh fainear.
I. Eaglais a’ chomh-cheangail, no aon de shluagh Dhé, air a samhlachadh ri baile.
1. Anns an àirde an ear bha na bailtean air a’n cuairteachadh le ballachan làidir, agus ciod e an t-aobhar? Bha so: an uair thigeadh na nàimhdean, ruitheadh muimtir na dûthcha do’n bhaile, agus bha am balla ‘na dhion dhaidh. Agus mar sin, tha an eaglais air a cuairteachadh le balla ceithir fillte, cha’n e a mhàin dà fhillte, no trì fillte, ach ceithir fillte.
(1) Ciod iad ballachan a’ bhaile?
Tha so: neart neo-chriochnach Iehobhah (Salm cxxv. 2). Oir a’ ni tha fior mu’n eaglais, tha e fior thaobh gach neach fa leth de shluagh an Tighearna O! a leanabh leis an Tighearna smuainich thusa air so an uair bhois an nàmhaid ag iarraidh a bhi toirt a chreidsinn ort nach ‘eil cobhair ann an Dia air do shon, agus gu bheil na h-uile ni dhiubh sud ‘na d’ aghaidh. Cuimhnich air na ballachan a tha cuairteachadh caithir Dhé—uile bhuaodhan Iehobhah—a neart neo-chriochnach gu do dhion—a naomhachd gu do naomhachadh, agus fhireantachd gu bhi ‘gad fhireanachadh.
(2) Ciod e aon’ eile de na ballachan?
So e: a chùran spèiseil anns an fhireasdal mu’n timchioll.
(3) Ciod e, a nis, aon eile de na ballachan a tha cuairteachadh caithir, no eaglais Dhé?
Eh! tha so; geallaidhean Dhé (Isaiah xliii. 2).
(4) Aon eile de na ballachan a tha ceithir fillte, agus is e sin làthaireachd an Tighearna ‘na meadhon—Iehobhah, e féin ‘na meadhon.
Is e so, a nis, aon dòigh anns a bheil baile ‘na shamhlaadh air caithir, no air eaglais Dhé.
2. Ach thugaibh faincar dòigh eile—gu bheil e feumail gu’m biodh geata air a bhalla gu bhi treòrachadh a stigh, oir cha bhiodh feum anns a’ bhalla mur biodh geata air.
Agus ciod e an geata chum caithir Dhé. O! is e Criosd féin an geata. Rach thusa steach air an dorus, agus rach a steach mar cheann-feadhna nam peacach. Tha an dorus fosgailte a là agus a dh’ oidche.
3. Tha sràidean ann am baile.
Agus bidh muimtir a’ bhaile ag imeachd air na sràidean. Agus a bheil sràidean ann am baile Dhé? Eh! tha. Agus ciod iad na sràidean? Tha so: slighean na naomhachd, agus mar is dlùithe a leanas thusa ri Criosd is ann is cinntiche a ghluaiseas thu air na sràidean.
4. Buinidh lagh do’n bhaile.
Ach thugaibh fainear, tha an t-eadar-dhealachadh so eadar eaglais Dhé agus baile eile, gu bheil lagh a’ bhaile sgrìobhta air cridheachan an luchd-áiteachaidh.
5. Tha sochairean ann am baile.
Agus tha iad, euideachd, ann an eaglais Dhé—meadnonan nan gràs, òrduingean an t-soisgeil, na sacramaileam, am Biobull, agus Là an Tighearna.
6. Tha marsantachd ann am baile.
Agus a bheil neach sam bith a’ deanamh am fortan an caithir Dhé. Eh! tha. Gach duine, is bean, is mac, is nighean a fhuair Crìosd, tha iad saoibhir airson tim agus siorruideachd. Fhuair iad an neamh-naid luachmhor a tha deanamh suas gach call eile.
Ciod e an t-aobhar, a nis, gu’n gairmear “caithir Dhé” de’n bhaile so; oir tha abhainn ann, agus ni a sruthain caithir Dhé ait.
1. A chionn gur e Dia fhéin a dh’ ullaich i o shiorruideachd ann an suidheachadh cumhnant nan gràs.
2. Is e aobhar eile gu’n goirteadh “caithir Dhé” dhi; gur e Dia a thog am baile (Salm cxxvii. 1).
Is e Dia féin a thagh agus a leag a bunait; is e shuidhich clach chin na h-oisne, agus is Dia féin a chuireas a’ chlach-mhullaich air an togail le h-iolach—gràs, gràs gu’n robh dhi.”
3. Aobhar eile; gur le Dia féin a tha riagladh anns a’ bhaile.
4. Aobhar eile gur e Dia a tha cur diom air a’ bhaile.
5. Aobhar eile; gur ann uaithe-san tha luchd-aiteach-aidh faotainn biaidh, agus deoch, agus aodach.
6. Is e aobhar eile so; gu bheil Dia ‘na meadhon—Iehobhah an taobh a stigh dhi.
7. Is e aobhar eile; gu’m buin a’ mál Dhàsan.
Ciod e am mál. Tha a bhi toirt moladh agus glòir do Dhia.
II. Amannan anns a bheil “caithir Dhé” air a sàrachadh.
Tha am baile so fosgailte do thrioblaid agus àmhghar a bhios ‘ga chur for bhuaireas.
1. Is e aon àm dhiubh so an uair tha freasdal agus an gealladh mur gu biodh iad an aghaidh a chéile.
B’e sud freasdal agus gealladh Dhé do Abrahaím. Bha duine maith ann uaireigin, agus chuir e an còmhradh bha aig Dia agus Abraham ri chéile, air an dòigh so—gu’n do choinnich an Tighearna ris aon là agus gu’n d’thubhairt E: “Tha creideamh agad Abrahaím, ach tha mise dol a chur dearbhadh air do chreidimh,” agus gu’n do fhireagair Abraham: “Ma chuireas Thusa dearbhadh air mo chreidimh-sa, cuirdh mise dearbhadh air do ghealladh-sa.”
2. Am eile; an uair tha Dia a’ eur dàil ann a bhi freagair ùrnuigh.
3. Am eile; an uair bhios mearachdan agus truailidheadh a’ togail an cinn anns an eaglais.
4. Am eile; an uair bhios na fianuisean air an toirt dachaidh, gun fhianuisean eile a bhi ag éirigh gu bhi togail an àite.
5. Am eile; an uair tha gràs cho ional anns an anam agus nach ‘eil faireachduinn air an truailidheadh a tha anns a’ chridhe, cosmhail ri duine marbh.
Bha an t-Urr. Mr. M’Phàil, sgìre Ruigh-sholuis, a’ searmonachadh aon là, agus thubhairt e: “Tha Dia air chall air Iob, agus e’ait am faigh sinn Dia dha.” Dh’ fheòraich e so trì uairean gun stad, agus an sin fhireagair e: “Anns a’ bheò-ionndrainn a bha ann an Iob as a dhéidh.” Bha an t-iarrtus bha ag éirigh ann an anam Iob as a dhéidh ‘na dhearbhadh gu’n robh E aige cheana.
6. An uair bhios an Tighearna ag àicheadh a làthaireachd.
III. An t-ullachadh rinn an Tighearna.
Dh’ ullaich e abhainn. Ciod tha sinn gu bhi tuigsinn leis an abhainn agus a sruthain? Tha uile bheannachdan cumhnant na gràs a’ sruthadh, tre thoillteanas fulangais Chrìosd ‘na bhreth, ‘na bheatha, agus ‘na bhàs. Agus ciod e an t-uigsge? Tha an Trionaid ghlormhor. Dia an t-athair an tobair, Crìosd an tobair air a fosgladh, agus an Spiorad Naomh a’ sruthadh o’n Athair agus o’n Mhaic.
1. C’ait a bheil an abhainn so ag éirigh?
Eh! is ann ann am beanntaibh siorruidh buadhan Iehobhah—gràs saor, saoibhir, àrd-uachdaranail.
2. Ach, thugaibh fainear, gu’m feum cladhan, no amar bhi aig an abhainn chum gu’m bi an t-uiseage ruigsinn orra-san a tha feumach air.
Chosd e mòran do Ghlascu a bhi fosgladh a’ chladhain troimh d’ thugadh an t-uisege do’n bhaile. Ach cha’n e airgid òir a chosd e a bhi fosgladh a’ chladhain so, ach fulangas agus umhlachd Chriosd. Cha ruigeadh boinne o’n abhainn so gu bràth air aon de shlìochd Adhaimh mur bith breth, beatha agus bàs Chriosd.
3. A ris, feumaidh pìoban bhi air an eur sios gu bhi treòrachadh an uisge tre’n bhaile; agus a bheil pìoban gu bhi treòrachadh an uisge tre chaithir Dhé.
Eh! tha,—am focal, sàeramaid, agus ùrnuigh. Feumaidh pìoban a bhi a stigh cuideachd. Ciod i so? Is i gràs a’ chreidimh. Ach ciod thachras an uair tha i tachda le smùrach an as-creidimh? An uair tha an Tighearna toirt a làthaireachd ann am meadh-onaibh nan gràs, bidh so a’ eur aoibhneas anns an anam.
4. Tha abhainn freagarrach airson mars-antachd; agus tha uisge na h-aibhne feumail airson glanaidh.
5. Thugaibh fainear, gu bheil abhainn ‘na samhla air pailtreas.
O! ged robh thu ro thartmhòr, tha gu leòir anns an abhainn air do shon.
6. Tha abhainn saor do na h-uile.
“Ho gach neach air am bheil tart, thigibhse chum nan uisgeachan.”
7. Tha abhainn feumail gu bhi mìuchadh teine a’ bhriseadh a mach ‘sa’ bhaile.
Tha teine naomhachd agus ceartais Iehobhah briseadh a mach ‘sa’ bhaile so; agus cha’n’eil ni sam bith a chuireas as e ach an toillteanas a tha ann an Criosd. An uair a loisgeas an teine ann an uchd a’ chreidimhich, so an t-uisge a chuireas as e.
Tha mothachadh aig muinntir a’ bhaile so air plàighean an cridhe, agus is e an t-uisege bho’n abhainn an aon nì a ghlanas an truaillidheachd air falbh. Dh’ fhosgail Dia an tobair so chum gu biodh an t-uisege ag ullachadh an anam airson baile mòr na glòire. O! nach biodh e freagarrach do mhuiintir a bhaile a bhi caitheamh nì’s mò de’n uisge so!