DAN. ii. 2.
Leis an URRAMACH I. ROBERTSON, an Dunedin.
ANN am Paipearan-naigheachd Baile Shruith-leadh, o chionn beagan bhliadhnaicheau, fhuar-adh sgriobhta mar a leanas:—bhàsaich ànn am Baile Shruithleadh air an t-seathamh là do Ianuari, Sénah Wilson, aig ceithir fhead agus seachd bliadhna dh’ àois. Cha bu ‘bhàs neach a bha “glie a tháobh na feòla,” no “cumh-achdach,” no “uasal” 1 Cor. i. 26, ànn an cachdraidh ant-sáoghail so, at a againn an so; ach gidheadh glic da rireadh a tháobh a ghliocais “a ta o’n áirde,” Seum. iii. 17, agus cumhach-dach, agus uasal da rireadh, air dhi a bhi na “co-oighe maille ri Críosd.” Rinn aingle fríthealadh di am feadh ’s a bha ibhos ’sa cholúinn; agus air dhi mar theireadh i féin dol air inirch do’n ionad náomh a ta shuas, dh’fhag i ’na déigh comharraidhean gle shoilleir, gu bheil “a cuimbe beannaichte”—gu bheil i dhiubh-san, “air am bi cuimhne shiortuidd.” Féuhaidh gur ainmíc neach ánn an d’fhuair na firinnean a leanas a leithid ’a choimhlíonadh,—“feuch arduidh Día le a chumhachd, co a theagaisgeas cos-mhuil ris-san?” Iob xxxvi. 22. “Ge do luidh síbh am measg choiréacha bithidh síbh mar sgiathaibh columain air an comhdachadh le h-airgid agus iteagan le h-or buidhe.” Salm lxviii. 13. “An áite droighne fásaidh an giuthas, agus an áite drise fásaidh am mioral, agus bithidh e do’n Tighearna mar ainn, mar chomh-arra bith-bhuan nach cuirre as áit.” Isa. lv. 13.
Dh’ ainmich sinn aig tús an leabhair, gu’n robh Sénah, mar líli “am measg droighne,” agus chíthear gu bheil an samhla gle fheadragarrach, ’n uair a dh’ ainmicheas sinn, ciod an teaghach do ’m buineadh i—sin ri rádh do thréibh do cheardan siubhail, aig an robh an taighdeas ánn am baile beag do ’n ainn Raploch, fagus do Chaisteal Shruithleadh. Bha iad so mar bu nós, a deanamh spáinean, agus a caramh phoitean,—ach a deanamh gu mór ni’s lugha bhuannachd mar so, no rinn iad le ’m braide, agus le iarraidh déirce. Tí an t-sámhraidh bha e mar chleachdadh aca ’dhol air turusaibh fada, mu timchioll deich no fchead dhiubh cuideachd, le ’n cuid a giulain an clonine, agus an cuid buthan. Ge b’e áit do ’n deach iad bha mar bu trice air gach neach, sgáth rompa. Rachadh buidh-eann do ’n chuid bu ladarna dhiubh, do gach tigh tuathanaich a bha mu ’n rathad, ag iarraidh gu dana pailteis do gach seórsa bithe—min, im, cásse, agus eadhon feoil as a bharaille. Le ’n cuid ladarnais ’us bagraidhean, gheibh-eadh iad mar bu trice gach ni a dh’ iarradh iad, agus mar so choisinn iad tuilleadh teachd-an-tire leis an lamhachas laidir, na choisinn iad, le duais an sóthrach mar luchd-ceairde. Bha ’n óigrídh ’na ’m measg ro-mhi-chúramach agus an áois ainnearacht, cruadhaichte ann am peacadh.
B’ iad so an “droigheann.” Ach na ’m measg bha líli chum clú gráis Dé. Cia cho gloirmhor ’s a ta an gráis so,—a dol air toir na dréam is caillte ach am faigh e iad—agus mar sin a’ measg dréam cosmhuiil ri Saul, Mari Magdalen, Manaseh agus Senah Wilson a tional “eisimpleirean,” agus, “a’deanamh suas a shéudan.”
Re áon do na turas an so thachair gu ’n do dhealraich grian la Sabaid air campa nan Ceard, agus ann an Siorrachd-Fife. Dhoibh-san bha Sabaid agus seachduinn an áon ni. Ach bha trócair an tasgaídh fa chomh-air Shenah Wilson air nach robh a bheag a dh’fhiost aice ’n uair a chaidh i mach air a mhaduinnud maille ris a chuid eileidhiubh. Mar a gháir, agus a rinn iad mire, agus iad ag imeachd rompa air an t-slighe, chualas fuaim shálm leo, a teachd o cho-chruinneachadh do mhuintir a bha ’g áiradh air an ráon fhos-gaite mar a ta cleachdta ann an earrainnean do ’n dutaich air Sabaid commanachaidh. Do bhrígh ’s nach robh dad eile aca ri dheanamh aig an ám, chomhairlich Senah dhoibh “a dhol a dh’fhaicinn ciod a bha ’n cruinneachadh a deanamh.” Rinn cach magadh oirre, ach thug neóchas, no mar bu fheadgarrachaí dhuinn a rádh, a lámh-sa “a threoraícheas na doill air an t-slighe nach aithne dhoibh,” ise gu dhol leatha féin, na h-áonar. Cha bu luáithe a thainig i mu astar eisdeachd do’n mhínistear, na thugadh leis an ceann-teagasg o na briathraibh, “is malluichte gach neach nach buan-naich anns na h-uile níthe a ta sgríobhta ánn an leabhar an lagha a chum an deannamh.” Gal. iii. 10. Bu shaigheadh géar an earrann so o laimh chinnntich an Spioraid agus chaidh e domhain a dh’ ionnsuidh anam Shenah. Ma tha iad malluichte ars’ ise nach buannaich anns na h-uile níthe, cionnus a theid mise as o pheanas siorruidh—mise nach do bhuanachaich ánn an ni air bith chum toil Dé a choimhlionadh. Re a chuid eile do sheirbhís an latha, shuidh i sios air chrith, agus an deigh do ’n cho-thional sgaolleadh fhuaradh leis an dorsair i, mar a thurit i féin, air tuiteam síos a dh’ ionn-suidh na talmhúinn. Air dhasan a bhi meas gu ’n robh i áon chuid air mhisg, no as a ciall, sméid a air áon-eigin gu chómhnadh a chum a giúlain air fáibh, ach dh ’nnis i dha gur ann fo thrioblaid anama a bha i, agus ghuidh i air gu ’n tugadh e i a dh’ ionnsuidh a mhínisteár.
Féudaídh sinn a bhi dearbhta nach robh a nis dad a thaitneas aice, anns an t-seòrsa caith-eamh beatha a bh’ aice roimh so. Uime sin air ball dh’ fhág i a companaich agus phill i do Bhaile Shruithleadh. Cha b’ aithne dhi smid a léughadh, agus cha robh i riamh roimh sud fo éisdeachd an fhocail. Bha i tur aineolach air slighe na sláinte, agus air dhi fo thròm callach ciont a peacaidh, bha a h-intinn air a luasfiadh for mhór imcheist, “ag iarraidh fóise, ach gun a bhi ga fáotainn.” Bha falamhachd air a mhothachadh leatha nach b’ urrainn an séoghal gu léir a lionadh, ach lionadh i le Criosd. “Air dhi ’bhi ánnas an t-slighe stiúir an Tighearn i.” A cheud chothrom a fhuair i, chaidh i a dh’ eisdeachd an duine urramaich sin Mr. Caimbeul, a bha uair-eigine na mhínistear ann am Baile Shruithleadh, agus bha a cheud searmoin a chual’ i uaibh, o na briathraibh “thigibh an’ ionnsuidh-sa sibhse uile a ta ri sáothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suainfheasa dhuibh.” Mat. xi. 28. Bu fhreagarrach na briathran iad fo neach a bha fo uamhas, a bhroigh ’bhi mothach-adh corruich an Tighearna an aghaidh peach-aidh! Ciod am focal bu taitnich do a leithid, no am focal sin—“fois?” Dh’ innsadh dhi leis, gu ’n robh an fhois a cheana air a h-ull-achadh—“gu ’n robh na h-uile níthe ullamh;” do bhrigh gu ’n do bhásaich Iosa an áite nam peacach, gu ’n robh e ceart do Dhia an ciont’ a mhaiththeadh do pheacach air a sgáth, agus gur e ’bhi creidsinn na firinn so, an àon doigh anns an urrainn sinn fóis fháotaíonn ánnas an t-Slànughearr-sin anns a bheil fóis a mháin ri bhi air a fáotainn.
Ach bha i fathast air a ribeadh mar a ta iomadh, le smuaintibh fein-fhireanta mu ’n doigh ánnas an robh i gu bhi teachd—ag iar-raidh bhi tuigsinn cionnus, agus e’ uim a bhiódh so air a dheanamh gu ceart leatha, fo ’n bheachd gu ’m b’e bhi déanamh so air mhodh ceart, an luach a bha i mar pheacach gu thoirt leatha. Bha a cuis ag an àm so mar a chuir i féin an ceill i, gar cuir am cuimhne air briath-raibh a bhaird Mr. Cowper.
“Mi-choimhlionta a creideamh bha
Gidheadh tre Chriosda fhuair i slaint’.”
Mothaich i gu ’n robh i ánn cunnart siorruidh, agus uime sin ge d’ a bha i a moth-achadh gu ’n robh i aineolach, gidheadh cha do chum faiteachas airson so, ìdir i, o chomhairle agus o chòmhnadh iarraidh, a dh’ aindeoin ribichean Shatain a chuir e ‘na rathad. Bha i deich-bliadhn-a fichead mu ‘m b’urrainn i smid do ‘n Bhiobull a léughadh, ach bha a leithid do dhian-iartus innte gu eólas spioradail a chos-nadh, agus a fhuair lán bhuaidh air náire agus ardan na feòla agus a rinn cho furasda i bhi air a teagaisg ri leanamh beag. Bha teagasg Mhr. Caimeul gu mòr air a beannachadh do h-anam ocrach tartmhor. Trid, dh’ fhoillsiach an Spiorad Náomh dhi, ni bu mhò agus ni bu mhò, “slighe na beatha.” Dh’ foghlum i nach ann tre sháothair, ach trid creideamh a gheibh sinn fois, agus nache e maith air bith a ta annainn-ne, ach direach ar peacaidh, a tà ‘deanamh Chriosd agus sinne cho freagarrach d’a chéile; agus gu bheil sinn air ar cuireadh a dh’ ionnsuidh an Tighearna, gun ni air bith gu ar moladh dha, ach leis na h-uile ni a dhiom-ailas,—sin ri rath gun ni againn ach peacadh.
Bha aig an ám so mar an ceudna searmoin eile a chual’ i, agus mu ‘n do labhair i gu trie le taignealachd, air dhi a bhi gu mòr ‘na meadhoin air a gèimhlean a bhriseadh, agus a cuir fo sgáoil. Bha an t-searmoin so air a bhónn teagaisg so. Rom. viii. 2. “Oir sháor lagh Spiorad na beatha ann an Iosa Chriosd, mise o lagh a pheacaidh agus a bhais.” Chunneas a nis leath ann an solus an Spioraid, mar a bha Dia trid a Chionn-ceusaidh ag amharc oirre je suil lán gràidh, agus gu caoimh-neal cairdeal ga smeideadh am fagus da, ifrinn thoillteanach mar a bha i. Chunnaic i gu ‘n robh gu leòr a dheagh thoillteanach ann am fuil Iosa, gun ni tuilleadh ach i féin, a chum misneachd a thoirt do pheach air bith a chluinneas a guth; oir anns an fhuil tha Dia air a lán-riarachadh, agus air a riarachadh ànn an doigh anns a bheil e air a mhòr ghlàrachadh. Thug so fois do a coguis a bha gu mò air a dùsgadh, fhuair i a nis sáorsa o luasgadh a chatha a bha roimhe so an táobh a stigh dhi, agus ghabh sith Dhé a tha thar gach uile thuigse seilbh air a eridhe.” Philip iv. 7. O ‘n àm so, bha a doigh beatha gu h-ionlan air athar-rachadh. Mheas i a nis mar a sochair agus a gairdeachas, a bhi air a cumadh ri lagh an Tighearna, agus air dhi, mar a thachair, a bhi beò ‘m measg chairdean, agus luchd-eòlais, a bha ro-mhi-churramach, bha i da rireadh “mar sholus a dearlachd ann an ionad dorcha.”—”mar lili ‘m measg droighinn.”