Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1946 » May 1946 » Co-eigneachadh Soisgeulach

Co-eigneachadh Soisgeulach

Le TOMAS BOSTON.

(Air a leantuinn bho t.-d. 214.)

CUNNUI.—Ach their cuid, am faod e bhi gu’m bheil e ga mo ghairmsa, creutair truagh, salach mar a ta mise? FREAGRADH.—Se ta againne cuiridhean coitchionn, gu n’ bhi air an trumachadh le cumha sam bith, taigsean saor do na h-uile leis an aill teachd.—Isaiah iv. 1; Taisb. xxii. 17. Agus tha ‘n Tighearna a feuchainn gu soilleir nach cuir truaillicheadh na neo-airridheadh sam bith eis air nach leis an aill teachd.—Isaiah i. 18; Jerem. iii. 1; agus ciod tuille a dh’iarraadh sibh? Tha sinne air ar cuir an diugh, ann an airm ar Maighstir, gu’r co-eigneachadh chum tighinn, biodh ‘ur cor a ni a’s aill leis. Agus na’n deanadh sin toileach sibh gu teachd, rachadh sinn do ‘ur ‘n ionnsuidh gu aon an deigh aon agaibh, agus dh’innseadh sinn dhuibh, gur e thusa, agus thusa, agus thusa, a ta Criose a’ gairm gu teachd a steach. Ach ma chreideas sibh air teagasg-ne o’n fhocal mu thruaigh bhur staid nadurrach, gu’n bhi cluinninn ‘ur ‘n-aimm agus bhur co-aimm air mhoth araidth, c’ uime a dh’ iarradh sibh tuille dearbhaichd anns an teagasg, mu ‘n leigheas?

V. Feumaidh peacaich a thighinn a stigh. “Co-eignich iad gu theachd a steach.” Fheara, cha ‘n e amhain gu ‘m feud sibh tighinn, ach ‘s fheudar

dhuibh thighinn a stigh, eadhon an dream is measa agaibh—Cha ‘n e amhain gu bheil cuireadh agaibh thighinn a stigh, ach cha ‘n fheud sibh fuireach a muigh. Thugaibh fainear.

SAN CHEUD AITE.—“Is i so aithne-san gu ‘n creideadh sibh.”—I. Eoin. iii. 23. Tha e air iarraidh oirbh le teann ughdarras thighinn. Tha Dia rircamh ríbh, agus feumaidh sinne a bhi da rireamh mar an ceudna. Uime sin innseam dhuibh, gu feum sibh teachd; agus sparram oirbh ann na ainmsan sibh a thighinn, gu ‘n bhi toirt easumhlachd do aithne theann. Uime sin cuiribh ‘ur laimh air ur eridheachaibh, agus biodh fhios agaibh ciod a ni sibh, co aca a dh’ fhanas sibh fathast a muigh, ‘sa bheir sibh umhlachd do ‘n diabhl, do ‘ur teagamhan, eagallan, agus amhurusan mu Chriosd; no’ thig sibh a stigh an umhlachd do aithne Dhe. Am bheil suim air bith agaibh do ughdarras Dhe ? am bheil meas idir agaibh air aithne ? uime sin thugaibh freagrath cinteach, ann bhr broilleach fein, co dhiu thig’ na nach tig sibh. Am bheil sibh da rireamh nach tig sibh, mar na peacaich ghruamach, rag-mhuinealach sin, Jer. ii. 25, “Cha tig, oir ghradhaich mi coigreich, agus nan deigh theid me.” Oh an cruadhaich sibh, sibh, fein ‘an aghaidh an Tighearna, an sin sibh amach ‘ur lamh an aghaidh Dhe, agus a’ neartaich sibh fein an aghaidh an Uile-chumhachdaich ? Air sgath Chriosd, air sgath bhr ‘m anamaibh, thugaibh am focal sin air ais.

SAN DARA AITE.—Ach mar dana dhuibh bhi da rireamh nach tig sibh, uime sin bithibh da rireamh gu ‘n tig; oir tha bhr teachd air aithneadh air a leithid do dhoigh, ‘s nach gabhar leithsgeul. Iadsan a fhuair air tus cuireadh chum na suipeir so, cha tigeadh iad, ach chuir iad an leithsgeulaibh; ach an deachaidh an leithsgeulan a ghabhail ? cha deachaidh; cha ghabhaidh Dia o’n laimh iad, oir thug e binn theann ‘nan aghaidh, rann 24, “Cha bhlais aon do na daoibh ud a fhuair cuireadh do m’ shuipearsa.” Cha dana dhuinne leithsgeulan a ghabhail ‘sa chuis so, co dhiu bheir sibh iad o ncamh os ‘ur cionn, o’ ifrinn a ta annaibh, na o ‘n t-shaoghal mu’ tiomchioll; co dhiu ‘sann o morachd Dhe, o’r trnaillleachd fein, na o bhacaidhean an t-shaoghal. Ciod air bith ata ur cor, is i aithne-san ach umhlachd a thoirt di. Uime sin mar bi sibh da rireamh gu ‘n tig sibh, feumaidh sinne innseadh do ar Tighearna nach tig.

SAN TREAS AITE.—Tha ‘n dleasdanas so air a h-aithneadh cho teann, ‘s gu ‘m feum sibh teachd, agus teachd air ball; cha ‘n fheudar dail a chur ann. “An diugh na chluinneas sibh a ghuth na cruaidhichibh bhr eridhe.” “Is e nis an t-am taitneach.” Cha dana dhuinne la, cha dana dhinn uair, a cheadachadh dhuibh gu smaoineachadh air co aca thig sibh no nach tig; gu ‘n fhios nach dean an ath la, no an ath uair ‘ur tilgeadh do ifrinn, no ifrinn a thilgeadh annaibhse, airson diultadh na tairgse a thugadh dhuibh air a mhomaind so, a bhios air falbh, mu ‘n ainnmhear i. Uime sin na cuiribh dail nis faide; ach air ball fosglaibh na dorsaibh siorraidh, chum ‘s gu ‘n tig Righ na gloire a steach.

SAN CHEATHRAMH AITE.—Is e so an dleasdanas a dh’ aithn Dia dhuibh: Eoin. vi., 29, “Is i so obair Dhe gu ‘n creid sibh anns an ti a chuir e uaith.” Cha ‘n urrainn sibh taitneas na ‘s mugha a thoirt do ‘n Tighearna, na sibh a thighinn a stigh. Am b’ aille leibh ardachadh an diugh, uime sin thigibh air a ghairm,” Hosea xi. 7. Am b-aill leibh an crun a chuir air eann Chriosd ? am b-aill leibh a dheanamh na “la subhachais a

chridhe.” Mas aill, thigibh a stigh, Dan Shol. iii. 11. Tha e na mhor thaitneas do chiochaibh lan a bhi air an deothal; tha chiochaibh trocair agus graidh lan; thig a pheacaich a ta dol bas le goirt, thoir an taitneas dha, gu ’n deothail thu chiochaibh a sholais. Is i so an dleasdanas mhor thugseach; ma ni sibh so, ni sibh na h-uile; mar dean, cha dean sibh dad idir. Ciod is eall duibh a bhi eriomadh ri oibridth Dhe, a’ di chuimhneachadh a ni so, is i an oibre. Tha sibh cumail bhr uinneagaibh duinte ri meadhon la, agus a’ lasadh coinneal an so ’san sud air feadh ’ur tighe; gidheadh tha cuiltean namhasach dorcha ’san tigh fathast; fosglaibh mata bhr uinneagaibh, guidheam oirbh, agus leigibh a stigh a ghrian, “Grian na fireantaichd” agus bithidh sin an aite na ’n uile, agus ni ’s fearr na na h-uile. Am b-aill leibh bhi colath glic, ionraic, agus naomh ’thigibh mata gu Criosd, I. Cor. i. 30. Sibhse nach urrainn ni sam bith a dheanamh thigibh gu Criosd, agus mar sin ni sibh na h-uile ni, Philip. iv. 13. Am b-aill leibh urram a chuir air Dia, urram a chuir air a lagh ’uime sin thigibh gu Criosd. Ach mar tig sibh gu Criosd, deanaibh na ’s aill leibh, cha dean sibh dad idir. Ged a ghleidheadh sibh o so amach na deich aitheantan uile, agus so a dhi-chuimhneachadh, ’se uile na gheibheadh sibh, clar dubh o neamh s’ ur diteadh sgrioibhta air. Cuimhichibh guidheam oirbh “an ti nach eil a toirt urram do ’n Mhac, cha ’n eil e toirt urram do ’n Athair,” Eoin. v. 23. Cha ’n eil ’ur dleasdanais eile uile, ach na ’n neoni, as eugmha is aon so; meudaichibh iad mar is aill leibh, bithidh iad uile gu ’n fheum, mar bi an dleasdanas so air thoiseach.

SAN AITE MU DHEIREADH.—Is dleasdanas i ta air a h-aithneadh, le teisteas air diom agus feirg siorruidh Dhe, an aghaidh nan uile nach tig, Marc xvi. 16, “Esan nach creid ditear e.” Pogaibh am Mac, air eagal gu’m bi fearg air, agus gu ’n sgriosar sibh san t-shlighe, Salm ii. 12, “Agus uime sin tha mise mar theachdair an ionad Chriosd, a’ sparradh agus a toirt aithne dhuibh, do gach aon agaibh teachd a steach, air chunnart diom Dhe, air chunnart dioghaltais, eaodhan dioghaltas an Eadar-mheadhonair; a’ deanamh fianuis, mar tig sibh, gu ’n tig an Tighearn Iosa Criosd a mach o neamh nur n-aghaidh, agus bithidh sibh “air ’ur marbhadh na lathair,” Luc. xix. 27. Is mile bas ann an aon, a bhi air ’ur marbhadh an lathair Chriosd, a bhasaich chum peacaich a thearnadh; is ifrinn da fhillte sin—Ach iadsan “nach eil umhal do shoisgeul ar Tighearna Iosa Criosd, nithear peanas le sgrios siorruidh o lathair an Tighearna, eadhon an Tighearna sin, da shoisgeul nach tugadh iad umhlachd, II. Tesal. i. 8-9. Ah! na ’n toilicheadh e a laithearachd a chumail a stigh ann an neamh, agus gu ’n ceadaicheadh e dhoibhsan, tha nis a’ deanamh tair air, is ga chuir suarach, am fabhor a bhi air am peanasachadh, gu ’n an Tighearna a bhi lathair; ah! na ’n deonaicheadh e an leirsgrios a theachd orra o uighe fhada, na ’n sathadh e saighdean a chorruch annta o chein; ni h-eadh, ach bithidh aig ann an ifrinn caithir cheartais, chum ’s gu ’m bi iad air am peanasachadh “o lathair an an Tighearna,” a theich o lathair ann an t-saoghal so, far an robh e na shuidhe air caithir gras ann’s an t-soisgeul. O thugaibh fainear ann an am, ciod a tha sibh a deanamh: cha ’n eil teine air bith a loisgeas cho dian ris an teine a bhriseas a mach o ’n altair; cha loisg lasair fheirg air bith anam damanaichte mar an lasair ata air a seideadh suas le anail an Eadar-mheadhonair a fhuair, ’s air an d’ rinneadh díneas.

VI. AGUS SAN AITE MU DHEIREADH.—Thig peacaich a stigh. Co-eignich iad gu teachd a stigh. Fagal nithe diomhair do ‘n Tighearna, feumaidh mi innseadh dhuibh O pheacacha, nach bi a dhith air Criosd, a mheud sa lìonas thigh. Agus gleachdaibh fhad ‘s as aill leibh, stigh thigh sibh. Bithidh a thigh-san air a lìonadh. Cheannaich an t-Eadar-mheadhonair airneis a thigh ro dhaor gu bhi a’ dh’ easbhuidh a mhir a ‘s lugha dhi, agus uiread do aite a bhi falamh dheth. Tha dochas agam gu bheil cuid ‘an so, tha do chosnadh fola, nach comasach do dhaoine na do dheamhnaibh a chumail air an ais o Chriosd. Cheangail Athair e fein ‘sa chumhant gu ‘m biodh tigh Chriosd air a lìonadh. Salm xxii. 30. “Thig iad.” Faic Isaiah iii. 10-11. Nach eil Iaimh Chriosd aig eridheachaibh cuid air an dearbh uair so? Nach eil cuid agaibh a’ mothachadh geatachan iarunn ‘ur eridheachan a gluasad gu ‘m fosgladh do Chriosd? Nach do mhothaich sibh ni-eigin ag oibreachadh san taobh a stigh ga ‘r co-eigneachadh gu thighinn? Nach eil cuid ach beag a stigh a cheana? Thugaibh sitheadh air adhart; cha ‘n eil tearuinteachd an sibh a bhi ach beag, ach gus am bi sibh gu h-iomlan ‘nur Criosdughean.

Thigibh a stigh uime sin, a sheann sluaigh, tha air cromadh sios a choinneachadh na h-uaighe. Rinn sibh dail fhada, na cuiribh dail ni ‘s fhaide. Ged tha e na ni ro ainneamh, gidheadh tha e air uairean a tachairt, gu bheil duine air a bhreth na shean aois, Joel ii. 28. Thigibh a stigh a tha do aois mheadhonach. Am bheil sibh a mach o Chriosd, ‘nur staid a ‘s fearr? Gu cinnteach ma tha, tha ‘ur staid is fearr na staid ole, na staid thruagh. Tha sibh gu dichollach a ‘g ullaichadh airson bhur teaghlaichean? Tha sibh a carnadh suas air son ‘ur sean aois, theagamh nach fhaic sibh a chaoidh; ciod tha sibh a tasgaidh air son siorruidheadh? Thigibh a stigh a mhuinntir oga; tha sibh tuille is sean gu bhi mach a Criosd. Na bithibh a saoilsinn gu ‘r ann amhain airson a chinn leithe, a bhatheis phreasach, agus na suilean dalla, a ta diadhaidheadh; tha ni ‘s mo le cinn oga na le cinn liath anns an uaigh. Uime sin thigibh a stigh, ‘s na deanaibh moille. Mar is sine a dh’ fhasas sibh, a’ cuir seachd obair na diadhaidheadh, cinnidh bhur eridheachan ni ‘s cruaidhe ri oibreachadh orra. Thigibh a stigh a thruaghain mi-naomh, a ta fada o fhireantachd; thigibh a luchd aideachaidh chealgach nach eil fada o rioghachd Dhe; thigibh anamaibh chrithnachail, a tha ri cruaidh spairn gu thighinn, agus leis nach dana. O carson nach tig sibh? Feumaidh e bhi an darna cuid nach aill leibh, air neo nach dana leibh. Tha eagal orm gu bheil cuid ‘nar measg leis nach aill teachd; cha ‘n eil a ruin orra dealachadh ri ‘n ana-mhianaibh, leanaidh iad a sean chleachduinn, ciod air bith a thachaireas; cha ‘n eil iad a faicinn maise air bith ann an Criosd, air son am bheil e co mor ri bhi air iarraidh. Their mi beagan fathast ri ‘n leithidibh sin. Ma tha sibh suidhichte air peacadh, ifrinn, agus bas, agus nach cum Criosd, no neamh, no eagal ifrinn air ais sibh o ‘n t-shlighe leathann; co as urrain neis a chuir oirbh? Ach biodh e ainthichte dhuibh, agus air a chuir air chuimhne ann an leabhar dhubh ‘ur coguis, a bhios air a fosgladh latha bhreithenas, gu ‘n robh slainte ‘nur taigse an diugh, gu ‘n d-oidhearpaich sinn ‘ur co-eigneachadh gu thighinn a stigh gu Criosd, ach cha b-aill leibh; uime sin biodh bhur fuil air ‘ur cinn fein.

Air bhur sonsa leis nach dana thighinn a stigh, carson nach dana leibh, an deigh na h-uile chuala sibh? am bheil eagal oirbh thighinn air gairm

Chriosd ? nach dana leibh gabhail ri chuireadh ? nach dana leibh umlachd a thoirt do aithne mhor Dhe ?

CUINNEAL.—Ach tha mo pheacana do-aireamh, agus ro uamharra; an urrainn aite sam bith a bhi ann air mo shonsa ? an dana do thruaghan neo-airidh, salach mar ata mise tighinn a stigh ? FREAGRAM.—Ged a bhiodh gach aon de do pheacanna co arda ri beinn, agus cho lionmhor ri gaineamh na fairge; gidheadh tha fuil Chriosd air dhi a bhi fuil Mhic Dhe comasach an glanadh air falbh, I. EoEin i. 7. Thig do chiont agus do neo-airidheadh uile airs an a ta uile ionmhuinn: is luaithe a gheilleas a charraig fo, chudthrom an eoin a luidheas oirre, na dhibearas an fuil sin thu. Cuimnich nach eile a h-aon air an gairm, ach a mhuiintir shalach, agus neo-airidh; Mata ix. 13. An e do ghalaib bu choir do chumail o ‘n lighich, nach dana leibh teached chum na tobar gu ‘r ‘n ionnlad do bhrigh ‘s gu bheil sibh neo-ghlan ? co airson am bheil an tobair air a fosgladh ach air son peacaich neo-ghlan. Ged a bha ‘n t-suipear shoisgeul na suipear dhaor da rireamh, cha robh i air a h-ullachadh air son a h-aon, ach iad san a bha neo-airidh air boinne uisge, agus moran ni bu neo-airidh air fuil Chriosd. Bithibh dearbhta a mhuiintir mo graidh, nach e cheisd eadar Criosd agus sibhse, co-aca a dh’ islicheas Criosd e fein, na nach islich, gu bhi ag ionnlad leithid do anam salach ‘na fuil fein; tha cheisd sin air a fuasgladh a cheana, Isa. i. 18; Sech. xiii. 1. Ach si cheisd a tha fhatbast ri freagairt, co aca an deigh do Chriosd e fein isleachadh cho ialal, ‘s gu bheil e deonach sin a dheanamh, gun toir an creutair neo airidh agus salach an taire dha, gur ann an diomhain a dh’ islicheas se e fein ? Ciod a ta sibh ag radh ris a cheisd sin ? Rinn sibh taire air lagh Dhia; an toir sibh tair mar an ceudna do Mhac Dhia le bhi diultadh a thairgse ? Na ‘n cumadh salachair agus neo-airidheadh peacaich a mach o Chriosd, cha tigeadh a h-aon riamh do shloichd Adhamh a steach. Nach d’ fhuair Criosd a mhuiintir sgiamhach uile, a ta nis an gloir, na ‘n luidhe ‘nam fuil ? Am bheil a h-aon anis ag imeachd an geal, ach iadsan a chaidh ionnlad am fuil an Uain ? Tionndaidh thairis am Biobull, seall air eachdaraidh nan linn a chaidh seachad, feuch a faigh thu a h-aon a bhasaich aig dhorus, nach fhaigheadh a stigh, airson gu ‘n robh e co salach, truagh agus neo-airidh.

(Ri leantuinm.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice