Eadairtheangichte le AOGHAS MACDHONUILL.
CHA ‘n ann a mhain chum an deur a tharruing o’ n t-shuil, na borbachd a dhusgadh ‘sa chridhe ‘an aghaidh naimhdean, pobull, agus aobhar an Tighearna, a ruinich mi an cunntas aithghearr so a sgiobhadh ‘an Gaelic, mu na mairtearaich og ainmeil, so, ach mar an ceudna, chum oigridh mo dhucha a bhrosnuachadh gu eud agus duinealas gu seasamh dileas le aobhar agus ministearan an Tighearn, na daoine sin a sheas gu gaisgeal ‘san linn ‘sa bheil sinn beo, air son saorsinn spioradail sluagh na rioghachd, ann an aghaidh laimh laidir stata, agus eaglais thruaillich, a threig aobhar Chriosd, agus a bhrath coirichean a shluaigh air son goireas, saimh, agus maoin shaoghalta—na curaidh sin tha mi radh, a dhealaich ris na h-uile ni saoghalta a bha aca, nuair a thainig la an dearbhaidh, mu ‘m brathadh iad aobhar Righ Shioin, na mu ‘m breugaicheadh iad na boidean a thug iad, an uair a ghabh iad dreuchd na ministrealachd; sa rinn fianuis ann an lathair an t-saoghail, an la ainmeil ud ann an Duneidin ‘s bhliahna 1843, gu ‘m be onair agus gloir rioghachd an Fhir-shaoraidh a bha air an aire, ‘s nach bu mhaoin aimseireil. B’ iad sin gaigich na h-eaglais saoire.
Ged a tha luchd eachdaraidh nan laithean ‘san robh Mr. MacCathail beo, a toirt cunntas mu fhulangasaibh agus a bhas, gidheadh, cha ‘n eil mi a faotainn a h-aon diu, ta ‘g ainneachadh aite a bbreith, a dh’ aon chuid gu ‘m bheil e dearbhta gu ‘n d’ rugadh e o pharantan diadhaidh agus eireachdadh ann an sgireachd Libbertoin fagus do Dhuneidin; agus gu’n do chuir iad gu moch air leth e, gu seirbhis Chriosd ann an dreuchd na ministrealachd. Bha e comharrachte mar sgoilear, agus dh’ fheuch e gu soilleir, ann an laithean oige, le eolas air fior dhiadhachd, gu ‘m biodh e na ard mhinistear an Tiomnaidh Nuaidh. Mu ‘n robh e fichead bliadhna a dh’ aois bha e na shearmonaich, agus na fhear teagaig ann an teaghlach an Ridir Seumas Stiubhard, triath Choilteanais, a bha ‘n uair sin na mhorair prothaist, mar theirear ann an Duneidin, duin’ uasal a bha ainmeil, airson a dhiseachd da saorsa thiomail agus spioradail. Anns an teaghlach so fhuair Mr. MacCathail eolas air maithibh mora, a bha cliuteach na ‘n linn; air son an gradh agus an eud do eaglais na h-Alba; b’ iad sin Marcus Eara-ghael, Iarla Loudon, agus Morair Bharriston, maille ri iomadh eile de ‘n t-seorsa cheudna, o ‘n d’ fhuair e lethid do eolas air naduir ceudfaithean na h-eaglais sin, agus a rinn deonach e gu bhi call na h-uile sochair aimeireil, chum ‘s gu ‘n seasadh e firneach air a taobh.
Ach cha robh na h-amana sona so gu mairsinn fada. Nuair a bhasaich Crombhail, agus a thugadh an dara Righ Tearlach air ais chum a chrui; bha e na ain-tigearn ro an-iodchdhor—agus fuath do-chiosnaichte na uchd an aghaidh a Chumnant a rinneadh san riochheadh, air son cumail suas aobhar Chriosd agus maith na ducha. Bha e air a bhrosnachadh gu sin le sgaom de easbuigean papanaich, agus le ‘n comhairle thilg e eaglais Chleireanach na h-Alba bun os cionn, agus mar sin chaidh na ceudan do mhinistearean dilis fhogairt amach o ‘n tigearn, ‘s o ‘n cothionailean, gu ‘n aiteach ach air an geur-leanmhuiuin mar fhiadh-bheathaichean air na beanntaibh. A measg chaich, bha ‘n Ridir Seumas Stiubhard a fulang; oir ged a bha e cairdeach, toirbheartach da ‘n Righ ann an laithean a dheuchainn agus a thrioblaid, gidheadh cha robh ach beag cuimhne air sin a nis. Chaidh a ghlacadh maille ri duine uasal eile, agus a chur na phriosanach ann an Caisteal Dhuneidin, le ordugh an riaghaidh, agus paineachas chuig ceud punnd Sasgunach a leigeil air an toiseach, agus an deidh sin mile, suim mhor ‘s na laithibh sin; deich uairean ni bu mho, na leithid sin do shuim an diugh.
Air dha bhi air a cheadachadh le cleir Dhuneidin an soisgeul a shearmonachadh, rainig MacCathail, air an ni sin a bha riamh na bheachd, agus be sin, a bhi a searmonachadh “Criosd, cumhachd Dhe, agus gliocas Dhe, chum slainte.” Ach se ni araichd thatar gu bhi cumail a mach; fhulangais agus a bhas; air an aobhar sin cha teid moran tuille a chuir sios an so ‘de eachdraidh nan tioman fuitheach sin.
‘B’ann o ‘n t-searmoin mu dheireadh a rinn e a liubhairt ann an eaglais ard Dhuneidin, a thoisich air tus fhulaingis. Be a bhonn teagaig an la sin. “Innis dhomh thusa d’ am bheil gradh aig m’ anam, c’aité an ionaitlear thu do threuda, c’ ait an toir thu orra luidheadh sios mu mheadhon la; oir c’ arson a bithinn mar aon air faondradh am measg do chompanach”—Dan Sholamh i. 7. O ‘n t-searmon so nochd e gu ‘n eagal, nach bu ni ur idir da ‘n eaglais, a bhi air a geur-leanmhuinn; agus ann a bhi soilleireachadh a bhon-theagaisg, thuirt e; gu ‘n robh sin air a dheanamh roimhe so, le Pharaoh, air a chaithir, Haman anns an riaghladh, agus Iudas anns an eaglais, agus ged nach d’ ainnich e neach sam bith a bha deanamh sin gu pearsanta, gidheadh bha na briathran eo freagarrach ri Easbuig Sharp, agus Díoc Lauderdail ‘s gu ‘n do thuig iad gu soilleir, gu ‘m b’ ann mu ‘n tiomchioll fein a labhair e; air an aobhar sin bha e air chomharrachadh a mach mar neach, a rachadh a bheul a dhunadh. Chaidh buidheann do reiseamaid each a chuir gu ghlacadh, a chuartach tigh Choilteanais, ach air dha farbhanadh aithghearr fhaotainn, theich e as an tigh, agus chaidh e gu tigh athair, ann an sgireachd Libertain, far an d’ fholach se e fein, gus an d’ fhuair e cothrom dol do ‘n Olaind’ a bha ‘n uair sin na h-ionad fasgaidh do na fogarraich Albanach, a bha air an geul-leanmhuinn airson na firinn. Anns an duthaich shitheil sin, mheudaich colas air an diadhaichd, le dol gu foghlum ann an aon de oil thighean nan Duitseach.
Feumar cunntas aithghearr a thoirt an so mu thiomchioll nan daoine aingidh ud, mu ‘n d’ rinn MacCathail iomradh na shearmoin. Bha Seumas Sharp, Ard-easbuig Chill-ribhinn air tus na fhear aideachaidh mor, agus na mhinitseir ann an Eaglais na h-Alba; bha e cho measail aig na Cumhnantaich (be sin an t-ainm a thugadh da fianaisean Chriosd an Alba sam am sin) ‘s gu ‘n d’ earb iad ris, maille ri daoine eile a dhol do Lunnuin a thagar an cuis air beulabh an righ, san riaghlaidh, ach bhrath e ‘n cuis, air son deich mile fichead marg, agus fhaighinn a bhi na Ard-easbuig ann an Cill Ribhinn; bha e na namhaid fuitheach dha pobull an Tighearna, is ris na h-uile olc, ach fa dheireadh, fhuair pairtidh de sluagh na ducha a bha air am fogairt, greim air, a dol troimh bhlar monaidh. Bha e fein ‘sa nighean ann an carabad; thug iad a mach as a charabad e, ach ciod air bith bu chionfath, cha mharbhta le peileirean e dh’ fharthluich orra toirt air urnigh a dheanamh a chuir mor iongnadh orra; ach nuair a thug Burlí mar bha (Colneil Balfour Iain Mhannduich) tharruing e chlaidheamh agus bhuaile ‘m peirceil dheth,—am peirceil sin as an tric a thainig mionnan eithich; dh’ fhad iad marbh an sin e: adh mo thruaighe, bu lionmhor bas a thar na lorg: neach sam bith nach abaradh gu ‘m bu mhort a bhas, bha sin gu leor gus a’ neach sin chuir chum na croich. Ach leis mar bha bheisd le foill agus foirneart, a’ geur-leanmhuinn sluagh an Tighearna, cha robh neach air bith, ach a chuideachd fein, a theireadh gu ‘m bu mhort a bh’ ann; ach breitheanas an Tighearna.
Bha Díoc Lauderdail na dhuine anabarrach ain-diadhaidh. Bha e air aon de ‘n t-seachdar a thug Mr. Carigil diadhaidh thairis do Shatan aig Torr-na-coille, aite fagus do Shruleadh, far an robh a’ mairtearach ainnleil sin a searmonachadh aig an am sin. B’ iad na daoine a rinn e iomsgaradh an la sin, an dara righ Tearlach, Díoc Monmoth, mac diolaind an righ, Díoc Lauderdale, Díoc Rathais, Seumas Duic Uore, brathair an righ, an ridir Seoras MacCoinnich, Rosabhach, agus Senalair Dalsiel nam Binnean. Nuair a bha ni sin thairis, thuirt Mr. Carigil ris an t-sluagh, mu bhasaicheas a h-aon de na daoin’ ud a dh’ ainimich mi, bas nadurrach dhaoin’ eile, bithidh sin na chomharrha dhiubh nach eil an Tighearn reidh ris a’ ni a rinn mi, ach ma ‘r faigh a h-aon diu bas nadurrach, bithidh sin ag innseadh gu bheil Dia reidh ri mo sheirbhís an diugh; cha mho na sin a fhuair a h-aon diu bas mar dhaoin’ eile. Bha ‘n duine so na dhuine bha anabarrach bruideil, ‘na mhisgeir, na gheocair, na fhear neoghloin, agus na h-uile ain-dhachd; bha e na chomharrna cianail air staid na rioghachd, gu ‘n robh an cuisean air earbha ri leithid do bhruid dhuine. Bhasaich e na shuidh air an t-shoitheach sheomar, an deigh eirdh o dhinneir, ‘s cha robh neach an Alaba, a theireadh, oich.
Thainig MacCathail aig ceann chuig bliadhna air ais o ‘n Olaind, ach fhuair e cuisean moran ni bu mheasa na ‘n uair a dh’ fhalbh e. Bha ‘n eaglais an deigh sa milleadh. Bha na gearra-easbuigean—sa bheurla, curates—ann an aite n a’m minsterean diadhaidh, a chaidh thilgeadh a mach as na h-eaglaisean; agus b’ iad na gearraich ain-diadhaidh aineolach, neo-fhoghluinte a chuireadh ‘nan aite; agus do bhrigh nach sguireadh na minsterean diadhaidh, deth bhi cuir an ceill sgeul aoibhneach na slainte, anns na h-uile aite anns am faigheadh iad an cthrom bu lugha, bha iad air an eigneachadh gu bhi a’ siubhal faondrach air na beanntaibh, is anns na glinn bu chianail, agus a gleidheadh tearuinnteachd anns na craigean a h’ fhiadhaich a bha san duthaich.
An deigh do Mhr MacCathail tighinn dachaidh, bha e a fuireach mar bu trice ann an tigh athair, ach ged a bha a laithean air an eaitheamh ann an leth-fholach cha robh iad a dol thairis ann an diomhanas; bha e dol a mach a dh’ ionnsuidh ‘nan glinn, a chumail comhludair agus coinneamh urnigh maille ris an t-shluagh a bha mar chaoraich gun bhuaichail agus dhoibh so, bha na h-amana sin, ‘nan amanaibh urachaidh oir thug iomadh dhiu fianuis gu ‘n robh e maille ri Iosa, teachd air aghaidh ann an eolas, agus ann am fior naomhachd; agus air dha na cuisean sin a thighinn gu elusan ‘nan gearraich, bha ‘m fuath nimheil a cinntinn ni bu treise, is ni bu treise ‘na aghaidh. Threig tir a dhuchais, a bha uaireigin na Beulah—posda ris an Tighearna—anis a Dia; uime sin smaoinich MacCathail gu ‘n robh e na am iomchuidh airson caoidh, trasgad, agus urnigh. Chaith e aon la de ‘n t-sheachduinn gu h-ionlan ann an dordadh a mach amghar anama ri Dia ann am bron diadhaidh, airson truaigh na rioghachd; agus bha beachd sonruichte air a ghabhail, gu ‘m b’ ann ‘an lorg a chleachdaidh sin, a bha cuibhrionn phailt do ghras, agus do neart diadhaidh air a bhuleachadh air, gu bhi co-pairteachd solas ri muinntir eile, agus a gabhail misneachd dha fein, air an robh na h-uircad do fheum aige an deigh sin. Cha b-ann gu diomhain a thuirt spiorad an Tighearna gu bheil “ruin an Tighearn aig an dream d’ an eagal e,” oir bha iomairt ann an uchd Mhic Cathail nach fhaigheadh e a chuir uaith, gu ‘n tuteadh e la-eigin ann an lamhan a’ naimhdean, ‘s gu ‘m basaicheadh e na fhianuis airson na firinn. Cha do chuir beachd dhe sin, fo dhiobhail misnich air bith e, oir le fiosrachadh taitneach a “threud bhig” bu chleachdach leis a bhi coinneachadh, ann an aite uaigneach, thaisbean e dhoibh, mar aon a teachd o’n fhasach “mar stuaidhean deataich, cubhraidh le mirr agus tuis, le uile mhin-dhus ceannaiche nan spiosraidh.
B’ ann a nuair a bha thamh ann tigh athair, a thoisich na trioblaidean, sa gheur-leannhuinn ‘an taobh an iar na h-Alba. ‘Se bu chionfath da na deuchainibh so, an ain-iodhd a dh’ fheuch sa chleachd an ridir Seumas Mac-an-Tuairneir air slugadh na ducha, le bhi brosnachadh a shaighdearan gu gniomhara foirneart, agus ain-iodhd a bha gu ‘n ughdarras on ard-chomhaire agus mar an ceudna gu ‘n fhios doibh, air an donaid. Chaidh an ridir a chuir air tus, do’n chearnaich sin de ‘n rioghachd chum an t-shluagh eigneachadh, gu dhol a dh’ eisdeachd nan gearraich, ni a dh’ fharthaich air a dheanamh. Bhà ‘n sluagh gu mor air an sarueachd le foirneart an airm, agus air am brosnueachd gu eiridh chum iad fein a dhion. Thachair ni sonruichte anns an am sin a thug cothrom dhoibh gu sin a dheanamh; b’ e so e—Bha na saighdearan air la araidh a dol a rostaidh seann duine bochd, nach rachadh a dh’ eisdeachd nan gearraich, air griodail mhor dearg teith, nuair a dh’ iarradh orra le ceathrar do dhaoine na ducha sguir de ‘n duine bhochd; le so, thug na saighdearan droch fhreagradh, agus thoisich iad air an duine phianadh; chaidh daoiné na ducha san eadrughean, bhuinneadh na h-aim deth na saighdearan, agus chaidh an duine bochd a theasaingin. Le eagal ‘s gu ‘n tigeadh a chuid eile de na saighdearan orra a dhioladh masladh an companaich de ‘n do bhuiineadh na h-aim, chaidh an ceathrar dhaoine, agus thionail iad buidhean lionmhor de sluagh na ducha, a bhuiu na h-aim de na saighdearan uile, gu ‘n bheud a dheanamh air neach dhiu, ach a h-aon a chaidh a mharbhadh, a chionn nach geilleadh e. Ghabh sluagh na ducha misneach, agus le eagal gu ‘n tigeadh a chuis gu cluasan Mhic-an-Tuairnear, ‘s gu ‘m faigheadh e tuille daoiné, ‘s gu ‘m biodh aicheamhail throm air a deanamh, chaidh air an aghaidh gu Dunphris; rinn iad priosanach de Mac-an-Tuairneir, agus bhuiu iad na h-aim de na h-uile saighdear a bha aige. Mar bhall sneachda dol le bruthach, bha sluagh na ducha a tionaill le cuid is cuid maille ri ‘n cairdean, gus an robh armaitl mhor aca. Runaich iad dol air an aghaidh gu Duneidin, a toirt leo Mac-an-Tuairneir na phriosanach; bha cuid diu an geall cuir as da; ach thearnadh a bheatha le Mr. Neilson, duine uasal diadhaidh, air an d’ rinn Mac-an-Tuairneir iomadh foirneart agus ain-iodhd roimhe sin. Bha ‘n duine namhasach gu mor air a phianadh le coguis chiontaich fad an rathaid, oir bha eagal air gu ‘n gabhadh iad a bheatha, ach leig iad cead da, ‘s cha bhi tuille air a radh mu thiomchioll.
(Rì leantuin.)