(Air a leantwinn bho t.—d. 48.)
Do thaobh aobharan mu ‘m bheil e fein toirt cunntas chaidh MacCathail maille ris an t-shluagh a dh’ eirich gu iad fein a dhion o fhoirneart an riaghlaidh, agus gu cumail suas na h-eaglais anns an rian Chleireanach. Chaidh iad an toiseach gu siormammachd Air. Bah ministearan eile maille riu a thulleadh aid MacCathail, a bha lian-irrtach, gu bhi dion aobhar an Tighearn anns anrioghachd. Bha ‘n turus anns an duthaich sin triomh bhlar monaidh, ri uisge trom, agus air do Mhac Cathail a bhi anfhann na phearsa, agus a bhi na luidhe gu tinn beagan roimh so, cha robh e idir freagarrach dha chor lag a bhi air leithid do thurus doilgheasach. Cha leig criochan goirrid an leabhra’n so’ dhomb na h-uile glusad a rinn na daoine maith so, air an turus mhi-shealbhach a bha so’ a chuir sios; ach air dhoibh tighinn or Lanaire, air an rathad do Dhuneidin, dh’ athnuadh-aich iad an Cumhnant Cinnedail, ‘an deigh searmoin dhrighteach o Mr. Guthrie, ministear, Tharbolton. An deigh do ‘n t-searmaonach sgrur, chaidh an Cumhnant a leughadh pong air phuing; aig criocha na h-uile puing thog an sluagh an lamhan agus bhoidich iad do ‘u Tighearna an Dia gu ‘n seasadh iad dilis. Tha neach a ta sgrioibhadh mu ‘n la bha sin, sa bha ‘n shuil amharc ag radh, “Bhiadh e ro’ dhulich leithid eile do chuideachd fhaicinn, na h-uiread do dhaoine cuideachd, aig an robh breithneachadh co falluin, fior dhiadhachd, agus treibhdhireas eridhe, eud thuisgeach, misneach agus ruin gun sgath, agus co beag do dhaoine le inntinn thruailidh, ‘s do chomhradh faoin, agus ged nach bu mhath leinn a bhi call beatha dhaoine, ‘s gu h-araidh beathna nan naomh, ‘nuair a ta co beag ann diu, gu bhi seasamh eadar na beothaibh, ‘s na mairbh; gidheadh thug an gniomh a rinneadh air an la ud, ann a bhi ag athnuadhachadh nan Cumhnantaibh ni ‘s mo ghloir do Dhia, agus bha e toirt fianuis ni bu mho do aobhar an Tighearna nan a bha do chall anns na thuit—tha sinn an dochas—a cumail taic ri cuis a Chumhnant.”
Gu bhi deanamh sgeula goirrid, chaill na Cumhnautaich an la, oir mhileadh iad le Seanalair Dalsail air enuic Phentlan, aon de ‘t-sheachdla a dh’iomradh mi a cheana. Bha na Cumhnantaich air an stiureadh le Coirneil Seumais Uallais, duine treun; ach bha aig Dalsiel a thri uiread do dhaoine sa bha aig Uallais, ‘s ged a chog e fein sa dhaoine co treun sa chaidh dheanamh riamh air blar-chath, cha b-urra dhoibh seasamh ris an lionmhoiread a bha ‘nan aghaidh. A dh’aindeoin ‘s na rinn na naimhdhean fuitleach, cha d’fhuair iad riamh greim air a Choirneil dhiadhaidh.
Dh ‘fhag MacCathail am blar-chath, sgith fann, ‘s cha b-urrainn dha a dhol air aghaidh ni b’ fhaide na Crandom, agus air dha bhi strith gu faotainn gu tigh athair; a dol tromh craig na Bradich, choinnich fear da ‘m b-anm Ceannabhaidh oiffigeach de reisemaid each, agus neach eile e, a ghlae na phriosanach e, is thug iad a stigh do Dhuneidin e.
Air dhoibh a thóirt air bheulabh na comhairle ann an Duneidin, chaidh eudach a thóirt deth, agus rannsachadh min a dheanamh, a dh’ fheuchain am faigte litrichean, na sgiobhaidhean air bith eile tiomchioll air; ‘s ged nech d’fhuaradh ni sam bith chaidh a chuir am priosan. An ath la chaidh a thóirt air bheulabh Tarla Dhunphris, agus Morair Singlear, air dha bhi air a cheasnachdadh mu dheighinn na ceannaire, dhiult e ni innse dhiobh; le so smaoinich a chomhairle gu’n robh fios aig air diomhaireachd nach robh e deonach a thóirt doibh.
Air Dir-daoin an 29 la de ceud mhois a gheamhraidh 1666 chaidh Mac Cathail a thóirt a ris air am beulaobh chum a cheasnachaidh. Dh’aidich e gu ‘n robh e maille ris a bhuidhean a dh’eirich san aird an iar; ach cha thoilicheadh so iad. Bha iad a smaoineachadh, gu ‘n robh e na chomas nithe innseadh dhoibh, a bhiodh ro fheumail dhoibh, ann a bhi cuir gu bas muintir a shaol iad a bha ‘sa cheannaire; chum so a thóir uaith, ole air whath leis, chaidh an inneal uamhasach pianaidh sin, ris an abaireadh iad a Bhot a chuir fa chomhair, agus innseadh dha gu ‘n rachadh a chois a chuir intne gu ‘n teagamh, mar aideachadh e na bha fhois aige. Air dha fantuinn na thosd chaidh thóirt an lathair a ris; agus a bhot a chuir an tarruing, a bha fathast lan do fhuil stuchta Mr Neilson bheannuichte; dh’fhuiling a’ mairteareach pg dhoibh a dhol gu ‘n dubhlan, ann a bhi pianadh a lurga oscionn ladhairt. Cha b-urrainn da na pianadh oillteil no a thóirt air aideachadh. Mu ‘n d’fhuair e na tri buillean fe dheireadh, thug e fianais fo chomhair Dhia, nach robh ni aige a dh’innseadh e’ged a dheanadh iad a bhul cheudna air na h-uile alt a bha na chorp. Cha b-urra dha ni a radh, ach gu ‘m be ain-iodh Mhic-an-Tuarneir a dh’aobharaich eiridh na h-airde an iar, ann a Gallobha.
Air dha bhi fulang anabarrach leis na lean an deigh a pianaidh, chuir e athchuinge air bheulabh na comhairle, gu ‘cuireadh iad dail ann a bhi ga chuir air a dheuchainn ach am biodh e ni b’fhearr air a shon. Chuir iad an sin dithis lighichean, agus dithis luchd deasachaidh leontan ga amharc, a thing fianuis gu ‘n robh staid a shlainte ole, ach air a shon sin, cha tug a chomhaire dh’a ach sea laithean. Eadar an da am, chuir Ban Díuc Hamilton, agus a mathair-cheile Bana Mharcuis an Dughlaisich, litir gu Iarla Rathais ‘na fhabhor, ach cha deachaidh an iarrtus a dheonachadh, agus thugadh Mac Cathail agus ceathrar eile air bheulabh na ‘m Morfheara dearga. B’ iad na cuisean ditidh araidd a bha na aghaidh; “Gu ‘n robh e aig Air, Oicheltair, agus aig Lanarc maille ris no ceannaireich, air muin eich, crioslaichte le claidheamh.” Thugadh comas dha freagairt a thoirt da chuis-dhitidh, is ged’ a bha e fathast ro-lag, dh’ eirich e agus labhair e ris a chuir le mor chiuneachd, agus le anabharr comais, gun eagal, gun sgath. Thuit e, leis na bha air chur sios aig deireadh a chuis dhitidh, agus o na thachair do dhrean eile, gu ‘m robh e ag amharc air fein mar neach a a bha air a chur air leth gu basachadh, agus, air an aobhar sin gu ‘n aidicheadh e gu saor, nach robh nair air gu ‘m buineadh e do na Cleirean-bhi cuir ceannaire as a leth, thuit e nach robh ni ri roadh ris, ac hga ‘n robh aich, a bhu fulang amhair agus geur-leanamhuinn. Nuair labhair e mu amhain a lathaireachd maille ris na daine a bha aig Pentland, agus mar aidicheadh thairis a ris, agus gun tuille a roadh, thug e a chuis thairis da ‘n luchd breth—jury; air da ‘n luchd-breth a bhi air an gairm, thug iad seachd am breth “gun d’ fhuair iad Huistean Mac Cathail ciontaich de bhi ‘n caochladh aitean whale ris na ceannaireich, aig caochladh amaibh, a reir aideachadh fein fa-chomhair na comhaire.
Air da na bhreth a bhi air a h aithris, chaidh bhinn-ditidh a chuir au ceill, agus bi sin, “gu ‘m biodh e air a thoirt gu erois-mhargaidh Dhuneidin, agus an sin air a chrochadh air eroich gus am biodh e marbh, a mhaoin, agus fhearamn air an saradh, is air an cuir air leth gu feum an righ.” Air dha a bhinn so a chluintinn thuit e, “Thug an Tighearn uaith, agus thug an Tighearn leis; beannaichte gu robh ainn an Tighearn.” Chaidh an sin a ghiulan air ais do ‘n phrosian, troimh an fhireeadan, san sluagh ga lean tuinn, a tuireadh ro ghoirt air a shon. An deigh a thoirt a stigh gu sheomar, chaidh e air ball a labhairt ris an Tighearn ann an urnight, le mor fharsuing eachd cridhe, air a shon fein, agus iadsan a bha gu fulang maille ris. Thuit e ri caird an deigh sin, “O nach maith an sgeul, a bhi mar uidhe astar cheithir la da bhi mealtuinn sealladh de Iosa Criosd,” an sin thuit e, “nach robh e idir draghail dha bhi basachadh, s’e bha e iomadh uair dha dol a shearmonachadh.” Ri Mnathan a bha caoidh air a shon thuit e “nach robh a chor, ged nach robh e ach og, agus ann am blath a dhochais, agus a shaothair san fhionain, ri chaoideh; oir ni aon bhoinne de m’ fhuil, tre ghras De, ni ‘s mo do dhuigheadh air cridheachan, na dheanadh bliadnachan do shearmoniabh.”
Air an fheasgar cheudna chuir e iarrtus a stigh ehum na comhaire gu ‘m faigheadh athair cead a thigbinn da fhaicinn, ni a chaidh a dheonachadh, agus thainig athair air an ath fheasgar far an robh e. Labhair e ri athair mu thiomehioll umblachd do pharantaibh. An deigh do urnuigh a bhi air a cuir suas, thuit athair ris, “Huistean, ghairm mise erann ola maiseach, do thoradh breagha dhiot, ach anis thainig doiniomn agus sgroisadh a chraoibh’ agus a toradh.” Thuit Huistean rig athair, “gu ‘ do chuir a bharaill tuille is math, trioblaid air; thuit athair, “gu ‘m bi a bheachd gu ‘n robh Dia fiosrachadh peacanna na ‘m parantaibh, ‘ nach b’ iad peacanna na cloine,” air chor ‘s gu ‘m feudadh esan a roadh, “Pheacaich ar ‘n aithrichean, agus ghiulan sinne an eusantais;” agus a ris, “pheacaich mise a chaora blochd, ach eoid a rinn thusa?” Fhreagair Huistean le iomadh osann, “Le theachd gear air a chuígeamh aithne, thainig e gearr air a ghealladh, gu’m biodh a laithean buan ann an tir na’m beo, agus gur ann a bha connsachadh Dhia ri athair airson a bhi cuir tuille, sa choir do mheas air a chloinn ’s gu h-araidh air fein.”
An la roimb bhas, air dian iarrtuis a chairdean, ni bu mho na ruin fein, chuir e athchuinge dh’ionnsuidh na comhairle a guidhe air son iochd, agus a cuir an ceill a neo-chiontais, ach cha d’eisd iad. Fhad sa bha e ’sa phriosan, bha ’n Tighearn ro ghrasmhor maille ris, maraoon ann a bhi ga chumail suas agus ga neartachadh roimb eagal a bhais, agus mar an ceudna le bhi ag iomain air falbh neoil uamhais, tha cuid a dh’ nairean air na daoiné is fearr, tre amhuiinneachd fuil is feoil. Bha e mar an ceudna gu h-iongontach air a chomhnaidh ann an urnuigh is ann am moladh, air leithid do dhoig, ’s gu’n do chuir e mor ionghnadh air na h-uile a chual e; gu h-araidh air oidche Dirdaoin, nuair a bha e aig suipeir maille ri chophriosanaich, athair, agus aon na dhithis eile; thuirt e gu suilibhear “Ithibh nur sath, agus beathaichibh ’ur cuirp, chum ’s gu’n dean sinn pithig-nollaig reamham da na h-easbuigean!” An deigh an t-shuipéir, labhair e iomadh ni mu thiomchioll fein agus eaglais De, a cleachdadh fa dheiradh an earrainn sin ann an Daniel, “Coid a Thighearn a bhios croich nan iongantais so?” An oidheche mu dheiradh de bheatha, dh’f heoraich agus f hreagair e Ciamar rachadh e o na phriosan, tre aireamh mhor shluagh ag amharc air, caochladh ceistean, chum neartachaidh a cho?phriosanaich, a leithid so:— agus le freiceadan shaighdearan, a dh’ionnsuidh croich is aite bais, agus a bhi comasach air so níle a ghinlan? Fhreagair e le bhi a smaoineachadh air ni bu ro sholeimte, se sin cuideachd mhor de ainglibh, a ta ag amharc oirnn, b reir an sgríobtuir sin. “Tha sinn ’nar buill amharc do’n t-saoghail, do ainglibh, agus do dhaoine,” oir air do na h-ainglibh a bhi deanamh aoi bhneas rír deagh aídmheil, tha iad a lathair gu bhi giulan ar anamaibh gu uchd Abraham; cha ’n ann gu bhi ga n gabhail, oir ’se sin obair Iosa Criosd a bheir deagh bheatha dhuiinn do neamh e fein, maille ri oranaibh ainglibh agus spioradaibh beannuichte. Coid an doigh anns am beachdaich sinne air neamh, a ta deanamh cahbag da h-ionnsuidh, air dhuiinn a bhi leughadh “Nach f haca suil, ’s nach, cuala cluas.” Ri so f hreagair e, gu’n robh an Sgriobtuir, toir cabhair ann an da dhoigh ann a bhi beachdachadh air neamh. 1, Ann an rathad samhlachail, mar an an Taish. xxi., far am bheil neamh air a taisbeanadh mar chaithir ghlorrhor. 2, Le bhi a ghradhachadh le treibhdhireas, ni is e fior aoi bhneas, agus caithream cumail a mach gradh nan naomh da Iosa Criosd, agus a teagasg dhuiinne a neamh.
B’iad na briathran deireannach a labhair e aig an t-shuipéir, a bhi moladr gradh oscionn eolais. O, deir e, “Cha’n eil ach beag diu ann an eolas as easbhuidh gradh, a dol as an t-sealladh ann an neoni, agus ro chunnartach.” Thug athair buidheachas an deight na suipeir, agus leugh esan 16 salm, agus thuirt e “Na’m biodh ni ’sam bith a dhionadh dubhach agus mideonach e ’n saoghail fhagail, gu’m be sin a bhi sguir de leughadh an Sgriobtuir. Thuirt mi, nach f haicinn an Tighearn ann an tir na’m beo, ach cha ruig so a leas ’nar deanamh bronach, oir far am bheil sinna dol ’se’n t-Uan leabhar an Sgriobtuir, agus solus na cathrach sin, agus an’ sin iarr e ’n sin air son peann, gus an sgríobhadh e a thiomnad, agus dh’iarr e tha beatha, eadhon, amhainn uisge na beatha, agus tobraichean beo.” Dh’ beagan leabhraichean a bha aige, a roinn air caochladh cairdean. Chaidh e gu leadbaidh aig aon uair deug, agus choidil e gu cuig uairean ’sa mha-duinn; nuair a dh’erich e, ghairm e airson a chompanach Iain Bhodrou, a’ radh gu suilibhear, “Eirich Iain, cha’n eil thusa is mise coltach ri daoinne a tahtar dol a chrochadh an diugh, nuair a tha sinn a codal cho fada.” Dh’ eirich Iain, agus thuirte e ris, “Bithidh tu fein ’s mi f hein gu h-aithghearr san aon seomar ri Mr. Robeson.” Fhreagair Huistein, “Iain tha eagal orm gu’n duin thusa mise a mach, oir bha thu moran ni bu duineil air bheulabh’ na comhairle na bha mise, ach bithidh mise cho duineil air lobhta na croich’ ri h-aon agaibh.” Chuir e’n sinsuas urnuigh ro dhurachdach, a’ tagar a’ dhainm cumhnant ri Dia, agus gu’m biodh iad air an deanamh comasach’ air an la sin, a bhi toirt fianuis air deagh aidmheil an lathair whoran f hianusean. Ghabh an sin athair a chead deth, ris an dubhairt e, gu’n deanadh f hulangais ni bu who do chron da na h-easbuigean, agus ni bu who do eideachadh do shluagh Dhe, no ged a bhiodh e fantuinn fichead bliadha sa ministrealeachd. Dh’iarr e ’n sin air athair f hagail, agus a dhol gu sheomar, a ghuidhe gu durachdach ris an Tighearn a bhi maillle ris air lobhta na croich; air is e mo ghiulan an sin mo churam, gu’m bi mi air mo neartachadh gu seasamh dileas gu’s a chrioich.
(Ei leantuinn.)