RUGADH Mr. Tomas Boston anns a’ bhliadhna 1676, ann an Dunse; thàinig e bho phàrantaibh measail, diadhaidh, aig an robh òighreachd bheag anns a’ bhaile sin; b’esan an t-aon a b’òige de sheachdnar chloinne. ‘Nuair a bha e mu’n cuairt de sheachd bliadhna dh’aois, thòisich e ri tlaich chom-harraiche a ghabhail ann a bhi leughadh a’ Bhiobuill. Fodh èisdeachd searmoin le Mr. Eanraic Erscine, aon de na ministeirean a bh’a’air an geur-leanmuinn ann an 1687, dhùisg an Tighearn e gu mothachadh domhain mu staid shiorruidh anna. Fhuair e comas searmoinneachadh ann an 1697; shuidhicheadh e ‘na ministeir ann an Simprin, ann an 1699; ann an 1700 phòs e Caitrine Bhùn, de theaghlach inbheach, ann an Sgire Chulross; bean-uasal a bha comharrachtae a thaobh a gliccais agus a deagh bheusan, ris an robh teaglach mhòr chloinne aige. Bha dithis mhae agus dithis nigean dhiubh beò ‘n an déih féin. Dh’atharraicheadh e gu Eteric ann an 1707. Dh’éug e ann an 1732, dlùth do chuig bliadhna roimh a mhnaoi, ‘nuair a bha e 56 bliadhna dh’aois.
Bha a chruth àrd, tlaichdmhor, aghaidh taitneach, làn de gach buaidh a bha feumail chum urram a chosnad, agus smachd a sheasamh, ‘fhalt dubh, comasan ‘intinn laidir agus torach, a smuaintean ealamh (an ni ris an abrar “gèur-fhochlach,” ach an àite na gibht sin àrach, ‘s ann a chum e i fo chruaidh smachd), aignidhean tairis, a bheitheachadh fallain agus soilleir; a nàdur treibhdhireach, stuama, faicilleach, fàluidh, coingheallaich, agus caoimhneil. Bha fuath iomlan aige de na h-uile ni borb, no mi-mhodhail, ann am briathraibh no ‘n gnìomharaibh, agus bha e de mhothachadh annmuinn nam b’ e ‘s gu’n còmhlueachadh a bheag ‘sam bith de ‘n ghnè sin ris. B’ urrainn e bhi gàrg agus searbh ‘n a bhrìathraibh, ‘nuair a bhiodh fior aobha air a shon, no mheasadh e sin feumail.
Ghairmeadh e gu tràthail le gràs Dhé; agus chaith e a bheatha riamh an déidh sin ann an oibre na diadhaichd. Ghluaich e, da rìeadh, maillle ri Dìa, ‘n a uile shligibh; ‘g a aideachadh gach latha; gu tric a’ tagradh le dian-dhùrachd ris na flaiteanas (air gach aobhar dleasnais, trioblaid, no deuchainn as ùr), agus leanadh na h-urnuighean so le dearbhadh daingean, sólasach, agus soilleir gu’n ghabhadh riu agus gu’n d’fhuair iad eisdeachd o Dhia. Bha e dichiollach, eagnaidh, gu bhi toirt an aire, cumail air chuimhne, agus a’ fòghlum o fhrasad Dal Dé, ann an co-cheangal ris an Fhoical, ri ‘fhaireachdainn, agus ri’ shuidheachadh inn tinn féin, agus uimè sin bha e de dh’eòlas mòr anns an diadhachd. Bha e gle thoigheach agus chùramach mu lagh Dhé a choimhead, anns gach uile ghné chaithe-beatha agus chàinnt (eadhon anns na nithibh de nach ‘eil a chuid mhòr de Chriosduidhean a’ toirt an aire). Bha e de choguis anmhunn, gu cùramach a’ caithris an aghaidh peacaidh, agus a’ seachnadh gach uile choslas uile; truacanta agus co-mhoothachail ris a mhuintir thrioblaideach; oircheasach do’n fheumach (ann an tomhas cho mòr ‘s gu’n robh e gu cràbhach a’ cur air leth an deicheamh d’a mhaoim shaoghalta gach bliadhna chum an cobhair). Bha e ‘n a chéile dleasnaich, ‘n a athair teò-chridheach, na charaid trèibhdhireach, dìleas agus bàigheil; ni chum an robh aomadh sònruichte ‘n a aigne, a bha ‘n a mhor bheannachd dhoibh-san a chomh pairtich d’a chairdeas.
Bha e na sgoilear taghta anns gach earrann de dh’foghlum diadhaidh, agus bha e barraichte ann an cuid diubh. Bha e min-eòlach air a Ghreug-air, agus, gu h-àraidh, air an Eabhra. Thuigeadh e ‘n Fhraingis; agus chum eadar-theangaichean a choimeasachadh, b’ urrainn e am Bjobull Duitseach a leughadh. B’ainmig earrann de dh’foghglum air nach robh ni-eiginn de dh’éidh aige; ach b’éiginn d’a eòlas-san a bhi air fhoillseachadh air mhodh eile, a bharr air aideachadh féin. Bha e na sgoilear dian-dhichiollach, agus de shaothair neo-sgithichte; ionnas ge b’e ni ris an toisicheadh e aon uair, cha b’urrainn dha sgur deth, gus an cuireadh e crìoch air, le comhnadh bho néamh agus bith-dheanadas. Bha eòlas mòr aige air nàdur an duine, ‘s air na doighean bu fheadargarach gu labhairt ris, agus air na meadhonnan bu ro choslaiche gu greim a dheanamh air.
Bha tálann ionmholta aige chum sgiobhadh a chuir an òrdugh, ni a thug air fear-riaghlaidh,* agus breitheamh mòr, a rádh (‘nuair a bha Mr. Boston na chleireach aig Seanadh Mherse agus Thibhiot-dale), gu’m b’e cleireach a b’fhearr a chunnaic e riamh ann an cùirt air bith, aon chuid an Stàta no’n Eaglais. Bha mòr mheas aig’ air gibhtibh agus air comasaibh muinntir eile, a’ toirt dhoibh gu saor an cliù a bhuiocadh dhoibh, eadhon ged bhiodh iad ann an cuid de nithibh ag eadar-dhealachadh uaithsan ann am beachd. Bha e fada bho bhi na fhear-cronachaidh an-dana, no lughdachadh cliù.
* Mr. Baillie of Jerviswood.
Mar mhinisteir ghiùlan e air a spiorad mothachadh cudthromach agus urramach mu nithibh Dhé. Bha e cumhachdach anns na sgiobtuiribh, ‘n a eòlas air an litir, air an spiorad, agus air am brigh, ‘n an comh chur gu buadhach agus gu freagarrach, chum an teagasg a mhineachadh agus a dhomhaireachd Chriosd, ‘s ged a theab am mothachadh iriosal a bh’aige dheanamh so-thuigseach. Bha ‘fhiorsachadh agus ‘eòlas mòr air de bhi dh’ easbhuidh sin a leagadh sios gu tur le dì-mhisneach, an deidh dha toiseachadh ri searmoinseachadh. Bha tálann sònruichte aige chum ‘dol domhain ann an dìomhaireachdaibh an t-soisgeil; agus, mar an ceudna; chum an co’ ìmh cheangal ris an t-soisgeul, agus a bhuaidh a th’aca air naomhachd an t-soisgeil a dheanamh soilleir agus so-thuigseach. Faodar esimpleirean comharrachte de so fhaicinn ‘n a leabhar ro luachmhor air a’ Chúmhnaat, agus ‘n a shearmonibh mu Chriosd ann an cruth seirbhiseich.
Bha comasan intinn torach agus ciallach; a bheachdan an còmhnuidh cothromach, agus, mar bu trice, nuadh;—a chainnt freagarrach agus iomchuidh;—a mhineachadh agus a chosamlachdan gu minig neònaich; a dhoigh searmoineachaidh réidh agus soilleir;—a liuthairt socrach agus maiseach,—le fiamhachd do dhùrachd, de chiùineachd, de dhearbh-bheachd, agus de dh’ughdarras, coimheasgta le cheile. Bu bheag an t-iongantas ged bha an t-ionlan de fhrithealadh ann an nithibh naomha, taitneach, agus luachmhor do na naoimh.
(Ri leantuin.)