Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1948 » January 1948 » An Camadh ‘s a’ Chrannchur

An Camadh ‘s a’ Chrannchur

Le TOMAS BOSTON.

“Smuainich air obair Dhé; oir eo is urrainn an ni sin a dheanamh direach a rinn e-san càm?”—Eceles. vii. 13.

(Air a’ leantuinm bho’n t-d. 118.)

II. Air dhunin beachd a’ gabhail air a’ chamadh féin, tha sinn anns an dara àite gu thoirt fainear gur ann de dheanamh Dhé a tha e. Agus ann an so tha gu bhi air nochdadh—1. Gur ann de dheanamh Dhé a tha e. 2. Cionnas a tha e de dheanamh-sa. 3. C’arson a tha e ‘g a dheanamh.

An tús—Tha e soilleir bho na tri oabhairibh so, gur ann de dheanamh Dhé a tha ‘n camadh ‘s ‘a chrannchur, ciod air bith e.

  1. Cha’n fheudar a’ chur an teagamh nach smachdachadh air son uile an camadh ‘s a’ chrannchur, ciod air bith aobhar air son am ‘bheil e; is e sin, co aca a tha ‘n camadh, no ‘n t-aobhar ‘s a’ cheart àm peacach, no nach ‘eil, gun teagamh is peanas no àmhghar a th’ann. A nis, mar a dh’fheudas e a bhi gu naomh agus gu ceart air a leagadh mar pheanas oirnne, le ar ‘n Ard-uachdaran ar Tighearn agus ar Breitheamh; mar sin tha e gu soilleir, a’ cur an cèill gur ann de dheanamh féin a tha e.—Amos iii. 6. “Am bi dòrainn ann am baile, ‘s nach e ‘n Tighearn a chuir ann e?” Uime sin, do bhrigh nach urrainn smachdachadh air son uile ach a bhi de dheanamh Dhé, agus gur smachdachadh de’n ghné sin an camadh ‘s a’ chrannchur, feumar a cho’-dhùnadh gur ann de dheanamh-sa a tha e.

  2. Tha e dearbhta, bho theasgag an sgrìobtur mu fhreasdal Dé, gu bheil Dia a’ toirt air adhairt crannchur gach neach, ‘n a ‘uile earrannaibh fa leth. That e ‘n a shuidh air stiùir gnothaichean dhaoine; agus ‘g an tionndadh mu’n cuairt ge b’e taobh is àill leis. “Ge b’e ni bu toil leis an Tighearn rinn e air nèamh agus air talamh, anns na cuantaibh, agus anns na doimhneachdaibh uile.” Salm cxxxv. 6. Cha tachair ni sam bith dhunne as éugmhais riaghlaidh a fhreasdaill-san. Tha’n dearbh fhreasdal a thug sinn a’ mach as a’ bhroinn, ‘g ar tabhairt agus ‘g ar suidheachadh anns an ionad, agus anns an staid a shònrùicheadh air ar son leis-san “a shuidhich na h-amanna roimh-òrduichte, agus crochan ar ‘n àite-còmhuidh.” Gniomh, xvii. 26. Tha e a’ riaghlaidh nan nithe is lugha tha tachair mu’n cuairt dhunin, mar a ta “tuileam fuilteine ar cinn air an talamh.” Mata x. 29, 30, “Anns an uchd tilgear an crannchur.” Gnàth. xvi. 33. Seadh, saor ghnlomharan ar toil leis am bheil sinn a’ ròghnachadh air ar son féin, oir “mar shruthaibh uisgeacha tha cridhe

righ ann an làimh an Tighearna.” Gnàth. xxi. 1. Agus gach ceum a ni sian, agus a ni muintir eile air ar son; oir “cha’n ‘eil slighe duine ‘n a chomas féin: cha’n ‘eil e ‘n comas duine a ta ‘g imeachd a cheum a’ stiùradh.” Ier. x. 23. Uime sin, co dhiubh a tha na ceumanna sin, a tha deannamh a’ chamaidh, no na ceumanna a tha air an rùnachadh roimh làimh agus peacach, mur bha reic Ioseiph le ‘bhrathraibh do’n Eiphit: no eo dhiubh a tha iad neo-rùnachaichte, mar a ta mortadh gun droch rùn no nach ‘eil, ach a mhàin a thaobh tuiteamais, mar a ta ‘nuair a bhios duine gearrachd fiodha, agus a mharbhas e ‘choimhearsnach le “ceann na tuaidh a leum bharr na coise.” Deut. xix. 5. Tha freasdal naomh agus glie a’ riaghladh gnìomhara peacach agus neo-fhaicilleach dhaoine, mar a stiùireas marcach each crùbach, cha ‘n e coire a’ mharaich nach siubhail e còmhnaid, ach crùbaichead an eich féin: Uime sin, anns a’ cheud chor dhiubh so, tha e air a’ ràdh gu’n cuir Dia Ioseph do’n Eiphit. Gen. xlv. 7. Agus anns a’ chor mu dheireadh, gu’n d’thug e thairis neach gu làimh a choimhearsnaich. Ecsod. xxi. 13.

  1. Dh’òrduich Dia le rùn siorruidh, daingean mar “shleibhtibh umha,” Sech. vi. 1, an t-iomlan de chrannechur nan uile chreutairean, na h-earrannan a tha càm cho math ris na h-earrannaibh a tha dìreach. Leis an òrdugh bhith-bhuan cheudna, leis na shuidhicheadhead ionada àrd agus iochdreach na talmhainn, na sleibhteann, agus na glinn, tha’n àirde agus an doimhne, an soirbheas agus an doirbheas a th’ann an crannechur a luchd-àiteachaidh air an òrdachadh; agus tha iad air an toirt mu’n cuairt ‘n an àm, fior-fhreagarrach ris an òrdugh sin. ‘S e rùn-diomhair freasdaill, ann an uachdranachd an t-saoghail, an aitreach a thogadh le Dia, ‘n a h-uile earrannaibh fa leth, a réir an dearbh shuidheachaidh a bh’ann an “rùn an Tì a ta ‘g oibreachadh nan uile nithe a réir comhairle a thoile féin,” Eph. i. 11, air chor as nach ‘eil camadh air bith ann an crannechur neach, nach fheudar a lorgachadh chum an rùn siorruidh sin. Tha Iob gu eràbbach a’ cur eisimpleir de’n ghne so f’ar comhair ‘na chor féin. Iob xxiii. 13, 14. “Tha e ‘s an aon bheachd, agus co a thionndaidheas e? agus an ni is miann le ‘anam, sin ni e. Oir coimhlonaidh e an ni a dh’òrduicheadh, dhomhsa; agus tha mòran d’an leithidibh sin aige.”

‘S an dara àite—Chum ‘s gu’m faic sin cionnus a tha’n camadh ‘s a’ chrannechur de dheanamh Dhé, feumaidh sinn eadar-dhealachadh a’ chur eadar camadh fior-ghlan neo-lochdach, agus camadh neo-ghlan peacach.

  1. Tha camaidhean fior-ghlan neo-lochdach ann; nithe gu’n amharus a tha ro-chraiteach, ged nach ‘eil annta ach a mhain trioblaidean, agus deuchainnean neo-thruailidh. B’ ann diubh sin bochdain Lasaruis, aimrideas Racheil, suilean annumh Leah, agus doille’n duine a bha dàll bho rugadh e. Eoin ix. 1. A nis ‘s ann de dheanamh Dhé a tha na camaidhean a tha de’n glnè so, ‘g an òrdachadh, agus ‘g an toirt gu crìoch gu h-eifeachdach le buaidh a chumhachd. Is esan a chruthaich am bochd. Gnàth. xvii. 5. “An tì a ni fanoid air a’ bhochd, bheir e masladh d’a Chruithfhear;” is e sin, bheir e masladh do Dhia a rinn biochd e, a réir an fhoicail sin. I. Sam. ii. 7. “’S e ‘n Tighearn a ni bochd.” —’S esan aig am bheil iuchair na brònn, agus dùnaidh no fosglaidh e i, mar is àill leis. I. Sam. i. 5.—Gen xxix. 31. “Agus is esan a dhealbh an t-siùil.” Salm. xcv. 9. Agus “rugadh an duine dàll, a chum gu ‘m foillsichte oibre Dhé ann.” Eoin ix. 3. Uime sin, thubhairt an Tighearna ri Maois. Ecsod. iv. 11. “Cò a rinn béal an duine; no có a rinn am balbh, no ‘m bodhar, no’n tì a chi, no’n dall? Nach mise an Tighearna?”

‘S e Dia a tha deanamh an leithid sin a’ chamaidhean ‘s a’ crannchur anns an t-seadh is cothromaiche, agus ‘nuair a ghabhar làn bheachd orra, is iad da rireadh gnìomh a lámhe-sa, cho cinn teach ris na neamhaibh agus ris an t-alamh.

  1. Tha camaidhean neo-ghlan peacach ann, nithe, a thaobh an naduir féin, a tha ‘n am peacaidhean cho math ‘s a tha iad ‘n an àmhghairean, truailidh cho math ‘s a tha iad cràiteach. B’ ann diubh sin an camadh a rinneadh ann an crannchur Dhaibhidh, trid mi-righailt a theaghlaich, mar a bha truailleadh Thamair, mort Annoin, agus ceannaire Absalom, an t-ionlan diubh mi-nadurrach. B’ ann de ‘n ghné cheudna bha ‘n camadh a rinneadh ann an crannchur Ioib, ‘nuair a thugadh air falbh a mhaoin, agus a mharbhadh a sheirbhisich leis na Sabeanaich agus leis na Caldeanaich. Mar a b’ iad sin àmhghairean Dhaibhidh agus Ioib, fa leth, mar sin b’ iad peacanna na muinntir neo-shonadh, a chuir an gnìomh iad. Mar so feudaidh an t-aon ni a bhi ‘n a chionta, agus ‘n a pheacadh uamharrà do aon neach, agus a mhàin ‘n a fhulangas agus ‘n a àmhghar do neach eile. A nis, cha ‘eil na camaidhean a tha de’n ghné so de dheanamh Dhé, anns an aon tomhas riusan a dh’ainmich mi ‘s a’ cheud àite; oir ni ‘n cuir e ole ann an cridhe neach air bith, ni mo bhrosnuicheas e chum uile; “Oir cha chomasach Dia a bhuaireadh le h-ole, ni mo bhuaireas e neach sam bith.” Seum. i. 13. Gidheadh ‘s ann de dheanamh-san a tha iad de bhrigh gu bheil e gu naomh ‘g an ceadachadh, gu cumhachadh a’ cur crìochaibh mu’n cuairt doibh, agus gu glic ‘g an riaghladh chum crìoch mhat air choir-eginn.

  2. Tha Dia gu naomh ‘g an ceadachadh, a’ fulang’ do dhaoibh imeachd ‘n an slighibh féin. Gnìomh. xiv. 16. Ged nach e Dia ùghdair nan camaidhean peacach sin, ‘g an toirt mu’n cuairt le buaidh a chumhachd; gidheadh mur ceadaicheadh esan iad, cha b’urrainn iad a bhi idir ann; oir “dunaidh esan, agus cha ‘n fhosgail neach air bith.” Taisb. iii. 7. Ach tha e ann an ceartas a’ cumail a ghras bho’n pheacach nach ‘eil ‘g a iarraidh, agus a’ toirt dheth na cuibhrich fo’m bheil e neo-shocraich, agus do bhrigh gur àill leis a’ pheacach a shaorsainn, tha e leigeadh an t-sriam mu ‘mhuineal, agus ‘g a fhàgail do thòil ana-mianna féin. Hosea iv. 17. “Tha Ephraim air a dhlù-cheangal ri iodholaibh, leig leis.” Salm lxxxi. 11, 12, “Cha do ghabh Israel rium,—uime sin thug mi thairis iad de anamiann an cridhe féin.” Anns a’ staid neo-shonadh sin, a thaobh aomaidh sònruichte a pheacaich féin, tha’n camadh mi-naomh gu nàdurrach agus gu neo-mhearachdach ‘g a leantuin, eadhon mar a ruitheas uisge le brùthaich; uime sin, anns a’ staid sin, “dh’imich Israel ‘n an comhairle fein,” rann 12. Mar sin ‘s ann de dheanamh Dhé, mar bhreitheamh ceart a tha’n seòrsa camaidh sin, a’ deanamh peanais leis air an neach a tha fulang fodha. Chuir am beachd sin de’n chùis Daibhidh ‘n a thosd ‘nuair a bha Simei ‘g a mhallachadh. II. Sam. xvi. 11. “Leigibh leis, agus mallaicheadh e, oir dh’iarr an Tighearn air.”

  3. Tha e gu cumhachdach a’ cur gòradh rompa, Salm, lxxvi. 10. “Fuilgeall na feirge (eadhon, feirg a’ chreutair) coisgidh tu.” Ge b’ e cho cràiteach ‘s a tha cor neach air bith leis na trioblaidibh so, mar cuireadh Dia crìoch rompa bhitheadh iad ni bu ro-chràitiche: ach tha esan ag radh ris an inneal pheacach, mar a thubhairt e ris an fhairge, “Gu ruig so thig thu, each cha tig nì’s faide, agus an so coisgear do thonna uaibbreach?” Tha e ‘cur bacadh air an inneal, air chor ‘s nach urrainn e dol aon cheum nì’s fhaide air adhàirt anns an rathad ‘s am

bheil neart ana-mianna ‘g a iomain, ach mar chi esan iomchuidh a cheadachadh. Air an aobhar sin tha e tachairt, nach ‘eil an camadh a tha de’n ghne so aon chuid ni ‘s mò no ni ‘s lugha, ach ceart mar is àill leis-san a cheadachadh le ‘chumhachd. Tha eisimpleir comharrachte againn de’n t-seorsa so ann an cor Toib, aig an d’rinneadh a chrannchur chum trid ghniomhachadh sònruchte an diabhoil; ach chuir Dia gàradh roimh na pheacach mhòr sin anns a’ chùis. “Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Feuch, tha gach ni a ta aige a’ d’ làmh-sa: a mhàin air féin, na cuir do làmh.” Iob. i. 12. Nise chaidh Sàtan cho fada ‘s a leigeadh an gàradh leis, cha dh’fhàg e ni sam bith a bha’n taobh a stigh dha gun bheantuin ris, mheas e a bhitheadh freagarrach chum a run a thoirt gu erioch, rann 18, 19. Gidheadh chà’n fheudadh e air chor sam bith a’ àhol aon cheum thairis air, chum a phùine nach b’urrainn e bhuanachd an taobh a stigh dha dheanamh a mach. Uime sin, cha d’fhàgadh meadhon air bith chum an deuchainn a dheanamh ni bu mhò, agus an camadh ni bu ro chràitiche, ach gu’n tugta an gàradh a chuireadh uime air falbh, agus comas ‘oibreachaidh a’ dheanamh ni b’ fharsuinge; air an aobhar sin a’ deir e, “Ach cuir a nis a mach do làmh, agus bean r’ a chnàimh agus r’a fheoil, agus as an eudan mallachaidh e thu,” caib. ii. 5. Agus a réir sin thugadh air falbh an gàradh as ùr uime, rann 6. “Feuch tha e a’ d’ làmh-sa, ach caomhain ‘anam”; mar sin thugadh an camadh air adhairt gus a’ chuid a b’fhaide a mach a cheadaicheadh an gàradh nuadh dha, a réir an rùin a bh’aige-san gu thoirt air Iob toibheum a labhairt; “Bhuail Sàtan e le neasgaidibh cràiteach, bho bhònn a choise gu mullaich a chinn, rann 7. ‘Nuair a chunnaic Sàtan nach do shoirbhich an ionnsuidh so, mharbhadh e Iob gun teagamh, mur biodh an gàradh a chuireadh mu bheatha.

(Ri leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice