(1) Cha’n fheum sibh ni air bith a chumail a dhorchaicheas bhuir còir ann an Criosd: agus mar sin cha’n fheum sibh aoidheachd a thoirt do iodhol air bith na àite san: oir cha ghleidh aon sam bith aig am bheil fior ghràdh do Chriosd, gràdh da’n cuid iodhalan, ach bheir iad an cridhe uile do Chriosd, agus their iad maille ri Ephraim, “Ciod mo ghnothuch-s tuilleadh ri iodholaibh” (Hosea xiv. 8).
(2) Feumaidh sibh an còmhnaidh a bhi ann an cleachdadh eagal ceart; bheir e a ghràdh dhoibh-san da’n eagal e. Cha’n e eagal tràilleil air am bheil mi a labhairt, ach eagal cloinne; agus ‘s e tha’n sin ach fior eagal diadhaidh.
(3) Feumaidh mòran maothalachd a bhi agaibh. O iarraibh cridhe tais gu bhi bròn air son na’n uile ole a tha air a dheanamh air Dia anns an tir. O tha mòran brùidealaichd agus cion maothalachd ga fhoillseachadh fein gu mòr na’r measg, ni tha milleadh ar muinghinn gu mòr.
(4) Bithibh dichiollach gu bhi faotainn còir ann an Dia tre Iosa Criosd. O cha ghabh so a bhi air fhaotainn air thuairmeis: feumaidh sibh ‘ur n-uile dichioll a chleachdadh gu ruigheachd air, oir cha dean codal a chùis; agus mar sin na smuaintichibh gu faigh sibh e am feadh sa bhitheas sibh caoin-shuarach agus neo-dichiollach.
(5) A chum ruigheachd air a so feumaidh sibh mothachadh domhain fhaotainn air ‘ur cor caillte. Beachd-smuaintichibh gu mór air an lagh a chum tre’n a sin gu’n tig sibh gu bhi ga bhur faicinn fein caillte ann an Adhamh; oir a dh’easbhuidh beachd ceart air an lagh agus air ‘ur suidheachadh caillte fein tre bhriseadh air, cha bhi sibh gu brath air ‘ur co-eigneachadh gu bhi ‘g iarraidh am Fear daimh beannaichte sin, an Tighearna Iosa Criost, neach is e aon Fhear-saoraidh sluagh taghta Dhe, gu bhi ga’r saoradh a mach as an staid agus as an t-suidheachadh chaillte anns am bheil sibh a thaobh nàduir.
(6) An sin feumaidh sibh a bhi ‘g iarraidh mothachadh domhain air gràdh Dhé ann an Iosa Criost; tha a ghràdh saor, cha’n eil ni annaibh-se gu bhi ga ghluasad gu truas a ghabhail dhìbh. O iarraibh gu’m bitheadh moran dhe so air a nochdadh dhuibh, oir le sin tha e toirt dhuibh an dearbh-bheachd so.
(7) Beachd-smuaintichibh air na geallaidhean luachmhor a tha air an cumail fa chomhair chreidmheach anns na sgriobturan trid Fear-saoraidh. O tha comhfhurtachd mhór ann an crannchur a chreidmhich a bhitheas a beachd-smuainteachadh gu minic air na geallaidhean a tha air an toirt gu bhi cumail suas agus a toirt comhfhurtachd do shluagh Dhé.
(8) Bithibh tric ann an cleachdadh creidibh leantainneach, ni is e fior ghniomh a chreidibh, a chum a bhi ruigheachd air dearbh-bheachd do ‘n chreidmheach; agus ged nach eil e cho co-fhurtail ris an aon eil, gidheadh tha e cheart cho cinnteach.
(9) Feumaidh sibh fianuis an Tighearn fhaotainn le fhocal agus le Spiorad, gu bheil bhur còir cinnteach, a chum gu’m bi sibh air bhur daingneachadh na shlighe agus na reachd.—Eadar-theangaichte le I. M.