LE SEUMUS RENUIC.
(1) ‘S e cheud bhuanachd a tha ‘n long dearbh-bheachd a chreidimh, gu bheil claoichd air a dheanamh leis air garbh ni ann an ùine, a tha gu bhi ‘g iarruidh an t-àite ‘bhùineas dha; agus gach ni a tha daoinne a gabhail mar chomharaidean air an dearbh-bheachd so, agus nach eil claoichd air a pheacadh air a ghiulain air adhart leis, tha aobhar aca a bhi teagmhach mu’n dearbh-bheachd sin, seadh co-dhùnadh gu’r e mealladh a tha aca.
(2) ‘S e ‘n dara buannachd an long dearbh-bheachd, gu bheil e ga’n deanamh-sau aig am bheil e na’s iorasal. An deigh do Phòl ruigheachd air dearbh-bheachd a chòir ann an Criosd, ghoir e dhe fein an neach is lugha na ‘n ti is lugha dhe na naoimh. O ‘s e ni taitneach a tha ann an ioraslaichd anns an t-shluagh thaghta. Seadh ni e iad ro-thaitneach.
(3) ‘S e ‘n treas buannachd a tha leantainn dearbh-bheachd a chreidimh gu bheil iadsan aig am bheil e air am beothachadh gu mór leis. Tha’n Salmadair a deanamh so soilleir ‘n uair a tha e labhairt cho tric air a bhi air a bheothachadh. Agus air mò shon fein, cha toil leam an dearbh-bheachd sin nach ghuais agus nach beothaich gu dleasdanas na leithid so de latha.
(4) Is e’n ceathramh buannachd a tha dol an cois dearbh-bheachd a chreidimh, gu’n toir e dhoibh a dhòl le dànachd gu Dia na’n eigin; oir mar a tha iad comasach air amharc air mar an Dia, mar sin thig iad ga ionnsuidh le dànachd, a cumail fa chomhair an còir ann, a deanamh sin na argamaid air son a bhi air an chuinntinn, no gu feum e eisdeachd riu.
(5) Is e’n coigeamh buannachd a tha ‘n lorg dearbh-bheachd a chreidimh, gu bheil leis a sin, Criosd na’s luachnhor leo na na h-uile ni eile; oir ged a tha Criosd air a mheas na’s isle na luach anns a ghinealach so, gidheadh tha e luachnhor dhoibh-san. O rachaibh air adhart le spàirn air son a chomharaidh so air dearbh-bheachd!
(6) Is e’n t-seathamh buannachd a tha leantainn dearbh-bheachd a chreidimh, gu’n toir e dhoibh a bhi na’s moth a ann an dleasdanas a mholaidh, agus a ràdh maille ris an t-Salmadair, Salm cxvii. 28. “Is tusa mo Dhia, agus molaidh mi thu.” Agus bheir e oirre bhi miannachadh na’s moth a as a dheigh, agus air son am barrachd dhe lìnaichd. O dhaoinibh, na’m bitheadh mothachadh ceart agaibh air a lìnaichd-san, bhitheadh fadachd oirbh gu bhi maille ris; seadh, cha leigeadh sibh fois leis!
(7) Is e’n t-seachdamh buannachd a tha dol an lorg dearbh-bheachd a chreidimh, gu’n euidich e gu bhi giulain fulangasan, an dà chuid a thaobh nithean spioradal agus nithean aimsireil; seadh, ciod e an ni nach euidich dearbh-bheachd a chreidimh iad ga ionnsuidh? Bheir e dhoibh a bhi meas na croich, no am priosan (no ciod e ni sam bith eile bhitheadh uamhasach do chuid eile) air son Criosd agus aobhair, na ni taitneach agus tlaichdhor, os ceann uile nithean ùine; seadh, tha iad so a’ cunntas lath’ am bàis mar an lath’ is aoibhniach a chunnaic iad riamlh, ‘n uair a tha iad a fulang air son aobhair Chriosd, ged gu dearbh tha mi smuainteachadh gu bheil iadsan a tha fulang air son Chriosd agus gun aca ach creidimh leanmhain, a glòrachadh Dhé na’s moth; ach tha iadsan aig am bheil dearbh-bheachd a chreidimh na’m fulangasan a faotainn am barrachd comhfurtachd.—Eadar-theangaichte le I.M.