Le SEUMUS RENUIC.
(1) That dearbh-bheachd a chreidimh feumail a chum a bhi cronachadh a muinntir a threigeas Criosd air son an t-saoghail, agus nach eil fodh chûram co dhuibh tha còir aca ann an Criosd gus nach eil.
Uime sin a dhaoine, thigibh air adhart, feuchaibh sibh fein do bhrigh agus gu bheil a nis taingse agaibh do Chriosd; nach feuch sibh am bheil sibh ann an Criosd na nach eil? O dhaoine, thigibh dluth-ghabhaibh ris; ach mar a bi sibh fodh chûram, no air ‘ur gluasad, agus mar a gabh sibh an taingse bho a laimh, an sin ‘s ann agaibhse a bhiteas an call mór agus cha’n ann aig-san, oir cha’n eil esan a seasamh ann am feum oirbh-se air-san; faicibh mar sin co aig a bhiteas an call is motha.
(2) Asluichibh air Dia, air dhuibh a bhi ann an cleachdadh nam meadhanan, air son dearbh-bheachd a chreidimh so; ach air son a chreidimh leanmhainn, tha e do-sheachainte feumal a chum slainte; seadh, feumaidh sibh e bhi agaibh, oir cha’n eil slainte dealaichte ris.
(No content under this heading beyond the heading itself, based on user input. I’ll assume the text below the next (1) belongs to that (1) as the original format used numbered paragraphs).
(3) Tha feum cronachaidh ann dhoibh-san a tha cur an aghaidh còir Dhé annta, agus a chreideas na their an diabhul, agus a bhiteas a faotainn coire do Dhia air son na nithean a tha e deanamh.
(No content under this heading beyond the heading itself, based on user input. I’ll assume the text below the next (1) belongs to that (1) as the original format used numbered paragraphs).
(4) Tha feum chum cronachaidh ann a ris, dhoibh-san nach ‘eil a co-lionadh dleasdanas.
O gabhaibh comhairle agus co-lionaibh bhrur dleasdanas, ged a rachadh na h-uile nach n’ur n’aghaidh; agus ged nach coinnicheadh sibh ris an t-soirbheachadh a bu mhath leibh ann an dleasdanas, gidheadh leanamh air adhart.
(5) Tha e feumail chum cronachaidh na muinntir a bhiteas riarachte le ni sam bith coltach ri lathaireachd mhothachail, agus nach dean spâirn air son dearbh-bheachd air son an am ri teachd, oir rainig cuid de chairdean gaoil Chriosd air ann an uine, mar a tha cunntas air an fhanuis mhór agus urramach sin Domhnull Cargil, neach, ‘n uair a bha iad ‘ga chur gu bàs, a thug fianuis gu’n robb dlùth air deich bliadhna fichead bho’n bha e cinnteach as a chòir ann an Dia, agus fad na h-ùine sin cha bu dana leis teagamh a chur ann.
Mar sin chi sibh gu’n gabh a leithid sin de ni ruigheachd air ann an ùine.
(6) Tha e feumail a chum a bhi ga’n cronachadh-san a tha ni’s motha a rannsachadh air son ciod e iad, na ciod e bu chòir dhoibh a bhi agus a dheanamh; ach na’m bu mhaith leat a bhi deanamh gu ceart, iarr caithe-beatha aig am bheil deagh bhunait agus a tha deag ùrdaichte, a chum agus gu ruig thù air dearbh-bheachd a chreidimh; agus is e so araoan an t-slighe mhlis agus an t-slighe thearainnte; tha i cinnteach agus tearainnte, tha mi’g ràdh, ‘n uair a ruigeas nach air gu ceart, uime sin, bitheadh t-oidheirpean uile a dol a mach gu ruigheachd air aig gach am.—Eadar theangachte le I.M.
Prayer is not a smooth expression or a well-contrived form of words; not the product of a ready memory, or of a rich invention, exerting itself in the performance. These may draw a neat picture of it, but still the life is wanting.—Manton.