Le IAIN FLAVEL.
(1) Faighibh smuaintibh iosal agus iorasal mu’r timchioll fein, agus an sin bithidh agaibh spioradaibh macanta, agus giulain siochail ri daoinibh eile.
Is e’n duine iorasal a ghnath an duine foighidneach. ‘S e uamhar freumh na feirg; ‘s e spiorad miothar a tha ann an spiorad ardanach; cha luidh builg air an seideadh le gaoith, dluth air a cheile, ach sàth gath annta agus faodaidh tu mile dhiubh a dhomhlachadh ann an seomar beag. “O uabhar a mhain thig connsaichadh.” Gnath. xiii. 10. ‘N uair a blitheas beachd mor againn oirnn fein, bithidh sinn a smuainteachadh gu’n do dheilig daoine eile ruinn mar nach do thoill sinn agus brosnuichidh sin sinn, agus le sin beachdaichibh air aon bheannachd mhor a tha’n lorg eolas air ‘ur eridheachabh fein, eadhon a bhi cuineachadh agus a deanamh macanta bhur spioradaibh. A Chriosduidh, tha mi smuainteachadh gu’m bu choir dhuit de dh’eolas a bhi agad ort fein agus nach b’urrainn do neach eil do chur na b’isle, na smuaintean na bu taireil’ a bhi aca ort na blitheadh agad ort fein. Tha cuid ag eadar-theangachadh Hab. ii. 5 mar so, “Tha’n duine uaimhreach mar esan a chiontaicheas le fion;” agus tha misgeirean mar a tha fios agaibh tuasaideach. O faighibh an tuilleadh ioraslaichd, agus bheir sin an tuilleadh sith dhuibh.
(2) Bithibh tric a deanamh bhur spioradaibh milis le co-chomunn ri Dia agus cha bhi e furasda an deanamh searbh le fearg ri daoinibh.
Cha tug coguis shamhach riamh a mach caithe-beatha neo-shamhach: tha sith Dhe a riaghladh anns a chridhe mar bhreitheamh gu bhi cuineachadh stri; mar a gheibh sinn ann an Col. iii. 15. Tha fearg agus stri calg-dhireach an aghaidh fonn a chridhe spioradail, do bhrigh agus nach ‘eil iad co-shinnte ri tlachd agus toil-intinn an spioraid sin a tha gradhachadh brollach siothchail. O, a deir an t-anam a tha beathachadh air co-chomunn milis an Spiorad, an dean sradagan a bhrosnachaidh mo thrauillidheadh a ghlacadh, agus toit a thogail na m’anam a bheir oilbheum do’n Chomfthurtair agus a dh’fhuadaicheas air falbh E. Tha so na ullachadh eho eifeachdach an aghaidh truaillidheadh agus nach mor nach dana leam, ann an criosduidh aig an bheil nadur aithgearr, fad-fhoighidean a dheanamh na chomharadh air co-chomunn ri Dia. Am faic thu criosduidh samhach agus ciuin ri aghaidh brosnachaidh, bithidh e coltach gu bheil anam a beathachadh air a leithid de mhilseachd ann an Dia agus gu’r a gràin leis fhagail; agus air an taobh eile, am faic thu criosduidh buaireasach agus ard-ghuthach, gun teagamh chan’ eil gach ni ceart an taobh a stigh; tha a spiorad mar chnaimh as alt, nach urrainn gluasad gun ehradh agus trioblaid.—Eadar-theangaichte le I.M.