Le IAIN FLAVEL.
(1) Tha fearg a graineachadh Spiorad Dhe, agus ga fhoghradh bho’n uechd anns am bheil fearg a gabhail comhnuidh. Is e Dia na sith a th’ann an Dia, agus tha a lathaireachd agus a cho-fhurtachdan air am mealtainn ann an sith. Chan’ eil Dia anns a chumantas a beannachadh le sith coguis iadsan nach ‘eil a deanamh de bhi sitheil.
(2) Tha fearg a toirt cothrom dha’n an diabhal. Eph. iv. 26, 27. Is e spiorad feargach agus mi-thoilichte a tha anns an t-Satan, agus chan fhaigh e fois ach ann an cridheachabh neo-fhoiseil; tha e beo ann an teine na h-aimhreite. The e ‘ga ghlusad fein ‘n uair a tha na spioradan air ghlusad; air uairibh lionaidd e an cridhe le smuaintibh dioghaltais, air uairibh lionaidd e na bilibh agus lasaidh e’n teanga le cainnte mhi-naomh; eadhon; Maois ciuin, labhair e air uairibh gu cabbhagach le bhilibh.
(3) Cuiridh fearg an t-anam a mach a fonn iomhuidh air son dleasdanas; air an aobhar so tha’n t-Abstol a toirt rabhadh do fhir agus do mhnathaibh a thaobh fearg agus aimhreite a chum agus nach bitheadh bacadh air a chur air an urnuighean. I. Peadar iii. 7. Feumaidh gach uile ghniomh aoraidh a bhi freagarach do chuspair an aoraidh; agus Dia, ‘s e Dia na sith, agus Dia a ghraiddh e.
(4) Tha eur sios a chreidimh Chriosdail. Cia mar a chuireadh na feallsanaich Ghreugach gu naire sinn? Bha Criosd mar uan a thaobh ciuineas agus am buin e da luchd-leannhuinn a bhi mar leomhain? O cumaibh bhur cridheachabh, air neo caillidh sibh cha’n e mhàin bhur sith fhein ach creideas na diadhachd mar an ceudna.—Eadar-theangaichte le I.M.