Leis an Urr. TOMAS HALIBURTON.
“GUTH mo ghràidh! Feuch tha e a’ teachd, a lèumnaich air na beanntaibh, a’ toirt sìthidh air na tulaichibh.”—Dàin. ii. 8.
Na’n robh oibhneas an eoinne Dhe, na h-anamaibh beannaicht’ sin a tha pòsda ris an Tighearn Iosa Crìosd, cho daingean agus cho maireannach, agus a tha iad air uairibh cho mòr, bhitheadh iad ullamh, maille ris na deiscioiblaibh, a bhi air am mealladh gu labhairt air deanamh phaillean-aibh agus còmhnuidh a ghabhail air an talamh so; cha bhitheadh neamh air a mhiannachadh, ni-motha bhitheadh fadachd as a dheigh. Ach tha gu leoir anns na brìsìdhean lionmhor, mòr, duilich, obann agus gun sùil riubh, dha’m bheil an oibhncasan as milse fosgailte, ann an tigh an cuairt, gus an leigheas bho’n mhearchadh so, agus a bhi teagasg dhoibh an t-eadar-dhealachadh a tha eadar neamh agus talamh.
Tha a chèile, leis am bheil an creidmheach air a chiallachadh, a tha air a togail suas leis, agus air a pòsadh ris an Tighearn Iosa Crìosd, anns na briathraibh a tha air thoiseach air ar ceann-teagaig, ann an staid cho sona agus a b’urrainn anam an taobh-sa do neamh a bhi; ciod e an t-iomradh do-labhairt a tha i deanamh air. “Mar chrann ubhal am measg chrann na coille, is amhuil mo rùn-sa am measg nan òganach: fodh a sgail mhiannaich mi, agus shuidh mi sios, agus bha a thoradh milis do m’ bhlàs. Threoraich e mi do thigh an fhiona, agus b’i a bhraiteach tharum an gràdh. Tha a lamh chli fo m’ cheann, agus a lamh dheas tiomchioll orm.” Agus mar a bha a h-oibhneas an cho mòr so, mar sin bha a eùram gu an eumail, da rèir sin, mar a chithear anns an rann air thoiseach air ar ceann-teagaig, “Cuiream mar fliachaibh oirbh, a nigheanan Ierusalem, air earbaidh agus air èildibh na macharach, nach cuir sibh dragh air, agus nach dùsg sibh mo ghradh gus an àill leis fein.” Bu staid shona so da-rreadh, agus bu shona i na maireadh i; ach cha b’ann mar so a bha e, oir chi sinn tionndadh dulich agus obann na cuisean ann am briathraibh ar ceann-teagaig. Ise bha tamull roimh so dlùth ann an glacaibh fear a gràidh, tha i nis air a dealachadh bh’uath le tulaichibh agus beanntaibh, a dh’fheumas Crìosd tighinn thairis orra ma’s urrainn i a mhealtuinn mar bu nòs.
Nis chum tuigsinn na’m briathraibh feumaidh fios a bhi agaibh 1. Gu’r e briathraibh na cèile a th’ann: an cèile, ’s e sin an t-anam creidmheach a tha pòsda ris an Tighearn Iosa Crìosd, agus, tre chreidimh a ghabh ris mar a Thighearna, a cheann, fhear-pòsda, a tha air a toirt air adhart an so agus a labhairt. 2. Iosa Crìosd, am fear-graidh aig an robh, ann an rann roimh so, a lamh chli fodh a ceann agus a lamh dheas tiomchioll oirre, tha e nis fada bh’uaipè, ’s e sin, tharruig e air ais na comhfurtachdan a bha’g ùrachadh a h-anama, nithean a tha na’n toradh air e bhi ga fhoillseachadh fein agus a ghràidh do dh’anam a chreidimhich. 3. Tha an cèile mothachail air an astar so, agus tha fhis aic gu bheil tulaichibh ’us beanntaibh, ’s e sin ri radh, nithean àraidh a tha seasamh ’s an rathad, na co-dhiubh a tha coltach ri bhi seasamh ’s an rathad, air foillsichidhean gràsmhor a lathaireachd fhàbharach; tha i mothachail, tha mi ag ràdh, agus is aithne dhith, gu bheil a lethid sin de thulaichibh agus de bheanntaibh eatorra. 4. Ged nach ‘eil e air innseadh ciod e a suidheachadh agus a cleachdadh am feadh ‘s a bha fear a gràidh air falbh, gidheadh bithidh e coltach, a thaobh na tha i’g ràdh, gu’n robh i feitheamh a philleadh air ais; mar mhnaoi a tha gradhach air fear-pòsda; ‘n uair a tha e air falbh, tha i ghnath ag amharc air son e philleadh, agus ag òisdeachd ris gach focal a chluinneas i feuch an e guth a fear-pòsda a th’ann, agus a ghnath ‘g amharc a mach feuch am faigh i sealladh dheth. 5. Am feadh ‘s tha i ‘s an t-suidheachadh so, tha i chuinntinn a ghuth, a tha toirt oirre, mar gu’m beachd, clisgeadh suas ga fhaicinn-san a tha i chuinntinn. Le iognadh tha i briseadh a mach gu h-obann le a ràdh, “Guth mo ghraiddh. Tha mi chuinntean mo thighearna, a bha air falbh, a labhairt rium, a cur teagaig da’m ionnsuidh.” ‘S e na geallaidhean, na h-àitheantan, agus na h-uile earrann eil de fhocal Dhe guth Chriosd da eaglais, da shluagh; agus ‘n uair a dhùisgeas E iad le a Spiorad gu bhi chuinntean a ghuth na fhocal, tha sin ga’n ullachadh air son tuilleadh foillsichidhean de Chriosd. 6. Air dhith a bhi air a beothachadh le a ghuth tha i tionndadh mu’n cuairt, mar gu’m beachd, agus a dian-amharc gu bhi faicinn an neach a chual i ghuth: air do’n chreidmheach aon uair guth Chriosd a chluinntinn tha e, leis a sin, air a ghlacadh gu bhi miannachadh sealladh dheth, ‘s e sin, foillseachadh ni’s soilleir agus ni’s mothachail dheth. 7. Tha an cèile a faotainn a miann agus ga fhaicinn, le stìl a chreidimh, a tighinn thairis air na duiigheadasan agus na nithean mi-mhisneachail a tha seasamh anns an rathad, an so air an coimeas ri tulaichibh agus ri beanntaibh, a reir an dàn.
Tha sinn a meas sin gu leoir, am beagan fhocal, gu bhi soilleireachadh eiall na’m briathraibh, agus, uime sin, cha chaith sinn tuilleadh ùine thairis oirre. Cha’n eil sinn a faicinn feum s’am bith a bhi ga’n roinn na’n earrannan agus, mar sin, seachnaidh sinn sin aig an am so. Anns na briathraibh, a reir a chùntais a thug sinn air an eiall, dh’fhaodadh-mid beachd a ghabhail air iomadh firinn fheumail, shònraicht agus chudthromach, ach a chùm gu’n tog sinn bhur n-ùine cho beag ‘s a ghabhas deanamh, cuiridh sinn na h-uile ni ann an aon teagasg, agus is e so e.
Teagasg. “Gu bheil sealladh de Iosa Criosd, a tighinn a chum fuasglaidh, cumail suas, agus comhfurtachd a shluagh, thairis air mi-mhisnichidhean agus duiigheadasan, a tha mar thulaichean agus bheanntaibh na shlighe na shealladh ro-dhruighteach do anam creidmheach a tha mothachail air fheum air, agus a fannachadh tre e bhi air chall.”
Tha’n cèile, anns a chùis so, air tìomachadh cho mòr leis’ an t-sealladh, agus gu bheil i clisgeadh suas, mar gu’m beachd, agus gun chomas cumail bho bhi glaothaich a mach riu-san a tha n’an seasamh laimh rithe amharc air. “Guth mo ghraiddh. Feuch tha e a’ teachd, a leumnaich air na beanntaibh, a toirt sithidh air na tulaichibh.” Tha an teagasg a toirt leis suspàinn an ruinn uile. Tha’n dealbh so air, a deanamh fhirinn cho soilleir agus nach eil feum air dearbhadh sa’m bith eil air.
(Ri leantainn.)