3. Bha beinn de naimhdeas na seasamh anns an t-slighe a bacadh saorsa pheacach.
Air do’n duine Dia a threigisinn ghabh e air amhaich cuing an diabhuil, thainig e gu bhi na thraill Shàtain, agus reic se e fein mar thraill do dh’ifirinn; agus, uime sin, ge b’e dh’oidhirpneas a chuir saor feumaidh e cùntadh air gu’m bi ifirinn air a mhuin. Cha’n eil teagamh, ‘n uair a chaidh a cheud iomradh air an innleachd bheannaicht’ so a chuir an ceill, nach do chuir e ifirinn fodh ghluasad namhasach; Smuaintich Sàtan e fein tearuinte a thaobh a chreic, agus a deanamh buaidh-chaitheam ann thairis air gloeas Dhé, mar gu’n do chreach e uile innleachd-san anns an t-saoghail ialal so, leis an duine a mhealladh; agus cha’n eil teagamh, ‘n uair a thainig e gu bhi tuigsinn gu’n robh rùn gu bhi ga spùinneadh dhe chreic, nach cruinnicheadh e ri cheile neart aonaicht’ ifirinn; agus bu bheinn mhòr so anns an t-slighe. Na’m faic-mid na bagraidhean, na muidhidhean, agus an naimhdeas fuileachdach a bha aig Criosd ri tighinn thairis air anns an t-slighe anns an robh e gu dhol a chùm tearnaidh a shluaigh, thigeadh-mid gus a cho-dhùnadh nach gabhadh e gu bràth os laimh e. Is e so aon dhe na tulaichibh, a chùm mòr ioghnadh nan uile chreidmheach, thairis air an d’fhug e sitheadh.
4. B’e beinn mhòr eile a bha na shlighe, mi-choibhneas na muinntir air son an d’fhaing e.
Na’m bu shluagh iad a bha’g amharc agus a feitheamh air son àithne, ullamh gu aoidheadh a thoirt dha agus faillt’ a chur air, bu ni misneachail so dhà, ach b’ann calg-dhireach an aghaidh so a bha chuis; oir a’ meag uile chlann nan daoine, cha robh neach na bu mhi-choibhneil, seadh, no na bu mhoth’ air a chuthach na’n naimhdeas na aghaidh na iadsan. Bu mhi-mhisneach so a bha’g aobhrachadh fan-nachadh; agus co air bith, eadhon a bhrudaraicheadh gu’m bitheadh a bheim so air a tilgeadh na shlighe? No na’m bitheadh, co a smuainticheadh gu’n tigeadh e thairis oirre? Ciod e! dh’fhaodadh reusan a radh, an saoil sinn e bhi cho deigheil air a shluagh agus gu’m fuilgeadh’ e, cha’n e mhain fèarg an Athar, agus e fein fhagail fosgailt’ do chumhachd aonaicht, seoltachd agus naimhdeas ifirinn, ach mar an ceudna, so uile a dheanamh air son dhaoine nach dean aon uair aideachadh air son a choibhneis, ach a dh’ath-dhiolas dha le mi-choibhneas, seadh le naimhdeas. Is beinn uamhasach so.
5. Aon uair eile: tha fathasd beinn eile ‘s an t-slighe, a dh’fheumas Criosd tighinn thairis oirre, agus ‘s e sin, eas-creidimh a shluagh.
‘N uair a chunnaic iad e bitteanta a toirt sithidh air na tulaichibh agus a leumnaich thairis air na beanntaibh, gidheadh bithidh lamh-an-uachdar aig an eas-creidimh orra, aig gach am, air chor agus gu’m bidh iad a eur an amharus aon chuid a dhilseachd, a thoil, na a chumhaechd; agus nach beinn mhór so. Bha na ceithir eile a dh’ainmich sinn mór, agus ag aobhrachadh mi-mhisneachd, ach faodaidh sinn amharc gu ceart air an té so mar an aon is mothá. Tha e air a rádh gu’n do ghabh ar Tighearna iongantas roimh eas-creidimh na muintir a dh’ionnsuidh an d’thàinig an soisgeul, agus gu’n robh e na leithid de bheinn na shlighe agus gu’n robh duilgheadas na bu mhotha aige faotainn thairis oirre na aon air bith eile. Tha sgrìobtur comharaicht’ againn air a sin ann am Marc. vi. 5,6. “Agus cha robh e’n comas dà miorbhuil air bith a dheanamh an sin, saor o gu’n do chuir e a lamhan air beagan de muinntir a bha tinn, agus gu’n do leighis e iad. Agus bha iongantas air air son am mi-chreidimh.” Ann an àit eile tha e air a rádh, “Agus cha d’rinn e mòran oibre cumhaichdach an sin air son am mi-chreidimh.” Mata xiii. 58. Is e so na beanntan a chi creidimh e leumnaich agus a toirt sithidh orra a chum a mor ioghnadh.
(Rì leantainn.)