Leis an Urr. TOMAS HALIBURTON
(Air a leantainn bho t.d. 94)
IV. Carson a tha’n sealladh so cho drùigteach dhoibh? Tha na h-aobharan air son so cho soilleir agus gu’r gann a leigeas sinn a leas an ainmeachadh an deigh na chaidh a ràdh cheana; ach ann am focal, tha’n sealladh so drùigteach.
- A choinn gur e ath-philleadh miann an anama chreidmheach a th’ann. Ciod e tha’n t-anam creidmheach a gabhail fadachd air a shon, agus gu dùrachdach a miannachadh? Nach ann a chum fhaicinn a tighinn a
leumnaich air na beanntaibh agus a toirt sithidh air na tulaichibh? Nach eil a leithid sin de neach a glaodhaich maille ris an eaglais ‘s an t-seachdamh rann deug de’n chaibidil so, “Pill; bi cosmhuil ri earbaidh, a ghràidh, no ri laogh feidh air beanntaibh Bhéiteir?” Agus am bheil e comasach gu’m bitheadh am miann so air a choimhliionadh gun buaidh aig air a chridhe? Tha’n duine glic ag ràdh, “Ni an dòchas a bhitheas fada gun choimhliionaidh, an cridhe tinn; ach is craobh beatha am miann ‘n uair a thig e.” Gnath. xiii. 12. Agus beagan rann an deigh sin, “Is milis do’n anam am miann a chiomhliionar.”
-
Tha so sruthadh bho nàdur an ni a tha air fhaicinn; tha gach ni a th’ann mar a dh’fhoillseich sinn airfad, iongantach agus annasach; agus, uime sin, buailteach air buaidh a thoirt air an neach a chì e.
-
‘S ann do bhrigh buaidhean an fhoillseachaidh a tha e; tha e’g atharrachadh air falbh na neoil, a leagail bunait do dh’oibheas seasmhach, a toirt neart do’n anmhuinn, agus comhfurtachd dhoiph-san a tha ri bròn. Ach a dol thairis air na nithean sin thig mi nis a dh’ionnsuidh a cho-chur.
Feum. Ann a bhi deanamh feum de’n teagasg so, a chum nach bi mi claoidh bhr foighidinn ro mhòr, theid mi seachad air iomadh ni feumail a dh’fhaodadh a bhi air a tharruig bho’n teagasg so, agus, a mhàin, labhraidh mi focal ri seorsa na dhà de dhaoine, dhe’m bheil an cruinneachadh so air a dheanamh suas. A chum gu’m fosgail mi slighe do’n fheum a tha mi ciallachadh, tha ceisd a chuireas mi ribh uile, agus buinnidh i dhuibh uile, gu h-àraidh a chuid agaibh a tha ciallachadh a dhol gu Bòrd an Tighearn. ‘S e cheisd a tha mi cur oirbh, agus a tha mi’g asluchadh oirbh gu’n cuir sibh ri’r coguisibh fein, so:
Am faca sibh riamh an sealladh taiseachaidh cridhe so, Iosa Crìosd a teachd a “leumnaich air na beanntaibh, a toirt sithidh air na tulaichibh?” An d’thuair sibh riamh bhr eridheachaibh air an lionadh le iognadh, gràidh, oibheas, bròn, nàire, agus taingéalachd, ‘n uair a chunnaic sibh an aon ghràidhach iongantach so, Iosa Crìosd, a tighinn thairis air gach duilgheadas ga’r n’ionnsuidh? Cuiribh a cheisd dhachaidh gu’r coguisibh fein: ‘s e gnothach e nach eil ni eil cho eudthromach ris ann, gu h-àraidh dhuibh-se a tha ciallachadh a dhol gu Bòrd an Tighearn. Tha mi breithneachadh ma bhitheas a cheisd so air a cur dhachaidh gu’n tilg i’n cruinneachadh so na dhà sheorsa. 1. Iadsan nach fhac’ riamh Iosa Crìosd, agus aig nach eil miann fhaicinn. 2. Iadsan, mar a dàna leo ràdh, muigh ‘s a mach, gu’m fac iad e a leumnaich air na beanntaibh agus a toirt sithidh air na tulaichibh, gidheadh is dàna leo ràdh gu’m fac iad ni a tha toirt orra bhi miannachadh os ceann na h-uile ni gu’m faiceadh iad an sealladh drùigteach so. Cha’n fluirich mi’n tràth so gu bhi deanamh roinn air an t-seorsa mu dheireadh so, eadar iadsan leis an dàna bhi cinn teach gu’m fac iad e, agus iadsan leis nach dàna; ach labhraidh mi beagan fhoical ris an dà sheorsa a dh’ainnich mi, gun beachd air leth a ghabhail air na roinnean beag a dh’fhaodadh a bhi air an deanamh. Tha mi tòiseachadh leis a cheud seorsa.
(1) Iadsan nach fhac an sealladh so riamh. Cha’n eil mi cur teagamh nach eil iad ‘s an tigh so ‘n diugh, a tha beo, faodaidh e bhi, cuid fichead, cuid deich thar fichead, cuid dà fichead, leth-cheud, na tri fichead bliadhna, agus nach fhac riamh gus an lath’n diugh an sealladh drùigteach so. Bha sibh driopail a saothrachadh air son solasan, na buannachdan, an t-saoghail so; cha robh sibh a feorach air son ni ach,
ciod a dh’iteas sinn, ciod a dh’òlas sinn, agus ciod a chuireas sinn umainn; na’m faigheadh sibh biadh r’a itheadh, agus aodach r’a chur umaibh, agus eungaidh-leigheis ‘n uair a bhitheadh sibh tinn, cha robh mothachadh agaibh air feum air nì eil; cha deachaidh e riamh a stigh na’r smuaintean, cha do mhìll e riamh ‘ur fois, cia mar a theicheadh sibh bho fheirg Dhe, cia mar a bhitheadh sibh air ‘ur deanamh reidh ris, agus dearbh-bheachd bhunaiteach a bhi agaibh air ‘ur sith a bhi air a dheanamh ris; cha d’ ionndrainn sibh riamh Chiosd. Na’m bitheadh fear-posda, na bean-phosda, leanabh, caraib, air falbh, na na’m bitheadh feum agaibh air comhfhurtachd bho’n leth a muigh, dhruighadh e gu mothachail oirbh, ach son Chriosd, cha robh e na’r sealladh na bu mhotha na’r coimhearsnaich, ni mothha dh’ionndrainn sibh riamh e; thàinig sibh, faodaidh e bhith, do’n eaglais, agus, faodaidh e bhith, chùm na’n ordughean, chuala sibh agus rinn sibh mar a rinn cuid eil; ach air son faicinn an t-seallaidh so, na cluinninn ni air bith a rinn drùighadh oirbh, mar a thubhairt mi, a ni sealladh de Chriosd a tighinn a chum saorsa dha shluagh, sin cha’n fhae sibh riamh, ‘s cha do mhiannaich sibh. Nach e so fior chliù mòran de na tha sa chruinneachadh so? Is ni cinnteach gur’e. Do neach air bith dhìbh a tha mar sin tha sinn ag radh, ciod ar gnothach-ne ribh.
(Ri leantainn.)