1. Ciod ar gnothach-ne ribh, leis nach dàna a ràdh, gu’n d’thàinig sibh a dh’fhaicinn Iosa?
‘S e mhàin ar gnothach an so a bhi gairm dhaoine gu tighinn agus amharc air an t-sealladh dhruighteach so; cha’n eil againn an so ach a bhi stiùradh dhaoine leis am bu mhath fhaicinn anns an dòigh ghloirmhor so, agus an treorachadh da ionnsuidh, agus, uime sin, cha’n eil gnothach air bith againn ribh-se.
2. Ciod e tha sibh ag iarraidh an so?
Ciod e tha sibh ag iarraidh an so? Ceisd gle mhi-mhodhail, faodaidh e bhi, gu bheil cuid agaibh ag ràdh. Tha sinn ag iarraidh an ni a tha daoine onarach eil ag iarraidh; cha d’rinn sinn dearmad air an eaglais riamh; tha sinn a toirt buidheachais do Dha, gun do theagaig ar pàrantan dhuinn, gur e so an rathad gu neamh; agus tha sinn a faicinn gach neach a tighinn da ionnsuidh, agus tha sinne tighinn mar tha iadsan, a dh’eisdeachd searmonachaidh, agus a ghabhail a chomanachaidh, mar a b’abhaist dhuinn riamh a dheanamh agus mar a chi sinn cuid eil a deanamh: agus nach ceisd mhi-mhodhail so, eiod a tha sibh ag iarraidh? Tha mi freagairt, cha’n eil a cheisd mì-mhodhail, oir chuir Dia air leth na h-aobharan bu chòir a bhi aig daoine gu tighinn, cho maith ris na h-òrduighean a dh’ionnsuidh am bu choir dhoibh tighinn; agus na h-aobharan sin a dh’ainmich sibh, a bhi cumail ri cleachdadh, an ni anns an robh sibh air ar teagasg, agus a leithid sin, cha’n iad na eriochan a shuidhich Dia na h-òrduighean air an son; agus, uime sin,
3. Is ni beag leibh a bhi fanoid air daoine le sibh a bhi gabhail an ainn Criosduidhean, ach an dean sibh fanoid air Dia mar an ceudna?
An saoil sibh am fuiling e dhuibh a chuirtean a shaltairt, mar a shluagh, gu’n fios a bhi aige air ‘ur ceann-gnothuich? Agus ma bhitheas fios aige nach d’thainig sibh ga iarraidh fein, am fuiling e dhuibh falbh gun chomharradh air a dhiomb. Ni h-eadh, faodaidh sibh a bhi cinnteach nach fuiling e a’ mi-fheum sin da mheadhonan a dhol seachad gun pheanas; bithidh cuibhrichean an luchd fanoid air an deanamh laidir. Thubhàirt e, “Annta-san à thig am fagus dhomh naomhaichear mise agus an lathair an t-shluaigh uile glòraichear mi” (Lev. x, 3). Agus ma gheibh e dhà fein glòir ann am breitheanas follaiseach air chor-eigin, mar a bha e air a naomhachadh ann an sgrios Nadab agus Abihu, an sin mo thruaigh sibhse. Cia namhasach a bhitheas ‘ur suidheachadh. Agus ged nach bitheadh ‘ur buille cho follaiseach do’n luchd amhairc, na cho faicsinneach do shuillibh corporra, ‘s a bha’m buille-san, gidheadh faodaidh e bhi cheart cho cruaidh. Faodaidh Dia ‘ur glasadh suas ann an neo-aithreachas bith-bhuan, slabhruidhean breitheanais cruais a cheangal oirbh, agus an sin, mo thruaigh sibh gu siorruidh.
4. An robh sibh cho fad ann an Ierusalem agus nach fhae sibh gnùis an righ?
An do fhritheil sibh òrduighean cho fhad, agus nach fhae sibh riamh Criosd a tighinn “a leumnaich air na beanntaibh, a toirt sithidh air no tulaichibh?” Mar sin gu cinnteach tha sibh dall. Gabhaidh mi orm fein a ràdh gu bheil cuid eil ‘s an eaglais maile ribh, anns an aon chruinneachadh, seadh, faodaidh e bhi, anns an aon suidheachan, na aig a Bhòrd maille ribh, a chunnaic an sealladh do-labhairt so, Iosa Criost a tighinn bho Edom, le eulaidh dhaithte o Bhosrah, sgiamhach na éididh, seadh, a leumnaich agus a toirt sithidh, ann am mòrachd a neirt, thairis air na beanntaibh agus na tulaichibh a bha ‘s an t-slighe. Gu’n teagamh air bith tha sibh dall.
(Rì leantainn.)