Leis an Urr. TOMAS HALIBURTON
(Air a leantainn bho t.d. 137.)
-
Tha sinn ag ràdh, uime sin, thugaibh an aire; faicibh nach tig sibh dlùth do Bhòrd an Tighearn: oir, mar is beo an Tighearn, ma thig, tuitidh mallachd an Tighearn oirbh: ithidh sibh agus òlaidh sibh breitheanas dhuibh fein, do bhrigh nach eil sibh a deanamh aithne air corp an Tighearn. Cha’n fhac daoine dall so, agus mar sin tha sibhse. Na beanaibh, uime sin, tha sinn a guidhe oirbh, ris na nithibh naomh so; oir carson a bheannadh sibh riutha chum ‘ur leoin?
-
Nach fae a sibh riamh Iosa? An sin cha’n fhaca sibh riamh sealladh a b’ fhiach fhaicinn; cha’n fhaca sibh riamh nì a dh’ aotromaicheadh ‘ur ‘n eallach de chiont’, agus ged nach eil sibh a faireachadh a chudthrom an tràth-so, a bheir fodha sibh ann an ifrinm mar a toir esan dhiibh e. Cha’n fhac sibh ni rachadh eadar sibh agus fearg, fearg Dhe, a tha ullamh gu briseadh a mach na lasair n’ur n’aghaidh, agus ‘ur losgadh anns an ifrinm is iochdreach’: Cha’n fhac sibh aon is urrainn ‘ur saoradh a mach a laimh an diabhul, a tha riaghladh ann an cloinn na h-easùmhlachd, na ‘s urrainn a bhi ceannsachadh na’n ana-miannaibh ceannairceach a tha cogadh an aghaidh ‘ur n’anamaibh a shaoradh; agus ciod a bhuannachd a th’ann do dhuiine ged a choisneadh e’n saoghal agus anam a chall? An urrainn sibh saoghal a ghiullain leibh do’n uaigh? An toir saoghal comhfhurtachd dhuibh ann an ifrian? An ceannaich saoghal neamh? An urrainn saoghal anam a shaoradh bho shlabhruidhean tiugh dorchadais leis am bi peacaich air an ceangal gu siorruidh? Cha’n urrainn. Tha saorsa an anama priseil sguiridh e’m feasd. Cha’n urrainn uile ainglean neamh, a h-uile naomh a tha shuas, na nille saoghal, aon anam a tha aon uair caillte a thoirt air àis.
-
Nach fhaca sibh riamh Iosa? An sin cha’n fhac sibh riamh neach a tha gu neo-chriochnach cho maith fhaicinn. Ciod e, an abair sibh, esan mu’n bheil thu labhairt cho mòr? Am bheil sibh a cheart da-rìreadh ann a bhi cur na ceisd? Na nach eil? Mur eil, tha e neo-fheumail ‘ur freagairt, ach ma tha, O nach robh teanga dhaoinne agus aingeal agam gu bhi’g imseadh dhuibh co e. O gu’n tugadh Dia dhomh mo mhiamn. Gu’n cuireadh e’m farsuimeachd mo chridhe teann gu bhi gabhail beachd ceart agus mòr air Criosd iongartach. O gu’m fuasgladh e teanga cheangailt’ agus gu’m fosgladh e bilean dùimt’. An sin labhruinn agus dh’innisinn mu Iosa Criosd; agus mu’r a b’urrainn mi innse ciod e, gidheadh dh’innisinn, ann an tomhas, na shasuiteachd neach a bhitheadh ann am firinn ga iarruidh, agus bheirinn orra-san a tha fanoid a bhi da-rìreadh. Am bheil sibh a feorach ciod e, agus co e, Iosa? Tha mi’g ràdh ribh gu’r e Ionagan-tach is ainn dha. Is e deardadh glòir an Athar e, agus flor ionmaigh a phearsa, àilleanan siorruidh a bhròillich ‘s e Mac an duine e, ‘ur bràthair as sine; cnàmh dhe ‘ur cnàmh agus feoil dhe ‘ur feoil: is e Inmanuel, Dia maile rùinn: Dia air fhoillseachadh anns an fheoil, air fhireamachadh anns an Spiorad, air fhaicinn le ainglean, air creidsinn ann anns an t-saoghal, agus air a gabhail suas gu glòir. Is e an talamh air a thoirt suas gu neamh, agus neamh air a thoirt a nuas chùm na talamhnuinn: is e an duine sin is e companach Tighearn nam sluagh: is e Dia e an cruth seirbhiseach: is e an Amen agus an fhianuis dhleas, fáidh mór agus comhairlich iongantach no h-eaglais: is e árd-bhuachail nan caorach: is e árd-shagart glórmhor ar n-aidmheil, an Tighearn ar fireantachd-ne, an lagh air a choimhlionadh, mallachd an lagh, iobairt-reithich air son peacaidean an t-saoghail, Uan Dhé, firinn nan uile iobairtean, caithir nan gràs, a chathair-thròcair fhiar, agus fear-tagraidh glórmhor na h-eaglais: Is e Righ Shioin, ceannard ar slàinte, ceann na h-eaglais, Slànuighear pheachach chaillte, uachdaran righrean na talamhnuinn, bàs a bhàis, fear-buaidh an t-saoghail, an diabhuil agus na feola, Fear-saoraidh thràillean Shàtain, fear-tabhairt lagha na h-eaglais, am prionnsa a tha air árdachadh gu bhi toirt tiotdlacan do cheannaireach, aithrechas agus maithneas do pheacaich. Ciod tuilleadh a their mi uime? Is e an t-Athair siorruidh, an Dia cumhachdach, Prionnsa na sith, miam nan uile chinneach, oighre nan uile níthean, tiotdlac do-labhairt Dhé, grian na fireantachd, an aiseirgh agus a bheatha, Iongantas nan aingeal, cuis-eagail nan diabhuil, solus an t-saoghail, lèchran neamh, agus na sholus siùbhlaidh na h-uile chinneach a bhitheas air an saoradh, agus bithidh e na òran siorruidh do uile shaor-dhaoinne an Tighearn. Is e so esan, O pheacaichibh dhall, a roghaich sibh an saoghal air thoiseach air, agus bhuir ‘n ana-miannaibh salach agus an diabhuil. Is e so esan a tha sùil agaibh ri e thiginn a nuas a lionadh an tighe so le a ghloir, agus aoidheadh a thoirt dha chairdean aig a chuirim riochail. Ach co ghùlllameas a theachd? An dàna leibh-se a thruaghanaibh a dheanamh? An dàna leibh amharc air ‘s an agaoidh?
-
Anns an ait mu dheireadh, tha sinn ag radh ribh, am bheil sibh fhatnasd gun mhiann agaibh fhaicinn a tighinn a “leumnaich air na beanntaibh, a toirt sithidh air na tulaichibh,” a tha eadar Dia agus sibh? An sin tha sinn ag ràdh ribh nach urrainn sinn imse, ‘s nach urrainn sibhse imse, nach dean an Criosd neo-fhaicsinneach so a lamh chumhachdach a thogail, agus buile neo-fhaicsinneach a thoirt dhuibh a sgriosas sibh gu siorruidh: faodaidh e ràdh ribh, “Coidlibh air a dhart”; agus an sin, ged a shearmonaicheadh ainglean dhuibh, ged a bhitheadh na bagraidhean a tairneanachadh fearg gu uamhas cuid eil, ged a bhitheadh an tìr ‘s am bheil ‘ur còmhnuidh, air chrìth le feirg Dhé; seadh, ged a bhitheadh uile sgreadan agus ghlaodh na tha damnaicht’ mu’n cuairt oirbh, cha dùisg sibh gu bràth gus an dùisg lasraichean ifrinn sibh. Ma tha sibh na’r dùisg agus gu bheil miamaibh air bith agaibh, an sin, thugaibh aire dha ciod e sin.
(Ri leantainn.)
Christian minister, let thy reproof be as sharp as thou wilt, thy spirit must be meek; thou must not denounce wrath in wrath, lest sinners think thou wishest their misery; but rather with tenderness, that they may see it is no pleasing work.—Gurnall.