Why should pilgrims yield to fear,
They who know the Saviour’s love,
They who feel His presence near,
And His watchful kindness prove?
Earth to them is not a home,
Cares and thorns beset their way;
But a happier land they seek,
One of bright unclouded day.
Soon its shores their souls will gain,
Soon from sin they will be freed;
Feel no longer care or pain,
Trouble, conflict, want or need.
Every fear will then be o’er,
Every sorrow then will cease;
Sin and suffering known no more,
Pilgrims! ye will rest in peace.
Hush ye then each anxious thought,
Quell each fearful, trembling sigh;
Fix your hopes on Canaan’s joys,
Joys which only bloom on high.
To your Saviour’s mercy cling,
On His promises depend,
Till in Canaan’s rest ye sing,
Anthems which shall never end.
Anon.
Searmon.
Leis an Urr. TOMAS HALIBURTON
(Air a leantainn bho t.d. 137.)
-
Tha sinn ag ràdh, uime sin, thugaibh an aire; faicibh nach tig sibh dlùth do Bhòrd an Tighearn: oir, mar is beo an Tighearn, ma thig, tuitidh mallachd an Tighearn oirbh: ithidh sibh agus òlaidh sibh breitheanas dhuibh fein, do bhrigh nach eil sibh a deanamh aithne air corp an Tighearn. Cha’n fhaic daoine dall so, agus mar sin tha sibhse. Na beanaibh, uime sin, tha sinn a guidhe oirbh, ris na nithibh naomh so; oir carson a bheannadh sibh riutha chum ‘ur leoin?
-
Nach faca sibh riamh Iosa? An sin cha’n fhaic sibh riamh sealladh a b’ fhiach fhaicinn; cha’n fhaic sibh riamh nì a dh’ aotromaicheadh ‘ur ‘n eallach de chiont’, agus ged nach eil sibh a faireachadh a chudthrom an tràth-so, a bheir fodha sibh ann an ifrinn mar a toir esan dhibh e. Cha’n fhaic sibh nì rachadh eadar sibh agus fearg, ferg Dhe, a tha ullamh gu briseadh a mach na lasair n’ur n’aghaidh, agus ‘ur losgadh anns an ifrinn is iochdreach’: Cha’n fhaic sibh aon is urrainn ‘ur saoradh a mach a laimh an diabhuil, a tha riaghladh ann an cloinn na h-easùmhlachd, na ‘s urrainn a bhi ceannsachadh na’n ana-miannaibh ceannaireach a tha cogadh an aghaidh ‘ur n’anamaibh; a dh’aon fhocal, cha’n fhaic sibh aon a tha comasach ‘ur n’anamaibh a shaoradh; agus ciod a bhuanachd a th’ann do dhuine ged a choisneadh e’n saoghal agus anam a chall? An urrainn sibh saoghal a ghiullain leibh do’n uaigh? An toir saoghal comhfhurtachd dhuibh ann an ifrinn? An ceannaich saoghal neamh? An urrainn saoghal anam a shaoradh bho shlabhruidhean tiugh dorchadais leis am bi peacach air an ceangal gu siorruidh? Cha’n urrainn. Tha saorsa an anama priseil sguiridh e’m feasd. Cha’n urrainn uile ainglean neamh, a h-uile naomh a tha shuas, na nìle saoghal, aon anam a tha aon uair caillte a thoirt air àis.
-
Nach fhaic sibh riamh Iosa? An sin cha’n fhaic sibh riamh nach a tha gu neo-chriochnach cho maith fhaicinn. Ciod e, an abair sibh, esan mu’n bheil thu labhairt cho mòr? Am bheil sibh a cheart da-rreadh ann a bhi cur na ceisd? Na nach eil? Mur eil, tha e neo-fheumail ‘ur freagairt, ach ma tha, O nach robh teanga dhaoine agus aingeal agam gu bhi’g innseadh dhuibh co e. O gu’n tugadh Dia dhomh mo mhiann. Gu’n cuireadh e’m farsuinneachd mo chridhe teann gu bhi gabhail beachd ceart agus mòr air Criosd iongantach. O gu’m fuasgladh e teanga cheangailt’ agus gu’m fosgladh e bilean dùinnt’. An sin labhruinn agus dh’innisinn mu Iosa Criosd; agus mu’r a b’urrainn mi innse ciod e, gidheadh dh’innisinn, ann an tomhas, na shasuicheadh nach a bhitheadh ann am firinn ga iarruidh, agus bheirinn orra-san a tha fanoid a bhi da-rreadh. Am bheil sibh a feorach ciod e, agus eo e, Iosa? Tha mi’g ràdh ribh gu’r e Iongan-tach is ainn dha. Is e dealradh glòir an Athar e, agus fior iomhaigh a phearsa, àilleagan siorruidh a bhroillich: ‘s e Mac an duine e, ‘ur bràthair as sìne; cnàimh dhe ‘ur cnàimh agus feoil dhe ‘ur feoil: is e Imanuel, Dia maide ruinn: Dia air fhoillseachadh anns an fheoil, air fhìreannachd anns an Spiorad, air fhaicinn le ainglean, air creidsinn ann anns an t-saoghal, agus air a ghabhail suas gu glòir. Is e an talamh
air a thoirt suas gu neamh, agus neamh air a thoirt a nuas chûm na talamhuinn: is e an duine sin is e companach Tighearn nan sluagh: is e Dia e an cruth seirbhiseach: is e an Amen agus an fhianuis dhileas, fâidh mór agus comhairlich iongantach no h-eaglais: is e ârd-bhuachail nan caorach: is e fear-treorachaidh nan dall, agus prionnsa nan searmon-aichean: is e ârd-shagart glormhor ar n-aidmheil, an Tighearn ar fireantachd-ne, an lagh air a choimhlonadh, mallachd an lagh, iobairt-reitch air son peacaidhean an t-saoghail, Uan Dhé, firinn nan uile iobairtean, caithir nan gràs, a chathair-thrôcair fhiar, agus fear-tagraidh glormhor na h-eaglais: Is e Righ Shioin, ceannard ar slâinte, ceann na h-eaglais, Slànughear pheacach chaillte, uachdaran righrean na talamhuinn, bàs a bhàis, fear-buaidh an t-saoghail, an diabhul agus na feola, Fear-saoraidh thràillean Shàtain, fear-tabhairt lagha na h-eaglais, am prionnsa a tha air ârdachadh gu bhí toirt tiadhlacon do cheannaireach, aithreachas agus maitheanas do pheacaich. Ciod tuilleadh a their mi uime? Is e an t-Athair siorruidh, an Dia cumhachdach, Prionnsa na sith, miann nan uile chinneach, oighre nan uile nithean, tiadhlae do-labhairt Dhé, grian na fireantachd, an aiseirigh agus a bheatha, Iongantas nan aingéal, cuiseagail nan diabhul, solus an t-saoghail, lòchran neamh, agus na sholus siùbhlaidh na h-uile chinneach a bhitheas air an saoradh, agus bithidh e na òran siorruidh do uile shaor-dhaoinne an Tighearn. Is e so esan, O pheacaichibh dhal, a roghnaich sibh an saoghal air thoiseach air, agus bhuir ‘n ana-miannaibh salach agus an diabhul. Is e so esan a tha sùil agaibh ri e thighinn a nuas a lionadh an tighe so le a ghloir, agus aoidheadh a thoirt dha chairdean aig a chuirm rioghail. Ach co ghiùllaineas a theachd? An dàna leibh-se a thrughanaibh a dheanamh? An dàna leibh amhare air ‘s an aghaidh?
- Anns an ait mu dheireadh, tha sinn ag radh ribh, am bheil sibh fhathasd gun mhiann agaibh fhaicinn a tighinn a “leumnaich air na beanntaibh, a toirt sithidh air na tulaichibh,” a tha eadar Dia agus sibh? An sin tha sinn ag ràdh ribh nach urrainn sinn innse, ‘s nach urrainn sibhse innse, nach dean an Crìosd neo-fhaicsinneach so a lamh chumhachdach a thogail, agus buille neo-fhaicsinneach a thoirt dhuibh a sgrìosas sibh gu siorruidh: faodaidh e ràdh ribh, “Coidlibh air adhart”; agus an sin, ged a shearmonaicheadh ainglean dhuibh, ged a bhitheadh na bagraidhean a tâirneanachadh fearg gu namhas cuid eil, ged a bhitheadh an tìr ‘s am bheil ‘ur còmhnuidh, air chrith le feirg Dhé; seadh, ged a bhitheadh uile sgreadan agus ghlaodh na tha damnaicht’ mu’n cuairt oirbh, cha dùisg sibh gu bràth gus an dùisg lasraichean ifrinn sibh. Ma tha sibh na’r dùisg agus gu bheil miannaibh air bith agaibh, an sin, thugaibh aire dha ciod e sin.
(Rì leantainn.)
Christian minister, let thy reproof be as sharp as thou wilt, thy spirit must be meek; thou must not denounce wrath in wrath, lest sinners think thou wishest their misery; but rather with tenderness, that they may see it is no pleasing work.—Gurnall.