(Air a leantainn bho t.d. 157.)
(2) Gu bhi labháirt air an t-seorsa eil de dhaoine a dh’ainmich sinn. Tha dòchas agam gu’m bheil cuid an so air am bheil fadachd gu bhi faicinn Iosa Criost a tighinn, “a leumnaich air na beanntaibh, a toirt sithidh air na tulaichibh,” agus co dhiubh ‘s dàna leo ràdh, na nach dàna, gu’m fac iad roimh e ‘s an t-suidheachadh do-labháirt so, gidheadh leis an dàna a ràdh, nach sàsueich ni air bith iad, mar a faigh iad an sealladh so; gu’n d’thàinig iad an so chum na eriche sin, agus a bha air a mhadainn so, agus faodaidh e bhi, air àireamh làithean, na sheachduinean roimhe sin, ag ùrnuigh gu’m faigheadh iad ‘an so an sealladh a bha fadachd orra air a shon, eadhon esan, ged a dh’fhaodas nach dàna leo fear an gràidh a ràdh ris, gidheadh bu toil leo gràidh a bhi aca dha, agus fhaicinn “a leumnaich air na beanntaibh, a toirt sithidh air na tulaichibh” a tha eatorra. Agus am bheil a leithid sin an so? An sin tha ar teachdaireachd ga’n ionnsuidh taitneach; tha sinn a tighinn an diugh ga’r gairm-se a bha leithid’a dh’fhadachd oirbh air a shon. Eiribh, eiribh; thigibh agus faicibh; “Feuch tha e teachd, a leumnaich air na beanntaibh, a toirt sithidh air na tulaichibh.”
-
Anam bhochd! faodaidh e bhi gu’n robh thu làn smuaintibh teagmhach. Ciod! an leig esan, is e’n Ti àrd agus uasal da’n àite còmhnuidh siorrruideachd, mise dlùth dhà. Mise! an creutair peacach! Thig agus faic, O pheacaich, esan a tha fadachd ort air a shon, a leumnaich air a bheinn so, a toirt sithidh air an tulaich so, gu h-aoidheil a tighinn thairis air na duiigheadasan so: thig a dh’ionnsuidh a Bhùird agus faic ged a tha Criost àrd “gidheadh seallaidh e air an iorasal.” Salm cxxxviii, 6. Cromaidh e, gu dearbh, ‘n uair a ghabhas e moladh, ‘n uair a chromas e a chluas a dh’eisdeachd t-ùrnuighean: ach an so tha e ceum ni’s Isle: tha e toileach suidh aig an aon Bhòrd riut: seadh, ma’s cuireadh tu teagamh na choibhneas tha e toileach tighinn ceum ni’s Isle fhathasd: cuireadh e thu aig a Bhòrd, agus nì e frithealadh dhuit. Faic e “a leumnaich air na beanntaibh, a toirt sithidh air na tulaichibh.”
-
Faodaidh e bhi gu’n robh thu làn eagail roimh fhearg Dhé. Ciod e! an giùlain e aon bhuleil air mo shon-sa? An creutair peacach, neo-choibhneil, eas-creidmheach a tha mi ann. O, chì dean e sin gu bràth. Air falbh, air falbh, O pheacaich, leis na smuaintean uamhrach agus eas-creidmheach sin. “Feuch tha e teachd, a leumnaich air na beanntaibh, a toirt sithidh air na tulaichibh. “Ghiùlain e fearg Dhé; agus ged a bhris sin a chorp, cha do ghabh e mi-mhisneachd, cha’n eil e faotainn oilbheum annad; ni mo tha aithreachas air a thaobh an nì a ghabh e os laimh, ach tha e aoidheil an deigh dha sin uile bhi seachad; agus mar chomharradh air, dh’ullaich e cuirm air do shon, a chùm agus gu’m bitheadh tì aoidheil aig cuimhneachadh air a bhron-san.
-
Faodaidh e bhi, gu bheil eagal ort roimh na nàimhdean a tha seasamh sa’n t-slighe, an diabhul, ‘s an saoghail: ach na cuireadh na nithean sin dragh ort; tha esan, a shaltair air an neart, agus dha’n aithne sin gu maith, na sheasamh le cho beag eagail rompa-san air na bhuaidhaich e, agus gu bheil e deanamh cuirm-ghràidh, agus a còmhdach bùird air do shon am fianuis do nàimhdean. Ann an so tha fianuis iongantach air a chûmhachd: faic e a còmhdach bùird, agus a cur sios cuirm rioghail, agus a cumail a nàimhdéan, a chum an amhladh neo-chriochnach, na’n luchd amháire air a choibhneas anabarrach dhuit. Ann an so tha da-rìeachd sealladh gu bhi drùghadh air a chridhe.
-
Faodaidh e bhi, gu’n do smuaintich thu iomadh uair ann ad chridhe mar so, Cha bhitheadh teagamh agam nach tigeadh Criost thairis air na h-uile ni mar bhitheadh mo mhì-choibhneas truagh fhein. An deigh dhomh bhi aig a Bhòrd agus cuirm a bhi agam de dh’ullachadh rioghail, dhearbh mi mi-fein a bhi tur neo-choibhneil; dhì-chùimhneach mi na h-uile a rinn e air mo shon agus thòisich mi air comhladar a chumail ri nàimhdéan; agus tha eagal orm nach faigh e gu bràth, thairis air an t-solus, an gràdh agus a chomfhortachd so a chaidh a dhì-chùimhneachadh. Gach uair a dh’amhairceas mi air, tha so ag amharc orm an clàr an aodainn. Na seas aig’ a so; tha aobhar agad da-rìeachd a bhi fodh nàire, ach cha’n eil aobhar agad a bhi fodh mhì-mhiseachd; oir, feuch, tha e tighinn gu h-aoidheil, a leumnaich air na beanntaibh, agus a toirt sithidh ‘air na tulaichibh a thog thù. Feuch, tha e teachd, cha’n ann a mhaoidheadh do mhì-choibhneas ort, ach a chùm do chosnadh le deagh-ghean as ùr. Feuch, tha e teachd, cha’n ann le gruaim air son easaontais, ach le fiamh gaire. Tha e teachd, cha’n ann a chogadh na t-aghaidh, ach a dheanamh cuirm dhuit; cha’n ann a thoirt air falbh tròcairean a fhuair thu, ach a thoirt dhuit feadhan ùr. Cha’n eil e togail a laimhe gu bhi bualadh càirdean mi-choibhneil, ach tha e sìneadh a mach a làmhan le tròcairean. Tha e labhairt riut, ach cha’n e, Imichibh ‘uam a càirdean mhì-choibhneil; ach tha e glaothaich, “Tha mi air teachd do m’lios, a phiuthar, a cheile; thionail mi mo mhìrr maille ri’m spiosraichd; dh’ith mi mo chìr-mheala maille ri’m mhile; dh’ol mi m’fhion maille ri’m bhainne. Ithibh, a chàirdean, òlaibh, seadh, òlaibh gu pailte a luchd mo ghràidh,” (Dàm. v, 1). Tha sinn a togail fianuis ann an ainm ar Tighearn coibhneil, ma dh’fhalbhas neach air bith bho Bhòrd, gun bhi air a làn-bheathachadh, nach eil iad air an cumhann-achadh ann-san, ach na’n innibh fein. Cha’n eil iad air an lionadh do bhrigh agus nach d’fhosgail iad am beul farsuinn gu leor.
(Bì leantainn.)