Leis an Urr. R. SIBBES, D.D.
“Mu fhireantachd do bhrigh gu bheil mi ‘dol a dh’ionnsuidh m’Athar, agus nach faic sibh ni’s mo mi,” (Eoin xvi, 10).
Air do ar Slànnighear beannaicht’ tighinn a nuas bho neamh gu talamh gu daoinne a shaoradh, an dèigh dha’n obair sin a chriochnachadh, chaidh e suas an sin a rithisd. Agus air dhà fhios a bhi aig gu’m bitheadh fhalbh trom air na deiscioibuil, shaoraich e chum an armachadh an aghaidh gach bròn leis am bitheadh iad air an sàruchadh; agus sin le iomadh argumaid. Am measg chàich, cha’n e so an aon is lugha, an dèigh dha falbh gun cuireadh e an Comhfhurtair do’n ionnsuidh. Cha toir Dia air falbh bho chloinn nì air bith nach cuir e ni’s fearr do’n ionnsuidh. Agus an Comhfhurtair so a gheall e, giulainidh e iad tre an seirbhis uile, agus le bhi ga chur tha e mar so a labhaidh riutha. “Tha agaibh-se, mo dheiscioibuil, ri coinneachadh ris an t-saoghail, bitheadh deadh chomhfhurtachd agaibh, theid mo Spiorad-sa maille ribh agus “bheir e dearbh-shoilleireachd do’n t-saoghail mu pheacadh, agus mu fhireantachd, agus mu bhreitheanas.” “Uaibh fein tha sibh ro lag, ach neartuichidh an Spiorad sibh, agus ni e sligh’ a steach do chridheachaibh na bhiteas air an tearnadh le bhi toirt dhoibh dearbh-shoilleireachd ‘mu pheacadh, fireantachd agus breitheanas.’ Mar sin na bithibh fodh mhi-mhisneachd; analaichidh an Spiorad misneachd annaibh agus ni e slighe dha bhuir teagasg.’ “N uair a thig esan, bheir e dearbh-shoilleireachd do’n t-saoghail mu pheacadh, agus mu fhireantachd, agus mu bhreitheanas: mu pheacadh, do bhrigh nach eil iad a creidsinn annam-sa; mu fhireantachd, do bhrigh gu bheil mi ‘dol a dh’ionnsuidh m’Athar, agus nach faic sibh ni’s mo mi; mu bhreitheanas, a chionn gu bheil uachdaran an t-saoghail so air a dhiteadh.”
Tha tri nithean àraidh ann an slàinte. Eolas air ar turaigh, eolas air ar saoradh, agus beatha da reir sin. Oibrichidh an Spiorad Naomh iad sin uile. Bheir e dearbh-shoilleireachd do’n t-saoghail mu’m peacadh fein, mu fhireantachd tre Eadar-mheadhonair, agus mu ath-leasachadh beatha. Agus, mar sin, theid an Spiorad Naomh maille ruibh ann an uile ghnothuch slàinte an duine. Far an toisich e’n obair bheir e gu crich i. Far an toir e dearbh-shoilleireachd mu pheacadh, bheir e dearbh-shoilleireachd mu fhireantachd, agus an sin, gu do-sheachainte, mu ath-leasachadh beatha. Giulainidh e gach ni roimhe, agus ni se e ann an òrdugh spioradail.
An toiseach, bheir e dearbh-shoilleireachd do’n t-saoghal mu pheacadh, an sin, mu fhireantachd, agus an sin mu bhreitheanas, do bhrigh agus gu’m bu díomhain dearbh-shoilleireachd a thoirt mu fhireantachd Chriosd mar a toireadh e roimh-laimh dearbh-shoilleireachd mu pheacadh, oir co an neach nach eil air a leon aig am bheil suim de iocslainte? Co aig am bheil suim de mhaithneas nach eil air a dhiteadh? Uime sin tha e’n toiseach a toirt dearbh-shoilleireachd mu pheacadh. A dh’ionnsuidh so labhair mi mu dhearbh-shoilleireachd peacaidh. Ann an so tha dearbh-shoilleireachd tri-fillte; mu pheacadh, mu fhireantachd, agus mu bhreitheanas; agus tha aobhar air a thoirt seachad maile ris gach aon dhiubh so. “Mu pheacadh, do bhrigh nach eil iad a creidsinn annam-sa; mu fhireantachd, do bhrigh gu bheil mi ‘dol a dh’ionnsuidh m’Athar, agus nach faic sibh ni’s mo mi; mu bhreitheanas, a chionn gu bheil uachdaran an t-saoghail so air a dhiteadh.”
(Rí leantainn.)