Leis an Urr. R. SIBBES, D.D.
“Mu fhireantachd do bhrigh gu bheil mi ‘dol a dh’ionnsuidh m’Athar,
agus nach faic sibh ni’s mo mi,” (Eoin xvi, 10).
(Air a leantainn bho’n t.d. 220).
Tha’n Spiorad Naomh a toiseachadh le dearbh-shoilleireachd mu pheacadh. Ciod e’n dearbh-shoilleireachd so? Is e foillseachadh soilleir agus neo-thuiteamach air ar suidheachadh. Tha e toirt solus nach gabh mìchadh a stigh do’n anam, agus a toirt air falbh bho’n anam gach teagamh, gach car agus gach lùbaireachd. ‘S e th’ann a bhi toirt dearbh-shoilleireachd ach a bhi toirt air duine a bhi, mar a tha e sgriobht’, a cur a lamh air a bheul. ‘S e th’ann an solus ach ni bheir dearbh-shoilleireachd. ‘N uair a chì sinn a ghrian chì sinn gu bheil an lâtha ann, agus ged a theireadh deich mile duine nach eil an lâtha ann cha chreideadh-mid iad, do bhrigh gu bheil an dearbh-shoilleireachd so na ni nach gabh àicheadh, air chor agus gu’r e duine mi-reusanta a dh’àicheadh e. Mar sin tha Spiorad Dhè a toirt solus, nach gabh àicheadh, a stigh do’n anam. Tha thu mar so agus mar so; ann an so cha’n eil carachadh, lubadh na tionndadh ‘n uair a thig an Spiorad Naomh leis an t-solus so.
Cha’n eil an dearbh-shoilleireachd so bho’n Spiorad Naomh, ann an coitcheannas a mhain, ach air mhodh sònraicht’ agus làidir. “Is tusa am peacach, agus tha thu ann an cunnart damanaidh.” Agus tha e deanamh gnothuich ris gach ni, a gabhail a stigh peacaidhean nàdur, peacaidhean beatha, peacaidhean na tuigse, na toil, agus nan aignuidhean; agus cha’n e dearbh-shoilleireachd air peacadh a mhàin, ach air truagh a phacaidh, cunnart, aimideas agus cutach a phacaidh, agus na h-an-tromaichidhean a tha meudachadh a phacaidh, mar a tha bhi mùchadh a liuthad de ghluasadain maith, a seasamh an aghaidh a liuthad de mheadhohan, agus a mì-bhuileachadh a liuthad de thròcairean. Tha’n Spiorad Naomh a toirt a leithid de dhearbh-shoilleireachd agus nach eil comas freagairt ann, ach do bhrigh gu’n do labhair mi air so a cheanna bithidh mi aithghear. A luchd mo ghràidh, mar a toir an Spiorad Naomh dearbh-shoilleireachd cha bhi dearbh-shoilleireachd ann. Tha leithid de lùban agus de thionndaidhean anns na cridheachan cealgach againn; armaichidh ar nàdur uaibhreach e fein mar a shuaimhneas a chrainneag i fein, agus a dhionas si i fein le a stoban, agus, mar sin, chomhdaich moran iad fein le briathraibh làidir, a cur na coire air feadhan eile, agus a gabhail an leithseul fein le nithearn faoin. ‘S e so slighe an t-sluagh, ag oidhirpeachadh, mar le lùirich mhàillich, an dearbh-shoilleireachd so a chumail a mach, agus mar a bhitheadh gu’n do bhual an Spiorad Naomh cho cruaidh air na coguisean aca, ag radh, “Is tusa an duine,” cha bhitheadh an obair so deanta.
Coist. Ach feorachidh sibh a cheist so dhiom, Cia mar a dh-aithnich eas sinn strìthean coitcheann seach obair an Spioraid? Oir tha daoine feolmhor a tha dol a dh’fhrinn aig am bheil strìthean coitcheann.
Freagairt. Eadar-dhealachadh. 1. Tha mi freagairt, ‘S e strìthean laga a th’ann an strìthean coitcheann a tha le solus nàduir. Ni sradaig bheag beagan soluis ach cha soillsich i seomar. Cha dean so ach solus mòr mar tha solus na greine. ‘S e solus làidir a th’anns an Spiorad, ni’s treise na choguis nàdurra. Tha choguis nàdurra agus solus coitcheann a nochdadh cuid de bhrisidhean air an dara clàr, ach cha toir iad dearbh-shoilleireachd air nàdur truailidh, ach ni an Spiorad so mar a chi sibh aig Daibhidh, Salm li, 5. Tha e ga chur uile sios aig a so, mar gu’n abradh e, Ciod a dh’insseas mi dhuibh mu mhort agus adhaltranas, “Ann am peacadh ghabh mo mhàthair mi’n a broinn,” mar sin cha’n amharc fior Chriosduidh cho mòr air na meanglain ach air an fhreumh.
Eadar-dhealachadh 2. A ris, ‘n uair a bheir a choguis nàdurra dearbh-shoilleireachd do dhuine ni e sin an aghaidh a thoil. Cha dean e duine ni’s fearr deth, cha slànuich se e, ach tha e air a chràdh-phianadh leis. Ach an duine a fhuair dearbh-shoilleireachd tre’n Spiorad Naomh, gabhaidh e taobh Dhè na aghaidh fein; tha e toileach a bhi air fhosgladh suas a chum gu’m faigh e’n tròcair is moth. Mar sin tha eadar-dhealachadh mor eadar strìthean coitcheann nàduir agus dearbh-shoilleireachd an Spioraid.
’S e dearbh-shoilleireachd an Spioraid solus an Spioraid, ni a tha de nádur is airdé na solus na coguis nádurra : “Cuiridh mise an Comhfhurtair,” agus ’n uair a thig e, soillsichidh e gu mór agus bheir e buaidh air an anam.
Eadar-dhealachadh 3. A ris leanaidh dearbh-shoilleireachd an Spioraid ri duine, cha’n fhág e’n t-anam gu bráth, ach an ni a ni a choguis nádurra tha e mar phlathadh, agus an sin tha iad ni’s miosa na bha iad roimhe.
Ach feumaidh mi na nithean so fhagail.
(Ri leantainn.)